FAIRE UR A’ NOCHDADH
(Earann air a bheil dreach na h-oige—fo iuil Cairistiona Dick)
Luchd-Ealdhain
Le C.C.D.
So agaibh naidheachd bheag air dithis de’n fheadhainn a bhitheas a’ deanamh nan dealbhan ann an Gairm.
Dòmhnall MacArtair
[Dealbh]
’S cinnteach gum bheil cuid agaibh a dh’ aithnich an t-àite a th’air a dhealbhachadh le Dòmhnall MacAlasdair aig toiseach na h-earrainn
Tha athair is màthair Dhòmhnaill á Taobh Loch Fìne far air bheil e fhéin glé eòlach cuideachd. Bha Alasdair ’na oileanach an Colaisde nan Ealdhan an Glaschu agus tha e a’ teagasg clann sgoile a nis. A bharrachd air a bhith sealltainn dhaibh mar a nì iad dealbhan bithidh e cumail rian orra aig ball-coise.
Tha e pòsda aig Mairead Curtis, seinneadair Gàidhlig ás A’ Mhorairne. ’Se brathair-màthar do Mhairead a th’ann a Sam Henry air am bheil mór mheas ann an Aird-ghobhar.
Seumas Cochrane
[Dealbh]
Thuirt mi aon latha ri Seumas Cochrane; “Saoil an deanadh tu dealh dhomh de bhocsa-clàr”?
“S mi fhéin a nì,” ars esan. Agus latha no dhà ás deaghaidh so thàinig an dealbh a th’air a clo-bhualadh a rithist an so. Nuair a chunnaic mi an toiseach i, cha robh fhios agam dé bha ann. Ach mar a b’fhaide a bha mi a’ coimhead oirre ’sann a bu cholaiche bha i a’ fàs ri bocsa-clàr agus chan e sin a-mhàin ach bha i làn fuaim is ceòl is dannsa. Tha e mar gun dreachadh tu stigh a thigh far an robh rian air an òigridh agus aig an aon àm an robh ceud aca iad fhéin a chluichd mur bu mhath leotha
Ged nach eil Seumas ’na fhìor Ghaidheal, tha e a’ faireachdainn gu bheil cleamhnas aige ruinn, oir rugadh agus thogadh e ann an Dùn Bhreatan—prìomh-bhaile nan seann Breatanach—ar càirdean anns na làithean a dh’fhalbh.
Chuir e scachad ceithir bliadhna ann an Colaisde nan Ealdhan ann an Glaschu, agus tha e nis a’ teagasg ann an sgoil agus a deanamh dhealbhan nuair a bhios tìde aige. Tha e gu math déidheil air an òigridh agus a bharrachd air a bhith sealltainn dhaibh mar a nì iad dealbhan briagha bithidh e a’ cluichd ball-coise leotha—dà rud gu math eadar-dhealaichte.
title | Luchd-Ealdhain |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |