[123]

MR. UNIVERSE

Le ROB SHIRLEY

GANN cóig mionaidean bhon a dhéirich iad bho Ghlascho, agus so iad cheana asiubhal thairis air achrìch Shasunnaich. Dìreach fodha chunnaic Dòmhnall Mór Cuan Sholway, agus air a làimh chlì, taobh sear na dùthcha, agus an Cuan Tuath thall.

Thàinig smaoin annasach dha inntinn: cho fads a shiùbhladh am bàta-adhair fhads a rachadh aigesan air an deò a chumailna sgamhan? Dheoghail e anail mhór a-stigh, alìonadh a bhroillich leatha, agus chùm e a-stigh i. An sin dhfhan ena shuidhe asealltainn a-mach air an uinneig.

Chunnaic e fada fodha air an làr seòrsa de shreath fann briste ga shìneadh air falbh thar na monaidhean chun na h-airden ear. Be sud lorg abhalla Ròmanaich còrr is mhìle bliadhna a dhaois.

Nam faiceadh na seann saighdearan ainmeil am bàta-adhair, mar shaighead airgid, asiubhal os an cionn!

Biongnadh leis cho comas a bha an duine beag reamhar ra thaobh, agus càch, mun turas mhìorbhuileach. Bha iad a cheart cho comas ged a bann air chuairt eadar croit a sheanar agus Laimrig Choluim a bha iad.

Dhfhairich e a bhroilleach ag at leis an deò a-stigh, agus an fhuil abualadhna cheann, ach lean e air leis achleas. Bha barrachd na mionaid air dol seachad cheana. An ceann tiota thàinig sgleò dearg air a shùilean agus leig e a-mach anail gu plosgartach.

Sheall e a-mach agus chunnaic e cathair mhór gheal asìneadh ri gach àirde. Be so Manchester gun teagamh. Nach anabarrach sin, smaoinich e.

An sin thug e fa-near gu robh an duine eile asealltainn air le ceist.

Bheil rudeigin ceàrr ortille?” dhfheòraich e agus blas neònach air a chuid Bheurla.

Chan eilthubhairt Dòmhnall agus e acromadh a chinn caran diùid.


[124]

Cha mhór nach do shéid thu am bàta far a chùrsa leis cho sgairteils a leig thu tanail a-mach. idir a bha fa-near dhut?”

Och chan eil ach feuchainn cho fads shiùbhlamaid feadhs bhithinn acumail manalach a-stigh.”

An robh gu dearbh? Agus cho fads a bha sin?”

Cha mhór bhon chrìch Shasunnaich gu ruige Manchester.”

Nach uabhasach sin! Chùm thu tanail a-stigh fad ions mhionaid.

Seadharsa Dòmhnall.

“ ’Sann agadsa a tha an deagh sgamhanarsa an duine. “Cia ás a tha thu, co-dhiù? Tha do chuid Beurla car neònach.”

As an Eilean Shiar.”

An t-Eilean Siar! Nach ann an sin a tha na seann Ghaidheil afuireach?”

“ ’Sann.”

Bha mi acreidsinn nach ceadaicheadh iad dhan daoine an t-eilean fhàgail, agus gu robh fuath aca do na h-innealan ùra, agus do dhòighean uile an t-saoghail shìobhalta.”

Seadh. ’S fheàrr leo abheatha nàdurra.”

Sheall an duine an clàr aodainn. “Nach iongantach sin! ’Se so achiad uair a chunnaic mi riamh fear de do sheòrsa-sa.” Stad e greiseag agus an sin thubhairt e. “Tha thu coltach gu leòr.”

Rinn Dòmhnall faite.

Chrom an duine na bu dlùithe agus labhair e gu h-ìosal. “Chuala mi nach eil ach aon bhean aig gach fear aca an sin, agus gum feum e a cumail aige fad a bheatha.”

Tha sin ceart.”

Thàinig mór-iongnadh ann an guth an duine. “Ciamar idir as urrainn do dhuine a bhith riaraichte le aon mhnaoi?”

“ ’S iad na deagh mhnathan a thagainn ann a sinarsa Dòmhnall.

Feumaidh sin a bhitharsa an duine gun e bhith deimhinnte.

Agus am bheil e fìor gu bheil iad ag adhradh do dhia air choreigin neo-fhaicsinneach a tha acòmhnaidh anns an speur?”

Chan ann buileach mar sin a tha . . . .” thòisich Dòmhnall, ach gheàrr an duine a chòmhradh.

Ach ciamar idir a chreideas iad ann an duine nach fhaics nach cluinn iad?” ars esan caran diombach. “Saobh-chreideamh agus rolaist!”

