NA CEARDAIDHEAN
le MURCHADH MACLEOID (Crabhlasda)
THA na daoine-sa ris an can sinn na Ceàrdaidhean ’nar measg a riamh bho ’s cuimhne leinn, agus bho bu chuimhne le ar n-aithrichean agus le ar seanairean. Cuimhne cho tràth ’s a tha agam fhìn orra, ’se dithis dhiubh a’ sabaid aig dorus tighe anns a’ bhaile againn fhìn. Thug iad racaidean air a chéile, agus tha cuimhne agam fhathast an t-straighlich a rinn iad agus a’ ghliogadaich a rinn na soithichean a bh’ anns na bascaidean aca.
B’ e sud mo chiad eòlas orra, ach cha b’ e am fear mu dheireadh. Cha deacha bliadhna a riamh bho ’n uair ud seachad, fhads a bha mi anns an àite, nach dàinig iad timcheall nam bailtean grunn uairean anns a’ bhliadhna—uaireannan le soithichean agus a’ cruinneachadh ragaichean, agus uaireannan eile, gu h-àraid as t-samhradh, le peilichean agus a’ cruinneachadh ragaichean. Bha cruinneachadh nan adhaircean air sgur mus eil cuimhne agamsa. Cha leig sinn a leas luaidh a thoirt air gum biodh iad a’ campachadh air bràighe nam bailtean an àiteachan freagarrach ri taobh an rathaid mhóir, nas motha na leigeas sinn a leas luaidh a thoirt air iomadh nì eile as aithne dhuinn mu’n timcheall.
Ro ar linn-ne is ann anns na h-àthannan anns na bailtean a bhiodh iad a’ deanamh còmhnaidh. Their cuid gur h-e ceàrdaidhean nan àthannan a b’ fheàrr mar dhaoine ’s mar luchd-ceirde na an fheadhainn a thàinig ás an déidh, muinntir nan teantaichean. Biodh sin ceàrr no ceart, b’e sud na ceàrdaidhean, agus tha iad againn maille ruinn gus an là an diugh.
Agus cia ás a thàinig iad, agus dé mar a dh’ éirich iad a bhith ann ar measg? Feumaidh sinn a dhol fada agus farsaing airson freagairt riarachail fhaighinn air na ceistean sin agus an eachdraidh aca fhaighinn nas fheàrr agus nas coimhlionta na gheibh sinn bho bheul nan ceèrdaidhean fhéin i.
Chan eil an eachdraidh fhéin ceart aig na ceàrdaidhean idir. Canaidh cuid gur h-e daoine móra, iarlaichean agus prionnsaichean, a bh’ unnda bho shean. Canaidh feadhainn eile aca gur h-e a bh’
Seann Eachdraidh nan Ceardhaidhean
Ceàrd, am facal ceàrd. Tha am facal bho ’n t-seann chànain Cheilteach. Kerda an seann fhacal, agus tha sin a’ ciallachadh fear-ceirde—duine a nì obair shònraichte agus obair ionnsaichte—obair nach dèan na daoine cumanta agus obair a tha an duine rithe a dh’ aon ghnothaich agus a’ toirt a bhith-beò aisde. Canaidh sinn ceàrd ris an obair mar an ceudna.
A’ chiad cheàrd—fear-ceirde—air am bheil cunntas ann an eachdraidh, ’se Tubal Cain, a gheibhear mu a dheidhinn anns a’ cheathramh caibdeil de Ghenesis. A rèir an Ard-Easbuig Usher, co-dhiù a rèir an aoin a chuir air chois na cinn-bhliadhnachan a gheibhear ann an cuid de Bhìobaill, bha am fear-sa, Tubal Cain, ann 3,875 bliadhna roimh theachd Chrìosda. Ach faodaidh sinn a dhol nas fhaide air ais na Tubal Cain airson fear-ceirde. Aig àm Thubal Chain bha daoine air a thighinn gu ìre gu robh uidheaman-ciùil aca, agus iad a’ deanamh ciùil.
