[83]

An Diol-Déirce

Le DONNCHADH MACDHUNLEIBHE.

Tha sinn anabarrach toilichte a bhith cluinntinn bho charaid na Gàidhlig ann an Africa achinn a Deas. Buaidh agus piseach dha thall an sin. —Na Fir-deasachaidh.

BHA e atighinn a nuas an t-sràid, bodachan peallach, beàrnach, draoin leth-ghàire air a ghnùis, poca anns an robh gràinean de rud-eigin air a dhroll, bata a bha acuideachadh a cheumann a dhòrn, agus e sgeadaichte an deise aodaich anns nach robh aon bhall a bhuineadh do bhall eile. Bhuineadh an còta uair-eigin do dhuine somalta agus bha e mu ghuailnibh abhodaich mar phoca falamh, agus bha na h-earbaill abeadradh ri a luirgnibh, agus bha trì filleadh air na muilicheanan mu a dhòrnaibh. Bha trì peiteagan air, gun aon dhiubh an aon mheud, an t-aon bu lugha fodha, agus an t-aon bu shaidhbhre am meud an uachdar, agus gun ach aon phutan an urra orra. Bha léine air, agus chan abrainn an t-aon dhiubh bu shalaiche, agus bhuineadh a bhrògan cuagach, caithte uair-eigin do cheatharnach. Bha barriall anns an dara bròig, ach bha abhròg eile leth-cheangailte le sreing. Bha e agluasad le ceum mall, turramanach, a shùil mun cuairt air, agus e agabhail beachd air gach no neachna shealladh. Bha achlann bheag atarruing as, agus bha e ationndadh orra an dràsd’ ’s a rithis, isgan gròcadh, ach is math a bha fhios aca-san gun robh luaths nan cas aca air is nach beireadh e orra ged a dhfheuchadh e. Bodachan a réir coltais gun lochd mór sam bith, agus air cho beag feuma.

Ach cha robh abharail sin buileach ceart. Cha robh e afaighinn a lòin làitheil ach air an déirce, achga chosnadh sin cha robh e acur dragh air fear no bean. Bu ro-mhath a bha fios aige nach leigeadh e leas iarraidh a chuid, gheibheadh e sin gun sireadh, gun iarraidh, agus le làn toil-cridhe nam mnathan do am baithne e, agus le am beannachd cuideach; agus cha bann buileach an asgaidh, oir ged nach robh airgead no earras aige, bha e adìol na gheibheadh e le naidheachdan mu gach neach a baithne do na mnathan anns gach sgìreachd mun cuairt. Besan ann an dòigh, agus an deagh dhòigh, paipear-naidheachd na dùthcha. Neo-ionnan is na paipearan-naidheachd, gheibheadh tu an fhìrinn ghlan, agus gun ach an fhìrinn air a liubhairt an dòigh thuigseach, bheachdail, fìor dhealbh na bha aige ra innseadh. Ach cha robh gàire no leth-ghàire ri fhaicinn air aogais nan tachradh fear-taisdeil no fear-turuis as abhaile-mhór air, ach bhiodh e siabadh seachad air aleithid sin de neach dìreach mar a chithear beathach leòinte asniadadh seachad agus acumail anns an dubhair, ma tha aleithid ann.

Bha rud-eigin ann a bha agabhail fuath ri luchd nam bailtean-móra, bha e air dhòigh-eigin follaiseach dha nach bu daoine daonna iad-san a bha acosnadh an lòin-làitheil air faobhar na sginne, mar gum beadh, agus gun robh iad an-tròcaireach agus cruaidh-chridheach ris an anfhann agus ris an truaghan, agus nach fhaigheadh esan agus a leithid uapa ach tàir agus -thlachd.