Cha chanainn-sa sin idirarsa Dòmhnall gun a bhith cho diùid


[125] an dràsda. “ ’S e Dia bunait am beatha— —— agus bunait mo bheatha-sa cuideachd, agus . . . .”

Carson a theich thu matà?”

Cha do theich mi idir. Thàinig mi ás air mo shocair.”

Nach do bhac iad thu?”

Cha do bhac, ged nach bàill le mo phàrantan e. Ach leig iad cead mo choise leam.”

Carson a dhfhalbh thu matà?”

Och, bu bheatha mhall e. Bu mhiann leam an saoghal mór fhaicinn.

Seadh, gu dearbh. Is dòcha nach biodh gille tapaidh fada toilichte a bhith afuireachna leithid a dhàite.”

Bfheàrr le Dòmhnall a bhith asealltainn a-mach air an uinneig, ach cha leigeadh an duine beag sin dha. “Thàrr thu ás gu mithich co-dhiùars esan. “Chì thu Mr. Universe an Lunnainn am màireach.”

Mr. Universe?” dhfheòraich Dòmhnall. “ è?”

Sheall an duine air le iongantas. “Nach cuala thu riamh ma dheidhinn?” Chrath Dòmhnall a cheann. “Nach cuala thu riamh mu dheidhinn Mr. Universe?”

Cha chuala.”

Och cha chreid mi gu bheil thu cho aineolach sin.”

Rinn Dòmhnall fiamh-ghàire. “Is iomadh rud a tha mi aineolach air.”

Bha gnùis an duine làn neo-chreidsinneachd. “Achse am fear as eireachdaile, as tréine, as fearaile, ’s gach eile, san t-saoghal. Their feadhainn an t-Ard Rìgh ris.” Cha dubhairt Dòmhnall diog. “Co-dhiù, tha acho-fharpais gu bhith ann am màireach. Taghar Mr. Universe gach trì bliadhna. An turas sosann an Lunnainn a bhios i. Is àbhaist a gleidheadh saphrìomh chathair, ach an turas so . . . .” Chuir e stad air fhéin, agus sgrùd e aodann. —” ’S aithne dhut prìomh chathair an domhain, co-dhiù?”

Los Angeles.”

Hu. Chan eil thu tur-aineolach, a réisd.” Stad e car tacain bhigs an sin thubhairt e le uaill: “Tha mi fhéin co-cheangailte ris acho-fharpais.”

Am bheil sibhsenur co-fharpaiseach?”

Och, chan eilars esan le gàire bheag. “Is fear-stiùraidh mi.”

Fear-stiùraidh?”


[126]

Seadh. Is riochdadair fear de na co-fharpaisich mi— —— co-dhiù, bhà ena cho-fhapaiseach, ach thachair tubaist ris.”

thachair?”

Chaidh e le creig air an Gran Sasso san Eadailt, ’s bhris e a dhà chois. An t-amadan a thann! Mur be amaideas bheireadh e a-mach an tiotal agus duais deich muillean dolairna lùib.”

Ghabh Dòmhnall iongantas. “Deich muillean dolair!”

Seadh. Agus cothrom a bhithna bhall den Riaghaltas Eadar-nàiseanta cuideachd— —— mar Mhinistear an Fhoghluim.”

Ach an t-eòlas a bhiodh aigesan mu thimcheall an Fhoghluim?”

A réir coltais bu doirbh dhan duine acheist a thuigsinn. “Uireads a dhfhóghnadh. Nach e sin fìor bhrìgh an Fhoghluim— —— iomlanachd achuirp?” An sin chaog e a shùil gu seòlta. “Agus tha mi an làn dùil gum biodh an dreuchd sin na bu bhuannachdaile dhomh na mo chuid-sa den duais.”

Chan e sin idir as ciall don Fhoghlum san Eilean Shiar.”

Huthubhairt an duine le fanoid. “Tha iad air dheireadh air achòrr den t-saoghal. Tha aon saoghal ann an dràsda— —— Aon domhain, aon dream, aon teanga— —— mar a their an seanfhacal. Chan eil ach na h-Eskimo, agus treubh an Eilein Shiar a tha abreabadh an aghaidh an adhartais.”

Rinn Dòmhnall snodha gàire mhodhail ged bu rudeigin leamh leis.

Gu h-obann mhothaich e gu robh am bàta-adhair adol na bu mhoille. Sheall e a-mach, is chunnaic e achathair mhór sgaoilte fad mhìltean a dhastar air gach taobh agus na toglaichean àrda asìneadh suas mar sgurran cloiche.

Theirinn iad agus ann an tiota bha iad air làr. Sheall an duine beag reamhar air uaireadair. “Trì mionaidean deug bho Ghlascho gu Lunnainn! Nach truagh sin! Cuin a bhios na soithichean-adhair aruigheachd nuair as còir dhaibh?”

