2. Cuairt air Madainn Cheitean
Le NANCY CHEANNAIDEACH
Anns a’ mhadainn chiùin Chéitean, ’s mi leam fhéin feadh nan stùc,
Cha robh ghrian ach air éirigh ’s bha gach réidhlean fo dhrùchd,
Na h-uain bheag ri leumnachd ’s eòin nan speur ’s iad ri ceòl
Thog bho m’ chridhe gach éislean ’s bha e éibhneach bhith beò.
Nuair a dh’ fhàg mi mo dhachaidh bho iomadh farran gam chràdh’
Bha gach nì dol orm tarsainn, cha robh fois dhomh an àit,
Nis bha sùilean mo chridhe air am fuasgladh ás ùr
’S bha ’n saoghal dhomh maiseach ’s chaidh gach smalan air chùl.
’Se chomhairle bheirinn air neach tha fo ghruaim
Eirigh tràth anns a’ mhadainn mum bi duine mun cuairt,
Is beachdachadh tamall air maise Nàduir cho tràth:
Théid air dìochuimhn’ gach farran ’s bidh gach latha gun sgàil.
title | Cuairt air Madainn Cheitean |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Nancy Cheannaideach in Gairm 48 %p |
parent text | Fios a Tiriodh |