An Ridire Alasdair MacChoinnich
Le ALASDAIR IAIN MACASGAIL
THA iad ann a fhuair àite ann an eachdraidh agus a tha air an cuimhneachadh an leabhraichean nach do rinn móran a b’fhiach gu sonas sluaigh a dhaingneachadh neo an eòlas a mheudachadh, agus bha ceudan eile ann a chaith am beatha gu stuama agus a dh’fhuiling dóruinnean agus cruaidh-chasan airson chách air nach cluinnear dùrd an diugh. Cha b’e glòr gaothasach dhaoine a bha iadsan a’ ruith, agus b’e làn dhuais an saothrach gun d’éirich ’nan inntinnean rùintean a bhitheadh, nan toireadh iad gu buil iad, ’nam beannachd do mhóran, agus le dìcheall agus cruadal gun choimhlion iad na rùintean sin chum leasachadh an co-chreutairean. Cha b’ann le bhith stàmpadh air càch idir a bha iadsan gu ainm a dhèanamh dhaibh féin, ach le bhith cothachadhn an aghaidh gach cunnairt, gàbhadh is briseadh dùile le buadhan foghainteach, géiread inntinn agus làidireachd cuirp a bhuilicheadh orra ’nam breth agus a ghléidh iad-fhéin le an caitheamh beatha. Thug iad buaidh far an robh càch air bàs fhaighinn agus cha b’urrainn duais a bhith aca coltach ris an riarachadh inntinn a bha aca fhéin ann a bhith coimhlionadh na chuir iad rompa. Nach b’ann diubh sin Sir Alasdair MacChoinnich a rugadh an Steòrnabhagh dà cheud bliadhna na tìde so, agus a rannsaich a-mach uimhir de Chanada, a’ chiad dhuine geal a chunnaic dhà de na h-aibhnichean móra a tha ruith an sud, aonan aca fhathast air a h-ainmeachadh air fhéin, agus duine cuideachd a rinn rian is riaghailt a chur air a chomh luchd-ceannach an uair a bha cùisean gu math cunnartach agus mì-dhòigheil anns a’ cheàrnaidh ud de Chanada, far an robh na companaidhean a bha an sàs an ceannach nam bian an amhaichean a chéile gu h-uabhasach. Bha a’ chòmhstri a bha gaol an airgid a’ gintinn a’ toirt an uachdar nam miannan bu mhiosa ann an tòrr na bha an sàs ann an glacadh agus an ceannach bèin nan ainmhidhean a bha gu math lìonmhor ann an Ceann-a- Tuath Chanada, agus bha fìor fheum air cuideigin a bhitheadh stòlda stuama e fhéin agus a b’urrainn le ùghdaras a dhuinealais càch a chumail fo smachd rianail. B’e Alasdair MacChoinnich dìreach an duine.
Bhuineadh Alasdair do Chloinn Mhic Choinnich Shìophoirt aig an robh Leódhus aig aon àm, agus rugadh e an Steòrnabhagh ann an seachd ceud deug tri fichead agus a trì, air an làrach far a bheil eaglais “Martin ’s Memorial” ’na seasamh an diugh. B’e athair Coinneach MacChoinnich á Mealabost a bha pòsda aig Iseabail NicIomhair, a bhuineadh do aon de theaghlaichean ainmeil Steòrnabhaigh, agus bha ceathrar chloinne aca gu léir, dithis bhalach agus dithis nighean. Thug Murchadh, am mac bu shine, a-mach a bhith ’na dhotair, agus chailleadh aig muir e.
Mus robh Alasdair ach deich bliadhna chaochail a mhàthair, agus ma e coltach gun d’fhalbh e fhéin, athair agus dà phiuthair a mhàthar gu ruig Ameireagaidh; bha dùil aig an dithis nighean a dhol còmhla riutha, ach tha e coltach nach deach iadsan air bòrd còmhla ri càch oir cha robh an aimsir ro chiùin, agus nuair a leasaich a’ ghaoth agus a dh’atharraich i gu àirde na b’fhàbharaiche mach gun tug caiptean na soithich mus cuireadh an droch thìde an tuilleadh bacaidh air.