Ach an duine tùsail roimh an sin, is ann a bha a aire air dé mar a chumadh e e fhéin beò—dé mar a gheibheadh e rud a dh’ itheadh e, agus ann an earrannan de cheàrnaidhean tuatha an t-saoghail, dé mar a ghleidheadh e e fhéin bho ’n fhuachd eagalach a bha ga mheireachadh. Nuair a lorg e mach an dòigh air teine a dheanamh, dh’ fhosgail sin a shùilean gu nithean a ghabhadh dèanamh le teine, mar a bha feòil a ròsdadh agus feòil a bhruiche. Airson bruiche, ’se craicinn ann an toll anns an talamh a bhiodh aige agus e cur chlachan tetha unnda. Ach thòisich e an sin a’ deanamh shoithichean, agus gan cur air cagailte ’s an teine timcheall orra, air a neo air sòrnaichean agus an teine fòdhpa—soithichean crèadha an toiseach, agus ás déidh sin, nuair a lorgadh an t-umha, soithichean umha. Ri linn nan soithichean-sa, gu h-àraidh an t-umha, agus iad a bhith tolladh agus a’ caitheamh, thòisich daoine gan càradh agus gan dèanamh mar a bhiodh feum air. Agus dheanadh feadhainn sin na b’ fheàrr na
Thig sinn a nis gu cunntas air ar sinnsireachd fhìn—na Ceiltich a’ tighinn a-nall ás as Aisia do an Roinn Eòrpa. B’ ann de na h-Aryanaich a bha iad so, a thàinig do na h-Innseachan an toiseach agus a thòisich an sin a’ cur an aghaidh a-nall gu ’n iar taobh na h-Eòrpa. An cois nan treubhan-sa bha treubh bheag a bha a dh’ aon obair ri ceàrd—ceàrdaidhean umha, ceàrdaidhean airgid, agus ceàrdaidhean òir. Tha e air a ràdh gu robh iad so ag obair san Roinn Eòrpa cho tràth 2,000 bliadhna roimh theachd Chrìosda. Is iad so a thug gu fìor ìre ceàrdachd umha anns an Roinn Eòrpa. Dheanadh iad i na b’ fheàrr na daoine sam bith eile a bh’ ann rompa. Fhuaireadh cinnt air an obair a dhèanadh iad, nuair a fhuaireadh tasgadh de dh’ obair an làimhe ann an uamh ann an Suisin sa’ Bheilg. Chunnacas leis an so gu robh iad ’nam fir-cheirde a bha air leth.
Bhiodh na fir-cheirde-sa a’ falbh bho àite gu àite mar a bhiodh feum orrra, ach nuair a thòisich obair an iaruinn ’na theas, dh’ fhan a’ chuid bu mhotha dhiubh an cois nan oibrichean aig na bailtean. Ach cha dh’ fhan iad uile mar so—chùm cuid dhiubh air adhart ’nan luchd-ceirde mar a bha iad iad roimhe, agus ’nam falbhanaich. Sin agad, ma tha, tòiseachsadh nan ceàrdaidhean mar a tha iad againn an diugh.
Thàinig ar sinnsirean, na treubhan Ceilteach, do Bhreatainn bho thìr-mór na h-Eòrpa, sia ceud bliadhna roimh theachd Chrìosda—cuid ag ràdh nas tràithe na sin—na treubhan Gàidhlig an toiseach agus na treubhan Breatannach mu thrì cheud bliadhna ás an déidh. Thàinig na ceàird, an luchd-ceirde, a-nall còmhla riutha. Agus thàinig na ceàird fhalbhanach, na ceàrdaidhean, ri tìde a-nall cuideachd. Agus sin na ceàrdaidhean againn am Breatainn, agus bho ’n uair sin a-nuas gus an là an diugh.
Tha cunntas orra an Sasuinn ri linn an Rìgh Iain—Iain a’ Mhagna Carta (1167-1216). Aig an aon àm tha cunntas an Alba air fear Seumas Tynkler fearann a bhith aige ann am baile Pheairt. Bha so ri linn Uilleam de Lion (1165-1214). Ann an Sasuinn, ann an Walingford bha té Editha de Tinklere ann an 1265. Ann an Siorrachd Huntingdon, ann an 1273, bha fear Uilleam de Tynker. Chan eil sinn cinnteach bho na h-ainmeannan-sa Tinkler agus Tynker, dé an seòrsa a bh’ unnda, luchd-ceirde no ceàrdaidhean, bho tha air a ràdh, aig na h-amannan-sa gu robh am facal tinkler air a chleachdadh ri fear-ceirde agus gu robh o mar sin gu’n deach a chleachdadh ri Gipsies agus[24]
As déidh am Uilleim de Tynker, tha cunntas a rithist orra ri linn a’ chiad Bhan-rìgh Ealasaid (1533-1603). 1736, tha cunntas orra ann an Alba, an siorrachd Forfair. 1792, tha cunntas air ceàrdaidhean ann an Siorrachd Rinnfriu, agus ann an 1818, tha cunntas orra an Siorrachd Leanndraic. Mar sin a-nuas gu ruig na h-amannan as aithne dhuinn fhìn.
Na Ceardaidhean Dubha
Chì sinn gun dàinig an Ceàrd-dubh, an Gipsy, a-steach ’nam measg. Tha gu leòr a’ smaoineachadh gur h-ann de na daoine-sa, na Gipsies, a tha na ceàrdaidhean. Ach tha iad glé cheàrr. Cha bhiodh tu ceàrr ged a chanadh tu gu robh na ceàrdaidhean ann mìle bliadhna robh guth a riamh air Gipsy. Is ann á meadhon nan Innseachan a thàinig na Gipsies an toiseach—treubh de chaste ìosal ris an canaist Domba—treubh a bha ’nan luchd deanamh ròpan agus ’nan luchd cluiche innealan-ciùil. Dh’ fhàg iad na h-Innseachan agus ràinig iad Persia anns a’ cheathramh linn. Bha iad ann an sin gu ’n a thòisich na Mongolaich a’ briseadh a-steach air an tìr. Chaidh iad a rithist air imrich do Armenia, agus ás an sin tarsainn am Bosphorus do ’n Ghréig, a ràinig iad ann an 1300. Tha manach Eireannach, fear Simon Simeon, a’ toirt cunntais gu robh iad an an Crete ann an 1322 agus ann an Corfu ceithir bliadhna ás déidh sin, 1326. Thàinig iad tarsainn air an Danube agus sgaoil iad air feadh na h-Eòrpa: Hungary, Bohemia, Austria, agus an Eilbhis. Ràinig iad Hesse na Gearmailte mu 1414, agus Hamburg, Wismar agus Lüebeck trì bliadhna ás déidh sin, 1417. Aig an aon àm, 1417, ràinig iad an Fhraing. As déidh sin ràinig iad an Spàinnt.
Nuair a thàinig iad a-nall meadhon na h-Eòrpa an toiseach, bha iad ag ràdh gur h-e Crìosdaidhean a bh’ unnda, a bha air am fuadach a-mach is an Eiphit leis na Saraceanaich airson an creidimh. Rìghrean agus iarlaichean a bha iad ag ràdh a bh’ unnda. Is ann bho ’n ainm Eiphiteach—Egypt—a fhuair iad an t-ainm Gipsy. Is ann san rìoghachd-sa fhéin a thugadh an t-ainm sin dhaibh. Anns na rìoghachdan eile ’se a chanar riutha Zigani, Zeugener, Tatare, Heidene, Bohemianaich, agus a leithid sin.
