[303]

NAIDHEACHDAN PARLAMAID

Le UISDEAN LAING (Astràilia)

(1) Bha mo charaid, Ailean Ròcaire, agus grunnan de Staoinich eile anns an tigh-sgoile air oidhche Gheamhraidh ag éisdeachd ri òraid bho fhear a bha ag iarraidh a bhithna bhall Pàrlamaid. Bha a fear sin amìneachadh dha na cruiteirean bu chòir dhan Phàrlamaid a dhèanamh, nach robh iad adèanamh, agus bheireadh esan orra a dhèanamh nam biodh e ann an Tigh na Pàrlamaid. An déidh éisdeachd gu math foighidneach fad uair an uaireadair ris gach diombadh agus gach gealladh a bha atighinn á bial an òraideir, dhfhàs Ailean car meuranach agus an-fhoiseil. Anns a staid sin thog e a làmh dheas suas gu fhiasaig agus thòisich e air tachas a bhuis mar nach biodh e cinnteach mun chùis, agus thuirt e ris an fhear a bha ri thaobh ann an cogar a chluinnte anns gach oisean dhen tigh-sgoile: “Dhia beannaich is coisrig sinn, cha chuala sinne guth riamh gu robh Pàrlamaid ann.”

(2) Nuair a bha Maighstir L. Strain, ann an Taghadh Pàrlamaid 1905, aseasamh an aghaidh Sir Iain Mac-an-Deòir, bha bodach ann am Baile na Staoine air a robh farainm nach robh idir taitneachna chluasan. Bàbhaist dha fir eile a chluinntinn abruidhinn man Liberaileach Mac-an-Deòir agus Strain, an Tòraidh, agus ged nach robh aon Tòraidh ann am Baile na Staoine ach am maighstir-sgoile math-dhfhaoite, bha co-fhaireachadh làidir agus neònach aig abhodach ri Strain. Ma dheireadh dhfhaighnich fear dhe na nàbaidhean carson nach robh e air taobh Mhic-an-Deòir mar a bha càch. “Matà, a laochain,” fhreagair bodach an fharainm, “chan eil agamsa an aghaidh an duine chòir, ach ma dhéireas fear sam bithna aghaidh aig àm an taghaidh, tha e coltach gu feum truillich dheamhnaidh abhaile so dìmeas a chur air le farainm grànda mar a tha Drèan. Chan eil mise creidsinn gu bheil aon duine uasal anns an eilean so aig nach eil farainm salach agus -mhodhail.”

(3) Bha Sgitheanaich rathad Stafain ag éisdeachd ri ablach de Ghaidheal air choreigin a bha airson a bhithna bhall Pàrlamaid. Latha bha sud


[304] bha e trangna bheachd fhéin atogail neòil an aineolais bho inntinnean dhorcha nan Stafainneach le iomradh air gnothaichean stàiteil a bha feumach air ath-leasachadh. “Dhfhaodainn a ràdh,” ars esangur h-e dleasanas na Pàrlamaid rentichean nan cruiteirean ìsleachadh.” “Dhfhaodainn a ràdh gu bheil na cruitean tuilleadh is beag airson beòshlaint an t-sluaigh.” “Dhfhaodainn a ràdh . . . .” mar sin air adhart. An déidh dha bhith seòladh air achùrsa so gus na dhfhàs na Sgitheanaich seachd sgìth dhen sgleogaireachd, dhéirich fear dhe na cruiteirean agus chuir e acheist ris, “Ma dhfhaodadh tu ràdh, carson a mhic an deomhain mhóir, nachràdhthu e?”

(4) Nuair a chaidh am blàr an aghaidh nan Tòraidhean ann an taghadh Pàrlamaid 1905 cha deach ach mu dha no trì dhe na cinn-feadhna aca ann an Albainn gu léir a thaghadh airson na Pàrlamaid. Chuir achùis so dorran fiadhaich air pàipear mór nan Tòraidhean ann an Lunnainn, anTimes, agus nuair a bha cunntas na bhòtaichean crìochnaichte agus a Liberaileach, MacIlle na Brataich, stéidhichte mar Phrìomh Mhinistear aChrùin, thòisich fear-deasachaidh naTimesair cur dheth. “Cha bhiodh e ceart,” sgrìobh e, “achoire a chur air Tòraidhean Albainnbha am -fhortan so an dàn ged nach fhac sinn e ateachd. Ach tha aona cheist mar coinneamh agus tha e furasda gu leòr freagairt fhaotainn. an t-eòlas air Impireachd mhór Shasainn as urrainn a bhith ann an dùthaich far a bheil léirsinn an t-sluaigh astad aig Ard nan Gobhar, Cladach Chircebost agus Bràighe Bhaile-Phuill?”

(5) Bha Maighstir Weirna bhall Pàrlamaid airson Siorrachd Rois fad ioma bliadhna agus bha ena chleachdadh aige a bhith acur cheistean glé thric ann an Tigh na Pàrlamaid. Cha robh caraid riamh aig na cruiteirean bochda na bu dìlse na Weir, ach dhfhàs na buill eile, achuid mhór dhiubh Sasunnaich, sgìth dhe na ceistean agus na cruiteirean aig Weir, agus mu dheireadh sgrìobh fear dhiubh rann a chuir e chun aphàipeir éibhinn Punch:

The weary Weir with questions queer
The notice-paper crams
There never was another Weir
That caused so many dams.

(6) Bha duine còir eile (an Dotair Mac Griogall? ), fear aig a robh deagh chridhe ach fìor dhroch Ghàidhlig, acur suas airson Pàrlamaid (Siorrachd Inbhir-Nis) an aghaidh Mac-a- Bhàillidh (Dochphùir).


[305]

Nuair a bha e asireadh bhòtaichean ann am Baile-na-Staoine, a thachradh ris air arathad mhór ach Ailean Ròcaire. “Chan eil mi ag iarraidh ach do bhot,” ars esan ri Ailean. “Matà, a ghràidhein,” fhreagair Ailean, “tha sibh ag iarraidh rud nach eil e iomchaidh dhòmhsa thoirt dhuibh.” Cha do chòrd na faclan sin ris an Dotair idir a chionn gu robh e glé chinnteachna inntinn fhéin gu robh na Staoinich gu léir air a thaobh.

titleNaidheachdan Pàrlamaid
writersHugh Lang
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Uisdean Laing in Gairm 48 %p

parent textGairm 48
<< please select a word
<< please select a page