[318]

BAN-LEODHUSACH AIR SAFARI

Le Mairead NicAsgaill

(1) Na Doukobohrs

FAD mòige bha miseg iarraidh siubhal. Bha mo cho-aoisean asmuaineachadh air obair cheart fhaotainn, clann a thogails fuireach còmhla ris an fheadhainn bu mhiann leo, ach bha miseg iarraidh siubhal. Siubhal gu deas no siubhal gun iar, cha robh e gu diofar, oir bha àilleas nam faichean nach robh idir faisg daonnan gam mhealladh, bho dhuilleig leabhair, neo bho fhaileas dhealbh. Agussann tha droch eagal orm nach be bha bu chòir dhomh sgrìobhadh ach thà.

Mar sin, san Earrach, 1959, chuir mi romham tòiseachadh le Canada. Anns aMhàigh, 1959, choinnich mi fear a bha aseasamh àite sgoiltean Cholumbia Bhreatainnich agus a bha acoinneachadh duine sam bith a bha ás déidh teagaisg an sin. Ghabh mise os làimh a dhol a theagasgGrade 7agusGrade 8, aois 13 agus 14, anns achiad agus anns an dara bliadhna de Ard-Sgoil Stanley Humphreys ann an Castlegar. Dhaontaich mi rud sam bith a theagasg dhaidh achScienceagusMaths

An samhradh sin bha agam ri maghaidh a nochdadh ann: Oifig nan Eilthireach ann an Glaschu, agus an uair a thug an duine mach mo phàipearan, thug e sùil orms rinn e gloc gàire, ’s thuirt e“ ’S tusa abhean-teagaisg Ghàidhlig a tha adol gu na Doukobohrs ann an Castlegar. Abair gnothach!”

Castlegarcha bann air a h-uile cairt-iùil a gheibhte an t-ainm aige idir, ach mun do dhfhàg mi Glaschu, bfheàirrde mo chridhe mi coinneachadh ri fear a bha air tadhal ann an Castlegar ann an 1930. Atighinn a-null air abhàtaAn Sylvania”, a sheòl á Liverpool, bha dhòigh freagraidh acasan don innsinn, air dhaibh fhéin faighneachd, gum bann air Castlegar a bha mi adèanamh. Cuid a theireadhCastlegarcàit eil sin? ”, agus cuid eile a chanadh, ationndadh geur shùil anns an robh annas uabhais, “Castlegarchan eil thu dol an sinAch cha robh duine aca a leigeadh ris dhomh[319]


[320] càil air nach robh fios agam mar thà, agus ben ulaidh sin gum bu bhaile beag e, air buaich Lochan nan Saighead anns acheàrnaidh de Cholumbia Bhreatainneach ris an caintear na Kootenays, letheach slighe eadar Trail agus Nelson.

Anns an sgìre so bha e ri ràdh gu robh Ruiseanaich, ris an cante na Doukobohrs, a thàinig gu Canada air chùmhnantan àraidh bhon Bhànrigh Bhictoria, agus gu robh dòighean àraid, neònach aca gu aire a tharraing gu eucoirean a bha iadsan ameas a bha Riaghladh na dùthcha adèanamh orra, a dhaindeoin nan cùmhnantan air an dàinig iadsan don dùthaich an toiseach.

