3. Da Naidheachd
bho NIALL URCHADAN
Sgeul mu Dhonnchadh Bàn
Nuair a bha Donnchadh Bàn nan Oran a’ fàs sean bha e aon latha a-mach a’ sealg còmhla ri companach. Thàinig lacha mór os cionn an dithis agus loisg am bàrd oirre ach cha do bhuail e an lacha idir.
“Ach,” thuirt a chompanach. “Nach eil do shùilean a’ fàs dona?”
“Chan eil,” fhreagair Donnchadh gu luath. “Far am bi thusa a’ faicinn aon bithidh mise a’ faicinn dithis.”
An Rud Milis
Bha balach beag, Iain, agus fhuair e rud milis bho athair. Dh’ fheuch e i ach cha do chòrd i idir ris. Chaidh e a-mach airson ùine bheag agus an uair a thàinig e a-stigh a rithis thuirt e ri a sheanmhair, “Feuch so”, is e a’ toirt dhi an rud milis.
Dh’ fheuch i an rud milis. “Och”, thuirt i, “chan eil i math idir.”
“Nach eil sin iongantach,” ars am balach, “Cha do chòrd i ris a’ chat nas mò”.
title | Da Naidheachd |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Niall Urchadan in Gairm 48 %p |
parent text | Fios a Tiriodh |