[343]

4. Na Peileagan

le LACHLANN MACPHARLAIN

Nuair a bha sinn ag iasgach aon latha chunnaic sinn péileagan acluich anns an fhairge ach bha iad fada air falbh. Thàinig am feasgar agus bfheudar dhuinn dèanamh air tìr. Nuair a chuala iad fuaim an inneil thòisich na péileagan air leum a-mach ás an uisge agus thàinig iad dìreach air abhàta. Thòisich iad acluich mun cuairt oirnn. Shnàmh aon dhiubh fon bhàta agus bhuail a dhruim anns an toiseach. Bha am bàta afalbh glé luath agus cha mhór nach robh i thairis. An ùine mhór thàinig sinn gu tìr, ach bha na péileagan acluich mun cuairt oirnn fhathast, ach an uair a chunnaic iad an ceadha shnàlmh iad air falbh. Bha sinn glé thoilichte. Bha na péileagan acluich anns abhàgh fad na h-oidhche ach bha iad air falbh anns amhadainn.

titleNa Peileagan
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Lachlann MacPhàrlain in Gairm 48 %p

parent textFios a Tiriodh
<< please select a word
<< please select a page