NA H-EILEANAN SIAR BU MHIANN LEAM
Le ‘DONNIE B.’ MACLEOID
Aig teis-meadhan gach duilgheadais ann an Innse Gall tha dìth obrach agus fàsachadh na dùthcha. Fhads a bhios sinn beò fo eagal nan taibhsean sin, ’sann cuagach, dì-mhisneachail a bhios gach ceum a bheir sinn a chum adhartais nar staid saoghalta.
Ann a bhith a’ gleac an aghaidh nan duilgheadasan sin feumaidh sinn cuideachadh fhaighinn bho ’n eaconoimist ’s bho luchd nan obraichean móra, bho luchd-deilbh nam planaichean agus bho luchd na Pàrlamaid, oir ’se trian ceàird cungaidhean. Ach chan fhoghainn sin. Dh’ éirich móran de na duilgheadasan á dòigh-beatha an t-sluaigh, agus feumar atharraichean móra a dhèanamh am an dòigh-beatha an t-sluaigh anns na h-eileanan.
Nam bheachd-sa, feumar an cath a chur’ s a bhuannachadh a-measg òigridh nan eilean. Ma tha sìneadh saoghail gu bhith aig sluagh nan Eileanan a Siar, feumaidh an òigridh a dhol an gréim gu làidir ’s gu dùrachdach.
Chì sinn bho ghraf an t-sluaigh càite bheil cnag na cùise. Tha gu leòr de chloinn ’s de sheann daoine againn, ach chan eil ach sloc fhalamh far am bu chòir do no fir òga ’s na mnathan òga a bhith. Tha so ’na chomharradh air léir-sgrios an t-sluaigh.
’Sann o’n àl so a tha comunn sam bith a’ tarraing a neart agus a bhrìgh, gus spionneadh a chur ’na chaithe-beatha. ’Sann bhuaithe so a
Nach neònach mar a rinn sgil nan lighichean a’ chùis nas miosa! Thu nas lugha do naoidheanan a’ bàsachudh, agus tha daoine beò fhaide. Nach math sin! ’S ann mar so tha cùisean anns gach dùthaich adhartach, ach nuair a tha an t-àl òg air an sùghadh air falbh bho ’n dachaidhean ’sann sìos a’ bhruthach a tha sinn a’ dol.
Feumar aideachadh nach eil dòigh beatha nan croitearan air an tuath an diugh a’ tàladh nan daoine òga agus nam mnathan òga anns a bheil nàdur strì. Tha sluagh òg Innse Gall, anns an linn so, airson nach bi iad air an ceangal ris an fhearann ’s ris an dubh-chosnadh, agus airson gum bi fìor shaorsainn aca dhaibh fhéin. Tha sùil na h-òigridh air fàire ùir, agus tha iad a’ fàgail raointean am pàrantan air a tòir.
Dhomh fhìn dheth, chan eil ach corra fhear de mo cho-aoisean air fuireach aig an tigh. An fheadhainn a bha anns an sgoil còmhla rium, chan fhaigh thu iad an Steòrnabhagh no an Càrlabhagh, ach ann an Kenya is an Astràilia, anns na Stàitean Aonaichte is an Canada, am an ceann a deas Shasuinn agus air Galldachd Albainn far a bheil na h-obraichean móra.
Tha mi de ’n bharail nach eil e math gu leòr idir a bhith strì chùm’s nach deid a’ chùis nas miosa. Feumaidh sinn daoine òga a thàladh chun nan Eileanan, an àite bhith gan leigeil air falbh asda.
Tha gràdh an Eileanaich air àite àraich domhainn agus làidir, agus mar as fhaide air falbh a tha e ’sann as doimhne a tha an gràdh sin a’ fàs. Nan dugadh na h-Eileanan bith-beò reusanta do dhuine, agus cothrom a theaghlach a thogail leis gach sochair a gheibh iad an àiteachan eile san là a th’ ann, thilleadh e o ’n eilthireachd.
Chan ann dìreach ag ràdh sin a tha mi. Nuair a chuireadh air chois anOuter Isles Fisheries Scheme, sgriobh daoine a dh’ fhaighneachd mu dheidhinn o cho fada air falbh riNew Zealand, agus thàlaidheadh daoine òga dhachaidh; tha iad sin a’ dèanamh feum anns na h-Eileanan an diugh, agus deagh chosnadh aca aig an dachaidhean fhéin.
Cha robh an sin ach toiseach tòiseachaidh, a’ chiad cheum. Dh’ iarrainn gum biodh a scéim sin air a leudachadh gu mór. A nis is an Cuan Sgìth air a dhùnadh ri tràlairean coimheach, bu chòir gum biodh dòchas ás ùr do dh’ iasgairean Innse Gall.
Is cha bu chòir cur-an-sàs an airgid fhàgail an urra ris an Riaghaltas a-mhàin. Bu chòir do na marsantan ’s do ’n luchd-gnothaich pàirt
Tha an cuspair tha so glé fhaisg air mo chridhe fhìn. Air taobh mo mhàthar bha mo shinnsearan ’nan iasgairean san Loch a Tuath; bha mo sheanair air aon de’ n chòmhlan bheag sin a shàbhail o ’n Bhàthadh Mhór a thug sgrìob air Sgìre a’ Bhac is Tholstaidh. ’S dòcha mar sin gu bheil tuilleadh ’s a’ chòir do ’n t-salainn ’nam chuislidhean!
