GAIDHEIL ANN AN CANADA
(3)
Le IAIN A’ CHAOIL
RE an t-samhraidh, 1911, bha buidheann a’ togail rathad iaruinn mu thuath bho Nanaimo gu ruige Abhainn Caimbeul, is a dh’ aindeoin an teas bha na h-uile ag obair gu saothrachail a’ leagail sìos feadh na coille móir a bha sud na craobhan móra giuthais a bha a’ bacadh ar siubhal air n-adhart. Bha feadhainn diubh còrr agus dà chiad troigh a dh’ àirde. Bha a’ chuid bu mhotha de ’n luchd-obrach ’nam Pólaich, a bha glé mhath leis an t-sàbh mhór, is ’nan Sìnich, oir dh’ oibricheadh iadsan na bu shaoire. B’ e an sgiobair Dàidh Ogilbhi á Fìobha, is bha dithis á Eirinn is triùir á Albainn: MacNìll á Loch Baghasdal, MacAoidh á Leódhus, is Iain Aonghas á Caol a bha anns an oifig. Bha Evans ’na Chuimreach, ag obair air a’ Bhulldoser gus na dh’ fhàs e tinn. Chuir am boss an uair sin Sìneach ann obair, agus ’se a’ chiad ghnothach a rinn a duine so, nuair a bha iad a’ luchdachadh sgonn craoibh a-stigh ann an càrn bhris an caoban mu dheireadh de ’n chabal a bh’ aca, agus ’sann an sin a bha an othail. Chaidh Ogilbhi air bhoil, a’ beucail mar tharbh, “Am muc earball mallaichte.” Cha chualas a leithid a mhionnan riamh. An uair a thàinig e stigh dh’ an oifig thoirt e rium, “Feumar a dhol do Bhan-cùbhuair air tòir tuilleadh càbail. Chan eil òirleach aca an Nanaimo, is bithidh mi air falbh airson dha no trì latha. Cùm sùil air a h-uile rud, Iain, gus an dig mi air ais.” “Ni mi sin le gàirdeachas”, arsa mise. Thug sinn dhà each is dh’ fhalbh e air ball.
An ath latha dh’ éirich a’ ghrian gu tràth, agus bha sinn air ar sàrachadh leatha gu fada an déidh meadhon latha. An sin thàinig múthadh mór air an adhar, agus dh’ fhàs e glé dhorcha le dealanaich is tàirneanaich a chuir crith air na h-eich. Cha robh innleachdan againn an uair ud mar a th’ againn an diugh. Leis a sin dh’ éirich a’ ghaoth gu h-obann is thàinig an tuil-bheum. Leis a’ chiad sanas ruith a’ chuid bu mhotha de ’n luchd-obrach do ’n charbad-ithidh a b’ fhaisge, ach bha an dà Ghaidheal a’ gearradh giuthais àird an uair a bhris an stoirm orra le uile neart, agus ’sann air éiginn a fhuair iad ás, fliuch chun a’
Cha tàinig Ogilbhi air ais an latha sin no an ath latha, gu madainn an earar, oir bha am bus air a bhacadh leis na craobhan garbha thar an rathaid, agus cha robh móran càil aig na fir a bhith ag obair ás eugmhais a’ chumhachd.
Mu mhìos roimhe so chuala sinn fathann gu robh Iarla no “urchair” mór a’ tighinn a-mach bho Lunnainn a dh’ fharraid ciamar a bha sinn a’ faighinn air adhart, agus air latha an earar an uair a chunnaic sinn fear le ad àrd a’ tighinn a-nuas bha sinn deimhinnte gur esan a bh’ ann.
Thàinig e gu MacNìll an toiseach.
“Càite bheil Mgr. Ogilbhi?” ars an duine-uasal.
“Chan eil fhiosam,” arsa MacNìll, a bha ’na dhuine éibhinn. Theagamh gu bheil e rathad-eigin, an àiteigin, an Nanaimo no am Bhan-cùbhair.”
“Uabhasach!” ars am bodach.
“Cha chreid mi gu bheil e air an daorach idir,” arsa MacNìll.
“Uabhasach,” ars am bodach.
“Bha e an Nanaimo, ach is dòcha gu bheil e ann am Bhancùbhair a nist.”
“Uabhasach,” ars am morair. “càite bheil an cagar-céin?”
“Tha e briste.”
“Uabhasach,” ars am morair. “Càite bheil am fear-coimhead?”
Smèid e air Iain is thàinig e a-nuas is rug iad air làmhan a chéile.
“Bha fìor dhroch stoirm agaibh an latha roimhe.”
“Bha gu dearbh,” arsa Iain, “is rinn e móran sgrios.”
“An e a’ ghaoth a leag a’ chraobh mhór sin thar an rathaid?”
“ ’Sì,” arsa Iain.
Bha duine eile, letheach òg, còmhla ris a’ mhorair, air a robh Mr. A. Fox, is bha e a’ sgrùdadh mu thimcheall nam bun. Thàinig esan ’na chabhaig a dh’ ionnsaigh a’ mhorair is thuirt e ris,
“Seallaibh so, tha comharra an t-sàibh-mhóir air bun na craoibh sin, agus cha chreidinn esan gur h-e a’ ghaoth a rinn an dochann.”
Cha robh sinne airson deasbaireachd, chionn’ s gu robh sinn uile sgìth de’ n obair co-dhiù. Bha àitean eile furasda fhaighinn anns an latha sin. Bhiodh cothrom aca Sìnich a thoirt a-stigh air bheag prìs. Air do Ogilbhi tilleadh leig iad ás e, is fhuair an Sìneach an gnothach dha fhéin. Chaidh Ogilbhi air an daorach is air mhisg ceart gu leòr!
title | Gaidheil ann an Canada (3) |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 49 |