JOE
Le RUAIRIDH MOIREASDAN (Fìde-gearraidh)
“THA mi faicinn,” ars Iain, is e togail a chinn o’n phàipear bha e leughadh, “ gu bheil sluagh Eilein Mhalta an dùil an saorsainn fhaotainn o’n riaghladh againn a dh’ aithghearr.”
“Tha mi fior thoilichte sin a chluinntinn,” fhreagair mi. “Mo bheannachd aig duine no àite sam bith a tha ag iarraidh gu thaca leigeil air a chasan fhéin.”
“Ach carson an droch rud tha iadsan ag iarraidh air falbh o’n rìoghachd so?” chùm Iain air, mar nach robh e air mo chluinntinn. “Dé ni na truaghain ud ma théid am fàgail ’nan aonar?”
“Mà,” arsa mi fhìn, “uiread ’s a chuimhne th’ agam-sa air an eilcan bheag sin, cha do chuir an riaghladh againne bheag a bheartas am pòcaid na dh’ aithnichinn-sa de ’luchd-àiteachaidh. Ach tha fhios ’am air aon rud. Ma tha muinntir Mhalta an diugh cho duineil agus a bha fear de na balaich aca bha còmhla riumsa tìde a’chogaidh, cha bhi eagal dhaibh an uair a leigeas iad ás an gréim: air an dùthaich so.”
“Thàinig mi-fhìn tarsainn air fear no dhithis dhiùbh cuideachd,” ars Iain, a’ pasgadh a’ phàipear agus ga chur air ais air a’ bhòrd. “ ’Sann a’ còcaireachd no frithealadh do na h-oifigearan a bha a’ chuid bu mhotha dhiùbh, nach ann?”
“ ’Sann gun teagamh,” thuirt mi fhìn, “ agus ’se còcaire oifigear bha so cuideachd. B’anns anFleet Cluban Alecsandria a choinnich mis an toiseach ris.”
“Cha b’e àite nach aithnichinn!” ars Iain le gàire. “ ’S iomadh sgeula a dh’innseadh an dearbh fhàrdaich a bheireadh gruaidhean dearga is cromadh-cinn do iomadach neach a tha an diugh a’ deanamh uaill anns an stuamachd aca. Ach cùm ort le do stòraidh.”
Lean mi orm. “Bha mi fhìn agus an còcaire bh’ air an t-soitheach againn air tìr an latha so, agus sinn nar suidhe aig bòrd a-muigh air cùl anFleet Club. Tha cuimhne agad air na bùird a bha air an suidheachadh anns a’ ghainmhich?
“Ro mhath!” thuirt Iain.
“A nis,” arsa mis, “ ’se Maltach a bh’anns a’ bhalach a bha còmhla rium, agus fhads a bha mise thall aig a’ bhàr ag iarraidh dà bhotal Stella nach ann a chuala mi e ag éigheach, agus an uair
‘So balach a mhuinntir an eilein againn,’ arsa mo charaid rium.
“Tha mi toilichte bhur coinneachadh,” arsa mi fhìn, a’ cur nam botal air a’ bhòrd agus a’ sìneadh mo làimhe thuige. Bha a dhà làimh-san ’nan laighe air uachdair a’ bhùird. Cha do charaich e iad á sin agus cha dubhairt e smid. Dh’ fhairich mi m’ aodann a’ fàs teth.
“Ceart, a nàbaidh,” arsa mis rium fhìn, agus mi tarraing mo làimh’ air ais, “ma na caomh leat mise theirig is ceannaich do leann fhéin!” Chuir mi aon bhotal air beulaibh mo charaid, rug mi air na dhà eile agus shuidh mi air taobh cile a’ bhùird.
“Nam b’e mise bha sin bha e air a faighinn mu tholl na cluais’ ,” ars Iain. “Dé a rinn thu an uair-sin?”
“Chuir mi an dara botal ri mo thaobh air a’ ghainmhich,” fhreagair mi. “Shuath mi mo làmh mu amhaich an fhir eile, thug mi gu mo bheul e, agus thug mi steallag mhath ás, a’ cumail mo shùl air an ùmaidh duine so fad na h-ùine.”
Thug mo charaid balgam ás a’ bhotal aige fhéin. Thog e a’ phacaid a bh’ air a’ bhòrd m’a choinneamh, chuir e fag air mo bheulaibh, té’ile air beulaibh a’ chinnich eile bha so, agus chuire té’ile ’na bheul fhéin. Le bheul letheach dùinte agus e a’ lorg lasadair ’na phòcaid, thuirt e r’a cho-eileanach, “ ’Sann á Albainn a tha mo charaid Seoc am an so; ás an fhìor cheann-a- tuath aice. Chan e Sasannach a th’ann idir. Buinidh e do eilean, dìreach mar sinn fhìn. Tha dithis eile ás an eilean aca air bòrd an t-soithich againn, agus bha dùil agam-sa an toiseach gur e Ruiseanaich a bh’ annta. Chan e a’ Bheurla a’ chainnt aca idir agus cha bhruidhinn iad i ach nuair a dh’fheumas iad.”
“Có an dithis bha sin?” dh‘ fhaighnich Iain dhomh.
“Dithis bhalach bho na Lochan.” arsa mis. “Chan aithnicheadh tusa iad.”
“Dé a thachair an uair sin?” ars Iain.
“Dé a thachair!” thuirt mi. “Chan fhaca tu a leithid a chaochladh a’ tighinn air duine a riamh. Dh’ fhalbh a’ ghnùig bho aodann agus chanadh tu gun sgàineadh an gàire an craiceann aige. Leum e gu chasan, shìn e ghàirdean a-null air a’ bhòrd, rug e air làimh orm, agus chrath e sìos is suas i, a’ fàsgadh air mo mheuran gus mu dheireadh bha eagal orm nach tilleadh an lùths a chaoidh thuca.
‘Air do shocair! Air do shocair!’ dh’ éigh mi ris.
Leis e ás mo làmh ach chuir e ghàirdean mu’m amhaich agus dh’ éirich m’ eagal gun tachdadh e mi. Fhuair mi air crùbadh agus
‘Air do shlàinte,’ arsa mis ris.
‘Slàinte mhath,’ ars esan. ‘dhomh fhìn ’s dhut fhéin. Seoc, ach droch àit do na Sasannaich!’
“Nach iad a bha dubh dha,” ars Iain. “Cha robh càil agam fhìn ’nan aghaidh.”
“Cha robh na agam-sa.” thuirt mi fhìn.
“ ’S iomadh caraid a bh’ agam ’nam measg. Ach cha b’e sin do’n laoch so. Cha robh Eireannach a riamh aig an robh uiread de nàimhdeas ’na chridhe do na Sasannaich agus a bh’ aige-san, agus goirid an déidh so an uair a dh’ fhalbh e air ais do’n t-soitheach aige fhéin agus i dol a sheòladh, chuir mi a’ cheist ri mo charaid is sinn nar n-aonar aig a’ bhòrd.
‘Nach eagalach a’ bhith a th’ aige do na Sasannaich,’ arsa mis. ‘Dé as coireach?’
‘Tha aobhar air an sin,’ arsa mo chompanach. ‘Chan eil e idir cho riaraichte a bhith ’na sgalag aig oifigearan Nèbhi Bhreatainn agus a tha mise. ’Se Sasannaich gu léir a th’ anns an fheadhainn a bheil e deasachadh an dràsda, agus tha e coltach gur ann truagh a tha a’ chòcaireachd aige a’ còrdadh riutha, agus chan eil leisg sam bith orra sin innse dha, agus chan ann anns a’ chainnt as modhaile, ach mar as motha ghearaineas iadsan is ann as coma tha esan a’ fàs. Lath’ -eigin, creid mise, tha cuideigin dol a dhìoghladh air a dhol-a- mach ris. Gheibh cuideigin a’ phrais is na tha innte mu na cluasan. Agus rud eile. Chan e balach gun tùr gun toinisg a tha sud idir. Cha b’ann a’ ruith air falbh o’n sgoil mar a bha mise bha am fear ud idir, agus cha toigh leis an tàir a tha aig luchd na rìoghachd agaibhse air fhéin is air a dhaoine, agus tha mi cinnteach ma bhios e air a chaomhnadh an uair a sguireas an cogadh tha so, nach téid stad air gus an téid an Sasannach mu dheireadh a thilgeadh a-mach ás an eilean againn.’
‘Ach,’ arsa mise, ‘is cinnteach gum bu chòir dha a bhith cheart cho déidheil air na h-Albannaich is na h-Eireannaich is na Cuimrich a thilgeadh a-mach cuideachd.’
‘Chan eil fhios agam air a sin,’ fhreagair e. ‘Tha sgoil mhór aige. Cha leig e leas a bhith caitheamh a bheatha a’ dèanamh lite ’s a’ sgùradh phraisean do dhaoine, móran aca nach eil càil nas fheàrr an e fhéin. Ach ’se Maltach a th ann agus ’se an gailidh àite! Agus innsidh mi so dhut. Théid mi ’n urras gu bheil eòlas aige air eachdraidh na rìoghachd agad cho math is a tha agad fhéin, agus tha fhios aige gun d’ fhuiling sibhse cuideachd ’nur latha aig làmhan nan Sasannach.’
