[61]

DEIREADH NA DEACHDAIDH

(A’ GHAIDHLIG ANN AN CUIRTEAN-LAGHA ASTRAILIA)

Le UISDEAN LAING (Astràilia-an-Iar)

MU chóig bliadhna an déidh dìteadh nan Africanaich dhubha ann am Bunbury ann an Astràilia-an-Iar ann a 1927, thàinig gu ruig Astràilia coigreach eile gun fhiathachadh, an Comunnach (Communist), Egon Kisch, duine geal á Czeckoslovakia. ’Se sgrìobhadair agus oileanach dùrachdach a bhann an Kisch agus; ged a leugh agus a chuale anns an Roinn-Eòrpa gu leòr mu dheidhinn Astràilia, cha bhitheadh e riaraichte gus an cuireadh e eòlas air an t-sluagh agus gus a faiceadh e na ceàrnan iongantach so le shùilean fhéin. O chionn gu robh deagh fhios aig oifigich a Riaghaltais gu robh e air seòladh rathad Astràilia, chaidh brath a chur chun aChaiptin, mun do ràinig e Fremantle, nach faodadh e, air chor sam bith, cead a thoirt do Khisch a chas a chur air tìr anns an dùthaich sin. Ann a sùilean a lagha aig an àm be buidheann chunnartach a bha anns na Comunnaich ged nach bitheadh iad agiùlainnam pòcaidean na bu chronaile na pocain bheaga de rudan milis; nam bitheadh droch amharas aig na maoir-shìthe gum buineadh tu dhaibh, bha cumhachd aca do ghlacadh an dàil agus do sparradh anns aphrìosan gun dearbhadh sònraichte gu robh thu ciontach. Ach bha Kisch air inntinn a dheanamh suas gu rachadh e gu tìr, òrdugh Riaghaltais ann no ás, agus mar sin, cho luaths a ràinig am bàta an cidhe ann am Port Melbourne, gheàrr e leum aigeannach a-mach chun achidhe agus ann am mionaid no dhà bha e air chall a-measg nan ceudan a bha gluasad air aiss air adhart air na sràidean. Ann an ùine gheàrr bha fios aig na maoir gun do dhfhàg e Melbourne agus gu robh e air a rathad gu Tuath agus fad trì làithean bha air a thòir, ga lorg troimh Bhictoria, na Monaidhean Liatha aChuimir Nuadh gu Sydney far an do rinn iad gréim air. Bha e


[62] anns aphrìosan cóig latha deug. fhads a bha oifigich Bòrd aChuspainn asireadh thalls a-bhos fear air choreigin aig a robh cànan -chumanta a dhearbhadh troimh dheachdadh (cànain) gum be eucorach gun nàire a bhann an Egon, droch dhuine aig nach robh còir fon Ghréin a bhith còmhnuidh a-measg sluagh cho neo-chiontachs cho socarach ris na h-Astraileinich!

A nisse sgoilear-chànan anabarrach foghluimte a bhanns aChomunnach agus an déidh a cheasnachadh gu dian latha ás déidh latha agus fiosrachadh fhaotainn mu thimcheall á dùthchannan eile, bha eagal air na Cuspainnich gu robh e deas-bhriathrach anns a h-uile cànan a bhatar alabhairt anns a Roinn-Eòrpa. Càit a faigheadh iad cànan leis an dìteadh iad e?

Mu dheireadh thall chuimhnich fear dhiubh gu robh cànan neònach ann an Albainn ris an canadh iad Gàidhlig agus gun deach a cur gu deagh fheum cóig bliadhna air ais nuair a chaidh triùir Africanaich a chaitheamh a-mach á Bunbury o chionn nach robh Gàidhlig aca. Cha robh gan dìth a nis ach fear (no ) a leughadh an deachdadh ann an Gàidhlig mun tòisicheadh achùirt. Bha Gaidheil gu leòr ann a Sydney a bha, na fosgladh iad am beòil, ceart cho fileanta anns aGhàidhligsa bha Ailean Ròcaire a a bha e afuadach treud mhuc an aghaidh nan clacha-meallains an air teicheadh. Ach chùm iad am beòil dùinte oir cha robh iad dad na bu déidheile air na maor-shìthe na tha achuid mhór den t-sluagh ann a Sydney an diugh. ’Se beachd muinntir abhaile mhóir sin gun deanadh iad an gnothach glé mhath ás aonais nam maor! A bharrachd air a sin bu choma leo na Cuspainnich, na creutairean sgreamhail a bha an dràsdas a ris acur suas, le cìs ùr, prìs a leanna nuair bu teotha a Samhradh. Uime sin an àite dhol gu tigh-na-cùirte nuair a bha feum aig a lagh orra, bfheàrr le Gaidheil Shydney beatha shìtheilnan tighean fhéin, no tadhal anns an tigh-òsda aig oisinn na sràide, gan greasadh sìosna sgòrnain ann an cabhaig mun cuireadh na Cuspainnich mhallaichte sgillinn eile air aphrìs. Mu dheireadh dhinnis cuideigin dha na Cuspainnich gu robh Gàidhlig ann am pailteas aig fear dhe na maoir, Sergeant Mac Aoidh, agus gu robh e deònach an deachdadh a leughadh ann an Gàidhlig. Cha do shoirbhich le Egon truagh ann a sgrìobhadh na deachdaidh agus aig crìoch na cùis bha ticead-turais air ais air a ghealladh dha air achiad bhàta a bha seòladh á Sydney gu Hamburg.

