Na ‘MacDonald Sisters’
Tha na ceathrar pheathraichean so air ainm a dhèanamh dhaibh fhéin air an Telebhisean ann an ùine gu math goirid. Tha iad uile cho tlac1100hdmhor is na h-òrain aca cho annasach is gun robh a fón aig an S.T. V. a’ dol fad na h-oidhche, a’ chiad uair a bha iad air an dealbhachadh, le feadhainn ag iarraidh am faicinn is an cluinntinn a rithist.
’Sann á Leódhus a tha iad ach tha iad uile pòsda nis is iad fhéin ’s an teaghlaichean a’ fuireach air Ghalldachd.
Bha Kathleen ’na h-oileanach ann an Acadamaidh Rìoghail na h-Alba airson ceòl. Stad i theagasg ceòl nuair a phòs i ach o chionn ghoirid tha i air tòiseachadh air a dhol air feadh na sgoiltean a’ toirt leasanan dha’ n chloinn air mar a chluichdeas iad am flute.
Bha Peigi ann an Colaisde Skerry agus Fiona air a h-ionnsachadh anns an Tigh-Eiridinn Rìoghail ann an Glaschu.
Bha Agnes ann an Colaisde nan Cleas ann an Obar-Dheadhain agus tha i nis a’ teagasg sgoile ann an Glaschu.
Bidh dòchas againn gur fhada bhios iad còmhla a’ toirt toileachas dhuinn agus misneachd cuideachd nar ceòl’ ’s nar cànan.
C.C.D.
title | Na ‘MacDonald Sisters’ |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | C.C.D. in Gairm 48 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |