[315]

BHA AM BOTHAN SAN FHEILL

Le RUAIRIDH MACGILLEATHAIN

CHRUINNICH móran sluaigh air an t-samhradh chaidh seachad gu Càrnabhal Steòrnabhaighs bha fear nach ainmich sinnnam measg.

Chuireadh an leisgeul bu lugha don bhaile mhór e bho dhùin na bothanan,’ s cha be ruith ach leum cho luaths a chuala e mu dheidhinn achruinnichidh ud.

Cha robh beathach aige a bha freagarrach airson féill no dròbh, ’sse theireadh e“ ’Sann a tha mise dol a-null a dhfhaicinn nan daoine.” Bha e air cluinntinn gu robh Ceit Anna Iain Suiden air tighinn a-nall áNew Zealand; Ciorstag Iain Boise á Detroit; agus Iain Mór Chaluim Mhatson á Vancouver, ’s bu dheagh chaomh leis an triùir fhaicinn.

Thachair Iain ris nuair a chaidh e steach am baile, ’s thug e a-steach gu dhiathad e, ach an déidh na diathad bha e ri aithneachadh air nuair a thill e dhachaidh rudeigin anmoch gun tug Iain barrachd air biadh dha. Bha e tòrr na bu toilichts na bu bhriathraich na bàbhaist dha nuair a chuir e fàilt air a bheanle Beurlas Gàidhlig a bha an déidh dhol a-measg a chéile air.

Dhinns e dhi gu robh e duilich nach fhac e Ciorstag no Ceit Anna a sin (ged a chunnaic e bhon uair sin iad). “Nam faiceadh tu muinntir Shiaboisd”, ars esan. “Bheil fhios agad bhaca aig an dròbh ach bothan.” “Tha iad tòrr air thoiseach air muinntir taobh sear an eilein as a h-uile rud.” “O bheil, a bheil?” ars ise. “Nach cuireadh Murchadh IainOran an Dotair Ruiseanaich’ (nach do bhlais air feòil a riamh) ri chèile mun coisicheadh i Sràid na Pàirc ged a shiubhail i o Thigh Iain Ghròt gu Ceann na Tìr glé aighearach. Tha greis bho bha iad adeanamhDannsa an Arbhairann a Siabosd, ach tha feadhainn eile air feadh an eilein a thag ionnsachadh Dannsa an t-Sabhail ann a Lunnainn. Tha iad mar sinwith it, mar a their na Sasunnaich, ’s thug iad gàireachdainn gu leòr air na chunnaic iad an diugh leis abhothan.” “O, dùin do bhial”, ars ises rann atighinn a-steach oirre.

Bha am bothan san fhéill air stéill mar ghamhainn,
S chan fhaca tu fhéin a réir na shamhail,


[316]

Gun duinena dhéidh a theab a thachais
Na déigh an sealladh an dròbhair.

Mar a robh”, ars esan, “feadhainnna dhéidh a theab a thachais bha gu leòrna dhéidh a theab a cheannachs a bh duilich gun dhfhalbh e, agus sgrìobh iad air a dheireadh, “An till thu tuilleadh.” “Tha mi an dòchas nach till en taobh-sa co-dhiù,” ars ise. Cha do chòrd so ris-san, ach bha a rann aice adol timcheallna cheann air fonnHo , ho , mo ghràdh air Anna’. Thug sin, ’s e bhith afaireachdainn rudeigin tioram le cùs còmhraidh agus dìth taiseachaidh, rann a-steach air fhéin.

Chan fhaigh misen -sa drùth ri cheannach
Ged bheirinn-sa crùn air drùid abharaill,
Bho chruinnich achùirt a dhùin an dorus
Tha Dùthaich aBhreabadair sòbar.

ISE
Nach e tha nad rùin ged dhùin an dorus
Gum fosgail fear ùr cùl abhaile,
S gum bi sibh le smùid is drùthag agaibh
Gun diù do pheanas aPhròbhaisd?

ESAN
N ann leis bhachuis-bhùirt thug ùingha ragadh,
Afeitheamh an cùil, is lùig ar creachadh,
Go fac e le shùil troimh ùir abhalla
An triùir a bhagainn ag òl ann.

ISE
Dhòl thus gu leòr anns tòrr a bharrachd
Se tuilleadhs achòir a bhòchd do stamag
S a dhfhàg thu gun fhonn, ’s cho donn samhadainn
S nach canadh tu facal den chòmhradh.

ESAN
Ma tha mi cho searbhs gun bhalgam agam,
S am bothan air falbh gu dearbh dha maindeoin,
S ma bhios mi le grùig, is dùr is greannach,
Co-dhiù bidh barrachdnam phòcaid.

ISE
Bho thàinig en -scha dchùins cha dchruinnich
Thu airgead no òr á stòr do bhriogais,


[317]

An tasdan non gròt cha dbhreòth non ginidh,
S cha mheirg do sgillinn, a bhròinein.

ESAN
Gun sgillinn gun bhonn no sannt air maire
Sann bhithinn-sri ranns cha bann ri gearain,
S ged bhithinn dol ann glé ghann no falamh
Bhiodh dràm o fhear-eigin dhòmhs ann.

ISE
Nam biodh tu ri falbh ann anmoch falamh
Bhiodh tusa le feargs mo shealbh air falach,
Is bhiodh tu ga lorgs ga shealg gun chabhaig,
Nad bharail cho carachs cho seòlta.

ESAN
Ach chuireadh te chruaidh mo smuain gu caithream,
S bhiodh tusa nad shuain mun ghluaisinn dhachaidh,
S cha dèanainn-sa fuaim a-nuas a staran
S mi seasamh air barraibh mo bhrògan.

ISE
Chan fhaighinn san fhàrdaich tàmh no cadal,
S mo shùilean le spàirn gu gad chaithris,
Gum faicinn thu ghràidh air fàth afarchluais
S tu togail na plaide cho dòigheil.

ESAN
Nach fhada bhon àm a gheall thu, leannan,
Ged ghabhainn-sa leanns nach diùltainn gloinne,
Gu rachadh tu leam le sunnd air faradh
Dhan ghealaich nan geallainn do phòsadh.

ISE
Bhiodh tusa mar ròn gun lòn saghealaich
Nach ruigeadh an sàl air tràigh na mara,
S gun bhothan san àits an fhàsach farsainn,
An dràsd nach fhaireadh tu neònach?

Tiod! Tha cho math bhith sgur. Bithidh am facal mu dheireadh aig na boireannaich co-dhiù.

titleBha am Bothan san Fheill
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Ruairidh MacGilleathain in Gairm 48 %p

parent textGairm 48
<< please select a word
<< please select a page