Seadh, matà, cha be smuaintean glé thaitneach a bha sin aig duinena aonar, adol gu dùthaich ùr. Bann air an 26mh den Lùnasdal a sheòl am bàta ás Liverpool, agus cóig latha an déidh a ràinig sinn Montreal, air dhuinn bruaichean Abhainn an St. Lawrence agus sean bhaile Quebec a chur ás ar déidh. Bu mhòr mfharmad-sa an oidhche ud riù-san aig nach robh ach astar oidhche ri thoirt air an trèan gu àiteachan cneasda ceart mar Toronto, Hamilton agus Ottawa. Bha daoine air cluinntinn mun deidhinn-san. ’Nam chluasan bha guth mo mhàthar aseirm, “Siubhal a bha thug iarraidh a laochaig; chuir thu nad cheann e, ’s a nis cuir nad chasan e”, a bha an trèan gam ghiùlan an oidhche ud chun an iar. Di-Ciadain thug sinn adol troimh Ontario, coilltean an déidh choilltean agus loch an déidh locha. Cha robh e atoirt gu minntinn ach Loch Ma Ruibhe, agus a rithists a rithist bha e acur iongnaidh orm afaicinn nan craobhan afàs a-mach á òirleach de thalamh air uachdar nan creag, agus sinne ann an Leódhus gun chraoibh idir. An uair sin thàinig na h-achaidheanna prairidheansìnte a-mach air gach taobh gu fann farsaingeachd na fàireManitoba, Saskatchewan, Alberta. An suds an so chithear togalach àrd biorach an t-sìl, sabhal mór fiodha dearg, tigh, no càr fada salachsalach le dusta tioram nan rathad, ’s gun uisge atuiteam gu a ghlanadh.

Oidhche Dhi-ar-daoin, aig uair samhadainn, bfheudar dhòmhsa an trèan mhór fhàgail ann amMedicine Hat, agus fuireach ann gus an digeadh trèan bheag an ath mhadainn gu mo thoirt gu Castelgar.

Lorg mi tigh-òsda beag shìos an t-sràid, agus anmochs mar a bhà e, bha teas thioram ghléidht an , abraonadh tioram tachta a-mach bhon chabhsair chruaidh. Bhuail e orm an uair sin gum be rudan feumail a bhann an adan móra geala balaich nan each an uair a chunnaic mi iad mu cheann nam fear, ann an teas tioram


[321] bailtean nam prairidhean. Bann san tigh-òsda so a dhionnsaich mi nach eil na leapas na bracaist air an cur cuideachd mar anns an rioghachd so. Pàidh $5 air do leabaidhs faigh do bhracaist far an togair thu. Gu dearbh, ’s iomadh tigh-òsda anns nach eil tigh-bidh idir.

An ath mhadainn, aig naoi uairean, chaidh mi air bòrd trèan bheag far nach robh ach an t-aon seòmar fada, le àiteachan suidhe do 35 duine. Be so anDayliner, seòrsa de thrèan bheag diesel no dealain a bhios atriall gu na h-àiteachan iomallach. Théid i aig astar mór, agus mar a bhitheas i atighinn gu baile sam bith, tha glag mhór ga bualadh. ’S iomadh tubaist tha tachairt leDaylinersis càraichean, oir tha rathaidean Chanada gu tric aruith thairis air na rathaidean iaruinn.

Anns anDaylinerbha so dhfhairich mi, mar a bha mi gus fhaireachdainn iomadach latha an déidh sin, brìgh na dùthcha so, Canada. Mu mo choinneamh bha seann chàraid a dhfhàg an t-Suain, ’s a bha an diugh afuireach ann an Nelson; bha iadsan abruidhinn an cànain fhéin agus abruidhinn riumsa ann am briseadh-Beurla. Air mo chùlaibh bha ceathrar aconaltradh ann an Gearmailt. Air mo bheulaibh shuidh dithis a chuir iongnadh orm, oir bha lideadhnan cànain nach burrainn dhomh shamhlachadh ri cànain sam bith a chuala mi riamh roimhe, agussann a bha iad, achailleach le a beannaig, a falt air a shlìobadh gu cùl a cinn, ’s a corp trom, agus am bodach le aghaidh a bha ataisbeanadh cothachaidh ri gaoith is uisge, agus an sealladh a bha an sùilean an dithis, mar nach robh iad cleachdte ri fasanan is nòsan ùra, atoirt gu mór air maire càraid bhon tigh. ’S ged bu chànan eadar-dhealaichte ri cànan riaghaltais na dùthcha a bhaca so gu léir, nam faighnicheadh duine bhannta, fhreagradh iad Canadaich a bhuineadh do Chanada.

