An Sgeilp Leabhraichean
F. G. Rea, A School in South Uist, deas. le Iain Lathurna Caimbeul (Routledge & Kegan Paul, Lunnainn. 30/-.)
Tha ùine mhór ann bho leugh sinn leabhar mu ’n Ghaidhealtachd a chòrd tuinn cho math ris an fhear so. Tha tarraing ann an dòigh ’s ann an nàdur an sgrìobhaiche nach leig leat an leabhar a chur bhuat gus a bheil thu ullamh dheth.
’Se Sasunnach a bh’ ann an F. G. Rea, agus anns a’ bhliadhna 1890 thàinig e á Birmingham gu bhith ’na cheann air Sgoil Ghearraidh na Mòna an Uibhist-a- deas. Bha dhìth air aig an àm beagan airgid a chosnadh a bharrachd air na bha e faighinn an Sasuinn. ’Se sin a thug a dh’ Uibhist e a’ chiad turas, ach tha e furasda aithneachadh bho ’n leabhar aige nach b’ e an t-airgead a chùm ann e. Fhuair e coibhneas is toileachas ris nach robh dùil aige, agus ann an 1927, iomadach bliadhna an déidh dha Uibhist fhàgail, phàidh e air ais an coibhneas so le leabhar cho tlachdmhor ’s a sgrìobh Sasunnach riamh mu na h-Eileanan a Siar.
Ged a tha móran m’ a dheighinn fhéin anns an leabhar, feumaidh gur h-e duine iriosal a bha ann an Rea. Chan fhairich thu uair sam bith gu robh e a’ smaoineachadh gu robh e fhéin dad nas fheàrr, no nas fheàrr dheth, na sluagh an eilein. Ged nach do thog e fhéin Gàidhlig, tha modh agus blàths anns gach iomradh a tha e dèanamh air a’ chànain, air na h-òrain luadhaidh, air sluagh an eilein, eadar àrd agus ìosal. Agus air chùl a’ bhlàiths tha sin, tha tuigse.
Is dòcha gu robh aon rud ann nach do thuig e: b’ e sin nach robh a’ Ghàidhlig leis gach dòigh is subhailc a bha fuaighte rithe, a’ faighinn[380]
“. . . . with a few exceptions I insisted upon the whole of the instruction being given in Englishthese exceptions applied to the very young whose instruction was bilingual, and to the testing in Gaelic of the effectiveness of the instruction in English. I often wondered to myself if purely English-speaking children would acquit themselves as well as these children did if all their school instruction were given in, say, French . . . . ”
Nach iongantach cho ainneamh ’s a thàinig an smuain sin a-steach air luchd-teagaisg is luchd-ceasnachaidh, air muinntir Bùird nan Sgoiltean agus air urracha móra Dhun-Eidinn, anns na ceithir fichead bliadhna an déidh 1872!
Chuir e smaoineachadh oirnn a bhith leughadh mu na maighistirean-sgoile agus na bana-mhaighistirean-sgoile a bh’ anns na h-Eileanan a deas mu ’n bhliadhna 1900. Ann am Bàgh a’ Chaisteil (an 1890) bha duine òg á Lunnainn; thogadh a’ bhana-sgoilear an Eirisgeidh ann an Dun-Eideann, agus ’sa Lunnainneach thàinig ’na h-àite; maighistir-sgoile Dhala-brog, ’sann á Obar-Dheadhain a bha e. Agus bha Maighistir Ailein air ceann Bòrd na Sgoile aig an àm. Nuair a theid eachdraidh nan sgoiltean air a’ Ghaidhealtachd a sgrìobhadh, bithidh an leabhar so glé fheumail do’n fhear-eachdraidh.
Ach chan ann a’ lorg ceann-teagaisg a tha sinn an dràsda. Gheibh thu rud anns an leabhar so a fhreagras air gach càil: móran mu iasgach a’ bhric; cunntas air luadhadh; iomradh air eòin, air cleachdaidhean is beul-aithris Uibhist, air mar a bha an sgoil-oidhche air a cumail ann an sgoil Rea; air maits ball-coise, le Mgr. Ailein anns a’ ghoal, agus sagairtean eile an sàs a-muigh; bracaist mhór ann an tigh tuathanaich (le bric, is hama, is feòil-mairt, truinnsearan càise is annlain); iomradh air an tigh a bh’ aig Fear Bhaghasdail uaireigin; dealbh-pinn de sheann mhaighstir-sgoile Gàidhlig, agus de ’n ‘chuipear-in,’ Dòmhnall MacCormaic; móran fiosrachaidh mu ’n duine chaomh sin Mgr. Ailein.
Tha saidhbhreas an so, agus chan ann do mhuinntir Uibhist a-mhàin, oir’se tha so dealbh de na h-Eileanan a Siar air fad o chionn tri fichead bliadhna—tha e làn de rudan a chunnaic sinn ’s a chuala sinn ann an Leódhus o chionn deich bliadhna fichead. Tha ar taing aig Fear Chanaidh airson na h-eachdraidh thaitnich so a chur ’nar tairgse.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 48 %p |
parent text | Gairm 48 |