[75]

Uighean

Le AILEAN FRISEAL

NUAIR bha minam bhalach òg, gam àrach ann an baile beag Strath pheofharain, bha cailleach dam bainm Anna Muile ann an sin. Bha Anna sean, trom, salach agus be an teachd-an-tìr aice bhith cruinneachadh nan uighean bho na croitean air sléibhtean Uachdar-niad agus gan reic ris na mnathan-tighe an Strath-pheofharain. Saoilidh mi gu bheil mi faicinn na caillich sin fathast acoiseachd air an rathad mhór eadar Uachdar-niad agus Strath-pheofharain le chliabh, aon air gach taobh dhi, agus trì mìle eadar a dachaidh agus an t-àite reic. Gach seachdain bha i areic a h-uighean ri mmhàthair nar tigh fhéin.

Chunnaic mi i aig tràth madainn nar cistin, asuidhe air cathair, a bhascaid air abhòrd, agus gach aon bhascaid làn de uighean, geal agus donn. Cha robh móran Beurla aig Anna, ach gach madainn nuair a bha i a-stigh, bha i ag ràdh ri mo mhàthair, an déidh dusan no dhà de na h-uighean a reic.

“And there is two eireags’ eggs for the boys.”

Cha robh fhios aice air an fhacal pullet anns a’ Bheurla.

Co-dhiù, bha agam ri itheadh gach madainn aig mo bhreacaist aon de na h-uighean aig Anna Muile. Bho àm gu àm bha droch fhàile atighinn ás an ugh nuair a bha mi e ga bhriseadh. Bha an t-ughna laighe, is dòcha, ann an lobhta no an tigh-thasgaidh mìos no dhà mus bitheadh e air a chruinneachadh le Anna Muile. Aig àm eile bha an t-isean atòiseachadh afàs anns an ugh, aig àm eile cha be tòiseachadh a-mhàin ach isean le iteig air. Tha cuimhne agam, aon mhadainn, nuair a bhuail mi slige-an-uighe, bha sgreadail lag atighinn a-mach!

Ach, bha achuid as de na h-uighean sin gasda, gu dearbhglan, blasda, ùr. Agus thugaibh an aire air aon rud so eilebha na h-uighean uile le tràth-toiseach nan iseanan annta! Anns na làithean sin bha na coilich an còmhnaidh còmhla ris na cearcan. Bha na[76]


[77] coilich agus na cearcan ro-shona agus tapaidh le chéile. Agus bha, ann am buidheagans an gealagan ach uighe, na h-uile rud feumail gu beathachadh an isein troimh na trì seachdainean nuair a bha e anns an ugh. Ann a bhith beathachadh nan daoine, cuideachd, tha uighean den t-seòrsa sin gasda gu bhith togail nan òganach àrd, làidir, treun agus misneachail.

Ach an diugh! Tha achuid as de na h-uighean anns na bùthan bho chearcan nach fhaca coileach riamh. Cearcan beaga, geala, ’s na uighean aca beags geal cuideachd. Cearcan afuireach ann an tighean gun uinneagan; gun solus na gréine orra, acruinneachadh ro-fhaisg air a chéile anns na céidsean beaga, gam beathachadh air biadh gun fiù. Chan eil e comasach do iseanan a thighinn ás nighean den t-seòrsa sin. Agus, a thuilleadh air a sin, am bheil e comasach do na balaich a tha ag itheadh nan nighean sin a bhith afàsnan daoine làidirs treun? Chan eile comasach idir.

A nis, air croitean na Gaidhealtachd, tha e comasach fathast uighean nas fheàrr na sin fhaighinn, uighean bho chearcan a tha aruith leis na coilich agus na coilich aleum air na cearcan. Uighean bho chearcan saora, aruith a-muigh air na machraichean; cearcan a bheireas uighean a chuireas treise agus misneachd anns gach fear a dhitheas iad.

Nis, anns na làithean so, tha féill mhór, a-measg muinntir abhaile mhóir, air uighean bho chearcan a tha aruith air na machraichean, no, anns a’ Bheurla, —Free Range.

Feumaidh na h-uighean sin bhith fìor-ùr, gun droch fhàile no isean annta. Uighean le sligeachan làidir, gealagan glan, buidheagan de dhath buidhe-dhearg.

Air an aobhar sin, bhitheadh e comasach don chroitear na h-uighean a reic aig prìs ro-mhath don luchd-turais a tha atighinnnam mìltean gach samhradh don Ghaidhealtachd.

Is e sean-fhacal a thann gum bi na h-uighean fìor ghasda aig na fir nuadh-phòsda. Is fheudar, anns na linntean ri tighinn, gum bi na càraidean nuadh-phòsda adeanamh turais don Ghaidhealtachd air sgàth nan uighean a-mhàin. Nach be an dealbh e! Càraidean ás aGhalldachd, á Sasunn, na Stàitean Aonaichte, an Fhraing, AGhearmailt, An Eadailt acminneachadh le chéilenam mìltean, le an notaicheans an dolairean gu ceannach nan uighean fìor, glan, a tha comasach air iseanan agus clann a thogail; uighean bho na cearcan saora, aruith leis na coilich air na machraichean fallaine, le fàile cùbhraidh nan Innse Gall!

titleUighean
writersAlan Fraser
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Ailean Friseal in Gairm 49 %p

parent textGairm 49
<< please select a word
<< please select a page