Chaidh gabhail riutha math gu leòr an toiseach, ach nuair a sheall iad iad fhéin mar mhealltairean, ’s mar thruthairean, agus mar mhèirlich,
Nuair a thàinig iad do thaobh an iar na h-Eòrpa, bha iad ag ràdh gu robh iad a’ deanamh peanas a b’ air a chur orra leis a’ Phàpa, Màrtainn V, airson nam peacaidhean a bha iad air a dheanamh air an t-slighe ás an Eiphit, agus gu robh iad gu bhith falbh air feadh na talmhainn airson seachd bliadhna gun fois a ghabhail ann an leabaidh. Mar aig an ear, thachair aig an iar—sheall iad an seòrsa dhaoine a bh’ unnda an ùine nach robh fada, agus thòisicheadh a’ tachairt riutha gu cruaidh. Frannsaidh I, Rìgh na Frainge, dh’ òrdaich e iad an tìr fhàgail air a neo gum biodh iad air an cur aig an iomramh anns na birlinnean, gun uimhir agus iad a bhith air am feuchainn aig cùirt. Ard-Easbuig Pharis, dh’ fhuadaich e bharr nan crìoch iad agus duine a bha air a bhith a’ déiligeadh riutha airson pailmeastaireachd, chuir e mach bho shochairean na h-eaglaise. Ann an Spàinnt, thug Ferdinand òrdugh cur ás dhaibh le teine agus le claidheamh.
Is e sia fichead de an fheadhainn a dh’ fhuadaicheadh bho Pharis a tha air a a ràdh a’ chiad fheadhainn dhiubh a ràinig Sasuinn. Agus leis an sin, bha an ceàrd dubh againn anns na h-Eileanan Breatannach an ceann nan ceàrdaidhean a bh’ ann rompa.
Ann an Sasuinn thug iad seachad an aon sgeula ’s a thug iad air tìr-mór na h-Eòrpa—gum b’ e daoine urramach a bh’ unnda, agus chaidh gabhail riutha. Tha a’ chiad chunntas orra am Breatainn mu 1500. 1505, thug Seumas IV, Rìgh Alba, moladh do dh’fhear dhiubh, Antonius Gaginus, do Rìgh Dhanmairc. 1519, thug Iarla Shurrey an Sasuinn, aoidheachd do ghrunn dhiubh aig a dhachaidh fhéin. 1530, dhanns cuid dhiubh air beulaibh an Rìgh aig Holyrood House an Dun-Eideann. 1540, Seumas IV, thug e cead do dh’ fhear ainmeil dhiubh, Seonaidh Fas, a bhith ’na rìgh ’s ’na cheann orra agus a’ riaghladh mar a chitheadh e iomchuidh.
Ach mhill iad iad fhéin am Breatainn mar a rinn iad san Eòrpa. Ann an Durham, an Sasuinn, arm an 1592, chaidh cóignear dhiubh a chrochadh airson gur h-e Gipsies a bh’ unnda. Anns an t-sia fichead bliadhna bha eadar 1577 agus 1701, chaidh cur ás do cheithir fichead dhiubh, fir agus mnathan, ann an Alba agus ann an Sasuinn.
Agus thall air tìr-mór na h-Eòrpa cha b’ ann a b’ fheàrr a bha a’ chùis. Frederic Mór na Gearmailte (1712-1786) thug e òrdugh duine dhiubh a gheibhte air talamh na Gearmailte, a chrochadh air a’ chraoibh
Anns an rìoghachd-sa fhéin, mar anns na h-àiteachan eile, bha na ceàrdaidhean cearta agus na ceàrdaidhean-dubha ’nam falbhanaich air feadh na tìre. Agus air uairean bha iad a’ dol an lùib a chéile le pòsadh. Air uairean bha daoine cumanta a’ dol ’nan lùib agus a’ pòsadh mar an ceudna. Iain Buinian ainmeil, is ann bho Gipsy agus bho hawker a tha air a ràdh a bha e. Seumas Mac a’ Phearsain mu thimcheall a rinn Burns an t-amhran MacPherson’s Lament, is ann bho uachdaran Gaidhealach agus bho bhana-cheard ann am Banbh a thàinig esan. Iarla Bhirkenhead (1872–1930), an seorpanach, bha an dàrna taobh dheth de na Ceàrdaidhean-dubha. Tha cuimhne agam fhìn, ann an Leódhus, boireannach pòsadh a-steach do na ceàrdaidhean. Agus roimh an té-sa chaidh bràthair do cheàrd a bhatar glé eòlach air a-steach còmhla ri boireannach de ’n t-sluagh chumanta agus bha iad mar fhear agus bean bho sin a-mach. Agus mar an fheadhainn a bha so bha feadhainn eile mar an ceudna.