Chuimhnich Dòmhnall gum beirte còrr is trì mionaidean deug adol mhìle bho chroit athar gu ruige achala.

Chaidh e a-mach cho luaths a burrainn dha, afàgail an duine bhigna dhéidh. Lean e na daoine eile ás an t-soitheach agus thug e ceum air achabhsair ghluasadach còmhla riu. Thug e de dhannass a choisicheadh e gu talla aphuirt-adhair. Thug e greiseag ag amharc mun cuairt agus atoirt beachd air na h-iongnaidhean.

Gu h-obann bhuail làmh air a ghualainn. Thionndaidh e agus


[127] bha an duine beag an sin agus a ghnùis alasadh le dealas. “Nach tusa a tha mór sgoinneil, ’ille. Dhfhalaich na clùdan sin umad buileach orm cho coltachs a tha thu. Bha mi ag iarraidh do leithid bho dhara ceann na dùthcha gus acheann eile, agus sud thu rim thaobh dìreach mar a chaill mi mo dhòchas.”

Chan eil mi atuigsinnarsa Dòmhnall.

Bheil thu làidir? Tha mi cinnteach gu bheil. Tog mi.”

Dhfhan Dòmhnallna thosd gun tuigsinn, agus an cabhsair gluasadach fhathast gan giùlan.

Siuthad! Tog mi. Tha mi ceuds ceithir fichead punnd achudthrom. Tog mis leig fhaicinn cho treuns a tha thu.”

Ceart gu leòr, ma thoilicheas sin sibharsa Dòmhnall. Chuir e a làmhan fo achlaisean an fhir eile, is thog e e gu furasda cho àrds a shìneadh a ghàirdeanan.

Glé mhath, glé mhathdhéigh an duine, agus e abreabadh a chasan goirid shuas an sin. Bha càch a bha air achabhsair asealltainn orra le iongnadh. “Ni thu an gnothach. ’S tusa a . Nis leig sìos mi.”

Chùm Dòmhnall shuas e, agus e air fàs sgìth de a dhànadas. “Leig sìos mighlaodh e a rìs, agus a chasan reamhar abreabadh nas . “Is leòr sin. Leig sìos mi.

Rinn Dòmhnall gàire bheag. “s ciall dhuibh? Carson a ni min gnothach?

Mr. Universe—— —bidh thu nad Mhr. Universe. Ni mi beartach is ainmeil thu.”

Rinn Dòmhnall gàire bheag eile, agus thug e a-nuas cho clisg es gun do thuit an duine mar sgadan air achabhsair. Bha iad a nis air an giùlan a-steach san talla mhór, agus thug Dòmhnall ceum bhàrr achabhsair air an ùrlar agus chaidh ena chabhaig troimh dhorus a bha am fagus a thug ann an seòmair-fois nam ban e. Chùm e dìreach roimhe troimh dhorus eile air an taobh thall, agus bha e a rìs san talla mhór. Chaidh e am falach air chùl cuilbh thiugh ghil gu bhith cuidhteas a charaid sparraich. Chunnaic e le suigeart an duine beag aruith a-measg an t-sluagh aglaodhaichMr. Universe, Mr. Universegu h-ìosal, agus iadsan asealltainn air mar gun robh iad ga mheas air mhisg. An ùine ghoirid chaidh iad ás an talla chun na sràide agus an duine beag còmhla riu. Dhfhan Dòmhnall mionaid no dhà, ’s an sin thog e air gus an t-sràid. Chaidh e air a shocair ag amharc air na seallaidhean. Bha am port-adhair faisg air meadhon


[128] abhaile, agus on a bha àireamhan air na sràidean an àite ainmean, bfhurasda dha seòladh dhionnsaigh cridhe abhaile le bhith adol an taobh a bha na h-àireamhan alùghdachadh.

Dhrùidh bòidhchead cruaidh agus beartas an àite gu mór air aigne. Dhamhairc e air na toglaichean àrda lainnireach a bha adeàrrsadh le cloich ghil, meatailt, is gloine. Bha na sràidean dìreach, farsaing agus càraichean siùbhlach sàmhach afalbh thalls a-bhos orra. Mar a chaidh iad seachad sheall na bhanam broinn air mar gum be ainmhidh fiadhta a bhann. Is gann a choinnich e gin air chois anns an t-sràid agus sheachainn an corra dhuine a thainigna chomhair gu faicilleach e. Thachair an dearbh rud an Glascho, agus bha Dòmhnall cleachdte ris. Is math an rud e gun do leig e fhéile dheth, shaoil leis.

