[163]

NA KOMI

Le TORMOD BURNS

THA mi air sgrìobhadh eadar-theangachadh de sgeulachd tha cumanta a-measg nan Komi. Ged tha sibh air a leughadh san àireamh a chaidh deGhairm,” tha mi cinnteach gur ainmig an Gaidheal a tha air facal a chluinntinn riamh roimhe mu na Komi! Agus chan eil sin iongantach, oir is e pobull beag a tha anns na Komi. Roimh bhith sgrìobhadh umpa, feumaidh mi beagan a ràdh mun dàimh tha aca ri sluaghan eile, agus tha mi saoilsinn gur fhada sin a dhèanamh le bhith toirt dealbha:


[164]

DUTHAICH NAN SOIBHEAT AONAICHTE

Tha theaghlach mhór de shluaghan anns an Eòrpa: na h-Indo-Eòrpaich agus na h-Ural-Altaiaich. Agus tha na sluaghan indo-eòrpach ri seòrsachadh air an dòigh cheudna ris na sluaghan ural-altaiach (InnseanaichEòrpach: Slabhan, Gearmailtich, Ceiltich, Ròmanaich, etc.)

Tha chuid as de na sluaghan altaiach ag àiteachadh anns an Aisia: na Mongolaich, na treubhan turcach mar Kazakhs, Kirgizes, Uzbeks, etc. Agus tha chuid as de na sluaghan uralach ag àiteachadh anns an Eòrpa (air taobh-an-iar nam beann Uralach). Chan eil stàit shaor ach aig shluagh dhiubhna Finnich agus na h-Ungaraich (mas urrainn sinn a ràdh gur ann saor a tha Ungaraidh! ). Tha na Lappaich ag àiteachadh air feadh Scandinavia-a- tuath, agus fuidheall nan sluaghan uralach anns an U.S. S.R.

Tha an U.S. S.R. ’na poblachd fheadarail. Tha Ruisiana ball den U.S. S.R. agus Estonia cuideachd (agus na stàitean turcach Kazakhstan, Kirgizia, Uzbekistan mar an ceudna). Tha Ruisia fhéin, no R.S. F.S. R., ’na stàit fheadarail cuideachd, agus tha na Komi, na Bhoiteacaich, na Teireamissich, na Mordbhinich agus na Carealaichnam buill dhith. Tha àireamh nan Oisteacaich, Bhogulaich agus Samoieadaich glé bheag, agus chan eil acastàitachNational District”.


[165]

Tha 431.00 de Komi ag àiteachadh an taobh tuath de Ruisia eòrpach, agus tha iad rin dealachadhnan roinnna Komi fhéin agus na Komi-Permeacaich. Chan eil eadar-dhealachadh eatorra (ach an dual-chainnt), ach tha iad ag àiteachadh tìrean eadar-dhealaichte tre aobharan eachdraidheil. Tha na 150.000 de Komi-Permeacaich ag àiteachadh amPermyak National District,” tìr de 22.000 km. cèarnach le 220.000 de shluagh, tìr de fhrìthean.

Ach tha chuid as de na Komi ag àiteachadh an Komi A.S.S.R.(Autonomous Republic), tìr de 410.00 km. cèarnach (is e so tìr uairean cho mór ri Albainn!” le 800.000 de shluagh. Tha 280.000 de Komi ann, agus tha chuid as den fhuidheallnan Ruiseanaich. Than tìrna Steppe, agus chan eil beanntan ri faicinn ach air na crìochan-an-ear, far an tòisich na beanntan Uralach, agus tha bheinn as àirde, Beinn Nàiseanta, 5,700 ft. Tha an taobh tuath den tìrna Tundra far an àitich beagan Samoieadaich agus móran féidh. Is e Syktyvkar ceann-bhaile na Poblachd le 60,000 de shluagh. Tha an t-ainm so ciallachadh Dun-Syktyv, no Cathair-Syktyv— ’se aimn aibhne tha ann a Syktyv.

Bha na Komi air an iompachadh chun achreideimh Chrìosdail (Orthodox) sa’ cheathramh linn deug, agus bha bìobull acanan cànain fhéin cheana sabhliadhna 1370. Tha litreachas mór aca. Roimhn naoidheamh linn deug bha chuid as dhethna litreachas cràbhach. Ach bhon aimsir sin tha cogais nàiseanta air fàs làidir agus tha litreachas tàrmachail slàinteil aca a nis, agus cuideachd eadar-theangachaidhnan cànain fhéin de oibrichean móra ùghdairean ainmeil mar Burns, Heine, Puiscin, etc.

Ged is e sluagh beag a tha anns na Komi, is e eachdraidh fhada tha acacrìosdaidhean (ach theagamh than aidmheil air lagachadh fon riaghaltas Cho-mhaoineach! ), le paipearan-naidheachdnan cànain fhéin, le réidio craobh-sgaoileadhnan cànain fhéin agus le sgoilean afòghlumnan cànain fhéin. Ged is sluagh beag iad, tha iad air cumail rin gnàthan fhéin agus chan eil iad air tighinn gu h-iomlan fo smachd nan Ruiseanach a tha ariaghladh na dùthcha aca on t-siathamh linn deug. Tha chuid as den t-sluaghnan tuathanaich agus ged tha (no bha!) iadnan crìosdaidhean, tha an sean aidmheil air a cumail beò sna sgeulachdan.