Oidhche h-Aoine, aig 10.20, bha sinn air Nelson, ann an Columbia Breatainneach, a ruighinn, agus be so cho fadas a rachadh an trèan. Air na fichead mìle gu Castlegar, suas ri taobh Abhainn Kootenay, cha rachadh trèan le luchd-turais ach uair san t-seachdain, agus sin air an . Mar sin bha grunnan sabhus a ghiùlain sin air rathad càm, a bha mar shaoil leamsa san oidhche fhliuch dhorcha, dìreach air oir nam beann. Bha an draibhear asìor ghearain cho donas a bhan rathad bhon a bha e cho fliuch, agus bha achùis fhéin ga dhearbhadh mar a bàirde bha sinn adìreadh. An dràsdas a rithist bha solus tighe adeàlradh a-mach, abriseadh na doilleireachds


[322] acumail cridhe ri dòchas nach be buileach dìthreabh an fhàsaich a bhann. Shìos gu fada chithinn corr uair soluis mhóra shoilleir agus bha amharus agam gum bu bhailtean iad, ach bhon uair sin dhfhoghluim mi gum be bhannta dàmannan air an abhainn gu puthair an dealain fhaotainn do dhoibrichean an iaruinn ann an Trail.

Oidhche h-Aoine an trìtheamh den t-Sultainn, aig 11.30 p.m. , mu dheireadh thall bha mise ann an Castlegar, ’nam sheasamh ann am boglaich a bha uisge thrì làithean air fhàgail air beulaibh togalach an rathaid-iaruinn. Mu dheireadh thall bha mi air mo chiad cheann-uidhe a ruighinn. Ach an ath mhadainn, an uair a dhùisg mi, ’s a dhfhàg an sgìos minntinns mo chnàmhan, bha barrachd anMu dheireadh thallaruith troimh minntinn an uair a dhearc mi ann an solus cruaidh na maidne air an àite anns an do roghnaich mi an ath bhliadhna a chur seachad. Bha beanntan àrda, creagach, còmhdaichte le craobhan, ag éirigh an àirde air gach taobh gu neòil dhorcha; an t-uisge adòrtadh a-nuas, adèanamh lite bhuidhe leis gach luirg coise a bha adol air an rathad, ’s gun ach fear no dhà dhiubh air an tearradh. Baile beag nach robhna bhaile idir, ga dhìon fhéin le fasgadh nan cnoc a bha ag éirigh air gach taobh den loch. Tighean fiodha de gach seòrsa is dath is meud, ach achuid bu mhotha dhiubh gun shuas an staidhre idir, ’nan seasamh, gach aon diubh air a phìos talmhainn fhéin, a-measg chraobhan de gach seòrsa: peur, ubhal, peachagus sirist. Be talamh uabhasach torrach a bha san àite agus dhfhàsadh measan de gach seòrsa ann. Bha an rathad bìth adol gu Trail a-mach á Castlegar, ach dhfheumta an aiseag a ghabhail mus fhaigheadh duine chun an rathaid a bha atriall gu Nelson agus taobh an ear Chanada, agus cha bann glé thric anns an latha a gheibhte bus.

A-measg nan tighean, agus gu h-àraidh a-mach ás abhaile, sìos bruaichean srath Loch Slocan agus srath na h-Aibhne Kootenay, chìte tighean móra air dath dorch-dhonn an fhiodha, le shuas agus shìos an staidhir, agus cruachan móra de chonnadh logaichean rin taobh. Troimh thìde dhfhoghluim mi gum be so tigheanDoukobohrs, ’se sin na tighean a bhaca bho thoiseach, anns biodh ginealaich theaghlaichean gu tric afuireach còmhla, le gach rud am pàirt, mar a bàbhaist a bhith aca anns an dùthaich ás an dàinig iad.