Ach cha be so abhinn dheireannachbha Kisch fada bho bhithna bhaothaire gun toinisg. Chuir e brath a dhionnsaigh an fhir-


[63] lagha bainmeile a bhann a Sydney, A. B. Piddington, agus thug esan air na Cuspainnichs na maoir achùis a chur mu choinneamh Ard-Chùirt Astràilia. Anns achùirt a lean thòisich a fear-lagha sin air ceasnachadh an t-sergeant gu mion mu dheidhinn na deachdaidh a leugh e do Khisch agus cha robh e fadair an t-seòl sin nuair a bhuail amharas e gur e fìor dhroch sgoilear Gàidhlig a bhann am MacAoidh agus nach robh foghlum sam bith aigan Gàidhlig ach àireamh bheag de ràdhan cumanta, mar thaThà gu mathagusTha i fliuch.”

Bha leabhar aig Piddington air abhòrd-sgrìobhaidh air a bhialaibh agus thug e siosar ás a phòca agus gheàrr e duilleag ás gach leabhar. Thug e aon duilleag don t-sergeant agus chùm e an eilena làmhan fhéin. An uairsin dhiarr e air MacAoidh cuibhreann dhen duilleig eadar-theangachadh gu Beurla agus a leughadh a-mach ann am Beurla ann a fianuis an Aird-bhreitheimh. Rinn a sergeant sin. An uair a chrìochnaich e, leugh Piddington a sgrìobhadh a bha air an duilleig aige fhéin ann am Beurla ann an éisdeachd abhreitheamh. Bha an t-eadar-dhealachadh eadar an rosg soilleir do gach neach sachùirtcha robh iad na bu choltaiche ri chéile na tha feòil ri iasg. ’Sann an uairsin a leig a fear-lagha leis aphiseig leum a-mach as a mhuilichinn.

Be na leabhraicheana bha aig Piddington air abhòrd mu choinnamh Bhìobull, aon dhiubh ann an Gàidhlig agus a fear eile ann am Beurla agus achuibhreann a bha aig an t-sergeant ri eadar-theangachadh, bhann ach Urnuigh-an-Tighearna! Air an duilleig a chùm a fear-lagha aige fhéin, bha an ùrnuigh cheudna ann am Beurla aBhìobuill. Càite no cuin an deach na sgriobturan naomha a chur gu leithid a dhfheum? Tha e furasda chreidsinn gu robh MacAoidh ga ghonadh fhein o chionn nach robh e na bu dhìchiollaiche ag ionnsachadh leasain na sgoil-shàbaid nuair a bha ena ghille beag. Ch robh ceist eile aig an fhear-lagha ri chur no aig an t-sergeant ri fhreagairtCha robh feum sam bith air tuilleadh ceasnachaidh.

Be barail nan daoine bha làthair gun canadh am breitheamh gun do bhuinig Khisch achùis agus gum bitheadh aige cead fuireach ann an Astràilia nam be sin a thoildo bhrìgh gu robh leughadair na deachaidh gun fhoghlum anns achànan a chaidh a thaghadh. Fìor gu leòr, thug am breitheamh abhuaidh don Chomunnach ach bha abhinn aige stéidhichte, chan ann air aineolas an t-sergeant, ach air bunaid eile. Thubhairt e nach e cainnt laghail a bhanns aGhàidhlig idir ach atharrais de chànan, “patoisno dialect mar a their iad anns aBheurla. Cha do dhainmich e cànan mhàthaireil nah-atharrais


[64]cha robh e cumasach dhàsan no do dhuine ciallach sam bith àicheadh le deagh ùghdarras gur e cànain dhealaichtenan còir fhéin a thann an Gàidhlig na h-Eirinn agus Gàidhlig Albannach. Math dhfhaoidte gu robh e asmaointinn gur e nàdur de Bheurlaleathainna tha innte coltach ris aBheurla aig abhàrd Burns! Coma co-dhiù, bha aGhàidhlig, an déidh cóig bliadhna, air a h-inbhe àrd ann an cùirtean lagha Astràilia a chall. Fhuair Egon a shaora ann an Astràilia ach cha do mhair i fada. Beagan làithean an déidh fheuchainn, thagh na Cuspainnich cànan eile air nach robh e eòlach, dhfhàilinn e anns an deachdadh ùr agus chaidh òrdachadh air ais do dhùthaich fhéin. Ach mun dubhairt eSlàn Leibhri cladach agus cànain Astràilia, dhinnis e dha na fir-naidheachd gum be cànan urramach agus phrìseil a bha anns aGhàidhlig agus gu robh dòchas aige a h-ionnsachadh uaireigin.

Anns acho-dhunadh tha smaoin no dhà atighinn thugam:

(a) Rinn a fear-lagha glaoic dhen t-sergeant anns achùirt ach bha coireach? A lagh no MacAoidh no Piddington? Chan eil teagamh sam bith nach e droch lagh a bhann a lagh na deachdaidh agus mu tha a lagh uireasach ann an ceartass ann an gliocas, bithidh e beairteach ann an cealgaireachds ann a sloightireachd.

(b) Bhitheadh e duilich nas neònaiche a leughadh ann an eachdraidh Impireachd Bhreatainn na an tachairteas a bha socànan a bha air a bacadh ann am Breatunn ioma bliadhna an déidh Chuil-lodair ga cur gu seirbheis ann a sàbhaladh Impireachd luchd na Beurla bhon nàimhdean.

(c) Tha tuille iongnadh orm gum be mac cruiteir á Uibhist-a- deas a chuir poit bhrochain Achd nan Coigreach ann an Astràilia bun-as-cionn air an teine. ’Se atharrachadh anns na laghan an duilleag a bìsle bhana leabhar, achs ioma rud a thachras ri fear an fhalbhainn. Co aig tha fios tha gu fheitheamh air cùlaibh na beinne?

titleDeireadh na Deachdaidh
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 49
<< please select a word
<< please select a page