[41]

FAIRE UR A’ NOCHDADH

(Earrann air a bheil dreach na h-oigefo iuil Cairistìona Dick)

Co Aig Tha Fios

Le L.M. D.

An tainig am pàipear fhathast?”

Tha e air abhòrd, ”arsa Màiri.

Shocraich mi mi fhéin gu taingeil ri taobh an teine. Bha latha trioblaideach air a bhith agam anns an stéiseanmur robh iad agoid chàraichean bha na ceàrdanan aig amhaichean a chéile no rud air choreigin.


[42]

Lìon is las mi mo phìob is dhfhosgail mi mo phàipear aigNa Bàis” —fìor chomharra na h-aoise:

MacDonald: Cha baithne dhomh idir e.

MacNaughton: Piuthar Iain Alasdair. ’S iomadh oidhchc mhath a bha agam fhéin is Iain sna Terries nar n-òige.

MacPhaidir: Archie, dearly beloved son of James MacPhaidir, accidentally drowned Friday, 13th September, 1963. Sadly missed. Rhunahaoine, Inver, Ross-shire.

Uill! Uill! Uill! Dearly beloved–Sadly missed. Nach math a an dealachadh an duine.

Am foghar so chaidh? ’Sann dìreach. Bha mi air mo chòta chur orm is mi dol a dhèanamh dhachaidh an déidh bhith anmoch acur crìoch air rud dhà a bha dhith airson na cùirte an ath latha. Bha an sàirgeant ga shocrachadh fhéin air cùl an desc airson na h-oidhche is am pàipear-naidheachd aige am falach fon leabhar-latha. Leig am fón brag. Thog an sàirgeant air a shocair e.

InspectorMac Ghilleathain. Rhunahaoine. Tha fear ás abhaile a dhìth is thatar den bharail gun deach a bhàthadh. Tha rud no dhà acur dragh air Mac GhillEathain.” Thug an sàirgeant sùil orm. Gonadh air Mac GhillEathain is a dhraghannan.

Can ris gum bi sinn shuas cho luaths a theid againn air.”

Thubhairt an sàirgeant facal no dhà dhan fón is leig e ás a làimh e.

Bitheadh càr deis ann an deich mionaidean is fiach am faigh thu cupa tea is gréim air choreigin dhomh.”

Bha mi ag amharas gur ann a bha fiamh aghàire air aodann. Seadh bithidh fios aig do dhà chluais air an ath-turas a chì mi pàipear am falach agad.

Ann an ceann na h-uarach bha sinn anns an Rubha, baile beag mu mhìle duine. Bha duine an suds an so sna dorsan a dhaindeoin cho anmochs a bha i. Thachair sinn air Mac GhillEathain aig meadhoin abhaile.

Uillille, tha cur riut?”

Thòisich Mac GhillEathainna dheann is bha e furasd aithneachadh air gun robh e toilichte a bhith caoideas achùis.

Thainig fios aig deich mionaidean gu deich ag ràdh gun robhar an dùil gun deach Earchaidh Ruadh a mhilleadh a-muigh aig an Sgeir Dhuibh. Rinn mi air achladacha bha Ruairidh Bàn an sin gun sgòd aire fhéin is fear no dhà eile còmhla ris. Thubhairt e rium gun robh e fhéin is Earchaidh san tigh-sheinnse fad na h-oidhche is nuair a


[43]

dhùin e gun do ghabh iad cuairt a chur crìoch air leth-bhotal a bhaig Earchaidhna phòca. Bha aghealach adeàrrsadh air an t-seann sgreagach a chaidh air an sgeir an uiridh. Chuir Earchaidh geall ris nach deanadh e dheth snàmh chun na sgeir. Is e bha air a achùis gun do chuir iad le chéile dhiubh gach sgòd a bhorra is mach a ghabh iad. Chan fhaca Ruairidh sealladh tuilleadh air Earchaidh mas fìos a sgeul.”

Seadh. Uill carson nach do chuir thu fios a-staigh san dòigh àbhaisteach— ’s cha bhitheadh an còrr air achùis, an àite a dhol gam tharraing-sa dhan àite so aig an àm so a dhoidhche?”