A nis atoirt sùla air ais, cha robh mi fada gus an do dhfhoghluim mi beagan eile mu thimcheall nan Doukobohrs, agus gus an dàinig


[323] mi chun acho-dhunaidh gum bu dithis aca a bha air an Dayliner còmhla rium, abruidhinn na cànain ud nach robh mi air a chluinntinn riamh roimhe. ’S gun iad a bhith acreidsinn ann an cogadh, be aon de na cùmhnantan air an do thathaich iad ann an Canada, nuair a thàinig iad mar bhuidheann ri linn na Bànrigh Bhictoria, nach biodh aca ri arm a thogail an cogadh. Chaidh am fearann a thoirt dhaibh fhéin agus am fear a bhair an ceann mar cheann-feadhna, Peter the Lordly Verigin, gun phàidheadh gun chìs. Bha iad troimh na bliadhnachan air a bhith afuireachnan teaghlaicheansnan tighean móra a bha air taobh thall na h-aibhne, agus mac mar a phòsadh, thigeadh e le mnaoi a-steach còmhla ris an teaghlach, agus bhitheadh seachdain mu seach aig gach mnaoi an ceann gnothaichean an tighe, agus càch ag obair a-muigh. Bha aca talamh air leth torrach, agus deagh chliù mar thuathanaich mheasan, bhuntàta, churranan agus
[324] iomadach phòr eile. Dhfheumadh iad sin, oir cha leigeadh an creideamh leo feòil ithe, agus bha iad beò air na dhfhàsadh dhaibh. Bhitheadh dròbh aca ann an Trail, agus an sin bhitheadh iad areic ime agus gruth, no mar theirear an Canada, Cottage Cheese.

Nan cràbhadh cha robh ministearan no eaglais, ach bha tigh-coinneimh aca far am biodh iad acoinneachadh gach Sàbaid, no féisd, na firnan seasamh air an dara taobhs na mnathan air an taobh eile. Eatorra, air bòrd beag, bhitheadh soitheach le aran agus soitheach eile le salainn, agus be seinn sachànain Ruiseanach achuid bu mhotha den t-seirbheis. An dràsda thòisicheadh fear agus leanadh na fir e; a rithist thòisicheadh boireannach agus leanadh na boireannach i; an uair sin sheinneadh a h-uile duine còmhla. Aig amannan, ’sann a-muigh a chumadh iad an seirbheisean, agus bu dheagh chaomh leamsa an cluinntinn aseinn, oir bhitheadh iad atoirt na h-eaglase aig an tigh gu làidirnam chuimhne.

Lean iad gu dlùth ri aodach na seana dùthcha aca, agus an uair a thigeadh na boireannaich gu Castelgar, mar bu tric bhitheadh iad air an éideadh ann an còtaichean air an tarraing mum meadhon nàdur de pholca, stocainnean air am figheadh, agus beannag shìoda gheal le fraighneas, air am biodh iad air flùraichean dathte oibreachadh le snàthan sìoda. Nuair a phòsadh nighean, gu tricse còta agus polca, air a dhèanamh de naidhlon no aodach mar sin, a bhiodh oirre, agus de na beannagan geala. Bha gach nighean atòiseachadh asàbhaladh aodach leapa agus bùird, obair ghréis agus obair chroisidh, bho bhitheadh i bhliadhna dheug, agus bha iad apòsadh uabhasach òg, mu shia-deug. Na fir a bu shine, bha iadsan agleidheadh na feusaige, ach bha so adol á fasan aig na fir nach robh aosda.

Ach cha do shruth na bliadhnachan ann an dùthaich choimhich thairis orra gun am buaidh fhéin fhàgail. Bha na daoine so a nis roinnte eatorra fhéinnan bhuidheann: “Orthodox Doukobohrs” agus “Sons of Freedom.” Bha na h-Orthodox Doukobohrsdeònach claonadh cho mórs a leigeadh an creideamh leò ri cleachdaidhean na dùthcha anns an robh iad afaotainn am bith-beò, aig acheart àm afeuchainn ri an cànans achuid a bfheàrr de na seana chleachdaidhean a chumail suas. Bha naSons of Freedomag iarraidh dlùth leantainn ri creideamh is cleachdaidhean an sinnsirean. Cha robh iad deònach an clann a chur do na sgoiltean ann an Canada, a chionn, bha iad ag agairt, gu robh na sgoiltean ateagasg sabaisd is cogaidh achse bu mhisde dhaibh, nan aidicheadh iad e, nach robh achlann