[84]

Am measg muinntir na dùthcha bha e agabhail inbhe iriseal fhéin cho nàdurra ri leanabh. Bha e mothachail gun robh gainne air, ach bha e fòs, fiù mar an leanabh, mothachail gum be dleasdanas an fhir làidir a bhithn a sgiath don anfhann is do an bhreòite. Agus bha an creideamh ceudna coitcheann feadh na dùthcha uile, ged, theagamh, nach do mhothaich iad fhéin riamh an grinneas Crìosdaidh so a bha nàdurra dhaibh. Cha robh cion spionnaidh air, agus cha robh e idir buileach gun fheum no gun sgoinn.

Cha bfheàrr e na an leanabh air obair mhaireannach sam bith. Bha inntinn cho neò-shuidhichte agus cho luaineach ri inntinn leinibh agus cha robh obair lathana chomas. Chan e gun robh e leisg. Cha robh dad den leisg ann. Bha e dèanadach gu leòirna dhòigh luaineach bhreòite fhéin. Ach nan tachradh e gun rachadh no each an dìg, no an leithid sin de dhriodairt, cha robh na bu sgairteile na e san sgìreachd. Chladhaicheadh e sìos fon bheathach a bha san fhéithe gus am biodh e fhéin a sìos gu a ghuailnibh, agus gheibheadh e fon bheathach agus thogadh e le sìor neart e as an làthaich. Bha sgil mhath aige air eich, agus bha e gleusda an ám bhith briseadh nan each òga. Cha robh math sam bith ann mu chaoraich, agus cha robh móran smachd aige air coin; ach cha robh duine riamh a thug barr air am measg chrodh-dubh. Is iomadh uair a chunnaic mise e air a chidhe nuair a bhitear acur treud dhamh air bòrd bàta-na-smùide, air an ceum gu margadh, agus na creutairean bochd, nach robh roimhe riamh ach air amhonadh, ’nan dearg bhreislich no tur air achuthach; agus be Gilleasbuig MacPhàil, an diol-déirce, an treòraiche a béifeachdaiche agus an làmh a bu ghramaile a bha air achidhe, co-dhiùbh a bu dhròbhairean no gillean thuathanach iad.

Gheibheadh e a ghàirdean air cùl an iosgaidean agus sguabadh e air a’ “ghangwayiad mar gum buain iad. Ma bha beathach air an fhìor chuthach ghlacadh e air adhaircibh e agus chuireadh a thairis e is chumadh e air a dhroll e gus an strìochdadh e. Bha e fìor fhoghainteach an laimhseachadh cruidh, bha e gun sgàth, gun eagal, agus beathaichean nach gabhadh smachdachadh o dhuine eile, ghéilleadh iad dhà-san gu calla, sìobhalta. Agus bha deagh sgil aige air an-shocair agus air leigheas cruidh. Bha e mar gun robh dàimh eadar e-fhéin agus crodh, agus mar gum buineadh a inntinn do linn an eachdraidh achinne-daonna a tha fada air chùl.

Beagan roimh chrìch a shaoghail chaidh tigh-nam-bochd a stéidheachadh agus a thogail, agus sguabadh Gilleasbuig bochd, le feadhainn eile de ionnan gnè, do an tigh sin a bu mhiosa leotha-san na am prìosan dubh. Ach cha daidich mi riamh, is chan aidich, gum bu ghnìomh daonna a rinneadh nuair a sguabadh na seann dìol-déircean neolochdmhoro shaorsa an toile gu daorsa thigh-nam-bochd anns an dòigh agus anns an aimsir anns an deachaidh sin a dhèanamh. Chaidh rud-eigin nàdurra a sguabadh air falbh, agus ar leam-sa gum bheil a nis an aon ghnè dìthe air an dùthaich is a bhiodh oirre nan cuireadh as do eòin an doire no dìtheanan na machrach, dìth rud-eigin daonna a bhuineadh do ar dùthaich is do ar muinntir; agus dìth nach gabh leasachadh. Chan eil mi an aramach an aghaidh nan làithean ùra, nam beachdan ùra, no nan dòighean ùra. Ach ...

titleAn Dìol-déirce
writersDuncan Livingstone
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Donnchadh MacDhunLéibhe in Gairm 5 %p

parent textGairm 5
<< please select a word
<< please select a page