Mu dheireadh dhfhàs e sgìth den dol mun cuairt. Bha ionannachd nan togalach, nan sràidean, ’s nan daoine ga chur fo airtneul, agus chuir e roimhe a dhol dhan tigh-òsda gus seòmair is suipear fhaighinn.

Dhfhàs e na bairtneulaiche nuair a chuala e prìs na seòmair. Cha mhaireadh airgead fada agus na prìsean cho àrd. Shaoil e aig an àm gum bfhìor fhortan na fhuair e air achlò a reic e an Glascho. Dhaithnich e a nis nach tig an daor reic gun an daor cheannachna dhéidh. Bfheudar dha a dhol air thòir obair air choreigin.

An déidh dha an t-seòmair fhasdadh chaidh e dhan talla-bhidh a dhiarraidh a shuipeir.

a thagaibh rithe?” dhfheòraich e den fhear-frithealaidh.

Ge be thig rur càilfhreagair esan.

Gabhaidh mi ughs muicfheòil ròsda, matà”, thubhairt Dòmhnall. “ ’Se sin a bfhasa deasachadh, agus a leithid a dhacras orm.”

Och, chan eil sin idir againn. Is fìor chorra dhuine a dhiarras a leithid sin a bhiadh.”

thagaibh, ma ?”

So agaibh an clàr-bìdh.”

Thug Dòmhnall sùil ann. Bha iomadh seòrsa bìdh eadar feòils iasg, mins meas, ach a h-uile gréim dheth pronn no air a ghréidheadhna mhìrean meanbh so-chagainnte.

Nach eil agaibh ach am biadh bog neo-bhlasda sin?”

Chan eil.”

Carson sin?”

“ ’Se sin as annsa leis an t-sluagh. Chan eil iarrtas air dad eile.”

Och mo thruaighthubhairt Dòmhnall. “Gabhadh mi a


[129] mhairtfheoil sin leis abhuntàta. Bidh am buntàta iomlan co-dhiù.”

Tha am buntàta pronn cuideachd, ’s air a mheasgadh le bàrr agus ìm.”

Carson a tha a h-uile rud pronn?”

Is ann mar sin a bha iad daonnan. Sin as fheàrr leo,” thubhairt am fear-frithealaidh, agus e fo iongnadh leis cho neo-àbhaisteachs a bha acheist. “Tha am biadh pronn nas fhasa ithe.”

Chan eil rud air an t-saoghal as fhasa ithe na buntàtas sgadan iomlan,” ars Dòmhnall.

Air dhà a shuipear a ghabhail chaidh e dha sheòmair. Bha iomadh rud ann mun do leugh e ach nach fhaca e riamh roimhegu sònraichte an telebhisean. Sheall e air fad uair a thìde, ach air acheann thall dhfhàs e searbh den cheòl mhì-ghleusda, de na h-òrain suarach, agus gu seachd sònraichte de na h-òraidean gòrach. Theann e ri fuath a ghabhail dhan Bheurla chruaidh a bha asìor-dhinneadhna chluasan.

Thionndaidh e an cnag leth-chuairt feuch an robh rudeigin eile ri faicinn. Chunnaic e caileag òg bhàn ri snodha-gàire ciùinna suidhe air brat-ùrlair gun chlùd uimpe ach falluing dhubh a dhfhóghnadh ach beag gus a colann fhalach. Thòisich i air bruidhinn.

“ ’Se Lise Barcelo as ainm dhomh. Bidh mi glé chaobh dhuibh air ceud dolair an uair, no cóig ceud an oidhche. Gairm orm an dràsda. Chan eil mi trang.”

Ann an tiota dhatharraich an dealbh, agus bha caileag eile ann. Bha ise bàn cuideachd agus bha a casan fada loma sìnte a-mach ás an falluing.

Thionndaidh Dòmhnall an cnag agus chaidh an dealbh ás. Dhfhairich e rudhadh tethna ghruaidhean agus am fallus air a bhathais.

[130]
[131]

Fóghnaidh na dhfhóghnasthubhairt e ris fhéin. Ar leis nach robh saoghal nan annas cho seunachs a chreideadh e san eilean.

Cha do chaidil e gu math an oidhche sin. Bha coimheachas cruaidh na cathrach móire adrùidheadh cus air. Mu dheireadh fhuair e norra cadail, ach ma fhuair, dhùisgeadh e gu math moch. Chuala e clag bheag agus an sin guth eòlachna chluais.

Mr. Universe, bheil thu an sin?”

Chlisg e agus sheall e mun cuairt dha, ach cha robh duine ra fhaicinn. Shaoil leis gu robh am fuaim atighinn á bocsa beag air bòrd ri taobh na leapa. Thainig an guth a rìs.