Dh’ éirich Iain is bhiortaich e an teine. “Bha cuibhrionn aige dhe ’n fhìrinn an sin,” thuirt e. “Chan e gu robh na Sasannaich
“Cha do dh’ innis mi ach leth mo sgeulachd,” fhreagair mi. “Is ann as déidh so a chunnaic mi è!
Chaill sinne an soitheach ann an uisgeachan na Gréige an samhradh sin, agus a-measg nam balach gasda chaidh a chall còmhla rithe bha mo charaid Andi, am balach a bha maille rium an oidhch’ ud anns anFleet Club. Thug mi greis ann an Crete agus ann an càmp ann an Alecsandria—tha cuimhne agad airSphinx? —mus deach mo dhraftadh gu baile-puirt shuas anns an fhàsach. Leis an fhìrinn innse, bha mi taingeil a bhith air talamh tioram airson greiseig. Mar a tha fhios agad fhéin ’se beatha chruaidh a bh’aig balaich na mara anns a’ Chuan Mheadhonach aig an àm ud. Ach co-dhiù. An uair a ràinig mi am baile beag a bha so—uiread ’s a bha air fhàgail dheth—agus a fhuair mi àite anns na chuir mi mo phoc is mo hamag dh’fhalbh mi air los blas bidh.
Nis, a riamh o ’n chaidh mi dh’ an Nèbhi bha dithis air an robh mi cur eòlais cho luath agus a b’urrainn dhomh, agus bha mi cinnteach, air bith có air an deighinn a-mach, nach deighinn a-mach orra-san. B’ iad sin Tancaidh (a bha an urra ri Stòr a’ Bhidh agus an Còcaire. Is iomadh latha dh’ fhàg sin dà ugh air mo thruinnsear an auair nach robh ach aon aig càch! Le sin chaidh mi a lorg a’ ghailidh feuch an robh càil innte de chòrr na diathad, agus g’am dhèanamh fhìn suas ris a’ chòcaire cho luath is a b’ urrainn mi.
‘Cà’ eil an gailidh?’ thubhairt mi ri fear de na balaich a bha ’na shuidhe am fasgadh gàrraidh (fasgadh bho’n ghréin, tha mi a’ ciallachadh) agus e a’ sgrìobhadh litreach. Cha mhór nach do dh’ fhanntaich mi an uair a dh’ innis e dhomh ann an cainnt chruaidh Chocnaidh gu robh leth mhìle air falbh shìos air bàrr na mara. ‘A Chruitheachd,’ arsa mis, ‘ged a gheibheadh tu làn do bhroinn shìos an sin bhiodh an t-acras ort mun tilleadh tu.’ ‘Bithidh an t-acras ort an so a’ falbh ’s a’ tighinn, a mhadainn ’s a dh’ fheasgar, a dh’ oidhche ’s a latha,’ arsa balach Lunnainn, ‘agus am balgaire tha sud—shìn e am peann a bha ’na làimh a dh’ ionnsaigh na togalach a bha aig ceann a’ ghàrraidh leth-cheud slat air falbh—chan fhaigheadh tu làn do bheòil dhe ’n uisge bhuaidhe ged bhiodh an teanga agad air tiormachadh mar àrc.’
Mus fhaighinn air a’ cheist a chur ris chum e air adhart. ‘Sud gailidh nan oifigearan,’ ars esan. ‘Feuch riut an téid iadsan leth-mhìle dh’ iarraidh am bìdh. Cha téid na leth-cheud troigh.’ Tharraing e smugaid a-nuas á amhaich agus thilg e sa’ ghaimhich aig a chasan i, agus chanadh tu gun ghoil i an sin mar gum b’ ann meadhon an teine a bha e air a sadadh.
‘Chan eil thu féin ’s an còcaire a tha a’ deasachadh do na h-oifigearan glé réidh a réisd,’ arsa mise ris.
‘Réidh!’ ghlaodh e, is a shùilean a’ cur car ’na cheann. ‘Réidh! Có bhiodh réidh ris an trusdair ud. Muc de Mhaltach nach bruidhinn modhail riut. Chanadh tu gur ann leis tha ’n àite.’ Thilg e an ath smugaid do’n ghainmhich, rinn e mionnan do na cuileagan bha ’nan sgaoir mu thimcheall, agus thill e gu sgrìobhadh na litreach.
Choisich mi ceum no dhà air falbh. Stad mi. An dùil? An dùil an e mo charaid a thachair rium anns anFleet Clubagus a bha saoilsinn cho beag de na Sasannaich a bh’ ann? Dé a nis an t-ainm a bh’ air? Joe! Joe rudeigin?
Ghabh mi null gu dorus a’ ghailidh, agus thug mi sùil a-steach. Cha robh dad de sholas a-stigh. Cha robh ann ach an aon uinneag bheag is bha lìon tarsainn oirre a chumail a-muigh nan cuileagan. Bha cuideigin a-stigh agus a dhruim rium is e a’ sgrìobadh prais’ .”
Thilg Iain am fag a bha e a’ smocaigeadh do’n teine. “Na can rium gur e Joe so a bh’ ann!” ars esan.
“Cha robh fhios agam fhathasd,” fhreagair mi, “ach bho chùlaibh bha e deamhnaidh coltach ris. Rinn mi casda agus thuirt mi air mo shocair, ‘An tu a th’ ann, Joe?’ Thionndaidh am fear a bh’ ann a cheann. Cha mhór nach robh mi cinnteach a nis gur e a bh’ ann. ‘Eil cuimhne agad orm, Joe? Seoc! Thachair sinn anns anFleet Cluban déidh na Bliadhn’ Uire. Bha dùil agad gur e Sasannach a bh’ annam an toiseach! Rinn mi gàire beag ris.
Dhèalraich fhiaclan geala ann an duirchead a’ chraicinn. ‘Seoc! ’ thuirt e is a rithisd, ‘Seoc!’
‘Cuimhn’ agam ort? Ma tha! Bha thu comh’ ri Andi. ’S tu an caraid a b’ fheàrr a bh’ aige. Dh’ innis e fhéin dhomh. An truaghan bochd! Bha mi aig an tigh an uair a thàinig am fios gu màthair gun deach e as an rathad. An robh fhios agad gu robh sinn glè chàirdeach d’a chéile? Bha sinn anns na h-oghaichean—no na h-iar-oghaichean co-dhiù. “Ach is dòcha nach eil sibhse a’ cumail a’ chàirdeis cho fada ruinne ann,’ ars esan is fiamh a’ ghàire a’ ruith tarsainn air aodann a rithisd.
“Bha e fada ceàrr an sin,” thuirt Iain. “Nam biodh fhios aige cho tric is a fhuair mise mo chàineadh chun an dà chluais airson nach deach mi choimhead air an neach ud no’n neach ud eile—iar-ogha do bhràthair mo sheanar no dubh-ogha do phiuthar mo sheanmhar!”
“Cha robh thìde agam-sa sin a radh ris,” lean mi orm. ‘Thig a-steach, thig a-steach!’ thuirt e rium. ‘So, suidh an sud!’ is e togail threallaich o uachdar bucais is e a’ càradh poc’ air.
Rinn mi sin agus ann an tiotadh bha pìos arain anns an dara làimh agam agus muga còco san làimh eile. Chùm esan air a’ [354]
Dé mu do dheidhinn fhéin?’ dh’fhaighnich mi dha. ‘Is iongantach gu bheil duine a’ cur dragh ort ann an so.’
‘Tha!’ ars esan, ‘agus chuireadh e dragh ort-sa cuideachd na leigteadh leis. Ach nach duirt mi riut gu robh P.O. math agaibh? Cha leig am balach sin leis gnothaich a ghabhail ruibh-se. Cha b’e bheath’ !’
‘Có tha so air a bheil thu bruidhinn?’ arsa mise. “Fear de na h-oifigearan?’
‘Chan e.’ fhreagair e. ‘Tha iad sin cho math is a tha e comasach dhaibh a bhith, tha mi creidsinn. Chan eil ach aon Shasannach ’nam measg. Chan e—ach an Deontaidh! Balgaire beag smuigeach bu chòir a bhith air a thachdadh nuair a rugadh e. An uair a smaoinicheas mise! Balaich ghasda mar Andi a’ call am beatha agus troca de’n t-seòrsa ud a’ falbh na talmhainn. Chan eil ceartas man t-saoghal idir, idir,’ is thug an dara dòrn aige brag ann am bois na làimhe eile. ‘Ach eil fhios agad air an so? Mur sguir e ghabhail gnothaich riumsa agus dé tha mi a’ dèanamh, mo mhioian . . . !’ Stad e. B’e sud an aon uair a riamh a dh’ fhailich air rùintean inntinn a chur ann am facail.
