BUAIDH NO BAS
(Coimeas eadar cor dà chànain—Gàidhlig agus Ivrit)
le I. THARBHAIDH MAC A’ PHEARSAIN
DUINE sam bith tha feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh aig an là an diugh, cha bhi e fada gun coinneachadh ri nàimhdean a nì an dìcheall ri a mhisneachd a thoirt bhuaithe. ’Se a’ chiad duine dhiubh sin am fear a chaill a mhisneachd fhéin, ’s nach eil a’ faicinn dad ach cnap-starraidh anns an t-slighe. ’Se an seòrsa eile as cunnartaiche buileach: muinntir na Gàidhlig iad fhéin, a tha mar gum bitheadh a’ strì an aghaidh leudachadh na cànaine.
Tha e furasda a mhisneachd a thoirt bho dhuine sam bith a tha ag ùr thòiseachadh air cànan ionnsachadh. Chan eil e eòlach air blas na cainnte, agus tha litreachadh ùr aige ri ionnsachadh. Feumar foighidinn a chleachdadh: cha tog duine sam bith cànan ann an mionaid, ’s cha bhruidhinn e i mar dhuine fhuair i ris a’ ghlùin. A thaobh litreachaidh, chan eil so dad nas dorra na litreachadh na Beurla; is olc a thigeadh e air fear-Beurla a’ chasaid so a dhèanamh, is leth-dusan dòigh aige fhéin air ough fhuaimneachadh!
Tha a dòigh fhéin aig gach cànain air litrichean a chleachdadh. Chan eil sinn a’ sùileachadh bho’n t-Sasunnach gum fuaimnich e -ch (anns a’ Ghearmailt no an Albais) no -ig aig deireadh facail. Ach tha dòigh-litreachaidh na Gàidhlig nas cunbhalaiche. Ma dh’ionnsaicheas tu luach nan litrichean theid agad air a’ chuid as motha de dh’ fhacail fhuaimneachadh.
Faodaidh sin a bhith cinnteach á so: tha barrachd dhaoine ann an diugh a tha bàidh aca ris a’ Ghàidhlig na bh’ ann riamh roimhe. ’S dòcha gur h-e as coireach ris a so cho sgìth ’s a tha daoine a’ fàs de Westminster agus gu bheil iad ag iarraidh inbhe nas fiùghaile bhith aig Albainn. Ach as bith an ann a’ lorg freumhaichean Albanach a tha iad, no a’ sireadh bòidhchead a’ chiùil, no eòlas air eachdraidh na dùthcha, tha e soilleir gu bheil na clasaichean Gàidhlig làn de luchd-ionnsachaidh. Tha so gu h-àraidh fìor a thaobh nam bailtean mu dheas. Shaoilte, leis a sin, gur h-ann a’ sìor bhuannachd a bhiodh a’ Ghàidhlig.
Ach ’sann a tha i dol air ais gu cabhagach, nas lugha ga bruidhinn gach uair a theid an àireamh. Ma tha leasachadh air a’ chùis—agus tha e caran anmoch mar thà—feumaidh sinn bun na cùise a lorg agus an luchd millidh a thoirt ás am barail. Có as coireach?
Tha e furasda, anns a’ chiad àite, coire chur air an Riaghaltas. Cha d’ fhuair a’ Ghàidhlig, eadhon fhathast, a h-àite dligheach anns an fhoghlum. Tha sinn eòlach air an t-suidheachadh so. Ach chan ann air luchd an fhoghluim ’nan aonar bu chòir dhuinn coire a chur. Tha litir agam bho Mhaighstir na Postachd an Inbhirnis a thaobh a bhith cleachdadh Gàidhlig. Thill fear á New Zealand, an déidh do na daoine aige a bhith air falbh fad thrì ginealaichean, is sheòl e litir á Lunnainn is Gàidhlig oirre, ’s cha robh éis air a’ Ghàidhlig. Bha i air a tilleadh thuige á Inbhirnis (agus thoir an aire gun do ràinig i an fhad sin), le fios nach gabhadh a toirt gu a ceann-uidhe, a chionn ’s nach robh seòladh ceart oirre!