Mr. Universe, bheil thu an sin?”

Thaarsa Dòmhnall ris abhocsa, agus e afaireachdainn caran gòrach. Ach feart cha dug am bocsa dha. Sheirm achlag na bàirde agus dhfheòraich an duine beag le guth -dhòchasach an robh e ann. Sheall Dòmhnall air abhocsa agus chunnaic e putan beag agus phute e.

Tha mi an sothubhairt e.

Rinn fear abhocsa osna thaingeil. “Och, nach mise a tha toilichte! Tha mi air tiarraidh feadh abhaile. Mur a be cobhair nam maor-sìth cha dfhuair mi idir thu.”

Na maoir-shìthghlaodh Dòmhnall, agus amharas air. “ an gnothach a thaca riumsa?”

Baithne dhaibh far an robh thu afuireach. Fhuair iad uiread iomraidhean air an duine neònach a bha asràideamachd feadh abhaile, agus is mise a tha taingeil gun dfhuair. Feumaidh tu togail ort gu aitreabh na co-fharpais an làrach nam bonn. Cuiridh mi càr gus do thoirt an so.”

Carson?”

Dìreach a chionn gur miann leam do chur anns acho-fharpais. Is mór an cothrom a thann dhut. Barrachd airgids a chunnaic thu riamh ma bheir thu buaidh— —— agus bheir, mas breitheamh mise.”

Cha robh mór-shuim aig Dòmhnall anns achùis, ach thubhairt e: “Cha bu mhisde mi sin. Cuin a thig an càr?”

An làrach nam bonnarsa guth abhocsa gu h-aighearach.

Stadaibh oirbhthubhairt Dòmhnall. “Cha dfhuair mi mo dhiathad-maidne fhathast.”

Coma leat dheth sin. Bidh gu leòr agad ann a so.”

Uighean is muicfheoil?”

Is biadh fìor neo-shìobhalta sin, ach ni mi mo dhìcheall.”

Ceart gu leòrarsa Dòmhnall. “Fanaidh mi an so gus an tig an càr matà.”

* * * *


[132]

Bu togalach mór aitreabh na co-fharpais. Bha e an cumadh leth-chruinne agus dèante de ghloine no de phlastaic soilleir ionnas gu robh solus na gréine ga lìonadh. Anns amheadhon bha raon coltach ri raon-camanachd beag, agus sreathan de shuidheachain ga iadhadh. Bha gach sreath shuidheachan na bàirde na an sreath air a bheulaibh, air chors gu robh iad ag éirigh na bàirde mar a bfhaide air ais a shìn iad. Bha slighe chumhang adol bhon raon troimh sreathan nan suidheachan dhionnsaigh cùl an talla, agus far an robh na sreathan ag éirigh ro àrd tholladh an slighe fodhpa mar tholl coinein ann am bruthach.

Cha robh de luchd-amhairc ann fhathast ach corra fhear no bean.

Thug an duine beag air an t-slighe chumhaing agus troimh an toll gu seòmair bhig fo na suidheachain.

Chuir dhìot do léine,” thubhairt e. “Greas ort. Chan eil ach uair againn gus tullachadh.” Chuir Dòmhnall a léine dheth. “Och, a dhuine, dhuine nach tusa a tha làidir dreachmhor. Càite an dfhuair thu corp cho foghainteach sin?”

O, bhithinn ris na Geamachan agus . . . .”

“ ’Se an t-eireachdas sin as a choisneas an duais dhut— —— muillean dolair.

Nach dubhairt sibh roimhe gur e deich muillean an duais?” dhfhaighnich Dòmhnall.

Thainig soillse seòlta ann an sùil an fhir eile. “O, seadh, ach bìdh na cìsean atoirt na mór-chodach leo. Och, a dhuine nach ann agadsa a tha achliabh mholach! Cha dean sin an gnothach idir”, agus thug e botul beag dorcha bhàrr sgeilp. “Ciamar idir a dhfhàs sin ort?”

“ ’Se reithe a bathair dhomharsa Dòmhnall.

Feumaidh sinn am fionnadh a thoirt dhìotars esan asuathadh an stuth air a bhroilleach agus sna h-achlaisean aige. Ann an tiota bha iad na bu luime na bha iad riamh.

Nach caomh leibh mo chualagandhfheòraich Dòmhnall.

Cha chaomh idir. Is duine thus cha bheathach.”

An toir sibh falt mo chinn dhiom?”

Is rud eile sin. Cha ruigear a leas ach a dhath bàn. Cha toigh leis an t-sluagh am falt dubh.”

Cha leig mi sin leibh.”

Stad an duine agus ceist air. “Carson nach leig? Cha dean e cron air bith dhut.”


