[55]

StacIlle Mhàrtainn

Le IAIN AONGHAS MACSUAIN (Ard-Sgoil Inbhir-Nis)

O chionn iomadh bliadhna air n-ais bha duine dom bainm MacIlle Mhàrtainn afuireach ann an Airdheàsaig, baile beag ann an ceann-a- tuath na Hearadh. Bha làir bhriagha ruadh aige agus bha e airson gum bitheadh searrach aice ach cha burrainn so a bhith oir cha robh àigeach aige idir. Aig an àm a bha so cha robh ann an ceanna-tuath na Hearadh ach aon àigeach agus is ann aig Stiùbhartaich Ath-linne bhà e.

Aon latha bòidheach, grianach Earraich chuir MacIlle Mhàrtainn roimhe gun rachadh e a dhAth-linne chun an àigich leis an làir. Dhfhalbh e bhon tigh mu mheadhon-latha oir bha aige ri dhol astar glé fhada troimh ghleann mór. Mu chóig uairean feasgar ràinig MacIlle Mhàrtainn a cheann-uidhe ach cha bann gu a bhanais.

Ràinig e geata fearainn nan Stiùbhartach agus an sin choinnich fear de na Stiùbhartaich ris. Dhinnis e dha an turas air an robh e agus càite ás an tàinig e agus gun robh e ag iarraidh an làir a bhith air a leigeil chun an àigich. Fhreagair an Stiùbhartach gu bragail ag ràdh nach deanadh e dad den chleas oir nach robh iadsan aleigeil làirean le daoine eile chun an àigich aca-san idir agus gum bitheadh e a cheart cho math dha tilleadh air n-ais don àite ás an dàinig e.

Cha robh MacIlle Mhártainn idir air a dhòigh leis an fhàilte oir bha e gu bhith glé thàmailteach dhà-san tilleadh dhachaidh agus gun chàil aige airson a thurais. Leis an sin thòisich an cònnsachadh a buabhasaiche eadar an dithis. Leis an fheirg a bhair MacIlle Mhàrtainn bhris e a-steach an geata roimhe agus leig e an làir còmhla ris an àigeach. Nuair a chunnaic an Stiùbhartach so bha e air a dhalladh leis an fheirg. An uair a bha an làir air a dhol gu feum, rinn MacIlle Mhàrtainn ás agus chuir e aghaidh air Airdheàsaig. Bha am feasgar a nis aciaradh ach is e deagh fheasgar a bhann.

Tha e coltach gun do lean na Stiùbhartaich troimhn ghleann e agus an uair a bha MacIlle Mhártainn air pìos math den t-slighe chur ás


[56] a dhéidh rug na Stiùbhartaich air agus mhort iad e. Chuir iad a chorp am falach ann an càrn.

An ath latha ràinig an làir dhachaidh ach cha robh duinena cois. Ghabh muinntir Airdheàsaig iongnadh mór den so agus leig iad an tòir iad. Rannsaich iad an gleann bho cheann gu ceann ach cha do lorg iad idir e. Gach latha bhitheadh muinntir Airdheàsaig atrusadh anns aghleann so bha iad acluinntinn manadh ag ràdh, “Cùm uaith an ,” ach cha robh duine dhiubh atuigsinn a bha e aciallachadh gus aon latha nuair a thàinig fear de na trusadairean air cnàmhan duine ann an càrn. Dhaithnich e anns amhionaid gum feumadh e bhith gur iad cnàmhan MhicIlle Mhàrtainn a bhannta agus riamh on latha sin cha chualadh am manadh.

Is eStacIlle Mhàrtainna thugar mar ainm air an stac os cionn achàirn far an do lorgar cnàmhan Mhicllle Mhartainn agus theirear sin ris chun an latha an diugh.

titleStac ’Ille Mhàrtainn
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textFaire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page