Le ceartas, tha móran a bharrachd de thoradh ri thoirt ás a’ mhuir’ na tha ri thoirt ás an fhearann anns na h-Eileanan a Siar. Chan eil nì ann na bu mhotha a chòrdadh rium na gun digeadh ath-nuadhachadh air obair an iasgaich, agus gun tilleadh na h-Eileanaich gu an dùthchas: obair na mara.
Dh’fheumte goireasan siubhail a leasachadh, agus innealan giullachd éisg anns na h-Eileanan. Agus bhiodh buaidh mhór aig an aisig eadar Steòrnabhagh is Ullapol air an obair so.
Nan digeadh ath-nuadhachadh de ’n t-seòrsa so, chuireadh e dreach ás ùr air sealladh cho brònach ’s a tha ri fhaicinn ann an Innse Gall: na cidheachan fàsa’ s na stéiseanan sàmhach ann am Bàgh a’ Chaisteil, a bha uaireigin a’ strì ri Steòrnabhagh mar phrìomh phort-iasgaich an taobh siar.
Mar a tha croitearachd is iasgach a’ dol bhuaithe, agus an sluagh a’ teicheadh ás na h-Eileanan, tha a’ Ghàidhlig is na tha fuaighte rithe a’ call mar an ceudna. Tha so ro fhurasda fhaicinn. Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith air a cumail ’na cainnt bheò, an àite bhith air a tasgadh suas ann an tigh-thasgaidh, tha mi do ’n bharail gur h-ann bho ’n eaconoimist ’s bho ’nsociologista gheibh sinn cobhair ’s nach ann bho luchd an tartain ’s luchd a’ bhòilich.
Cha bu mhath leam gun togte ceàrr mi. Tha An Comunn Gaidhealach agus Comhairlean a’ Mhòid a ’dèanamh deagh obair a chùm leas a’ chiùil ’s na cànain ’Se duine gòrach a dheidheadh ás àicheadh so. Ach dèan e feum sgaradh a chur eadar cainnt agus caithe-beatha; chan eil math dhuinn a bhith a’ caoidh nam blàthan gun sùil a thoirt air an fhonn ás a robh am flùr a’ tarrain a bhrìgh.
Tha thìde aig Luchd Leasachaidh na Gàidhlig, mas e ainm freagarrach sin, an còirichean a sheasamh ann an cùisean poiliteach. Bu chòir dhaibh leasachadh a shireadh, an àite bhith caoidh mu ’n dearmad a rinneadh.
B’ fheàrr leam Ceann-suidhe a’ Chomuinn a chluinntinn ag éigheachd an aghaidh àireamh nan Eileanach a tha gun obair, an àite bhith ga bhleadraigeadh mu chlaonaidhean beaga ann an dòigh fuaimneachaidh fhacal, no mu dhìth chuirean beaga ann am fonn òrain.
An Leódhus, tha croitearan a’ cur an céill do ’n t-saoghal gun deid aca air leasachadh a lorg dhaibh fhéin, ach comhairle mhath fhaotainnm ’s iad a’ deanamh gorm-innis de Eilean Beag Donn a’ Chuain. Sheall muinntir a’ Chlò-mhóir, ged a tha na h-Eileanan iomallach, nach eil so ’na bhacadh, agus tha iad air àireamh na feadhnach a tha a’ cosnadh móran dholairean do Bhreatainn.
Bha uair a bha mi de ’n bheachd gum feumadh sinn tòiseachadh socair a dhèanamh, agus leigeil le ar maoin fàs uidh air an uidh. Ged a tha so iomchuidh gu leòr, tha eagal orm a nis gum biodh fàs mar sin ro mhall is ro fhadalach.
Feumar a dhol an sàs gu nàiseanta ma tha na h-Eileanan a Siar gu bhith air an sàbhaladh. ’Se tha dhìth oirnncrash programme, agus na h-Eileanan a bhith air an cur an dara taobh mar ionad air leth tha feumach air leasachadh. Duine sam bith a tha ag iarraidh leas nan Eileanan, cha b’ fhuilear dha a bhith a’ strì a chùm na crìche so.
Gu seachd àraidh, tha dhìth air na h-Eileanan daoine làn misneachd, a tha a’ creidsinn gu bheil là ùr air thoiseach oirnn, agus gu bheil dòighean agus caithe-beatha an àite airidh air an cumail beò. Tha feum aig na h-Eileanan air earbsa asda fhéin a lorg ás ùr. Tha e ro fhurasda dòchas a chall. Dh’ fhaodadh gur h-e an suaicheantas a b’ fheàrr a b’ urrainn a bhith againn, rabhadh roimh eu-dòchas. Le misneachd de ’n t-seòrsa sin, gheibh sinn làmh-an-uachdar air an duilgheadasan.
’Se an suaicheantas a thaghainn fear a chuir Franklin Delano Roosevelt am briathran: The greatest fear is fear itself.
(Tha ar taing aig Mgr. MacLeòid airson an sgrìobhadh so a chur thugainn. Bu chòir dhuinn innseadh do ar luchd-leughaidh gun dug sinn an aon chuireadh, aig an aon àm, dha fhéin ’s do Chalum MacMhaoilein, M.P. Tha sinn duilich nach dàinig freagairt bho Mhgr. MacMhaoilein, ach dh’ iarramaid so a ràdh: gum bi làn chothrom aige a bheachdan a chur an céill ann an Gairm ma ghabhas cothrom air a ’ chothrom.)
title | Na h-Eileanan Siar Bu Mhiann Leam |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | ‘Donnie B.’ MacLeòid in Gairm 48 %p |
parent text | Gairm 48 |