[133]

Tha am fealla-dhà adol ás a rian. Chan eil mi adeanamh so ach air sgàth dibhearsain. Achs fheàrr leam mo dhath fhéin na dibhearsain sam bith.”

Dhfhan an duine beagna thosd car tacain bhig. “Cha dibhearsan idir e. Ach chan eil e gu diofar. Cùm agad e mar sin ma tha thu cho déidheil air.”

Thòisich am fear-stiùraidh air ionnsachadh nan cars nan cleas dha. Bu chòir seasamh mar so, is na gàirdeanan a ghleidheadh mar sin. Bu chòir a cheann a chumail gu h-àrd uasal, agus a ghluasad gu mall, stàtail.

Bidh cóig deuchainnean ann: a h-aon, togail achudthruim; a dhà, leum is ruith; a trì, an t-eireachdas; ceithir, am fearalas; cóig, gleac. ’Se an t-eireachdas as cudthromaiche, tha fhios agad. Ged nach dean thu ach meadhonach sna deuchainnean eile bheir thu buaidh— —— ach chan fhaod thu deanamh nas lugha na meadhonach. Tha thu treun gu leòr. Bheil thu math air gleac?”

Is aithne dhomh an gleac Gaidhealach. Choisinn mi an duais iomadach uair sna Geamachan, agus . . . .”

Ceart gu leòr, agus chan eil teagamh agam gum bi thu air dheireadh an co-fharpais an fhearalaisars esan acaogadh a shùla.

De a thanns an fhearalas? s còir dhomh a dhèanamh an sin?”

Rinn an duine beag snodha-gàire. “Chan eil an sin ach am fìor-thoileachas. Na biodh eagal ort roimh sin idir. Ni thu glé mhath ann, tha mi cinnteach.”

An déidh do Dhòmhnall deagh dhiathad-maidne ithe chaidh iad ris an iomairt. Dhionnsaich e modh agus rian na co-fharpais, ach cha burrainn dha gabhail ris an da-rìribh. ’Se àbhachdas a bu mhò a bha fo aire dha, ged a bha falmhachd fhaoin na co-fharpais afàgail duaichnidheachd air a spiorad.

Mu leth-uair roimh an àm thainig caileag a-steach le peant is pùdar a theann i ri cur air. Ghrad-thionndaidh e a cheann uaipe le déisinn.

Carson a tha sin?” dhfhaighnich e.

Gur sgeadachadhars achaileag. “Sgeadaichear gach co-fharpaiseach mar so.”

Cha chuir sibh an stuth grànda sin ormsa co-dhiùars esan.

Dhamhairc an duine beag air. “Is deacar an rud e a bhithg obair leatsa. Ach ma thogair. Tha àile an eilein afàgail dreach gu leòr ort.”


[134]

Thog iad orra gu raon na còmhstri, acoiseachd sìos an t-slighe troimhn t-sluagh a bha annnan deich mìltean atogail ùinich na bàirde nan cuan fhéin. Ghabh Dòmhnall mór-iongantas ri lìonmhorachd an t-sluaigh.

Cuimhnichthubhairt an duine beag. “Cóig deuchainnean; dean do dhìcheall agus bheir thu buaidh.”

Chaidh iad air an raon, agus thòisich an sluagh air bualadh-bhas nuair a nochd Dòmhnall. Bha triùir cho-fharpaiseach eile ann mar thà, daoine móra, calma. Dhamhairc Dòmhnall gu geur orra, agus chlisg e leis an iongnadh. Bha de pheant is de phùdar orras gur ann a smaoinich e an toiseach gum bìomhaighean fiodha iad— —— am bileans an gruaidhean dearg, an colainnean donn agus deàlrach leis an ola, agus am falt bànna cualagan sleamhainn lainnireach.

Gu h-obann chaidh a shàrachadh le airtneul leis cho -chneasdas a bha iadsan agus an saoghal aca.

Bha fear àraidh an sinIapanach a réir coltais, ged a bha e bàn mar chàch. Bu fhìor fhamhair e agus fhéithean ag at fo chraiceann air feadh a cholainn. Sheall e air Dòmhnall le snodha-gàire phròseil thàireil. Ghabh Dòmhnall fuath dha air ball.

Bha ceithir faingean a ghabhadh dusan caora aig ceann an raoin, agus callaid ìosal man timcheall. Faisg orra bha na breitheamhannan suidhe, dithis bhoireannach, agus dithis fhear. Dhéirich fear air a chasan is rinn e òraid bheag acur an céill rùn is glòir is riaghna co-fharpais.