Arsa MacGhillEathain gu socair

Bha lorgan dithis adol chun na mara is lorgan dithis atighinn an àirde ach gun robh aon aca pìos an taobh shìos den àite far an do dhfhàg iad an aodach.”

O,” arsa mi fhéin, is gun achùis atighinn dam réir idir, idir, “thoireamaid sùil air na lorgan annasach so.”

Cha ghabh sin dèanamh, ”ars esan, “tha pìos math lìonaidh oirre a nis. Tha na lorgan air an cur fodha.”

Uh, is dòcha gur e cuid de na bha bhos nuair ràinig thu fhéin a rinn na lorgan sin.”

Tha iad acleachdadh rudeigin mun casan anns an àite so,” ars esan air a shocair.

Ma dhfhaoidte gur e fear-siubhail ga bhlianadh fhéin feasgar a bhann.”

Thomhais mi na lorgan. Bha na fheadhainn a bfhaide shìos air an aon mheudachd ri cuid den fheadhainn dlùth air an aodach.”

O! Càit eil Ruairidh Bàn an dràsda?”

Charc mi e.”

tha thu cur ás a leth?”

Misg, a-sìth, taisbeanadh neo-laghail. sin an gnothach an dràsda.”

Uill,” arsa mis’, “chan eil móran a ghabhas dèanamh a-nochd tuilleadh. Na can an còrr mu na lorgan an dràsda. Cruinnich an t-aodach sin is thoir leat e. Ma dhfhaoidte gur ann a bhios Earchaidh còir air an tigh am màireach.”

Samhadainn ghabh mi fhéin is Mac GhillEathain cuairt chun an tigh-òsdis ás a sin chun na tràghad. Nuair ràinig sinn shìos An Rubha chuir mi ceist no dhà air.

seòrsa duine a bhann?” Chan eil fhiosam thug orm acheist a chur mar sud.

[44]
[45]

Trusdar,” fhreagair e. “Bha e fo ghlais uair no dhàmisg, milleadh is rudan mar sin. Cha robh meas air sabhaile no aig an tigh. Cha bhi móran ga chaoidh mur bi Ruairidh Bàn. Fear eile den aon t-seòrsa.

Gabhamaid sràid chun an tighe.”

Cha robh sinn fada aruigheachd an tighe, ghnog sinn is ghabh sinn a-stigh.

Bha bodachna shuidhe ag ceann abhùird. Bha balach òg is boireannachnan suidhe ris an teine is bha duine leth aosdana sheasamh am meadhon an ùrlair.

Tha mi faicinn gu bheil luchd céilidh agaibh,” ars esan. “ Sud agaibh cnogan feòla no dhà a fhuair mi an diugh fhéin. Tha min dòchas gum faigh sibh fios air Earchaidh roimh dheireadh an latha. Madainn mhath leibh.”

Thug am bodach an droch shùil ud oirnn.

Uill, Mhic GhillEathain,” ars am bodach, “tha mi creidsinn gur e fear eile de dchuideachd a tha agad ri dchùl an sin. Tha fios agad nach eil iarraidh ort an so. tha dhìth ort? Mhàiri, fosgail aon de cnogain sin dhomh.”

Stad gus am blàthaich mi e,” an am boireannach.

Ach, feuch dhomh e mar a thà e,” ars am bodach.

Dhfhosgladh an cnogan is chaidh a làn a dhòrtadh air truinnsear. Thòisich am bodach air an fheòil a dhinneadh dhan bheul shligneach ud gun facal aige. An ceann greiseig stad e is an fhorcna stob.

An diabhal orra nach fhaodadh iad an t-seiche co-dhiù a thoirt far abheothaich!”

Sheall mi air an fhorc is bha pìos feòla gaoiseideach aige an sin. Lean sud an còrr sìos an slugan.

An do thill Earchaidh?” dhfhoighneachd Mac GhillEathain.

Cha do thill,” fhreagair Màiri,

Bheil fhios agaibh càit a bheil e?”

An Tigh na Galladh,” ars am bodach le snodha gàire, “is bfheàrr leam gu robh sibhse còmhla ris. Thoiribh an t-sitig oirbh is leigibh luchd abhròin!” Is leig e lasgan mór gàire.

Cho luaths a bha sinn air an t-sràid dhfhoighneachd MacGhillEathain dhiom,

An tug sibh an aire do na cnogain a bhaca an sud?”

“ ’S thug.”

Air an goid ás an fhactoraidh. Tha leth abhaile atighinn beò


[46] air na tha iad agoid ás an àitud. Chan eil fhiosam ciamar a tha iad aseasamh ris.”

An tug thun aire don fheòil a bham bodach ag ithe?”

Seadh. Bha aghaoiseid acoimhead caran ruadh. Tha sin neònach.”

Ciamar sin,” dhfhoighneachd mi-fhéin.

Crodh Eireannach a tha iad ag uisneachadh an dràsda,”

OAn robh atharrachadh sgeula aig Ruairidh Bàn an diugh”,

Cha robh. Tha e air tighinn thuige fhéin a nis ach tha e air an aon fhonn fhathast.”

Cha chreid mi nach gabh mi sràid feuch chì mi. Bithidh mi air ais mu àm dìnnearach.”

Rinn mi air meadhoin abhaile is gu dearbh cha be àite ro shnog a bhann. Bha minam sheasamh aig oir na sràide atoirt sùil mun cuairt nuair chunna mi fear òg peallagach aliùgadh mu na cùiltean is asmèideadh rium. Ghabh mi air mo shocair a-null far an robh e. Cho luath is a fhuair mi sealladh ceart dheth thuig mi gur e bhagam ach leth-chiallach.

“ ’S tu— ’s tu am maor-sìtha tha coimhead airson Earchaidhtrusdartrusdar. Chunnaic mi e. Chunnaic mi e. Trobhad, trobhad, trobhad. Seallaidh mi dhuit.”

Ghabh e dubh-ghréim air mo mhuilichinn is stiùir e mi chun na tràghad.

Seall. Bha minam sheasamh air cùl na cloiche an sud. Chunnaic mi e. Chunnaic mi e tilleadh. Thainig e air tìr an sud. Cha_do chuir e sgòd air. Rainig e an fhactoraidh is chaidh e stigh air an dorus-chùilefar am bi iad adol a-stigh a ghoid na feòlabidh an luchd-obrach ga fhàgail fosgailte. Bàbhaist dha bhith ag obair aig an inneal phronnaidh is chaidh e far an robh an inneal is thuit e dhan tuba. Rinn a cheann brag air ùrlar an tubabrag mór briagha air ùrlar an tuba. Ha ha, cha do dhéirich e idir.”

An Ainm an Aigh! rinn thu?” dhéibh mi ris.

Theich mi, eh-eh—, theich mi cho luaths a bhagam. Eh-eh, brag mór briagha. An trusdar!”

Bha mi afaicinn abhodaich acoimhead air achnap feòla ceann na forca.

Rainig mi an fhactoraidh a dhfhaicinn an fhir a bha ag obrachadh an inneil phronnaidh. An e sa an obair a bhitheadh e ris an còmhnaidh. Cha bè. Chuirear ris an so e a thaobh is nach robh Earchaidh Ruadh


[47] aig obair samhadainn. An do choimhead e am broinn an tuba nuair thòisich e? Cha do choimhead. Bha an inneal ag obrachadh leis fhéin oir bha obair an latha air tòiseachadh mun do chun iad esan ris an obair sin.

Chaidh mi far an robh MacGhillEathain.

Chaidh Earchaidh Ruadh a mhilleadh.”

mu na lorgan?” dhfhoighneachd Mac GhillEathain.

Chaidh a bhàthadh tha mig ràdh riut. Chaidh a bhathadh!”

Thog mi am pàipear a bha a nis air tuiteam chun an làir.

MacPhaidirArchie, dearly beloved son of James MacPhaidir, accidentally drowned.

Is mór a thachras roimh cheann na bliadhna. Choimhead mi fon t-sùil air Màiri a bhana suidhe air taobh eile an teine. Bha chnogan. Saoil an do dhith iad an cuid? Saoil?

titleCo Aig Tha Fios
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textFaire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page