A’ dol an lùib an dà sheòrsa cheàrdaidhean, cuideachd, bha daoine bha air an cur air chàrn agus a-mach bho dhìdeann an lagha. Agus daoine briste agus fuasgailte eile a-measg nan daoine cumanta. Ann an Alba againn fhìn, anns a’ Ghaidhealtachd, chaidh daoine aig nach robh dachaidh no fearann ’nam measg.
Agus saighdearan. Ann an 1677, thàinig dà sgaoth cheàrdaidhean a-nall ás Eirinn, do dh’ Alba, agus chaidh iad an lùib nan ceàrdaidhean a bh’ ann rompa. Ri linn Theàrlaich agus Bliadhna Theàrlaich, agus ás déidh Chuil-lodair, chaidh móran ’nan lùib cuideachd, de dhaoine cumanta agus de shaighdearan. A rithist ann an 1846, ri linn an gaiseadh a thighinn anns a’ bhuntàta, thàinig imrich mhór de cheàrdaidhean Eireannach do dh’ Alba agus dh’ fhan iad ann. Leis
Ceardaidhean nan Eileanan
Agus a’ tighinn gu na ceàrdaidhean a th’ againn anns na h-Eileanan a Siar, agus do an phàirt do ’m buin mi fhìn, Leódhus agus na Hearadh, dé an eachdraidh a th’ againn orra-san? Ged nach eil na sgrìobhaichean againn a’ toirt móran luaidh orra—ma tha luaidh idir—tha e duilich a chreidsinn gu robh na ceàrdaidhean idir air tìr-mór a’ coimhead nan eilean a-mach bhuapa air uchd an t-sàil, gun iad feuchainn a-mach thuca gu math tràth ’nan eachdraidh, eadhon ged nach biodh iad glé dhéidheil air a bhith a’ dol gu muir. Bha falbhanaich eile a’ dol a-mach bho thìr-mór a dh’ ionnsaigh nan eilean an dràsda ’s a rithist, mar a bha buannaichean agus an leithid sin. Bidh e coltach gu leòr gum biodh ceàrd an dràsda ’s a rithist a’ toirt sgrìob thuca mar an ceudna, ach dé a bheireadh am fortan dha. Ach cuin a thàinig iad gu bhith deanamh an dachaidh san Eilean Fhada, chan eil fhios agamsa, ma tha aig duine eile. Chan eil fhios agam nas motha mu an chùis sin san eilean againn fhìn. Ach tha fhios agam gu robh iad ann ri linn mo sheanar, agus ri linn seanair feadhainn as seana na mise.
An ceàrd as fhaide air ais gu ’n téid mo shloinntearachd-sa san eilean, ’se an Dòmhnallach, athair Leezie a b’ aithne do Leódhus agus na Hearadh cho math. Dòmhnall Dòmhnallach, thàinig e fhéin agus Iain, bràthair dha, á Gleann Comhann, agus bràthair eile air an robh Calum, chaidh e do ’n Eilean Sgitheanach. Is ann bho Chalum-sa a thàinig an ceàrd, Dòmhnall Ruadh, a-mach. Bha ainm a bhith ’na dhuine diadhaidh aig an Dòmhnallach.
Bha naoidhnear, air a neo ochdnar, de theaghlach aige: Dòmhnall Mór, Siomag, Seònaid, Leezie, Sùsan, Ailic, Seonaidh, agus nighean eile nach eil lorg agamsa air a h-ainm. B’ e Siomag bean Dhruimem, b’ e Seònaid bean Iain Dhuibh, agus an nighean nach eil lorg agam air a h-ainm, b’ e sin màthair Dhòmhnaill Leezie, a’ bhean-phòsda Stevenson. Cùbair a bha pòsda aicese. Bha ceathrar de theaghlach ann agus thug Leezie leatha Dòmhnall agus thog i e. Cha robh Leezie fhéin pòsda idir.
Mac an Dòmhnallaich, Dòmhnall Mór, bha e air a ghabhail ’na cheann aig a’ chuid mhór de na ceàrdaidhean an Leódhus. Bha
A nise na Stiùbhartaich: athair agus màthair Sheonaidh Hannah. B’ ann ás an Apuinn a thàinig iadsan. Bha iad le chéile ’nan Stiúbhartaich. Thàinig bhuapa: Seonaidh (Seonaidh Hannah), Alasdair (Alasdair a’ Cheàird) agus Uilleam. Bha triùir mac aig Seanaidh: Pàdraig, agus Alasdair agus gille eile a chailleadh anns an Arm ann an 1914.
A nise na Druimeanaich: Druimean, athair an teaghlaich a b’ aithne agus as aithne do na Leódhusaich cho math, ’se pòsadh a-steach do na Ceàrdaidhean a rinn e. Is ann bho iomall Pheairt a bha e, agus phòs e Siomag, nighean an Dòmhnallaich, mar a thubhairt mi. Thàinig bhuapa: Seumas, Alasdair, Sìne, Eóghann, Dòmhnall (chailleadh esan sa’ Chogadh Mhór), Benjie, agus Grace-ag. Aig an teaghlach tha so bha teaghlaichean math, mór, aig a’ chuid mhór dhiubh, agus tha iad an Leódhus agus an àiteachan eile an diugh.
Dòmhnall Ruadh, a dh’ ainmich mi roimhe, bha ochdnar de theaghlach aige-san, seachdnar mac agus aon nighean. Chunnacas dealbhan an t-seachdnar mac-sa, bho chionn grunn bhliadhnachan anns a’ Bhulletin, nuair a bha aon de oghaichean an t-seana bhodaich a’ pòsadh, ann an Steòrnabhagh.
Ceàrd eile nach d’ ainmich mi, ’se sin am fear ris an canaist “An Coal Tar” .B’ e so athair Iain Duibh a bha pòsda aig Seònaid, nighean an Dòmhnallaich. Aon eile nach d’ ainmich mi, Cliomag, as aithne do Leódhusaich cho math. Phòs ise a-steach do na Dòmhnallaich. Phòs i Iacob mac Dhòmhnaill Mhóir.
A thuilleadh air na ceàrdaidhean bha Hawkeran agus feadhainn eile de ’n t-seòrsa a’ falbh ’s a’ tighinn anns an eilean, cuideachd, a dh’ fhaodas mi ainmeachadh. Am Muillearach, Bob Newland, Bodach Call (Bodach a’ Choin) agus Wilson. Newland agus Wilson ’se Hawkeran Arcach a bh’unnda.
A’ luaidh air falbhanaich, tha dhà no trì fhalbhanach eile an eachraidh Leódhuis a dh’ fhaodas mi ainmeachadh, ged nach b’ e ceàrdaidhean a bh’ unnda: An Clàrsair Eireannach, a bh’ ann bho chionn linntean air ais, Mac an t-Srònaich, Timothy Nàtan, agus Bàrnaidh O’Hare, triùir a bh’ ann anns an 19mh linn. Mac an t-Srònaich, ’se mac fear an tighe-òsda ann an Gairbh a bh’ ann. Dh’ fhàg e Leódhus agus chaidh a chrochadh airson nam mortan a bha e air a dhèanamh san eilean agus an àiteachan eile. Timothy Nàtan, am Bodach Welshach (Bodach an Dealgain a chanadh cuid[30]
Mar a dh’ ainmich mise na ceàrdaidhean Leódhusach air an ainm, dh’ fhaodadh na h-eileanaich eile na ceàrdaidhean aca fhéin, an fheadhainn as aithne agus a b’ aithne dhaibh, ainmeachadh. Dh’ fhaodadh na Sgitheanaich Alasdair Deasach, agus Beileag Mhór agus Eoghagan, ainmeachadh. Dh’ fhaodadh na h-Uibhistich Iseabail Siosal ainmeachadh. Agus barrachd orra so anns na h-àiteachan ’s na h-eileanan fa leth. Mu Uibhist, faodaidh mi luaidh gum biodh na ceàrdaidhean Leódhusach cha mhór cho tric a’ dol troimh Uibhist ’s a bhiodh iad a’ dol troimh Leódhus fhéin. Leezie agus Seònaid, Seumas Dhòmhnaill Ruaidh, Iacob agus Cliomag. Cha b’ fhiosrach mi a riamh na Druimeanaich a bhith deanamh móran tadhail ann an Uibhist.
