[212]

FACAIL AIR CLAR

Le IAIN MAC A’ GHOBHAINN

RUITH Sergeant Caimbeul an teip air an tape recorder air ais chun an toisich, stad e e, ’s ruith e air adhart e a rithist, ag éisdeachd ris:

SERGEANT CAIMBEUL. —Innis dhom a thachair.

HUNTER. —Well, dhfhàg mi an càmpa . . . .

S.C. —n uair a bha sin?

HUNTER. —Timcheall air leth-uair an déidh sia.

S.C. —Uh, huh. Seadh?

HUNTER. —Feumaidh mi Innse dhut. Chan eil fhios agad co ris a thae coltachcàmpa aHydro - Electric. Tha thu cho sgìth . . . . ’s cho ceangailte. Bha trod agam ris aghafair . . . . Bha e ag radh . . . .

SC. —Seadh?

HUNTER. —Mura bitheadh sin . . . Ach math? Chan eil e furasd obair fhaighinn. ’S tha còmhstrì ann an còmhnaidh.

S.C. —Dhfhàg thu aig leth-uair an déidh sia? Air abhus?

HUNTER. —Seadh. Air abhus.

S.C. — ’S cuin a ràinig thum baile?

HUNTER. —Timcheall air . . . . tha mi smaoineachadh, timcheall air seachd. Chan eil uaireadair agam.

S.C. — ’S càit an deachd thu?

HUNTER. —Don tigh-òsda. Bham padhadh orm. Is fearg cuideachd.

S.C. —Carson?

HUNTER. —Nach do dhinnis mi dhut? An gafair . . . . Cha mhór gun dean e fhéin car. Ach tha en còmhnaidh . . . .

S.C. — ’S n tigh-òsda don deach thu?

HUNTER. —AnRoyal . . . . AnRoyal.

S.C. — thachair?

HUNTER. —Thòisich mi rig òl . . . . Eil toit agad?

S.C. —So dhut. Well, thachair?

HUNTER. —Bha mig òl. Uisge-beatha . . . . A chionns gu robh mi sgìth is feargach. Aon an déidh aon. Bha sgàthan mu mchoinneamh. Tha cuimhnagam air a sin.


[213]

S.C. —Seadh?

HUNTER. —Well, thanaig am fear so suas thugam, ’s sheas e ri mthaobh. ’S thòisich e bruidhinn rium. Cha do dhiarr mi air a thighinn.

S.C. —Tha mi atuigsinn.

HUNTER. —Tha thu tuigsinn. A bheil? . . . . Well, cheannaich e aon ghloine uisge-bheatha dhomh, ’s thòisich sinn abruidhinn.

S.C. —Eil fhios agad air ainm?

HUNTER. —Ainm? Chan eil. Nach eil sin àraid. Chan eil fhios agam air ainm.

S.C. — bha eg radh riut?

HUNTER. —O, gu robh àrd-thigh-òsda aig’. ’S gu robh a bhean air aleabaidh. Cha mhór gu robh mig éisdeachd . . .

S.C. — eile thubhairt e riut?

HUNTER. —Gum biodh i agleidheadh an airgid, ach gu robh . . . .

S.C. —Seadh?

HUNTER. —Gu robh . . . . botal uisge-bheatha aige, ’na phòcaid.

S.C. —Na sheall e dhut e?

HUNTER. —Cha do sheall?

S.C. —Seadh?

HUNTER. —Well, gu robh i air aleabaidh. Bha e cur a-mach . . . . gu robh e uaireigin anns na h-Innseachan, san . . . . Bha fàinne mhór air a làimh . . . . Cha eil fhios agam na cheannaich mi dha de uisge-beatha.

S.C. — ’S thachair?

HUNTER. —Cha robh fhios agam bha mi dèanamh. Bhan deoch orm.

S.C. — thachair?

HUNTER. —Well, timcheall air naoi uairean chaidh e don tigh-bheag. Anns an sgàthan chunnaic mi e afalbh. Bha e coimhead crùbte . . . .

S.C. — cho fads bha e an sin?