[325] a bha adol don sgoil toilichte tilleadh an déidh sin chun na beathas an dòigh smuaineachaidh a bu mhiann le am pàrantan. Seach gu robh iad adiùltadh achlann a chur don sgoil, chaidh an toirt bhuapa leis an Riaghaltas agus an cur fad bliadhna ann an sgoil ann anNew Denverna bfhaide tuath a-measg nam beann. Bhòidich naSons of Freedoman uair sin gun dugadh iad an Ruis orra, ach cha be an fhàilte a bfheàrr a fhuair iad bhon Ruis, agus bfheudar dhaibh fuireach far an robh iad, agus beagan phutan a chur air am beul. Am foghar ud, 1959, a ràinig mise, bha iad air ùr bhòid a thabhairt an clann a chur don sgoil, agus chum iad ris a sin, ged nach robh iarraidh aig balach ri athair ma bha e air tòir leisgeul fuireach aig an tigh.

Ri rudan a bha acur dragha orra, no ri eu-ceartas sam bith, bha freagairtean àraid aca: biad sin teine, bom air a dhèanamh aig an tigh, agus na boireannaich a baosda an cuid aodaich a rùsgadh dhiubh agus a dhol am fianuis sluagh na sràide. Cia ás a bha stuth nam bomaichean atighinn, no ciamar a bhatar gan dèanamh, cha robh fhios aig duine, ach bha fhios is faireachdainn gu robh iad buadhach. Anns acheàrnaidh so, suas an abhainn eadar Castlegar is Nelson, cha robh sgoil no dàm no drochaid nach robh uidheamaichte le soluis mhóra shoillseach air an taobh a-muigh agus luchd faire air an taobh a-stigh fad na h-oidhche, gus nach fhaigheadh duine teine a chur riutha no bom a chur annta. Grunnan bhliadhnachan roimhe so shìos ann an Tarrys, baile beag eadar Nelson is Castlegar, chaidh sgoil ùr àlainn a thogail don chloinn, agus an oidhche mus deach a fosgladh bha ina smàl ris an talamh. Grunnan bhliadhnachan na bfhaide air ais, ’s an dàrna buidheann a-mach air abhuidheann eile, chaidh bom a chur air an rathad iarrunn, ionnus gun do mharbhadhPeter the Lordly Veriginagus móran dhaoine eile. Be so a baobhar nach rachadh an trèan le daoine air an rathad iaruinn air feadh na h-oidhche.

Chaidh Peter a bha sin adhlacadh ann an uaigh os cionn na h-aibhne, agus bha uair aca air dragh a chur air-san agus air sadail na ciste aige bun os cionn le bom. Bha e nis agus e air a chàradh a-stigh fo charragh mhór sement, agus solus ga fhaire gach oidhche; co-ainm an latha chaidh a mharbhadh bhiodh beag is mór acruinneachadh gu seirbheis a chumail aig uaigh, ’s an latha sin cha digeadh achlann don sgoil. Bha fear an tighe anns a robh mise afuireach, Albannach, acumail faire air drochaid an rathaid iaruinn, acumail sùla is cluais ri gaoith.

[326]
[327]

Ged a bhithinn-sa acluinntinn nan sgeulachd mun cuairtean lomnochd roimh aghaidh an t-sluaigh, mu an teinteans am bomaichean, cha robh eagal orm, no air duine eile, oir cha bann ruinne , bha an spìd ach ri chéile. Fad agheamhraidh a thug mise sacheàrnaidh cha do thachair neo-àbhaisteach, ach san earrach thàinig an beothas. Chluinnteadh naidheachd teine no bom an suds an so. Chaidh bom a thilgeil a-steach do bhùth ann an Castlegar an oidhche mus do dhfhosgail i son móran ghnothaichean a reic air prìs shaor, agus is iongantach gu robh coinneamh-shluaigh aig Diefenbaker a thug urad ás a riamhs a thug an ann a Bhancùbhair far an do rùisg na ban-Doukobohrs iad fhéin air a bheulaibhs air beulaibh an t-sluaigh gus an dug na poilis leò iad.

