5. Na Bataichean Siuil
le DOMHNALL E. MEEK
Is iomadh uair, tha mi cinnteach, a chunnaic daoine a’ sealltainn a-mach gu fairge taobh a deas Shasuinn, siùil bhrèagha bàta a’ tighinn thairis air cuairt-nan-speur. B’ e sud siùil té de na bàtaichean brèagha a bhiodh a’ toirt tea ás na h-Innsean agus cloimh á Astràilia. Bha i a nis a’ stiùireadh dhachaidh cho luath ’s a b’ urrainn dhi. Bha sin aig deireadh na h-ochdamh linne deug agus is ann an uair ud, gu dearbh, a bha fios aig seòladair dé bha ann a bhith a’ seòladh.
B’ i anCutty Sarkté de na bàtaichean a bha glé ainmeil. Bha i còrr is dà cheud troigh de fhad agus bha an crann a bh’ àirde aice seachd fichead troigh ’s a dhà. Bha i air a togail ann an Albainn airson Iain Willis agus a Mhac. Is iomadh uair a bha am bàta mórchuiseach ud
Uair eile agus anCutty Sarka’ tighinn ás na h-Innsean, chaill i a stiùir ann a stoirm mhór. Ach cha d’ fhuair an stoirm buaidh oirre. Thòisich na seòladairean agus gheàrr iad pìos mór fiodha ’na thrì pìosan, fear mór, fear beag agus pìos na bu lugha air fad, agus an déidh sin a chur ri chéile, chuir iad e an àite le ròpaichean làidir agus slabhraidhean. Leis an innleachd ud, ràinig anCutty Sarkceann-a- deas Africa gu sàbhailte.
’Se an réis a dh’ fhanas nas fhaide ann an cuimhne nan Tirisdeach an réis a bha eadar an “Taeping” agus an “Ariel”. B’ e sgiobair an “Taeping” Dòmhnall MacFhionghuin a bha air àrach anns an eilean. Thàinig an dà bhàta bhrèagha ud troimh Chaol Shasuinn agus na croinn-spreòid aca taobh ri taobh. Co-dhiù, b’ fheudar dhaibh fuireachd airson bàta-smùid a bheireadh a-stigh do ’n phort ud, ach fhuair an “Taeping” bàta-smùid an toiseach agus fhuair i a-stigh air thoiseach air an “Ariel”.
Ma tha duine sam bith aig Cluaidh, uair no uaireigin, bu chòir dol a dh’ fhaicinn na Carrick, seann bhàta-siùil aig Luchd Luingeas Chogaidh Bhreatainn. B’ i aig aon àm am bàtaCity of Adelaide, a bha ainmeil airson cho luath ’s bhiodh i a’ toirt a luchd de chloimh bho Astràilia gu Lunnainn. Chaidh a togail ann an ochd-ceud-deug trì fichead ’s a ceithir. Tha i còrr is ochd fichead troigh de fhad agus da fhichead troigh de leud. Aon uair thàinig i bho Adelaide gu Lunnainn ann an tri fichead ’s a cóig de làithean. ’S beag a tha i a’ dèanamh a nis ach bithidh i ainmeil cho fad ’s a bhios i ’na bàta.
Cha robh móran comhfhurtachd anns na bàtaichean sin agus bha am pàidheadh glé bheag. Chuala mi seann seòladair ag ràdh gun d’ fhàg e aon bhàta air an robh e a’ faotainn dà not agus deich tasdain sa’ mhìosa, agus chaidh e air té eile air an robh e a’ faotainn dà not agus cóig tasdain deug sa’ mhìosa! Bha na seòladairean ud gaisgeil agus treun agus b’ iad a dh’ fheumadh.
Chan eil na bàtaichean ud ri ’m faicinn an diugh agus is mór an call e. Tha na bàtaichean-smùid a nis ’nan àite ach cha lìon iad àite a’ Chutty Sark agus nam bàtaichean eile d’ a seòrsa.
title | Na Bataichean Siuil |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Dòmhnall E. Meek in Gairm 48 %p |
parent text | Fios a Tiriodh |