[335]

Obair Psychologist Sna Sgoiltean

Le M.M.

’S TRIC a theid fhoighneachd dhomh, “Gu a bhitheas do leithid adèanamh. Feumaidh e bhith gu bheil an obair àraid.” Tha e sin gu fìor agus làn de shuidhichidhean ùr agus eadar-dhealaichte dìreach mar a tha gach leanabh eadar-dhealaichte ris gach aon eile. Agus is e achiad rud agus an rud mu dheireadh a dhfheumas sinne cumail far comhairgur ann airson math na cloinne a tha sinn ann. Tha e duilich farsaingeachd na h-obrach a chur an céill ach ma bheir mi cunntas air dha no trì den fheadhainn bheaga bheir e beachd nas fheàrr. (Tuigidh sibh gu feum atharrachadh bhith air ainmean).

Seumas beag an toiseach. Bha Seumas ga mo fhrithealadh greis mhath. ’Se balach neònach a bha ann mar a thubhairt abhean-teagaisg an uair a dhiarr i orm sùil a thabhairt air is mi latha anns an sgoil. Cha robh Seumas buileach math no dona aig cuspair sam bith. Balach beag sona gu leòr a réir coltaisged a bhitheadh e tric dùinte stighna smuaintean féin, anns achlas agus a-muigh. Ach air uairean chuireadh e iongnadh air abhean-teagaisg leis na freagairtean deas a bhaige gu ceistean duilich no le fiamh gàire a thigeadh air aodann an uair nach robh càch air aobhar gàire a lorg. Dhinnseadh e sgeulachdan ás a mhac-mheanmhainn a nochdadh gu robh inntinn dealasach aruith air cùisean nach saoileadh i. A thuilleadh air an soan uair a bha deuchainn inntinn aca mar chlas (I.Q. mar a theireas iad) thàinig Seumas a-mach fad air thoiseach air


[336] a’ chòrr ged nach robh obair faisg fàire cho math ris an deichneir a bha air thoiseach sa’ chlas.

Se so a dhaobhraich gun dubhairt i, “An toir sibh sùil air Seumas dhomh feuch a bheil mi sùileachadh cus uaithe ás déidh cho maths a rinn e.”

Thug mi fhéin is Seumas uair a thìde còmhla. Rinn e na deuchainneanna aonar, fhreagair e ceistean, rinn e dealbhan agus dhinnis e dhomh sgeulachdan. Cha robh teagamh anns achùis nas motha. Nochd Seumas nach be balach anns an t-sreatha a bhann dheth. Bha eanchainn cho ealamh aig seachds a bhitheadh amhór chuid aig deich bliadhna.

Be ar ceisd a nis a dhfhàg leithid so do bhalach cho fada air chùl? Cha robh duine air achlas sin aig an robh an comas-inntinn a bha aige. Son so a dhèanamh soilleir bfheudar fios a chur air a mhàthair.

Seumas beag bochddhfhàg athair an tigh is gun e ach cóig bliadhna a dhaois agus làn gaol a chridhe aig air. Reic a mhàthair an tigh mór àluinn a bha aca agus bha iad a nis an aon seòmar. Bha i ag obair gach latha, mar a dhfheumadh i, agus bha Seumas san sgoil le iuchair an tighe air sreang mu amhaich, dol dhachaidh gu tigh falamh fuar, no fuireach aig nàbaidh, gun tigeadh i aig sia uairean.

Bha a shaoghal blàth air sgàineadhcha robh iongnadh faobhar inntinn a bhith gun ghleusadh.

Thòisich an uair sin an dara ceumcobhair is ceartas don bhalach cho fad is a bha e an comas oir cha ghabh àite an athar a dhfhalbh. Fhuair e an toiseach leasanan air leth san sgoil gus a thoirt air adhart agus chaidh innse don bhalach thuigseach a bha so dìreach carson. Ghabh am maighistir sgoile tlachd ann agus thug se e don leabhar-lann gach seachdain gu leabhraichean a thaghadh. Fhuaras àite dha ás déidh na sgoile gun tigeadh a mhàthair. Chòrd so gu léir gu math ri Seumas, agus ged bha lorg aige air iarrtas air athair, dhaithnich e gu robh gach duine ga chuideachadh agus ga thuigsinn. An ceann sia mìosan an uair a chunnaic mise rithist e, bha e tur eadar-dhealaichte. Tha e nis air toiseach a chlas agus ma theid leis mar so bithidh e stiùireadh chun an Oilthigh. Tha fiamh aghàire air daonnan agus is ann tearc a tha e ga dhùnadhna shaoghal beag fhéin an nistha an saoghal a tha muigh làn de mhìorbhuilean dha.

Sin agaibh mata aon do bhur balaich. Chì sibh gu bheil sinn toirt sùil air gach mun bhalach no chaileag a tha fo dhraghtha sinn acoimhead mar a tha iad agus mar a burrainn dhaibh a bhith.


[337]

Tha sinn toirt sùil air gnothaichean san sgoil agus aig an tigh feuch càite an gabh iad leasachadh. Feumaidh sinn greis ateagaisg sinn fhéin mar a thuigeas sibh, gus comhairle thoirt seachad don luchd-teagasig agus greis eile san Oilthigh ri Psychology agus Foghlum gus obair araon leis an leanabh agus ri phàrantan maith-dh’ fhaoidte.