Mar a bha naSons of Freedoman aghaidh na sgoiles na cleachdaidhean Canadach a bha ceangailte riutha, bha iad dearg dhìreach an aghaidh duine dhiubh fhéin leis an rachadh gu math ann am malairt no obair air bith air a cheann fhéin. Bha bùthan aig cuid dhiubhs iad adèanamh gu math annta, ach ma bha cus coltais soirbheachaidh orra cha robh sin acòrdadh ri na fir, agus cha baon fhear a dhùisg gu craos teine far am bàbhaist bùth a bhith.

Adol seachad air grunnan aca air an t-sràid cha robh e duilich mothachadh cho eadar-dhealaichtes a bha lideadh an cànain bhon Bheurla. Tha móran de na facail aca air am fuaimneachadh an cùl am beòil, ach cha robh sin gun aobhar ghàire don chloinn an uair a dhfheuchainn-sa ri facail a ràdh. Cha be na sloinnidhean aca a bfhasaLovrenchenkoff, Kuznetzoff, Popoff, Lebidoif. Gu fàbharach, cha robh duine le Rubitoff.

Dhiùlt Riaghladh Cholumbia Bhreatainnich dhaibh an cànan a theagasg don chloinn san sgoil troimhn , agus cha burrainn domh gun fharmad a bhith agam riutha cho dealasachs a bha iad gu an cànan fhéin a chumail beò. Bha aig achuid bu mhotha den chloinn aca ri bho leth-uair gu trì chairteal na h-uaireach a thoirt air abhus mun ruigeadh iad an déidh na sgoile, ach an déidh sin, gun bhiadh (agus chan eil tighean-bìdh ann an sgoiltean Chanada) bha iad adèanamh air an tigh-coinneimh, far an robh an luchd-teagaisg aca fhéin afeitheamh orra. Burrainn don chuid bu mhotha aca an cànan Ruiseanach a sgrìobhadhs a leughadh. Mar a bha iad air an sgaradh bho dhùthaich an cànain agus air an iadhadh le goireasan is gnothaichean ùra, thàinig orra iomadach facal Beurla ghnàthachadh a-measg nam facal Ruiseanach. Bha iad thall an sud cuideachd a

[TD 328

bha ag ràdh nach bu chànan beò an cànan seach gu robh ann de dhfhacail Bheurla.

Bu lugha le iomadach duine an sluagh a bha so, agus bha achuid a bfheàrr aca afaighinn an aon chàinidhs a bhuineadh do n fheadhainn bu mhiosa, mar a thuirt fear a baosda de chloinn na sgoile rium latha. Bha iomadach Canadach nach burrainn dìochuimhneachadh gun deach am mac-san, am bràthair agus an athair-san a mharbhadh, adìon dùthcha far an robh an sluagh ud gu sàbhailte aig an tigh; cha bu mhotha a burrainn daibh dìochuimhneachadh gu robh an clann afaighinn an aon eideachaidh ri an cloinn-san agus gun na pàrantan Doukobohr apàidheadh cìs no eile air an talamh a bhaca a thaobh achùmhnant air an dàinig iad don dùthaich ri linn Bhictoria. Bha iad cuideachd afaireachdainn gu robh còirichean luchd-àiteachaidh Chanada air fhàgail aca, a dhaindeoins na bha iad air a dhèanamh de chall air an àite san robh iad agabhail còmhnaidh.