HUNTER. —Cha robh e tighinn, ’s chaidh mi air a thòir . . . .

S.C. —An robh e ann?

HUNTER. —Cha robh. Bha e dìreach afalbh dhachaidhtha dorus cùil anns anRoyalcuideachd.

S.C. —Seadh?

HUNTER. —Well, rug mi airs chaidh sinn a-mach an dorus. Bha na sràidean gorm le solus. Is . . . . thubhairt mi ris: “Theid sinn chun an tigh agad leis abhotul uisge-bheatha mar a gheall thu.” Eil


[214] fhios agadse mise tha pàdhadh airson an uisge-bheatha fad na h-oidhch’. Bha sinnnar seasamh aig an dorusdorus aRoyal .Bhan deoch orm.

S.C. — ’S thachair nuair a dhiarr thu am botal uisge-bheatha?

HUNTER. —Thòisich echa chreideadh tu ethòisich e arànail.

S.C. — ’S rinn thu?

HUNTER. —Rug mi airson a bhotal fhaighinn . . . . Chan eil sibh atuigsinn . . . . Mura biodh gu robh e rànail chan eil fhios agam an robh mi air càil a dheanamh. ’S thuit e. ’S thòisich mi abualadh a chinn ris an rathad. Ris an rathad. Bha na soluis gorm. Bha mi fiachainn ri toirt air sgur a rànail. Ach cha sguireadh e. Cha sguireadh e. ’S bha e air a bhithg òl muisge-beatha fad na h-oidhch’. Carson a dhinnis e bhreug? Bha mi air an t-uisge-beatha a thoirt dhà. ’S chan fhaighinn air sgur, abualadh a chin . . . . Seach gu robh e rànail.

S.C. —Tha fhios agad thachair?

HUNTER. —Thà.

S.C. —Tha e marbh.

HUNTER. —Thà.

Stad Sergeant Caimbeul an teip is shuidh e anns achathair asmaoineachadh.

Ruith e an teip air ais a rithist ag éisdeachd ri na sgriachan is stad e e.

Theab e na facail a bhair achlàr a sgrios. Ach sheall e sìos ri aodachs cha do rinn e sin.

Ruith e an clàr air adhart a rithist gu deireadh achòmhraidh, thog e ammicrophone ’na làimhs thòisich e abruidhinn ann an ghutha ghuth fhéin is guth Hunter.

S.C. — ’S rinn thun uair sin?

HUNTER. —Well, bha e rànail. Cha burrainn dhomh a dheanamh air.

S.C. —A dhaindeoin gun dhfhalbh e . . . .

HUNTER. —Well, bha e rànail. Nach eil thu tuigsinn?

S.C. — ’S thachair?

HUNTER. —Dhfhalbh e.

S.C. —Dhachaidh?

HUNTER.— Tha mi smaoineachadh.

S.C. — ’S càit an deach thusa?

HUNTER. —Dhachaidh cuideachd.


[215]

S.C. —Seach gu robh e rànail.

HUNTER. —Chuir e truas orm.

Stad Sergeant Caimbeul, ’s rinn e gàire. Ruith en teip air ais is sgrios e na facail mu dheireadh.

Smaoinich e, ’s thog e am microfon a rithists thòisich e ri bruidhinn:

Tha mi sgrìobhadh na litreach so thugaibh a chionns gu bheil mi afàgail aphoilis . . . . ”

Smaoinich e air a bheans air a theaghlach is stad e is rinn e gàire eile.

Bhuail e dhòrn air a bhòrd mar a bhuail Hunter ceann an duine ris achloich.

Thog e dhòrns sheall e rithe.

Thog e am microfon a rithists thòisich e bruidhinn.

So an còmhradh a bhagam ri Hunter air an ochdamh latha deug den Lùnasdal anns abhliadhna . . . . ”

Nuair a bha e bruidhinn shuidh e na bàirde anns achathairs bha a làmh asuathadh a bhonaid a bhana laighe air a bheulaibh air abhòrd.

[Sanas]

titleFacail air Clàr
writersIan Crichton Smith
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 47
<< please select a word
<< please select a page