Cha robh iad ach bliadhna a-muigh an uair a thòisich cogadh Ameireagaidh, agus ghabh athair Alasdair do dh’airm rìgh Shasainn. Bha a dhà phiuthair a mhàthar a’ coimhead ás déidh Alasdair, agus seach nach robh iad ro riaraichte gum bitheadh e sàbhailte gu leòr a-measg ùpraidean a’ chogaidh chuir iad suas a Chanada e gu ruig Montreal. An uair a bha e cóig deug chaidh e a dh’obair ’na chlàrc am an tigh cunntaidh aon de na buidhnean a bha an sàs am malairt nam bian, agus thug e cóig bliadhna an sin ag ionnsachadh gu dìcheallach gach lideadh a bhuineadh do’n ghné malairt so.
Ach cha b’e idir a bhith ’na shuidhe am an oifis a thigeadh air balach de sheòrsa, a thogadh ri taobh na mara agus a bha eòlach gu leòr air duathais nan siantan; bha tàladh nan tonn fad an t-siubhail ’na inntinn, agus dh’fhàg iomaireadh nan ràmh còmhla ri chomhaoisean am bàgh Steòrnabhaigh smior is spionnadh ’na ghàirdeanan nach fhàgadh e riaraichte idir le beatha shàmhach gun chàil ach peann ’na dhòrn. Bha a mhac-meanmna iomadach uair air a gluasad agus e ’na bhalach a’ faicinn nam bàtaichean a’ seòladh gu h-uaibhreach a-mach á caladh Steòrnabhaigh, agus bu tric a chaidh e còmhla riutha air sgiathan na h-inntinn òige a’ sireadh a-mach dhùthchannan nach fhaca sùil eile a riamh, an tòir air tachartasan neo-àbhaisteach air nach b’urrainn ach e fhéin buaidh a thoirt.
Fad nan cóig bliadhna a bha e anns an tigh-chunntaidh bha an inntinn aige air a geurachadh leis na bha e a’ cluinntinn bho’n luchd gnothaich a bhitheadh a’ tilleadh leis na bèin bho gharbh dhùthchannan iomallach nan Innseanach; bha a chluasan fosgailte do gach sgeul a thigeadh, agus thog e bho gach cunntas a bha sin[238]
Ach cha bu luaithe a fhuair e cùisean air dòigh na thòisich an inntinn aige a rithist a’ siubhal. Chaidh e troimh a chluasan gun robh abhainn mhór a’ ruith gu tuath ás an loch aig an robh an càmpa aca, agus cha deidheadh fois le inntinn gus an rannsaicheadh e a-mach dé an cuan do’n robh an abhainn so a’ dol. Nan toireadh an abhainn so do’n Phacific e nach mór a’ bhuannachd a bhitheadh anns an fhios so do luchd-malairt nam bian? Cha deidheadh fois air gus an rannsaicheadh e mach cùrsa na h-aibhne so. Cho luath agus a fhuair e cuideigin earbsach a ghleidheadh àite gus an tilleadh e—agus cha ghabhadh na b’fhearr na mac bràthair athar—chuir e gnothaichean air dòigh agus air an treas là de’n Og-mhìos, seachd ceud deug ceithir fichead agus a naoi, dh’fhalbh e fhéin agus na ceatharnaich a thagh e ann an dà eathar thana, gun chàil a chinnt aca dé a bha air thoiseach orra. Cha bu bheag sin. Bha cunnart gu leòr anns an abhainn fhéin le sruthan goileach luath, bha an aimsir sgriosail le deigh, ceò, tairneanaich is dealanaich, uisge is gèiltean a lapadh na diùlnaich bu treasa, ach b’e an deuchainn bu chunnartaiche nach robh càil a chinnt aca càite air an t-saoghal an robh iad na dé an riobadh anns an robh iad gan cur fhéin. Bha na Innseanaich a bha ga sheòladh gu sònraichte do-riaraichte agus gu-àraid an uair a bha iad a’ dol taobh a-muigh crìochan an eòlais, agus cha bu lugha na Alasdair MacChoinnich a b’urrainn an cumail a’ dol air adhart. Sia seachdainean thug iad air an t-slighe, gach là de sin làn de chunnartan, far nach robh duine geal eile a riamh agus far an robh am fuachd cha mhór do-ghiùlain. Ach mu dheireadh thall chunnaic iad an cuan—ach ’se a bha so an Arctic cha b’e idir muir taobh siar na dùthcha a bha e a’ lorg. An
Bhiodh sin fhéin air a bhith gu leòr airson a’ mhórchuid de dhaoine, ach cha robh Alasdair MacChoinnich idir deiseil leis na rinn e. Bha cuan mór taobh siar na dùthcha ga thàladh agus cha robh saorsa inntinn gu bhith aige gus an toireadh e a-mach e, ge bith dé a chosgadh e dha. Trì bliadhna an déidh dha an t-Artic a ruighinn bha e air falbh a rithist, ged a bha làn fhios aige air beagan co-dhiù de na cunnartasan a bha air thoiseach air. Cha bhitheadh ann dha ach buaidh neo bàs—agus nach mór a tha sin ag innseadh dhuinn mu’n ghaisgeach threun so, mór an inntinn agus righinn an corp? Bha cunntas aige ga chumail gach là air na bha tachairt ris, ach tha e duilich bho na tha e a’ sgrìobhadh fìor thuigse a dhèanamh air na thachair ris, oir gu tric bha esan a’ dèanamh rud beag eadhon de na cnapan-starra a b’uabhasaiche. Cunnartan agus duilgheadasan a dhèanadh gealtairean do chàch ’sann a bha iad ga ghreasadh-san air adhart; bu tric a bhitheadh na bha còmhla ris air tilleadh air ais, ach cha chluinneadh MacChoinnich iomradh air a leithid a rud, agus mu dheireadh thall timcheall air dà mhìos an déidh dha fàgail bha cuan mór farsaing a’ Phacific fa chomhar. Có as urrainn gabhail a-steach an t-aoibhneas a bha ’na chridhe an uair a sgrìobh e air carraig mhóir ri taobh a’ Chuain: “Alasdair MacChoinnich á Canada, tarsaing na tìre, an dara là fichead de’n Iuchar, seachd ceud deug, ceithir fichead agus a trì deug.” Mheatraig e agus bhuannaich e—agus cha bu bheag am moladh sin fhéin dha, oir dh’fhuiling e dóruinnean móra agus cha robh ach an ceum-coiseachd aige a’ tilleadh. Thug an inntinn buaidh air a’ chorp—oir dh’fhàg an turas gaiseadh ’na chorp a bha mu dheireadh thall gu bhith ’na thrioblaid bàis dha.
Bha ochd ceud deug agus a h-aon ann mus do chuir e mach cunntas a thurais an Sasunn, agus is ann anns a’ bhliadhna so cuideachd a chuireadh an t-urram ‘Sir’ ri ainm. Thug e dha no thrì bhliadhnaichean an Canada an déidh so a’ cur air adhairt gnothaichean nam bian agus a’ cuideachadh le riaghladh baile Mhontreal, ach a nis, na chuir e roimhe fhéin an Canada deiseil, bha na raointean air an d’fhuair e am bainne ga thàladh dhachaidh, agus ann an ochd ceud deug agus a h-ochd thill e a dh’Albainn far an do cheannaich e oighreachd anns an Eilean Dubh. Ceithri bliadhna an déidh so phòs e Gladais NicChoinnich. agus le chéile
Is e duine dha-rìribh a bha am an Sir Alasdair MacChoinnich, agus is ann le urram agus tlachd a b’airidh e air cuimhne chumail air—duine èasgaidh dìcheallach, an rud a chuireadh e ’na cheann chuireadh e ’na chasan e, air cho dorch agus gum bitheadh an t-slighe roimhe; duine nach caomhnadh e fhéin, gnìomhach, beusail, féin-mhuinghinneach, duine do’m bitheadh càch gu neo-mhothachail umhail, aig an robh toil nach b’aithne ach buaidh. Far na dh’fhosgail esan lean càch, agus tha ar rìoghachd fo fhiachaibh dha airson a shaothrach.
Tha iad ann ’s math dh’fhaoidte a chanadh nach eil cothroman mar sud fosgailte an diugh do bhalaich de a sheòrsa, ach faodar a bhith cinnteach far a bheil samhail nam buadhan a bh’aige-san nach eil rian nach tig iad am follais ma tha an neach aig a bheil iad làn deònach air e fhéin gu h-iomlan a choisrigeadh ris an obair a tha roimhe.
Cha bu bheag an cliù a choisinn an ceatharnach ainmeil Sir Alasdair MacChoinnich, chan ann a-mhàin do na h-Eileanan, gu h-àraidh do bhaile Steòrnabhaigh, ach do’n Ghaidhealtachd gu léir, agus is ann le uaill agus le moit a tha mise a’ cur na cloiche so air a chàrn, a thog e fhéin le a bheatha.
[Sanas]
title | An Ridire Alasdair MacChoinnich |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 47 |