An Sgeilp Leabhraichean
Orain Iain Luim, deas. le Anna NicCoinnich (Comunn nan Text Gaidhlig, 42/-)
Tha agam ri aideachadh nach robh móran agam mu dheidhinn bàrdachd Iain Luim, gus na leugh mi i air fad an turas so. Agus air an aobhar sin tha mi a’ toirt taing do Anna NicChoinnich. Oir tha mi de’n bheachd a nis gur e bàrd làidir cumhachdach ris a bheil mi a’ déiligeadh an so, Gun teagamh, chan eil “lacrimae rerum” anns a’ bhàrdachd so. Chan e guth tiamhaidh ath-ghairmeil Uilleim Rois a th’ againn. Tha Iain Lom cuideachd glé eucoltach ri Donnchadh Bàn. Chan eil e a’ sgrùdadh chlaigeann mar a tha Bochanan. Chan eil e tinn le tìm. Tha dòighean-labhairt ann air nach ruigeadh Iain Lom a chaoidh, air an aobhar nach robh e a’ fiachainn ri an ruighinn. Ach do gach bàrd a bhàrdachd fhéin: tha modh-sgrìobhaidh pearsanta aig Iain Lom: agus ’se so a’ chiad nì a dh’ iarras sinn air bàrd.
Chanainn anns a’ chiad àite gu bheil a chànan goirid is geàrr ’s gun can e móran ann am beagan fhacal:
Gur beag mo chùis aighear
’S mi ag amharc an lòistean,
Mi a’ faicinn an ruighe
Far na shuidhich iad bòrd duit:
Tha e nis fo ghleus chapall
’Na fheur fada ’s ’na fhòlach,
A threas fàs luibh na machrach,
Ard Mharcus o’ Gordon.
Tha an comannd as àirde aige air a’ chànain a tha e a’ cleachdadh ged nach ann a’ snìomh shreathan le alt foighidneach a tha e. Tha nithean aige ri ràdh, agus is ann orra-san a tha e a’ tighinn. Ach dh’ fhaodadh gu bheil an comannd sin aig móran de na bàird Ghaidhealach, agus chan e sin ’na aonar a tha a’ toirt a bhlas fhéin air a bhàrdachd.
Nam biodh agam ri comharrachadh a-mach càite a faighear am blas sin anns a’ bhàrdachd so—am blas a tha ga dèanamh atharraicht o gach blas mòintich no sàil a gheibh sinn am bàrdachd eile—tha mi smaoineachadh gu faighear e anns na samhlaidhean no na[88]
“. . . . Na thu fhéin ’s do gheàrd misgeach
Bhith ’n àit as nach tig sibh
Mar sgàile a’ phioctair ’sa sgàthan.”
’Se ìomhaigh neònach a tha sin, gu h-àraidh ann am bàrdachd Iain Luim, ìomhaigh ùr mar a gheibhtear ann am bàrdachd ar latha fhìn. Canaidh sinn: “Tha ’n ìomhaigh so ceart is fìor, ach cha shaoilinn gun tigeadh e á mac-meanmna Iain Luim. Chan e so a rìoghachd.” ’Sann a tha am bàrd so an còmhnaidh a’ sgrìobhadh a’ rìoghachd nan cóig càil. So air ìomhaighean Iain Luim:
“Dh’ fhàg thu falt is fuil bhrùite
Mu shùilibh luchd Beurla,”
no so, (a’ bruidhinn mu Néibhidh na Pàrlamaid):
“Tha na h-amraichean mùine
Togail siùil air cuan farsaing,”
no so,
“Do bheul ’s e molach feusagach,
Làn smuig is uilc is reumannan,
Gur tric do bhrù ’sa ghéisgeil ort
’N déidh fuidheall créis nam bòrd.
An uair bu dhlùithe ’n aileag ort
Bu lìonmhor cù is galla
Bhiodh a’ toirt nan sùl ’s nam mala dhiot
Le brùchdadh boladh feòil,” [90]
“Boladh ùilleadh an sgadain,
De dh’ ùrla na h-apa:
’S i as cùbaiche faicinn
Tha ’n taice ri tràigh.”
(Tha so mìorbhaileach an déidh ar “gruagaichean òg’” etc.)
no so:
“Le maighdean sgorshuileach smachdail
Dh’ fhàgas giallan gun mheartainn,
Dhùineas fiaras a’ Mharcuis mhì-chàirdeil,”
no so:
“. . . . no uisge nan sluasaid
Bhàrr druablas na féithe.”
no so:
“. . . . ’N grad spadadh le glaslainn liath
Tarraing ghad air fad am fiacal,”
no so:
“Tha sgrìob ghiar nam peann gearra
Cumail dìon air MacCailein
’S e cho briathrach ri pearraid ’na chòmhradh,”
no so:
“Ghlac an fhireadh gréim teanchrach
Air deagh chinneadh mo sheanmhar:
’S lag an iomairt ge h-ainmeil an seòrs’ iad.”
’Se rìoghachd Iain Luim, rìoghachd an taobh a-muigh, rìoghachd na sitig—am bùrn, am boglach, a’ chlach. Greimichidh duine oirre ’na fhiaclan ma tha e ’g iarraidh: tha i cho daingeann. Chan e saoghal na h-inntinn tha so ach saoghal duine a chaith a bheatha a-measg uisge is brùidealachd. Bruidhnidh e air Dia aig amannan ach ’sann ag iarraidh Air cur ás do na Caimbeulaich a tha e. ’Se duine làidir misneachail a th’ ann. Cha leig sinn a leas ach leughadh eachraidh na Ceapaich airson sin fhaicinn. Dh’ fhaodar a ràdh gur esan ’na aonar a tharraing an dìoghaltas deireannach air na muirtearan. Tha moran spéis agam do Iain Lom mar a chì mi e ag éirigh ás an leabhar so—thachair móran ris ach chan eil e call a spioraid. Tha Montrós is Alasdair MacCholla, Morair Hunndaidh is iomadh fear eile a’ tuiteam timcheall air mar dhuilleagan á coille uamharra. Tha a’ Pharlamaid ’s na Caimbeulaich a’ toirt buaidh air saoghal nan tàileasg ’s nan clàrsach, orgain Lìte is fìon Spainn: ach a dh’ aindeoin sin tha e cìnnteach gu bheil latha
eile a’ tighinn. Tha mi smaoineachadh air an aobhar sin gur e an dàn “Crùnadh an Dara Rìgh Tearlach” dàn cho sùnndach ’s cho nàimhdeil ’s a rinn e (oir bha e comasach do Iain Lom a bhith sùnndach is nàimhdeil aig an aon àm, mar a tha e anns an dàn mhór sin, “Inbhir-lòchaidh” agus a rithist anns an dàn mhór eile, “An Ciaran Mabach. ”) Aig amannan ’sann a shamhlaichear e ri fàidh ás an t-seann Tiomnadh; tha an aon aoibhneas is bhrùidealachd ri fhaighinn ann. ’Na mo bheachd fhìn ’se ‘Inbhir-Lòchaidh’ an dàn anns a bheil e air fìor mhullach a thàlantan. Tha sunnd a’ bhàird a’ toirt fonn air a bhrùidealachd fhéin. Chan eil truas ’na nàdur: chan e Virgil a tha so, agus ma tha fhios aig air Dia chan ann air Crìosd a tha e a’ tighinn ach air Jehovah nan ìobairtean. Bha e beò ’na àite fhéin ’s ’na thìm fhéin ’s cha b’ ann ann an bruadair.
Tha mi smaoineachadh gun d’rinn Anna NicChoinnich obair sgoilearachd mhór an so. Tha eòlas domhainn farsaing aice air a’ bhàrdachd agus air an eachdraidh ris a bheil i a’ déiligeadh. Tha comharraichean no nòtaichean lìonmhor aig deireadh an leabhair a tha anabarrach feumail. Tha an t-eadar-theangachadh ann an rosg: agus tha mi fhìn cinnteach gu bheil sin ceart. (Fhuair sinn cus cheana de eadar-theangachadh ann am bàrdachd cho truagh ’s nach tuigeadh duine chaoidh carson a bha a’ phrìomh-bhàrdachd ga leughadh idir.) Chan eil fhios agam ciamar a b’urrainn do’n leabhar so a bhith na b’ fheàrr na tha e. Air mo shon fhìn, tha mi a’ toirt taing do Anna NicChoinnich airson am bàrd so a thoirt gu m’ aire anns an aodach ùr so. Dhearbh i dhomh gur e bàrd cumhachdach a th’ ann is leanaidh mi orm ga leughadh. Nan deanadh gach duine sin, có dh’ iarradh an còrr air mnaoi-deasachaidh?
Thubhairt mi cheana gu bheil móran buannachd ri fhaighinn ann a bhith a’ leughadh nan comharraichean. So aon aca. ’S faodaidh gach duin’ againn cnuasachd a dhèanamh oirre:
IAIN MAC A’ GHOBHAINN.
title | An Sgeilp Leabhraichean |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 49 |