[50]

Maise Gnuis

Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH

Falt trom, trom, dualach,
Falt buidhe mu do ghualainn.”

Cia mheud againn a tha agabhail uimhir saothair ri ar falts tha sinn ri ar n-aodann. An cuireadh tfhalt-sa aig an dearbh mhionaid bàrd gu bàrdachd? Gu tric tha aodann briagha air a chall air chùl


[51] sguab mhór de fhalt -sgiobalta. Tha dealbh bhriagha air a milleadh le cion aire. Agus cuimhnich gun dean falt fallain gleansach deifir mór eadhon air aodann pléin.

Bheir an Gruagaire cuideachadh dhut ma tha fear faisg ach faodaidh tu fhéin gu leòr a dhèanamh cuideachd.

Gabhaidh atharrachadh a thoirt air cumadh taodainn ma tha am falt air a chur air dòigh gu h-innleachdach agus ma ghabhas tu beachd faodaidh tu na staoilichean fasantafeadhainn aca gu math neònacha leasachadh gus thu fhéin a thoileachadh.

So agaibh achomhairle a bheirinn oirbh.

(1) Aodann fada. Na biodh am falt ro àrd air mullach do chinn ach biodh e air a mheudachadh aig na taobhanan. Bfheàrr dhut gun e bhith fada idir, ach ma tha biodh air a thionndadh suas agus a-mach aig a bhàrr.

(2) Aodann beag. Biodh e àrd air mullach do chinn agus air na chunnaic thu riamh na cleachd logaidh-bheag.

(3) Aodann leathainn. Cùm am falt air falbh o daodann. Sguab air ais e agus suas aig na taobhanan.

O chionn bhliadhanaichean a nis tha dath-cinn air fàs gu math cumanta agus cha mhór againn nach tug oidhirp air aig àm air choreigin. Ach ma tha thu am beachd fheuchainn fàg aig aGhruagaire an obair so. ’S iomadh rud neònach a dhfhaodas thachairt ma dhfheuchas tu fhéin airchan ann a-mhàin ann an dath iongantach ach dhfhaodadh tu call a dhèanamh cuideachd. Leig leis an fhear-ciùird a dhèanamh dhut.

Ma dhatharraicheas tu dath dfhuilt cuimhnich gum feum thu do Mhaise Ghnùis atharrachadh cuideachd. Na dathan a fhreagrasGruagach òg an fhuilt bhàincha choimhead iad uabhasach math airMo nighean donn.”

Mar sin gabh barrachd saothair ri dfhaltbruisig gu math e, ceud buille gach latha. ’S mór am piseach a thig air.

S dòcha ma bheir sinne oidhirp air ar falt a chur air dòigh gu tlachdmhor gun toir so air na gillean tilleadh gu staoilichean fireann a rithists gum fàg iad am falt fada aig na nigheanan.

Cho math is gum bheil Na Beatles is Na Rolling Stones ’se gruag nam ban a chuireas na bàird gu moladh.

titleMaise Gnuis
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textFaire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page