FAIRE UR A’ NOCHDADH
(Earrann air a bheil dreach na h-oige—fo iuil Cairistiona Dick)
Tarbh Dubh Heisgir
Le DOLINA M. NICDHOMHNAILL
(Ard-sgoil Inbhir-Nis)
AN diugh chan eil duine a’ còmhnaidh ann a Heisgir, eilean beag air taobh an iar Uibhist a Tuath, ach bho chionn fhada bha suas ri cóig teaghlach thar fhichead a’ fuireach ann. Aig an àm so bha tuathanach aig an robh aon nighean a’ fuireach anns an eilean aonranach so sa’ Chuan Shiar.
Aon oidhche bha iad a’ caithris bà a bha gu breith. B’ e seòrsa fàidh a bha anns an tuathanach fhéin agus bha e gu math ealanta ann am fios nam fàdh agus glé thric thainig fhiosrachadh gu bhith fìor. Thuirt e gum feumadh an laogh bainne seachd mart agus e an tarbh a bu mhotha a bhiodh ann an Innse Gall gu bràth. Thuirt e gum feumar a chumail a-stigh anns a’ bhàthaich is nach robh e ri leigeil a-mach air chor sam bith.
Bheathaich e an laogh le bainne nan seachd mart, co-dhiù, agus an uair nach robh e ach beagan nas sine na laogh bha e a cheart uimhir ri tarbh. Ann am beagan ùine cha toilleadh e anns a’ bhàthaich anns an robh e air a chumail uige so agus b’ fheudar do ’n tuathanach a ghluasad gu bothaig na bu mhotha.
Aon latha bha nighean an tuathanaich ’na suidhe a’ fuaigheal air sgeir air a’ chladach. Bha i an sàs ’na h-obair gu dìcheallach nuair a chuala i ceumannan a’ tighinn dlùth. Air dhi coimhead suas chunnaic i an duine a bu shnasaile is a bu mhaisiche chunnaic i riamh agus ghabh i gaol air ann an tiota. Gun diog, gun dag, shuidh e ri a taobh agus an déidh beagan ùine thuit e ’na chadal agus gréim a bhàis aige air àparan oirre. Thug i an aire nach robh am falt aige mar bu chòir, is le eagal gheàrr i an t-àparan mun cuairt air a làimh agus tharraing i dhachaidh cho luath is a bheireadh a casan i.
Nuair a bha i gus a bhith aig an tigh chunnaic i each mór ruadh-dhearg ’na dheann-ruith ás a déidh. Chaidh aice air an tigh a ruigeal mas do rug an t-each oirre, agus gu cabhagach dh’ innis i dha h-athair gu robh an t-àm air tighinn gus an tarbh a leigeil ma sgaoil. Cha robh e sian ach air a leigeil air falbh nuair a bha sabaid eagalach eadar an tarbh is an t-each fiadhaich. An déidh ùine mhóir thàinig a chòmhstri gu ceann nuair a bha an tarbh ’na chlosnaich air an làr agus nuair a dh’ fhalbh an t-each gu bacach socair sìos chun a’ chladaich far an deach e á sealladh.
Bha muinntir Heisgir eòlach air tachairtean neo-shaoghalta a’ toirt am barail fhéin air sgeul an tairbh dhuibh. Bha feadhainn de ’n bharail gun éireadh fear làidir, neo-chuimseach ás a measg, ach, a dh’ aindeoin neart gu robh Dia os cionn gach neach anns a h-uile dòigh. Bha an sgeul a’ cuartachadh anns an sgìreachd agus airson dearbhadh do ’n fheadhainn nach creideadh bha adhaircean làidir an tairbh mhóir ’nan àrd-dorus air geata an tuathanaich, ach chan fhacas is cha chualas guth riamh tuilleadh air an each no air an fhleasgach.
title | Tarbh Dubh Heisgir |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Dolina M. NicDhòmhnaill in Gairm 48 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |