Fasanan Ura
Le C.C.D.
BHA mi toirt sùil mun cuairt anns na bùthan airson dreas beag a bhiodh feumail aig dannsaichean is cruinnichidhean aighearach a’ Gheamhraidh agus tha mi faicinn gur e aodach mìn boireann a tha anns an fhasan am bliadhna.
Tha móran dhe na dreasaichean air an deanamh de lace chotan air a lìnigeadh le sìoda—dhe ’n aon dath mar as trice. Tha beagan farsaingeachd anns na sgiortaichean is tha muilicheannan air móran dhiubh cuideachd le cruinneachadh de ’n lace mu ’n bheul aca. Glé thric tha riobain de shìoda sleamhainn mu’n mheadhain, a’ ceangal le ròs dhe ’n aon t-seòrsa. Chan eil prìs nan dreasaichean ás a rathad idir.
Tha chiffon cuideachd ga chleachdadh gu mór, gu h-àraid còmhla ri sìoda na crepe. Chì sibh anns an dealbh cho mìn ’s a tha am fasan so. Tha an dreas fhéin air a dheanamh de chrepe agus na muilicheannan de chiffon. Tha an coileir e fhéin de chiffon agus riobainean de ’n aon aodach a’ ceangal aig a’ chùl. Tha am bràist a’ tighinn leis an dreas. Gheibh sibh am fear so ann an Donn, Fuchsia, agus Dubh.
Cruachainn 36 in. - 42 in. £7 17s 6d.
[49]Obair-ghréis rud eile bha cumanta air na dreasaichean air an robh mi coimhead agus so anns an dealbh am fear a b’ fheàrr a chòrd rium. Tha so air a dheanamh de chrepe cuideachd le obair-ghréis mu ’n mheadhain agus tha e air a lìnigeadh. Gheibh sibh e ann an Dubh no Geal.
Cruachainn 36 in. - 42 in. £7 17s 6d.
Tha an dà dhreas tha so air an deanamh anns na tomhaisean àbhaisteach agus anns na tomhaisean goirid cuideachd( ’se sin fo 5 troighean agus dà òirleach). Gheibh sibh iad aig:
MacLachlan & Brown, 8–12 Murray Place, Stirling.
Cuiridh iad agaibh leis a’ phost iad agus ged nach eil iad a’ cleachadh a bhith gabhail aodach air n-ais mur eil iad eòlach air an té bhios ga cheannach cuiridh iad an cleachdadh so an dàrna taobh airson luchd-leughadh Gairm. Ma chanas sibh gur ann an Gairm a chunnaic sibh na dreasaichean cuiridh iad ugaibh taghadh agus faodaidh sibh a rud nach sibh ag iarraidh a thilleadh.
title | Fasanan Ura |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Faire Ur a’ Nochdadh |