[333]

Maise Gnuis

Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH

Na Laithean Saora

Tha an t-àm ann a nis a bhios sinn atoirt cuairt air falbh on tighfeadhainn againn adol air astar fadaagus bithidh e uaireannanna dhragh s còir a thoirt linn agus fhàgail ás ar déidh. Innsidh mi dhuibh ann a so na rudan a dhfheumas sibh ma tha sibh go bhith cho brèaghas a ghabhas dèanamh roimh na làithean-saora.

Tòisichidh mi aig mullach achinn.

1. FALT: Ma tha dfhalt curlach gu nàdurra chan eil cus dragh ann ach ma dhfheumas e “perm” fiach gum faigh thu e dhà no thrì sheachainean mu falbh thu, oir grian is sàl gu leòr air “perm” ùr. Thoir leat deagh ola no cungaidh airson dfhalt oir is àbhaist don ghrian is don t-sàl falt a thiormachadh agus bithidh e doiribh a chìreadhs a chur air dòigh.

2. AODANN. Chan fheum thu ach glé bheag a mhaise ghnùis aig an àm so ach tagh e gu cùramach. Chanainn gur e phùdar is cungaidh-stéidh as fheàrragus bi cinnteach gum bheil taiseachd ann.


[334]

Tha phùdar cruaidh so nas fhasa ghiùlan na fear prann a tha dualach air dortadh. Gabh phùdar nas doirche na tha thu cleachdadh oir chan eil dad nas miosa na phùdar soilleir air craiceann air a dhathadh leis aghréin. Losgadh-na-gréine; gabh le beagan don ghréin aig an toiseach co-dhiù. Ma ghabhas tu cus dhith bithidh e cràidhteach agus a bharrachd millidh e an craiceann.

Cuir ort dath-bhilean agus dath-shùilean nas soilleire na is àbhaist Tha dath-shùilean ùr anns na bùthan an dràsda— ’sann pinc a tha e agus bithidh do shùilean acoimhead nas motha leis.

Tha na pìosan cotain fliuch marQUICKIESglé mhath corra uair, ach ma chleachdas tu ro thric iad millidh iad craiceann lag. Thoir leat stuth-ùrachaidh-craicinn (Skin - freshener) ann am botulpolytheneagus pìos cloimh-cotan. Glanaidh e daodann cheart cho math.

3. SNAMH: Ma tha dùil agad snàmh, tha deisean anns na bùthan cho brèaghas a chunnaic mi riamh. ’Se dathan dorcha as fheàrr, gu h-àraid mur eil thu cho caol is a bu mhath leat agus mar as plèin iadsann as fheàrr. Ma tha thu air aghrian a ghabhail mar thà, fiach soilleir liath. Tha e gu h-àraid snog le dath-na-gréine.

4 CASAN: Thoir leat brògan comhartailagus cha ghabh so a ràdh ro thric. Chan eil sàilean àrda comhartail idir air cho fasantas gum bheil iad. Cuimhnich gun at do chasan leis a ghréin. Mar sin bi cinnteach gum bheil do bhrògan farsainn gu leòr.

[Dealbh]

titleMaise Gnuis
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 48 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page