RAGHNALL MAC MACAILEIN OIG
Le RUAIRIDH MACAOIDH (Inbhirnis)
ANN am Mòrar, an Arasaig, am Mùideart agus anns na h-Eileanan a-stigh bithidh daoine a’ bruidhinn fhathast mu Raghnall MacDhòmhnaill, Rìgh nam Pìobairean. Rugadh e, cho fad ’s as aithne dhuinn, mu ’n bhliadhna 1650, agus b’ e athair Ailean Og, MacDhòmhnaill Mhòrair no MatDhùghaill Mhòrair. Tha e air ainmeachadh fhathast mar Raghnall MacAilein Oig, agus corra uair mar Raghnall MacDhòmhnaill Chrois, oir b’ e Cros ainm a’ bhaile ann am Mòrar far an robh e fhéin agus a theaghlach a’ gabhail còmhnaidh.
Choisinn Raghnall cliù gu h-àraidh mar phìobaire agus mar fhear a chuir ri chéile ceòl pìoba. Tha e air a ràdh gur h-esan a rinn na puirt ris an can sinn A’ Ghlas-mhear agus Maol Donn. Chuir e uair sgoilear de na bh’ aige gu ruig Sgoil MhicCruimein san Eilean Sgitheanach, an déidh dha A’ Ghlas-mhear ionnsachadh dha. Cha do leig an sgoilear air có a b’ oide-ionnsachaidh dha, ach an uair a chluich e an deuchainn a bha roimhe dh’ aithnich MacCruimein anns a’ bhad ionnsachadh Raghnaill Mhic Ailein Oig.
Uair ’s e air a rathad dhachaidh bho dhròbhaireachd san Taobh Deas, dh’ iarr Raghnall fasgadh na h-oidhche air seann chaillich. Thàinig nighean na caillich asteach—té mhór ruadh—agus dh’ fheuch i ri Raghnall a chur a-mach ás an tigh. Thug i gu a ghlùinean e, ach rug e oirre ’s chuir e car dhith. Fhuair e an uair sin fàilte na h-oidhche, agus ri tìde bha mac aige bho ’n té ruaidh. Cha b’ aithne do Raghnall a mhac nuair a thàinig e chun an tighe aige, ach cho luath ’s a chuala e ri pìobaireachd e dh’ aithnich e a mhac fhéin.
Duine eile bha beò aig an àm sin, ’se Dòmhnall MacGuaire, Pìobaire Mór Eige, mu ’n duirt caraid“ ’Se mo rùn MacDhòmhnaill ’ic Lachlainn, pìobaire nam feadan brasa.”
Air latha adhlacaidh a’ Phìobaire Mhóir, thàinig Raghnall ’na bhirlinn a dh’ Eige. Thàinig e air tìr aig Cille, shéid e a phìob, agus cha do sguir e a chluich gus an d’ ràinig e Galmasdal. Chun an latha an diugh ’se Càrn a’ Phìobaire as aimn do ’n àite far an do stad e.
Tha e coltach gur h-e duine làidir a bha ann an Raghnall, ach fhuair e ainm seach gach nì eile airson an eòlais a bha aige air cumhachdan an dorchadais, Bha so feumail dha nuair a chaidh naodhnar de a chompanaich
An t-euchd a b’ iomraichte a rinn Raghnall ’se an t-sabaid a bh’ aige ris an droch spiorad a bha a’ gabhail tàmh ann am bealach chumhang dìreach a tuath air Tigh na Tràghadh, an ceann a deas Mhòrair. B’ e so an spiorad air an robh an Colann gun Cheann.
Tha caochladh sgeulachd ann mu ’n spiorad so. A rèir cuid thàinig MacDhòmhnaill Mhòrair air boireannach a bha a’ buain a’ choirce aige faisg air an Tràigh, agus chuir e an ceann dhith leis a’ chorran aice fhéin. A rèir bial-aithris eile, ’se bh’ innte bana-mhaighstir a chaidh a fògreadh á Beinn Eadarainn anns na Hearadh no anns an Eilean Sgitheanach, agus thug Raghnall no a bhràthair gunna dhi ’s thilg i ’n ceann dhith fhéin leis a’ ghunna. Bha e ’na chleachdadh aig an spiorad tighinn air daoine agus am marbhadh, agus rinn i so air màthair Raghnaill, no ’s dòchas air a mhuime. Uaireannan bhiodh i a’ toirt ionnsaigh orra le bhith a’ leagail na grìogaig aice orra. Tha e air a ràdh cuideachd gu robh i air an aona shùil, ’s gu robh i sin ann an teis-meadhon a broillich.
Chuir Raghnall roimhe gun cuireadh e ás dhi, agus chaidh e gu ruig an Tràigh, far an do choinnich e rithe. Thuirt an spiorad ris “Is coma leam do bhiodag bhiorach ach cùm bhuam do ghlùinean móra.” Dar a chuala esan sin chùm e oirre le ghlùinean gus an dàinig an fhuil bhuaipe reòta. Rinneadh a’ chùis air an spiorad agus thog i oirre do ’n Eilean Sgitheanach a’ seinn:
’S fhada bhuam fhéin bonn Beinn Eadarainn,
’S fhada bhuam fhéin Bealach a’ Mhorghain.
Ghléidh Raghnall am fonn agus tha e air sgeul fhathast. Cho fada, ’s a tha daoine de shliochd ’ic Dhùghaill an ceann a deas Mhòrair cha dig an Colann gun Cheann air ais. Tha daoine a bhuineas do Chlann Dùghaill an ceann a deas Mhòrair fhathast, ach tha iad gun fearann, agus is fhada a nis bho bhuineadh an dùthchas do ’n ghall.
’Na shean aois dh’ fhàs Raghnall dall, agus dh’ fhàs a theaghlach coma dheth, ach bheireadh e orra ’s bheireadh e sgleog dhaibh mu ’n cheann.
Chaochail e ann an Eige agus dh’ adhlaiceadh e ann an eag air an taobh a tuath de sheann eaglais Chille.
(Ughdarras:
Clan Donald, Leabhar 3
Journal of the Folk Lore Society, Leabhar 16
Moidart or Among the Clanranalds
Calum Iain MacGilleathain, The Highlands
Eóghan MacFhionghuin, Uas., Cleadale, Eige
Alasdair MacDhòmhnaill, Uas., Dòirlinn, Mùideart.)
title | Raghnall Mac MacAilein Oig |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 49 |