Nuair a chuir mi so air beulaibh Fear na Postachd an Inbhirnis, sgrìobh e thugam a dh’ innseadh nach robh dòigh aca air seòlaidhean Gàidhlig eadar-theangachadh, agus gun rachadh dàil ann an litrichean a bha air an seòladh anns an dòigh so, air neo gum biodh iad air an tilleadh a dh’ ionnsaigh an fhir a chuir air falbh iad. Thachair so ann am baile far a bheil “Ceud Mìle Fàilte” ri do bhus air gach rathad a-steach thuige, ceanna-bhaile na Gaidhealtachd ma b’ fhìor, far a bheil àireamh mhath de luchd na postachd ’nan luchd-Gàidhlig. Cha dean so a’ chùis idir. Tha e coltach gur h-e Gall a tha ann am Fear na Postachd—Sasunnach is dòcha. Ach smaoinich dé bha air tachairt anns an Roinn Bhreatannaich de ’n Ghearmailt, nan robhas air feuchainn ri daoine a bhacadh bho Ghearmailtis a sgrìobhadh air céisean nan litrichean. Anns a’ Ghaidhealtachd is gann gu bheil duine a’ deanamh casaid an aghaidh a leithid so. Agus a thaobh an Riaghaltais fhéin, chan eil ach beagan mhìosachan bho chualas mothar gàire aig na Sasunnaich anns a’ Phàrlamaid nuair a thog fear de na buill Albanach ceist mu ’n Ghàidhlig, is cha chluinnte guth tuilleadh de na bha e ag ràdh.
Na biodh dùil againn ri dad ach beul-bòidheach, agus gun chus de ’n a sin, bho Roinn an Fhoghluim. Bho Roinnean eile, agus bho ’n Riaghaltas fhéin, na biodh dùil againn ri dad ach nàimhdeas.
Dé a nis mu na comunnan a tha air an stéidheachadh a dh’ aon ghnothaich a chum leas na Gàidhlig? ’Se An Comunn Gaidhealach am fear as motha dhiubh sin, ach ’sann sa’ Bheurla tha na fiosan a’
A thaobh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, dé an seòrsa cobhair agus brosnachaidh a tha a’ tighinn bhuapa-san? Feumar aideachadh nach eil móran. Dé cho tric ’s a tha pàrantan air a’ Ghaidhealtachd, ’s air a’ chrìch Ghaidhealaich, a’ gabhail cothroim air a’ chòir a th’ aca, agus ag iarraidh gum bi teagasg air a toirt seachad anns a’ Ghàidhlig? Tha cothrom againn fhathast air ginealach ùr a thogail aig am biodh a’ Ghàidhlig, ach tha na pàrantan a’ leigeil a’ chothroim so leis an t-sruth, le cion-diù no leis an leisg.
Chan fheàrr dòigh an luchd-Gàidhlig nuair a thachras iad ri daoine a tha deònach air Gàidhlig ionnsachadh. Nach minig a chualas: “I tried to use the few words that I know, and he just wouldn’t try to understand me. He just told me to speak English and wouldn’t help me!” Nas trice buileach cluinnidh sinn mu fhear a dh’ionnsaich dual-chainnt Ghàidhlig, abair dual-chainnt Bhàideanach, agus fhuair e innse dha le fear á ceàrnaidh eile, “Chan e sin a’ Ghàidhlig cheart. Tha e cho math dhut gun a bruidhinn idir na a bruidhinn anns an dòigh sin!” Tha móran de ’n a so ann, agus tha e a’ deanamh milleadh nach beag. Experto crede ....
* * * * * * * *
Faodaidh sinn coimeas gu math dlùth a dhèanamh eadar staid na Gàidhlig an diugh an Albainn agus staid na h-Eabhra (no Ivrit), o chionn beagan bhliadhnachan, anns an dùthaich air an robh Palestine an uair sin, agus air a bheil Israel an diugh. Tha móran ri fhoghlum o’n dòigh anns na ghabh na h-Iùdhaich an obair os làimh, agus o na meadhonan a chleachd iad gu bhith toirt a-mach na buaidh a thaobh gnàth-ùisneachadh na cànain.
Tha beagan diofar eadar an dà dhùthaich, anns an t-seagh so: gu robh cnapan-starraidh na bu mhotha roimh ’n Eabhra na tha roimh ’n Ghàidhlig. Faodar co-dhiù a ràdh nach eil an Eaglais an aghaidh na
Chan eil a’ Ghàidhlig marbh—fhathast. Bha an Eabhra marbh, agus bha na linntean ann bho rinneadh feum dhith ann an gnothaichean làitheil.
