Obair Beatha
Le AONGHAS IAIN MACDHOMHNUILL (Ard-sgoil Inbhir-Nis)
GED a bha Iain ’na sheann bhodach, ceithir fichead bliadhna a dh’ aois, bha e fhathast làidir agus comasach air obair a dhèanamh. Ma bhà is e dh’ fheumadh, oir ged a bha a mhac, Aonghas, seachd bliadhn’ deug cha do rinn e car obrach riamh ’na bheatha. Chanadh daoine eile gun robh an gnothach so mì-chiatach, ach chan e sin dha mhàthair. Bheireadh Iain, am bodach, a’ mhòine dhachaidh le bara, spealadh e am bàrr, fhrithealadh e do na beathaichean agus gach nì eile bha ri dhèanamh. Bheireadh Aonghas corra ultach mònadh ás a’ chruaich ach ’se Iain a dh’ fheumadh a dhèanamh nam biodh mealan ann.
An nì a b’ fheàrr a rinn Aonghas riamh, ’se gréim fhaighinn air nighean á Glaschu mar bhean. Cha robh an nighean chòir ach cearbach, agus air thoir is nach robh facal Gàidhlig aice, cha robh móran aig Iain mu deidhinn a-muigh na mach. Bhon an latha a thainig i do ’n eilean bha i ag iarraidh seòmar no dhà a thogail a-mach air cùl an tighe agus cidsean ùr a bhith air a dhèanamh de aon dhiubh. Bha uidheam gus a bhith ann airson rùsgadh buntàta, agus gu dé nach biodh ann—an uair a bhiodh e deiseil. Chan éisdeadh Iain ris a so, ach ’se sgeul eile a bha ann an latha chaochail e. Bha i amuigh air cùl an tighe a’ sealltainn do Aonghas far an tòisicheadh e air togail, agus gàire oirre bho chluais gu cluais.
Thòisich Aonghas còir, ach ma thòisich, cha b’ fhada gus an robh aithreachas air gum fac’ e a h-aodann riamh. An ceann ùine cha robh Aonghas ag obair ach mar bu mhath leis—uair na dhà ás gach mìos. Mu dheireadh thainig crìoch air làithean a’ mhàthar, agus ma thàinig, cha b’ fhada gus an do chuireadh crìoch air slaoitearachd Aonghais. Bha i ga chumail a’ dol agus ag radh ris nam bitheadh an fheadhainn nach maireann air gu leòr fhàgail, gur fhada bhiodh i air luchd obrach a thoirt á Glaschu. Chuir Aonghas roimhe obrachadh gu cruaidh, ach air dhà éirigh aig deich uairean airson a chiad turas ’na bheatha bhàsaich e a’ cur air a stocainnean.
A thaobh bàs Aonghais bha a bhean a’ faighinn corra sgillinn, agus an latha roimhe chuir saor crìoch air an togail. Tha uidheam aice nis airson am buntàta a rùsgadh—dhà a h-uile latha. Tha ochd bliadhna deug bho bhàsaich Aonghas, agus bha e ochd bliadhna deug an latha thòisich e air togail. Obair beatha an duirt thu!
title | Obair Beatha |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Cairistiona NicDhòmhnuill in Gairm 46 %p |
parent text | Faire Ur a’ Nochdadh |