Anns na ceithir bliadhna chaidh seachad thàinig iomadh atharrachadh. Thug achùirt a-mach binn gum feumadh gach duine a phìos fearainn fhéin a cheannach mar luchd-tathaich eile na dùthcha. An diugh tha móran de naSons of Freedomair na Kootenays fhàgail Chuir iad teine ri an tighean fhéin is thog iad orra, beag is mór, sean is òg, acoiseachd còmhla ás na Kootenays gu oirthir na Columbia Breatainnich. Bha cuid acantainn an uair sin gur ann adèanamh air ceann a deas Ameireagaidh a bha iad, far a bheil afuireach Sarokin, fear bhom bi iad afaighinn stiùiridh. Ach cha robh an dùthaich sin air an son a bharrachd, ’s thug iad greis mhór acàmpachadh ann an srath na h-Aibhne Dòchais, gus mu dheireadh an do rinn iadail Bhancùbhair, far an robh iad acàmpachadh faisg air an àite san robh carragh-cuimhne nam fear a chaidh a mharbhadh sna cogaidhean. Cha be so rud nach do chùm cagnadh ri iomadach duine.

Co-dhiù, sguir na paipearan-naidheachd a dhinnseadh càil mun deidhinn, agus dhfhoghluim iad gum be tadhal baile gun bhana-charaid a bhaca. Béiginn àite còmhnaidh ceart fhaighinn bho fhuachd agheamhraidh, agus anns abhaile mhór cha burrainn daibh fuireach còmhla; bha iad a-measg sluagh eile, agus bha e móran na bu dorra do na seanairean adhartas na dùthcha a chumail bho òigridh a bhair a shon. Thatar a nis asmuaineachadh gun dèan am baile mór a slugadh mar nach dèanadh sliabh aonaranach nam beann a chaoidh.

Ri dùthaich ùr mar Chanada a tha atàladh dhaoine thuice ás dùthchannan eile, bithear gu tric atoirt an ainme port-leaghaidh, a


[329] tha atoirt buaidhe air daoine gu bhithnan deagh fhir-àiteachaidh san dùthaich mar a ghlanas an teas an t-iarunn. Feumaidh an duine rudan fhàgail air chùl mar a dhfhàgas an t-iarunn.

Cha bann aon uair a chaidh a ràdh rium, ’s gu dearbh tha e cho so-fhaicsinneachs nach leigte a leas a ràdh, abhuaidh a bhaig na h-Albannaich, agus gu h-àraidh aig na Gaidheil, air Canada. Mar a thuirt fear rium, “Mas Gaidheal thu an Canada tha gach dorus fosgailte romhad.” Thug so mi gu cnuasachadh air gu a bha afàgail Ghaidheil mar so, agus thàinig mi chun acho-dhunaidh gur e an dearbh rud a bha am fàbhar aGhaidheil an dùthaich choimhich a bhana aghaidh anns an dùthaich a dhfhàg e: ’se so cho modhails a tha es gun dèan e mar as fheàrr as urrainn da leis an t-suidheachadh a tha làthair.

Se adèanamh mar a bfheàrr a burrainn daibh leis an t-suidheachadh a bha làthair a thug orra na coilltean a ghearradh, ’s na tighean ceap is loga a thogail, am pòr a chur, ’s gabhail ri dòighean ùra, ged nach robh sin an còmhnaidh furasda.

N dùil nach e dèanamh mar a bfheàrr a burrainn daibh, sin agabhail gu sìtheil ris, a dhfhàg na Gaidheil aig an tigh cho umhail fo achd a chrois am féileadh dhaibh, ’s a chrois an cànan dhaibh, ’s fo dhòigh-eideachaidh a theagaisg iad ann an cànain eile dom feumadh iad barrachd spéis a thoirt na don cànain fhéin?

Nach iongantach an cinneadh daonna, sud agad na Doukobohrsbe an rag mhuineal aig acheart àm an neart agus an laige; so agad na Gaidheilbe cho maths a bha iad air cur suas ris an t-suidheachadh a bha làthair a laige agus a neart.

titleBan-Leódhusach air Safari
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Mairead NicAsgaill in Gairm 48 %p

parent textGairm 48
<< please select a word
<< please select a page