Achiad deuchainn be deuchainn an neirt. Phriob Dòmhnall a shùilean nuair a chunnaic e an cudthrom— —— roth iaruinn agus fearsaid iaruinn eatorra. Bha ceud punnd am fear seach fear dhiubh a réir coltais.


[135]

Thog a’ chiad cho-fharpaiseach ’s an dithis a lean an cudthrom gu furasda os an cionn. Mheòraich Dòmhnall gu cùramach mar a rinn iad e, ged a bha e deimhinnte gum bann air éiginn a thogadh e fhéin e nan togadh e idir e. Chrom gach laoch a dhruim, thog e an cudthrom gu ruige a bhroillich, agus gun stad idir ghrad-thuit e air leth-ghlùn fon chudthrom, agus an sin, leis na gàirdeanan sìnte dìreach, dhéirich e a rìs agus an cudthrom gu h-àrd os a chionn. Lean an iomairt uile gu siùbhlach réidh bho thùs gu crìch gun aon stad. Nach be sin an cleas, shaoil le Dòmhnall.

A nis thàinig a thuras-san. Dhfheuch e an cudthrom agus cha robh e cho troms a chreideadh e leis gu robh na rothan an cumadh sabhsair. Shaoil leis gum bionnan achealg sins an Comunn Ur uile gu léir. Dhfheuch e a thogail cleas chàich. Chrom e, thog e an cudthrom letheach slighe, chaidh e air leth-ghlùin, ’s dhéirich e gu furasda leis achudthrom sìnte os a chionn. Mhol an sluagh e le feadan is bualadh-bhas.

An sin mheudaicheadh an cudthrom le rothan eile a chur air an fhearsaid, agus chaidh an dearbh rud a dheanamh a ris. Bha e tòrr na bu truime an turas so, ions cheud punnd. Chaidh aig acheathrar a thogail os an cionn, ged bu doirbh dhaibh.

An treas turas bha còrr is cheud punnd ann. Thog an Iapanach bàn air éiginn e, agus dhfhairtlich e buileach air an dithis a lean. Chaidh aig Dòmhnall air achudthrom a thogail gu ruige a chléibhe, agus leis an fhallas asruladh sìos aodann chaidh e sìos air leth-ghlùin mar a rinn e roimhe gus a phutadh suas, ach bha e ro throm air, agus an déidh greiseag de chruaidh spàirn bfheudar dha an cudthrom a leigeil gu mall cùramach air an làr.

Thill Dòmhnall gu taobh an raoin.

Coma leatchagair an duine beag. “Rinn thu math gu leòr. Ma leanas tu ort mar sin is math a thu gu dearbh.”

Thachair an dearbh rud an lùib an leums an ruith. ’Se an t-Iapanach a bhuidhinn, ach cha robh Dòmhnall móran air dheireadh.

An déidh sin bha àm gus eireachdas nan co-fharpaiseach a bhreithnachadh. Leum achiad fhear air àrd-ùrlar beag am meadhon an raoin, agus thòisich e air neart agus eireachdas a chuirp a nochdadh. Theannaich e a h-uile fèith a bhana chorp. Thug Dòmhnall an aire gu faicilleach dha gus a h-uile car is cleas ionnsachadh. An sin thainig turas an Iapanaich bhàin. Sheas e air beulaibh an t-sluaigh agus thòisich e air na gluasadan malla stàtail, seòrsa de dhannsa beag gus


[136]

neart agus lùths a chuirp a thaisbeanadh. Chùm e a cheann òirdhearc gu h-àrd uasal gus leigeil fhaicinn dhan t-saoghal cho iomlans a bha e. Shaoil le Dòmhnall gu robh e saoilsinn gur h-e dia talmhaidh a bhann. Bfhìor sgreamhail leis a choltas -nàdurra, agus am féin-spéis a chunnacas anns gach gluasad. Thug sin measarrachd is fìor-dhaonnadas a dhaoine fhéinna chuimhne.

Chuir an t-Iapanach crìoch air an taisbeanadh le a ghàirdeanan a shìneadh gu buadhail suas chun an speur.

Thionndaidh e gu mall mun cuairt chums gum faiceadh na h-uile a ghlòir, agus theann an sluagh ri glaodhaich is iollach. Dhùraicheadh am fuaths an tàire a bha ann an cridhe Dhòmhnaill agus chuir e roimhe an da-rìribh buaidh a thoirt a-mach.

Chaidh e gu meadhon an raoin agus thòisich e air an iomairt. Theannaich e fhèithean, dhat e suas a chom, mar a bfheàrr a dhfhaodadh e gu eireachdas corporra fhoillseachadh, agus e astrì fad an t-siubhail ri a nàire a chumail fo smachd.

Chuir e crìoch air fa-dheòidh agus thill e gu fhir-stiùraidh.

Sud thu fhéin, a bhalaichars esan. “ ’S math a rinn thu, agus cha creid mi nach dean thu nas fheàrr san ath dheuchainn— —— duine borb fiadhaich mar thusa. Leigidh tu fhaicinn dhaibh.”

An sin dhéirich ùpraid is feadaireachd a-measg an t-sluaigh. Sheall Dòmhnall don àirde far na thòisich sin agus chunnaic e còmhlan chaileag atighinn air an t-slighe dan ionnsaigh. Bha na co-fharpaisich eile agus snodha gàire orra.

Bha fichead caileag ann agus chaidh gach cóignear dhiubh ann am faing fa leth. Sheall Dòmhnall gu teagmhach orra.

An sin ghlaodh guth àrd fear de na breitheamhan. “Tha an ceathramh co-fharpais ri tòiseachadh. Tha sibh uile eòlach air na riaghailtean. A nis, a bheil sibh deas? Siuthadaibh!”

Mar a thubhairt e sin leig na caileagan na falluingean a bha umpa ri làr. San aon mhionaid chaidh an triùir fhearnan dearg dheann dan ionnsaigh.

Dhùin Dòmhnall a shùilean gus an sealladh draosda fhuadach bho a chogais, agus e air chrith leis an tàmailts an oillt. Chuala e ràn is beucaich an t-sluaigh agusna mheasg guth an duine bhig aglaodhaichSiuthad, siuthadris. Chùm e a shùilean dùinte air eagal gun truaillteadh e gu bràth nan amhairceadh e a rìs air abhrùidealachd.

Chuala e faoineagraich nan caileag agus rocan mór gàire ag éirigh mar doinionn gaoithe on t-sluagh. Gu h-obann chuir cuideigin an


[137]

sàs e bho chùl. Sheall e mun cuairt agus sud an t-Iapanach mór le fiamh ghàire fanoid air agus fhiaclan geala adeàrrsadh eadar a bhilean deargte. Bha fàile milis tachdach atighinn dheth. Chùm e gàirdeanan Dhòmhnaill cho teanns gu robh iad an impis briseadh. Sheall Dòmhnall bhuaithe agus chunnaic e na caileagan seanga atighinn gu furachailna chomhair agus an sùilean iarrtach mar chait.

Dhfhairich e fearg is fuath agoilna chom agus le spàirn mhóir bhrùchd e á gréim an Iapanaich. Thionndaidh Dòmhnall gu clis agus rug e air làimh air; am prioba thilg e am famhair le uile neart, agus sud ena shìneadh air an làr air beulaibh nan caileag.

Bhris éigheach mhór á beul an t-sluaigh.

Thainig an dithis fhear eilena chòmhdhail agus iad abagairt air. Dhfheuch e a dhòrn air an fhear a bfhaisge, agus chaidh a leagail mar chraoibh. Bha an t-Iapanach ag éirigh gu mall faireachail agus greann borb air. Dhfheuch Dòmhnall buille air an treas fear, ach thilg esan thar a ghuailne e le car Diùdo. Ghrad-leum Dòmhnall air chois a rìs agus an dearg chaothach air. Rinn e an aghaidh an fhir a leag e agus bhuail e a dhòrn mór cruaidh an clàr aodainn. Bhris e a shròn agus dhòirt an fhuil dhearg sìosna dìle.

Sheas an duine fo iongantas mór asealltainn air na boinnean fala atuiteam gu làrs an sin chaidh ena neul.

Stad an t-Iapanach agus sheall e air an fhuil agus a shùilean làn uamhairr. Leum Dòmhnallna bhad, ach ghéill e. “Na buail maodannghuil e gu h-eagalach.

An déidh tiota de shàmhchair bhris gàir is éigheach á bilean an t-sluaigh.

Thionndaidh Dòmhnall agus thòisich e air coiseachd gu diongmholta gu dorus mór na h-aitreibh, an dùil leis gach ceum ri lamhachas-làidir no eadhon peilear a bhualadhna dhruim.

Thainig an duine beag reamharna ruith ás a dhéidh. “Stad ort, stad ortghlaodh e, ach cha dug Dòmhnall feart dha.

Bha an sluagh ma thimcheall ri àrd-iollach agus chuala e iad agairm troimhn ghleadhraichMr. Universe, Mr. Universe.”

Stad ortghlaodh an duine beag agus anailna uchd. “Thug thu buaidh. Is Mr. Universe thu.”

Cha do stad Dòmhnall.

Choisinn thu deich muillean dolair.”

Lean e air. “Cùm agad fhéin earsa Mr. Universe, “tha mise atilleadh gu meilean fhéin.”

titleMr. Universe
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 46
<< please select a word
<< please select a page