Bhris Iain a-steach ’nam chòmhradh:— “Saoilidh mi nam biodh do charaid a’ dèanamh ’oibreach mar bu chòir dha nach biodh aobhar sam bith aig duine gnothaich a ghabhail ris. Cha robh an Deontaidh a’ dèanamh ach a dhleasdanas.”
“Dh’ fhaodadh sin a bhith,” fhreagair mi, “ach nach seall thu air an so? Cha do ghearain aon de na h-oifigearan ris, agus tha mi cinnteach gu robh Joe a’ deanamh a dhìchill ach an toilicheadh e iadsan. Ach nach saoil thu gu bheil thu coimhead a-steach a dh’ inntinn a’ bhalaich so? Bha e mar a chanadh tu ’na aonar. Cha do rinn e e fhéin suas ri duine bha còmhla ris, agus tha mi creidsinn nach tàinig e steach orra-san a riamh oidhirp a dhèanamh air a’ bhalla Joe a’ togail eadar e fhéin is iadsan a leagail sìos.”
“Ciamar a thàinig agad-sa air beàrna a thoirt air a’ bhalla sin cho luath?” dh’ fhaighnich Iain.
“Chuir mi an dearbh cheist sin rium fhìn uair is uair,” arsa mise. “Chan urrainn mi a radh gun d’ fhuair mi riamh fosgladh dhi a riaraich mi, ach saoilidh mi gun lean an ceangal a bh’ aige ri Andi rium-sa gu ìre air choreigin. Agus rud eile. Tha mi de’n bheachd nach eil càil a nàdur sealltainn sìos anns na Gaidheil idir, no sealltainn suas a bharrachd—co-dhiù ann am muinntir nan Eileanan
“Feumaidh mi aideachadh nach tàinig an smuain sin a riamh a-steach orm,” ars Iain, “agus ma tha i fìor—agus cha chanainn, nach eil—nach e sin an t-aobhar an soirbheachadh a tha dol leis na daoine againn air bith cà ’n téid iad air feadh an t-saoghail; gu bheil iad gan dèanamh fhéin suas ri neach sam bith a thachras riutha, gun a bhith coimhead sìos air no coimhead suas ris. Agus tha mi làn chreidsinn ma tha piseach a’ dol a thighinn air an talamh tha so, gu feum móran a bharrachd oirnne thighinn chun a’ bheachd so.”
“Chan eil teagamh idir,” arsa mi fhìn, “nach eil daoine ann a tha airidh air gum bi sinne a’ coimhead suas riutha agus a’ toirt urraim dhaibh, ach mar as trice is iad sin muinntir a tha iad fhéin iriosal, gun mhór-chuis ’nan gnè. Chan eil gnothaich aig so agus inbhe breith no beairteis.”
“Ceart gu leòr,” thuirt Iain, “ach cuimhnich, a charaid, gu robh ùghdaras aig an Deontaidh bha so agus tha fhios chinnt agad fhéin gur ann bochd a bha cùisean air a bhith nan robh sinn gu léir air diùltadh géilleadh do’n ùghdaras bha sin.”
“Faodaidh sin a bhith,” fhreagair mi, “ach thoir thusa sùil an ais do na làithean bha sin agus chì thu nis gur e am fear bu lugha thug an t-ùghdaras a chaidh a thoirt dha am follais bu mhotha rinn a dh’ fheum dheth. Agus cha robh Joe fada a’ mothachadh nach robh an duine so leth cho trom air càch ’s a bha e air-san. Agus carson nach robh? Ceart no ceàrr leum am balach chun a’ cho-dhunaidh gur ann airson gur e Maltach a bh’ ann agus gu faodadh e an rud a thogradh e dhèanamh ris.”
Cha duirt Iain guth fhads a bha e a’ roiligeadh fag is ga lasadh. Shéid e a’ cheò troimh ’chuinnleanan is thuirt e,
“Dé mar chaidh dhuibh an déidh sin?”
“Thug mis is Joe ceithir mìosan còmhla r’a chéile anns an fhàsach,” arsa mise, “Uairean a bha sinn dòigheil is uairean nach robh. Bheireadh sinn an ionnrairidh a’ deasbaireachd mu gach nì fo’n ghréin. Cha robh sinn idir an còmhnaidh a’ tarraing air aon aon riamh ach cha deach sinn a riamh a-mach air a chéile. Chuireadh sinn an saoghal air dòigh an dara h-oidhche augs bheireadh sinn ás a chéile an ath oidhch’ e. Ach air bith càite ’n tòisicheadh sinn no dé na raointean troimh ’n deigheadh sinn, aig
“Cha bhi eagal dhuibh,’ chanainn ris. ‘Tha spéis is urram mhór aig an rìoghachd againne dhuibh. Seallaidh an Riaghaltas againn ás ar déidh. ’S iad a sheallas; is sibh as fhiach!’
Chrathadh e cheann. ‘Chì sinn, chì sinn,’ chanadh e air a shocair, is chrathadh e an uair sin a cheann a rithisd. ‘Tha Malta an dràsda mar a tha mise is tusa, is móran eile d’ ar leithid. Cha dèanar a’ chùis as ar n-aonais. Có a th’ ann ach sinn an diugh! Ach fuirich gus am màireach! Bithidh an éiginn is an cruaidh-chàs seachad an uair sin, is cha bhi guth ort-sa no orm-sa. Dé a’ chuimhne bhios air Eilean Mhalta an latha sin? Dé a’ chuimhne bhios air Andi? Ach a-mhàin aig a mhàthair bhochd a gheibh dhà no thrì thasdain san t-seachdain a dhèanamh suas dhi na chaill i. Nach eil fhios agad gum bi feum Bhreatainn dh’ an eilean againne seachad an uair a bhios an cogadh seachad. Bithidh sinne mar chloich m’a h-amhaich. Ach ’sann an sin tha mise a’ coimhead dòchais do mo dhaoine. Chì iad an latha sin gu feum iad seasamh air an casan féin; gun tig orra an tobraichean féin a chladhach, oir bithidh an t-àm seachad anns an leig muinntir eile dhaibh dileag an dràsda ’s a rithisd a tharraing ás na h-uisgeachan acasan. Chan eil teagamh nach bi sinn fhathasd bochd an taca ruibh-se ach gheibh sinn slàinte an so.’ agus chuireadh e ’làmh gu ’bhroilleach. ‘Tha fhios ’am,’ chumadh e air. “gu bheil thusa gam thuigsinn, ach an dùil a bheil duine stigh an sud a’ dèanamh sin?’ Chrathadh e ’cheann a dh’ ionnsaigh an tigh-fo-thalamh far an robh na balaich a’ gleadhraich a-measg a chéile. “An dùil a bheil dragh aca-san dé thachras a màireach? Chan eil sìon! Faodaidh mise is mo luchd-dùthcha an droch-àit a thoirt oirnn ma gheibh iadsan dachaidh tèaruinte.’
Tharraing Iain an stòl air an robh e ’na shuidhe na b’ fhaide bho’n teine a bha nis ’na chraos dearg. “An robh an duine sin idir a’ tuigsinn,” thuirt e, “gu robh gu leòr de na balaich sin is dòcha air an dachaidhean is air an luchd-dàimh a chall a cheart cho math ri muinntir an eilein aige-san. Cha b’ ann gu gin a thèaruinteachd a bha iad a’ tighinn ged a tuigeadh iad an dachaidhean air ais. Sheas an cunnart os cionn Lunnainn fada an déidh dha Malta fhàgail.”
“Thuirt mise sin ris.” arsa mi, “uair is uair, ach ’se chanadh e, ‘Is nach robh fhios agaibh air an sin an uair a thàinig sibh a-steach dh’ an chogadh tha so? Cha b’ ann le ur sùilean dùinte thàinig sibh a-steach idir. Chan e gu bheil mise cur ás ur leth gun d’ sheas sibh an àirde ri Hitler. Ach sinne. Cha deach ar faighneachd. Sguab sibh sinne steach còmhla ribh fhéin agus ged[358]
“Cha robh e uair sam bith gun a fhreagairt aige,” ars Iain.
“Càite an deach e air dhà an t-àite sin fhàgail?”
“Tha mi tighinn chun a sin,” fhreagair mi. “Ri taobh a’ ghailidh aig Joe bha togalach bheag eile. Anns an dara ceann dhi bha àite far an robh sinn a’ gleidheadh ar pocannan agus nì sam bith eile air nach robh sinn a’ cur feum. Anns a’ cheann eile ’sann a bha Joe a’ cumail annlan nan oifigearan agus am bùrn a bha tighinn thuige h-uile madainn airson tea a dhèanamh, is nithean a bhruich is soithichean a ghlanadh. Bha an t-àite so fo ghlais, oir bha balaich an sud (chan eil mi gam chunntadh fhìn a-mach ás a measg!) nach biodh fada gan cuideachadh fhéin, agus nan deigheadh na h-oifigearan leis an acras bu choma leinne sin. A h-uile h-oidhche an déidh na suipearach bha e ’na chleachdadh aig Joe an iuchair a chur an làimh an Deontaidh, ach dh’ fheumadh esan an toiseach dèanamh cinnteach nach robh Joe air dara leth nan annlan ith, no ghoid, no thoirt seachad, agus cha bu leisg leis a thilgeadh air Joe gun robh e air sin a dhèanamh. Chùm Joe a dhroch-nàdur fo smachd is cha chanadh e dùrd.
Tha cuimhne agam aon latha balach òg Cuimreach a thighinn a-steach agus innse dhuinn an uair a bha e rannsachadh a-measg nam pocannan anns an tigh bheag bha so, gun mhothaich e gun robh toll aig ìochdar a’ bhalla a bha eadar an dà sheòmar, agus le glé bheag de shaothair gun gabhadh an toll a dhèanamh cho mór agus gu faigheadh duine steach a-measg annlan nan oifigearan. Ach naidheachd deireadh a’ chogaidh fhéin ’s iongantach gun tàinig sgeul cho aoibhneach ri so gu ar cluasan! Bha cuid de na balaich deònach tòiseachadh a’ leudachadh an tuill anns a’ bhad. Le aon aig an dorus a thoirt rabhaidh na nochdadh an Deontaidh no fear de na h-oifigearan, agus dithis a-stigh cha toireadh an obair fada oir cha robh càil anns a’ bhalla ach criadh. Co-dhiù b’ ann an ath mhadainn a chaidh a crìochnachadh. Chaidh a’ chriadh a tiodhlaiceadh fo’n ghainmhich agus na pocannan a chur air ais nan àite. Bha ciste-tea a’ folach an tuill air an taobh eile de’n bhalla. Cha robh againn a nis ach feitheamh ri oidhche. Bha sinn mar bhalaich bheaga a bha air rathad fhaighinn a-steach do ghàrradh-ubhal no do lìos-churran, agus a bha fuireach le beag fhoidhidinn gu’n tigeadh an dorchadas. Ach bha rud a’ dèanamh dragh dhomh fhìn. Bha e cinnteach nach biodh e fada gus am faighte a-mach gun robh meirlich san àite. Agus có a gheibheadh ceannachd air? Gheibheadh an t-aon duine a bha neo-chiontach. Cho fada is a bha fhios againn, cha robh amharus aig Joe dé bha dol air adhart. Ach bha cinnt agam-sa nach robh mo charaid cho dall no cho beag-tuigsinn is nach robh fhios cinnt aige gun robh
Cha robh e fada an déidh so an uair a thàinig droch thìde oirnn—gaoth mhór is i sguabadh na gainmhich a-steach do’n h-uile h-àite. Bha Joe a’ faighinn a mhì-shealbh o’n Deontaidh—carson nach robh na praisean aige glan; carson nach robh an dorus aige fosgailte no carson a bha an dorus fosgailte, carson nach robh e a’ nighe ’aparain no carson a bha e a’ deanamh ana-caitheamh air a’ bhùrn a’ nighe aparain. Bha mi fhìn a’ gabhail eagail nach seasadh Joe ris móran na b’ fhaide, agus làn fhios agam nan cailleadh e e-fhéin idir gu robh e cunnartach air call a dhèanamh air a’ bhleigeard bheag a bha so.
Air a’ mhadainn-sa, mu àm “Stand Easy,” chaidh fear de na balaich suas a dh’ iarraidh bùirn airson na tea. ’Se am balach Cocnaidh ma tha cuimhn’ agad a bha a’ sgrìobhadh na litreach a’ chiad latha agam anns an fhàsach a bh’ ann. Ann an tiota chuala sinn brag nam brògan aige a’ tilleadh ’na ruith nuas an staidhre. Cha téid an sealladh a bha air aodann gu bràth ás mo chuimhne—ana-creideamh, uabhas, gàirdeachas a’ cathachadh r’a chéile! ‘Blimey!’ ars esan, ‘Joe ’s crowned the Jaunty! !’
Bha sinn mar an dealanaich suas an staidhre bha sud. Chuala sinn ràn an Deontaidh mus fhaca sinn e. Bha e air taobh a-muigh a’ ghailidh, a’ ruith timcheall mar laogh an déidh an fheisd a bhriseadh, a dhà làimh air mullach a chinn is e ag éigheach àird a chlaiginn, “Tha mi air mo losgadh! Tha mi air mo losgadh!’ Measgte anns an fhalt aige agus a’ nochdadh a-mach ás na cluasan aige bha an t-sneap agus an curran agus na lusan eile bha anns a’ phrais a bha Joe air a càradh air a beul fòipe air mullach a chinn. ’S beag an t-iongnadh ged a bhiodh an truaghan a’ glaodhaich gu robh e air a losgadh. Bha an dearbh phrais air a bhith a’ goil air an teine uair-a- thìde mus d’ rinn Joe an fheum bha so de na bha ’na broinn. Bha esan a nis, a làmhan ’na phòcaidean is fiamh a’ ghàire air aodann, ’na sheasamh ann an dorus a’ ghailidh agus a thaca ris an ursainn. Thog mi mo làmh ris ach cha do leig e air gu fac’ e mi.”
“Dé rinn iad air?” thuirt Iain. “Gheibheadh esan na ceithir fichead latha ’s a deich, ma fhuair duine riamh iad!”
“Chaidh Joe a chur fo ghlais anns an aon àite a ghabhadh glasadh,” fhreagair mi. “Ann an stòr-bidh nan oifigearan. Tràth an ath mhadainn chaidh sinne gu léir a thoirt an ceann a chéile a dh’ éisdeachd ris a’ bhinn ga toirt seachad air. Sheas sinn an sud cairteal na h-uarach, leth-uair a thìde, agus cha robh iad a’ tighinn le Joe. Chunnaic sinn an Deontaidh uair no dhà is e sgiathalaich timcheall, mar chearc a bha air a h-àl a chall.
‘Geall nach eil sgeul air Joe,’ chanadh an dara fear againn air a shocair ris an fhear eile, a’ priobadh a shùla.
Mu dheireadh thuirt an t-oifigear ruinn a dhol air ais gu ar n-obair. An uair a thill sinne bha an caiptin agus grunn eile air beulaibh a’ ghailidh. Bha gach poc a bha anns an tigh bheag a bha ri taobh a’ ghailidh ’nan dùn aig an dorus, agus an Deontaidh a sporghail ’nam measg mar gu robh leth-dhòchas aige gun leumadh Joe a-mach á aon diubh!
Cha robh sgeul air Joe, no air dara leth nan annlan a b’ fheàrr a bh’ aig na h-oifigearan a bharrachd! Cha b’e prìosan le toll a chumadh mo charaid fo chuing! Bha fhios a nis air an dòigh air an d’fhuair e mach as an t-seòmar anns an robh e air a ghlasadh, ach ciamar a rinn e chùis air faighinn seachad air an fhear a bha a’ cumail faire anns an dorus a-muigh? Chuimhnich sinn gu robh gun robh itealain nan Gearmailteach os ar cionn an oidhche roimhe agus anns an ùpraid bha sin dh’ èalaidh Joe air falbh. B’e sin ar beachd co-dhiù. B’ ann ag an Deontaidh a bha an t-uallach Joe a ghleidheadh, agus bha a chruaidh-fhortan a’ feitheamh air-san. Chòirdeadh sin ri Joe!”
“Is cinnteach nach biodh iad fada a’ breith air,” ars Iain. “Cha chanainn gum biodh e furasda dha e fhéin fholach anns a’
“Chan eil fhios ’am,” fhreagair mi. “Cha chuala sinne guth cinnteach tuilleadh air. Bha cuid ag radh gun deach a ghlacadh air oidhirpeachadh air loidhne an Eadailtich a ruighinn, cuid eile gu robh càirdean aige anns an Eiphit a bheireadh fasgadh dha. Chan eil fhios againn. Co-dhiù ma tha e beò chun a so, is iongantach leamsa man robh làmh aige anns na strìthean a bh’aig Malta gu a saorsainn fhéin a chosnadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh, agus tha mi cinnteach an latha a theid bratach Bhreatainn a tharraing a-nuas airson na h-uair’ mu dheireadh, agus bratach Mhalta a chrochadh ’na h-àite, nach bi cridhe anns an eilean sin cho aoibhneach ri cridhe mo charaid, Joe.
Dh’éirich Iain gu falbh. Bha an teine gu bhith dubh a rithisd. “Eil fhios dé an seòrsa bratach a th’ aca?” ars esan.
“Carson tha thu faighneachd sin?” thuirt mi.
“Tha,” ars esan, is e sìneadh a làimhe chun an doruis, “man eil dealbh aca fhathasd air a son dh’ innsin-sa dhaibh dé am fear bu chòir dhaibh a chur oirre.”
“Dè tha sin?” dh’fhaighnich mi dha.
“Tha,” arsa esan le gàire, is e fosgladh na còmhla. “Deontaidh de Néibhi Bhreatainn is prais m’a cheann!”
title | Joe |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Ruairidh Moireasdan in Gairm 48 %p |
parent text | Gairm 48 |