Sin a nise cunntas goirid air na ceàrdaidhean a-nuas gu ruig an t-àm a th’ againn an diugh. Tha na daoine-sa againn ’nar measg, mar a bha a riamh bho ’s cuimhne dhuinn agus roimhe an sin. Dé th’ againn ri a ràdh mu ’n chùis, agus dé tha sinn a’ dol a dheanamh riutha?
Tha mise co-dhiù airson cothrom na Féinne a thoirt dhaibh. Agus an cuideachadh ’s an toirt a-steach a mheasg an t-sluaigh chumanta, gu ’n tig iad gu bhith ’nam buill fheumail anns an nàbachd, agus ’nam bùirdeasaich mheasail agus urramach ’nan tìr fhéin. Thugamaid tighean dhaibh mar do an t-sluagh eile, agus a-measg an t-sluaigh eile, agus sguireamaid a bhith sealltainn sìos orra agus gam meas neòghlan. Is e a’ Chrìosdalachd an cuideachadh ’s an cur air an casan, agus an fheadhainn dhiubh a tha feumach air an toirt gu slighe na còrach, a thoirt ann.
Is e cunntas goirid a th’ anns an eachdraidh-sa air na ceàrdaidhean—dh’ fhaodamaid leantainn a-mach air cùisean nan daoine-sa fad oidhche agus oidhcheannan. Agus dh’ fhaodamaid cunntas a thoirt air ceàrdaidhean air leth ainmeil an Alba mar a bha Billy Marshall, Mata Baillie, Sìne Gordon, Seumas Mac-a- Phearsain, agus an leithid sin.
Agus dh’ fhaodamaid leantainn ri ceàrd a’ cheàird, agus a bhith-beò an dé ’s an diugh. Ri creideamh a’ cheàrd, ri saobh-chreideamh a’ cheàrd, ri foghlum a’ cheàird, politics a’ cheàird, cainnt a’ cheàird. Ri ceòl a’ cheàird, mallachd a’ cheàird, agus nithean eile as aithne dhuinn umpa agus mu ’n caithe-beatha.
Ach anns a’ chrìochnachadh, ’s fheàrr dhomh tarraing a thoirt air an àireamh cheann a thug an Cunntas-Stàite a thugadh orra ann an 1917 am follais. So pàirt de na cunntasan:
An t-iomlan uile de cheàrdaidhean ann an Alba 2,728
Dhiubh so bha ann an tighean dhiubh 1,413
Ann am bothanan bha 266
Ann an carabhanaichean 230
Ann an teantaichean 304
Ann an uaimheannan 15
Am am fasgaidhean eile 20
(De ’n fhichead-sa, bha 14 ann an Gallaibh agus aon ann an Obar-Dheadhain).
De cheithir siorrachdan fichead ann an robh ceàrdaidhean ri am faighinn, bha an t-àireamh bu mhotha ann an Siorrachd Rois. B’ e sin 385. Ann an Siorrachd Bhainbh bha an t-àireamh bu luagha. B’ e sin 66.
De na bailtean-móra, bha barrachd ann an Dun-dèagh na ann an gin de chàch. B’ e sin 144.
Aig an àm sin a làthair (an Dàmhair 1917) bha 77 de chèardaidhean a’ deanamh an dachaidh ann an Leódhus. Anns an Hearadh, 2. Anns an Eilean Sgitheanach, 31. Ann an Muile, 8. Ann an Ile, 4. An t-iomlan anns na h-eileanan dhiubh, 122.
Bha anns an Arm dhiubh: A Gallaibh, 15. A Dùthaich Mhic Aoidh, 12. A Inbhir-Nis, 13. A Ros, 52. A Earra-Ghàidheal, 27. A Arcaibh, 19. A Eilginn, 7. A Banbh, 13. A Obar-Dheadhain, 25. A Siorrachd Pheairt, 21. A Glaschu, 3. A Dùn-Eideann, 5.
title | Na Ceardaidhean |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 49 |