Tha bonn-stéidh aig a’Ghàidhlig de luchd-labhairt air am faodadh i ath-thogail a dhèanamh. Cha b’ e a-mhàin gu robh so a dhìth air an Eabhra, ach bha aca cuideachd ri strì ri Yiddish, a bha air a cleachdadh mar lingua franca eadar Iùdhaich air feadh an t-saoghail; cha robh dìth air a’ chànain so a thaobh a cleachdadh anns gach dòigh marsantail agus co-chomunnail.
Bithidh cuid ag ràdh nach dig cànan ùr-dhèanta sam bith gu ìre cleachdaidh fhads nach fhaigh duine air suirghe no càineadh a dheanamh innte. Tha so ’na cheap-tuislidh do Esperanto. Bha an dà chomas so a dhìth air an Eabhra. Chan eil éis de ’n t-seòrsa so air a’ Ghàidhlig idir!
Ach leis gach bacadh a bh’ ann, thugadh an Eabhra air adhart mar chànan làitheil, agus air taobh stigh aon ghinealaich tha i air àite a dhleasadh a-measg chànanan an t-saoghail, ’s tha i air a cleachdadh anns gach cùis. Cha robh ann ach aon dòigh air so a dhèanamh. ’Se sin an dòigh a dh’ fheumas sinn a chleachdadh ma tha a’ Ghàidhlig a’ dol a bhuannachd na chaill i.
’Sann le sìor agus le dian-chleachdadh a thàinig an Eabhra air adhart. Nam biodh feadhainn de shluagh ùr Israeil a’ còmhradh gu follaiseach anns na cànanan màthaireil—Gearmailt, Ruisis, Pòlais no Arabaig
Nach mór an t-eadar-dhealachadh eadar so is staid thruagh na Gàidhlig. Cha robh neach a’ toirt leisgeul seachad airson Eabhra a bhruidhinn, ged nach bruidhneadh e gu coimhlionta i. ’Sann a bha feum air leisgeul nuair nach bruidhneadh duine i. Cha robh nàire air duine na b’ urrainn dha a bhruidhinn, ged nach biodh aige ach deannan fhacal: bha iad a’ tuigsinn nach digeadh fileantachd ach bho shìor-labhairt. Cha robh duine a’ fanaid air fear-ionnsachaidh nach robh cho fileanta ris fhéin: ’sann a bha e ga chuideachadh ’s ga bhrosnachadh. Agus fad an t-siubhail chluinnte Daber Ivrit, gus bho dheireadh bha Eabhra air a bruidhinn, eadhon leis an fheadhainn a bha uair gu tur ’na h-aghaidh. Agus cha dug e fada.
Is cinnteach nach eil sinne mar Albanaich a’ smaoineachadh gu bheil sinn nas lugha comais na na h-Iùdhaich. Agus is cinnteach nach eil nàire oirnn leasan ionnsachadh. Tha an t-uabhas againn ri ionnsachadh bho ’n obair a rinn na h-Iùdhaich ma theid againn air ar cànan a shàbhaladh, ’s a cur gu feum a rithist mar chainnt choitcheann.
Faodaidh sinn ruith a thoirt air na puingean sin a rithist. Chan fhaodar leisgeul a thoirt seachad airson Gàidhlig a bhruidhinn. Feumar cothrom a thoirt do gach neach a bruidhinn. Feumaidh pàrantan an còirichean a dhleasadh, a chum ’s gum faigh an clann oideachadh anns a’ chainnt mhàthaireil. Feumaidh na Comunnan Gàidhlig sgoinn a chur orra. Agus feumaidh gach neach aig a bheil ùidh do ’n Ghàidhlig brosnachadh a thoirt do gach duine eile a chum ’s gum bruidhinn iad i. B’ ann le sìor-chathachadh a fhuair an Eabhra a’ bhuaidh anns a’ bhlàr. ’Se so a bheir a-mach a’ bhuaidh do ’n Ghàidhlig cuideachd.
(Eadar-theangaichte.)
title | Buaidh no Bàs (Coimeas eadar cor dà chànain—Gàidhlig agus Ivrit) |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 46 |