[345]

Clann an Lathan Diugh

Le CAIRISTIONA DICK

DEALBHAN LE DIANA

NUAIR a thòisich achlann ri bruidhinn an toiseach bha sinn gus a h-uile oidhirp a dhèanamh agus faclan coigreach a chumail uapa. Mase Gàidhlig a bha iad adol a dhionnsachadh, cumadh iad rithe agus coma leam dhen smodal.

Sinn a bha dèanamh math an toiseach ach mar a bu mhotha bha iad ag ionnsachadhs acleachdadh de chainnt bha taobh eile air an sgeul.

Tha Ceit uabhasach titheach air dotaireans a leithid. Cha do ghearain i riamh air an iomadh stobadh a bhios clann afaighinn airson na triuthaichs gach anacair eile agus ithidh i de bhileachan na thogras tu thoirt dhi.

Bha i greiseag ann a sud agus bhiodh i gearain gun robh a h-amhaich goirt. Cha robh mi toirt móran géill dhi oirsann aig àm cadail a h-uile oidhche a bhiodh i tòiseachadh ach mu dheireadh smaointich mi gum biodh e cho math a thoirt chun an dotair. Aig trì bliadhna chan urrainn dhut a bhith ro fhaicealach. ’Si bha air a dòigh afalbh aca bha greiseag againn ri feitheamh anns an rùm a-muigh oir bha feadhainn romhainn agus bha Ceit agabhail fadachd. Mu dheireadh thuirt i


[346]Thugainn dhachaidh a nis. Tha mi nas fheàrr”. Rinn so cinnteach buileach mi ach on a bha sinn air fuireach cho fada bha e cho math an dotair fhaicinn. Choimhead e oirre gu foighidneach agussi bha moiteil! Cha robh aon dad ceàrr oirre agus thug e dhi botal beag milis dearg airson a toileachadh. Nuair a bha sinn afalbh thionndaidh mo laochag agus thuirt i ris an dotair.

Tha sinn a nis afalbh chun anDentist!”

Mar a dhamais tha Gàidhlig aig an Dotair agus cha mhór nach cuala mi ag radha,

Nach eil e cho math dhuibh tadhal aig aVetcuideachd anns an dol seachad!”

Sin an nis trì faclan tha cumanta gu lèor, Dotair, DentistagusVet. Cha chuala mise eadhon co-aoisean mo sheanar acleachdadh lighiche. Thuirt mi ri Ceit achiad turas a thug mi ann i gun robh sinn adol gu Bodach nam Fiaclan. Nuair a chunnaic i an duine òg snasail a bha sin cha robh i fadag innse dhomh.

Chan e bodach tha sin ann. Tha e snog!”

cho neo-mheasgachs a ghabhas cànan a cumail? Tha mi coimhead anns an Fhaclair Eireannach agus tha mi faicinn gur e Fiaclóir a


[347] chanas iad ri Dentist. Saoil a bheil iad acleachdadh an fhacail so?

Agus a bheil thu nis adol a radha Lighiche nam Beothaichean ris aVet?

Nuair a chì daoine cho faisg is a tha an dithis nighean air a chéile, canaidh iad.

Nach buidhe dhut, faodaidh an bheag aodach na ile a chosg.”

Ach chan ann mar sin a thà. Feumaidh an dithis aca an aon rud aig an aon àm agus gu dearbh fhéine chan eil Màiri adol a chur oirreaodaich puilleach a bhaig Ceit!’ Agus tha aon trod mu na rudan-cleas aca. Shaoileadh tu gun obraicheadh iad am pàirt gu reusanta. Feuch thusa an obraich.

Thug Seanair a cheannachpramiad an latha roimheaon phram. Thug fear-na-bùtha ugainn bocsa mór agus thog e ás ampram .Leum Ceit chun a so anns amhionaid agus a-mach leatha. Rinn Màiri aon eubh agus sìos a ghabh i an comhair a cinn dhan bhocsa feuch an robhpramann dhì-se cuideachd ach cha robh. Bha i an crochadh an sin, a ceann ás an t-sealladh, a tòin bheag an àird agus a casan abreabadh le fearg is briste-cridhe.

An cuala sibh nighean bheag riamh is a casan os a cinn arànaichpram ?Fhuair isepramcuideachd ma tha.

[Sanasan]

titleClann an Latha ’n Diugh
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Cairistìona Dick in Gairm 48 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page