Bha na Komi creidsinn ann an spioradan tha beò anns na coilltean, fon uisge, sna tighean. Tha cuid dhiùbh math agus cuid dhiùbh olc. Than creideamh so cumanta air feadh nan sluaghan finn-uigreach.


[166]

Ach tha na Komi creidsinn cuideachdsanOrt.” ThaOrt” (is e sin spiorad-dìdeann no spiorad-faileas) aig gach duine, agus na than duine dèanamh, is e so a aortcuideachd. Tha stòras de sgeulachdan agus de bhàrdachd aig na Komi; stòras nach eil duine air bith air faicinn nach eilna Komi nona fhear-chànan.

Abhuidseach agus an da nighinn

Bha càraid ann uaireiginn. Bha nighean aca. Bhàsaich amhàthair. Ghabh an t-athair an dara bean. Rugadh nighean eile dhaibh. Ach sgràill agus sgiùrs an dara màthair nighean a fir. Uaireigin thuirt abhean ra fear: “Nise, cuir do nighean a-mach ás mo shealladh! Tiugainn, tilgidh sinn i san tobar thioram!” Thilg iad achaileag san tobar. Choisich i air aghrinneal agus thàinig i mu dheireadh gu àilean uaine. Bha eich ag ionaltradh an sin. Bhreug i agus shlìob i iad, agus thuirt na h-eich: “ma théid thu nas fhaide ruighidh tu tigh na buidsich. Bidh i gad òrdachadh tigh-nighidh a theasachadh, agus an sin bidh i tairgse dhut bosca ruadh agus bosca gorm, ach feumaidh tu am bocsa gorm a roghachadh!” Chaidh achaileag air adhart agus thachair crodh agus caoraich oirre. Bhreug agus shlìob i iad, agus chomhairlich iad i mar an ceudna. Chaidh i air adhart agus ràinig i tigh na buidsich agus chaidh i a-steach. Thuirt abhuidseach: “Och! Is tu mo shearbhanta, nach tu? Rach gu luath agus teasaich an tigh-nighidh. Snaidh an connadhs na cluinneam fuaim an t-snaidhidh; teasaich an tigh nighidhs na faiceam an deathach ag éirigh ás!” Bhlàthaich an rìghinn an tigh-nighidh agus thug abhuidseach bocsa ruadh agus bocsa gorm dhi agus thuirt i: “Gabh aon dhiubh!” Ghabh an rìghinn am bocsa gorm agus chaidh i dhachaidh. Chaidh i air adhart agus ràinig i an tobar agus thòisich i aglaodhaich. Chuala a h-athair i, thàinig e agus thog e i suas. Dhamhairc iad sabhocsa agus bha éideadh agus airgead ann.

Agus thuirt abhean ri a fear: “A nis, gu luath! tilgeamaid ar nighean sin san tobar cuideachd!” Thilg an t-athair achaileag san tobar. Chaidh an rìghinn air adhart agus ràinig i an t-àilean uaine. Bha eich ag ionaltradh an sin. Bhuail i iad agus thuirt na h-eich: “Bidh thu tighinn gu tigh na buidsich, agus bidh i tairgse dhut bocsa ruadh agus bocsa gorm, ach feumaidh tu am bosca ruadh a roghnachadh!” Chaidh an rìghinn air adhart agus thachair crodh agus caoraich oirre. Bhuail i iad, agus chomhairlich iad i mar an ceudna, am bocsa ruadh a ghabhail on


[167] bhuidsich. Chaidh i air adhart agus ràinig i mu dheireadh tigh na buidsich. Chaidh i a-steach, agus thuirt abhuidseach: “Och! Tha searbhanta nuadh air tighinn chugam! Rach gu luath agus teasaich an tigh-nighidh air mo shon. Snaidh an connadhs na cluinneam fuaim an t-snaidhidh; teasaich an tigh-nighidhs na faiceam an deathach ag éirigh ás!” Chaidh an rìghinn amach agus thòisich i asnaidheadh achonnaidhagus le fuaim mór! Bhlàthaich i an tigh-nighidh agus dhéirich deathach ás. Thug abhuidseach bocsa gorm dhi. Ghabh an rìghinn am bocsa ruadh agus chaidh i dhachaidh. Bha a màthair glé thoilichte agus a chum agus nach faiceadh neach na bha sabhocsa, chaidh i le a nighinn gu cùl an tighe. Dhfhosgail i am bocsa an sin, agus dhéirich teine ás abhocsa a loisg a màthair agus a nighean.

(Eadar-theangaichte bho chànain nan Komi le Tormod Burns.)

titleNa Komi
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 46
<< please select a word
<< please select a page