IN MEMORIAM
Le TORMOD BURNS
THACHAIR rud-eiginn air a’ chóigeamh là deug de ’n Dàmhair sa’ bhliadhna 1956, a bhrosnaich aire an t-saoghail gu léir, agus a bhrosnaich truas an t-saoghail shaoir beagan an déidh sin, nuair a ghabh na Ruiseanaich gnothach mór ris. B’ e so oidhirp a’ chinnich Ungaraich a bhriseadh na slabhraidhean a bha air ceangal an t-sluaigh bhig so ri smachd nan Soibheat bho chionn deich bliadhnachan. Tha ochd bliadhnachan air dol thairis bho na làithean fo thrioblaid sin. A bheil cuimhne againn an diugh air aobharan na ceannairc, air a cùrsa no air a buil?
Chùm cuid as mò de na h-ùghdairean taic ris an “Ordugh Nuadh” an déidh a’ chogaidh, oir bha na sgrìobhairean a bha an aghaidh nan Comùnach cheana ’nam fògarraich an tìrean céin, no bha iad anns a’ phrìosan; agus bha iadsan a mhair ann an Ungaraidh ’nan Comùnaich a chionn ’s gu robh iad a’ creidsinn gun tugadh riaghladh Comùnach soirbheas agus ceartas do ’n chinneach, a bha air fulang eucorach móire—a réir am barail—bho chionn móran bhliadhnachan. Ach thòisich éirigh an t-sluaigh mu dheireadh mar cheannairc nan daoine fòghluimte so (no an “Intelligentsia,” mar a their na Ruiseanaich rithe), an aghaidh aintighearnas na Stàite.
Cha robh riaghladh Comùnach air toirt soirbheis do ’n chinneach, ach do roghainn na pàirtidh, agus chan ann do ’n t-sluagh no do’n phàirtidh a bha e air toirt ceartais. Bha na sgrìobhairean agus luchd ealdhain eile fo smachd “Socialist Realism,” agus bha sin a’ ciallachadh nach b’ urrainn iad an inntinn a nochdadh gu saor, ach gum bu chòir dhaibh beatha a nochdadh a réir tionnsgnadh na moraltachd Comùnaich—chan eil so a’ ciallachadh gum bu chòir dhaibh sgrìobhadh na bha fìor, ach na bha “ceart” ann an sealladh nan Comùnach. Ma dh’ fhaoidte bhiodh iad air gabhail ris a sin uile (oir bha iad ’nan Comùnaich mhatha! ), nam bitheadh na riaghailtean air tighinn bho Bhudapest, ach cha b’ e ach mearaganan a bha anns an riaghaltas Ungarach, thainig na h-òrduighean gu dìreach bho ’n riaghaltas ann am Mosco.
[18]Ré nan seachdainean roimh ’n cheannairc bha cath fhacal eadar Comunn nan Sgrìobhairean Comùnach agus an riaghaltas Ungarach, a chionn ’s gu robh na sgrìobhairean mu dheireadh air aramach a dhèanamh an aghaidh an daorsa. Bha iad ag iarraidh saorsa an fhìrinn innse, ach cha robh iad an aghaidh riaghlaidh Chomùnaich; bha iad a’ sireadh saorsa an taobh stigh an t-saoghail Chomùnaich; bha iad a’ sireadh na “De-stalinisation” a bha cheana tachairt ann an Ruisia, ach robh ach ’na aisling ann an Ungaraidh aig an àm sin.
Air a’ chóigeamh là deug de ’n Dàmhair 1956 chaidh na sgrìobhairean a dh’ ìomhaidh (statue) Sheanarail Bem, ceannard pólandach a bha aig ceann an armailt Ungaraich an aghaidh nan Ruiseanach ’sa bhliadhna 1848. Chaidh iad a thoirt ùmhlachd do na Pólandaich a bha air éirigh an aghaidh an riaghaltais ’nan dùthaich fhéin ùine bheag roimhe. Ach thàinig oileanaich bho ’n Oilthigh do ’n choinneamh sin, agus thàinig sanasan san t-sealladh a bha ’g iarraidh taghaidh shaoir, neo-phàirteachd nàiseanta, ais-imeachd an armailt Ruiseanaich, agus fuadachadh na bratach nàiseanta nuadh leis an reul deirg.
Chaidh suaicheantas Comùnach a sracadh mach ás na brataichean. Aig an aon àm thachair luchd-oibre, a bha dol dhachaidh, air na demonstreiteirean, agus bha an demonstréisean gu luath air mùthadh gu aramach. Ré seachdain, chreid na h-Ungaraich gum biodh an aramach soirbheasach, oir bha Imre Nagy, am prìomhair nuadh, air dèanamh Comhairle Mhinistear nuadh anns an robh Comùnaich agus buill de phàirtidhean eile, agus so uile ged a bha Nagy ’na Chomùnach fìor. Agus bha Mgr. Mikoyan air gealltainn gum falbhadh an t-armailt Ruiseanach air ais—creididh mi gu robh Mgr. Mikoyan onorach—ach nuair a ràinig e Mosco, bha an riaghaltas Soibheatach air caochladh ’inntinn cheana. Cha b’urrainn an riaghaltas ann am Mosco ceadachadh saorsa (neo-phàirteachd nàiseanta, agus gobharmaid le móran phàirtidhean) do na h-Ungaraich, oir bhiodh sin ’na eiseimpleir do na stàitean Comùnach eile, agus rachadh an t-Impire Soibheatach a spìonadh ás a chéile.
Mar sin rinn iad tairbhe de ’n chruaidh-chàs ann an Suez, a bha tarraing aire an t-saoghail, agus bhris iad an t-aramach ann an Ungaraidh gu fuilteach, oir rinn na h-Ungaraich cath airson an saorsa nuadh. Cha do ghabh na Ruiseanaich orra tuille gu robh gobharmaidean Eòrpa-an-Ear saor, agus bha an cinneach Ungarach air a chur air ais fo smachd nan Soibheat leis an armailt Ruiseanach.
Bu chòir aramach Ungaraidh bhith ’na eiseimpleir dhuinn uile nach eil saorsa ri faighinn fo riaghaltas nan Comùnach. B’ e na sgrìobhairean Ungarach, a bha air cumail taic ris an riaghaltas Chomùnach, a nochd mu dheireadh gu robh iad ceàrr, agus a rinn cath an aghaidh aintighearnas nan Comùnach. Bha fios aig na h-Ungaraich gum b’ àrd a’ phrìs a bhiodh iad a’ pàidheadh gu so a nochdadh do ’n t-saoghal. B’ e na facail dheireannach a chuala sinn air an réidio shaor roimh ’n chrìch: “Mi halunk Európáért! —Gheibh sin bàs airson na h-Eòrpa!”
title | In Memoriam |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 49 |