Dòmhnall Bàn, so agaibh balach eile nach robh idir cho furasda a thuigsinn ri Seumas. Bha e air trì bliadhna a chaitheamh san sgoil agus gun aon fhacal sgoil a dholna cheann. Bha ena cheusadh don luchd teagaisg a dhfheuch gach ris. Fhreagradh e air uairean gu glic ach chan ionnsaicheadh e idir. An ceann greis leis bha e soilleir dhomh gu robh balla air choreigin eadarainn, balla a bha bacadh an leanaibh so gu tur. Chuir sinn e gu deuchainn claistneachd a sheall dhuinn bun aghnothaich. Bha làn boidhre anns an dara cluais agus leis an te eile chluinneadh e criomagan de bhruidhinngu leòr chum gun togadh e bruidhinn ceartach ro bheag airson gun ionnsaicheadh e. Son gur e baile mór anns an robh e, chaidh a chur an clas de leithidean le innealan gu a chlaistneachd a chuideachadh. Tha e ag ionnsachadh a nis. Saoilidh sibh, mar a shaoil mise, gur iongantach nach do mhothaich a mhàthair so a riamh. Besan a riamh Dòmhnall beag solt sàmhach air nach do chuir i umhail a riamh seach a bhith taingeil chosolt” ’s a bha e a bharrachd air na seachdar eile. Ach bithidh Dòmhnall ceart gu leòr a nis is thig e gu ceann a chosnaidh gun cnap-tuislidh tuilleadh.

Se so tha dèanamh an obair tlachdmhor an cuideachadh a nithear. Mar a thubhairt mi tha gach aon eadar-dhealaichte agus feumar coimhead ri gach aon ás ùr, leotha fhéin. Tha iomadh deuchainn inntinn ann a bheirear don chlasnan suidhe còmhla, agus a bheir beachd air amhórchuid, ach cha sheall iad gu bheil Dòmhnall bodhar agus Seumas le cridhe briste agus chan amais iad air gnothaichean a chur ceart!

Samaidh a nis. (So an trìtheamh balach, ach na creid nach bi caileagan againne cuideachd). An uair a chunnaic mi an toiseach e cha robh dad a dhèanadh e ceartaig an tigh no san sgoil. Bha e sìor sireach aire on bhean teagaisg agus cha robh en comas dha e fhéin a shuidheachadh ri aon seòrsa obair. ’Sann aig an dachaidh a bha bonn na trioblaid so, mar a fhuair sinn a-mach. Bha leanaban beag ùr aig a Mhamaidh agus cha robh guth aice-se air. Bha a nighean mhór gu mór aig a h-athair. Mar sin bha Samaidh air fhàgail ás agus bha e ga dhèanamh fhéin leanabaidh gu a phàrantan a tharraing


[338] chuige fhéin. Bha so gan cur buileach a fuath uaithe. Tha cùisean a nise nas fheàrr. Bha na pàrantan le chéile air an tamailteach an uair a thuig iad mar a bhà. A nis tha athair ga thabhairt a-mach a dhiasgachd agus gu coimhead ball-coise. Tha baighseagail aige. Agus tha obair-sgoile sìor dol nas fheàrr.

Bha Màrtainn beag sia bliadhna a dhaois. Cha robh mi air a bhith bruidhinn ris ach mionaid no dhà an uair a ruith a pheansail leis an dasc gus an làr. Cha do rinn e oidhirp air a ghlacadh no thogail. Thubhairt abhean-teagaisg gu robh e daonnan mar so sachlas. Chan iarradh esan cothrom cuideachadh an uair a bhiodh càch timcheall oirre gus sam bith a dhèanamh, mar a tha e nàdurrach aig an aois sin. Bha Màrtainn, mar a thubhairt i, mar soitheach beag falamh, fuireach gus a lìonadh duine e. Cha dèanadh e oidhirp idir air a shon fhéin. Mar sin tuigidh sibh nach ionnsaicheadh e móran. Fhuair sinn a-mach gun do bhàsaich pàrantan abhalaich an uair a bha e bhliadhna a dhaoisann an tubaisd le car. Thogadh e le sheanair agus a sheanmhair a bha fhathasd éasgaidh iad fhéin, agus leis an truas a bha aca ris rinn iad gach sondèanamh an àirderis airson na chaill e. Rinn iad cusbha iad ga mhùchadh len gràdh. Aig sia bha iad acìreadh fhalt is ga nigheagus toirt dha a bhreacaisd san leabaidh. Gu fàbharach, is e daoine ciallach a bhannta, agus thòisich iad air ball air slighe na bfheàrr. A nis aig deich, tha Màrtainn mar a leithidean eilecrosd air uairean astreaps aruiths asracadh a bhriogais. Agus tha a sheanmhair glé mhór ás.

Sud agaibh beagan mun obair. Tha tuilleadh ann gu cinnteachclann a tha mall gu ionnsachadh a thaobh cion buadhan nàdurra neo easbhuidh air choreigin o àm am breth neo eadhon roimhe. Leotha so is e an obair againn lorg càite a bheil an sgoil as iomchuidhe dhaibh agus air uairean cuideachadh le comhairle don luchd teagaisg.

Le gach leanabh a chì sinn tha sinn atòiseachadh le uair a thìde de sgrùdadh a thaobh ealantachd-inntinn (neo I.Q. ) agus nàdur an leanaibh. Chan eil an sin ach tòiseachadh. Air uairean bheir obair le leanabh, a phàrantan agus a luchd teagaisg suas ri mìosan neo bliadhnachan, agus mur eil iadsan a tha stiùireadh na cloinne leinn anns gach ceum chan eil móran ann as urrainn dhuinn a dhèanamh. Tha an luchd-teagaisg air fad, agus amhór-chuid de phàrantan cuideachd, toilichte gu cuideachadh. Còmhladh, is e ar dleasdanas cinnteach gu bheil gach balach is nighean afaotainn ceartas agus air am foghlum a réir an Achd Phàrlamaid a tha gealltainn sin dhaibh.

titleObair Psychologist sna Sgoiltean
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

M.M. in Gairm 48 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page