[68]

An Aithne Dhuibh ...?

5. Niall MacGilleSheathanaich.


[69]

Chunnaic Niall MacGilleSheathanaich a’ ghealach ag éirigh air Bàgh Naples agus na neòil a’ cliathadh mu cheann Olympus. Dheanadh e fhathast a rathad ann an Rangoon no ann an New York. Ach, an diugh, agus e aig ceann a sheirbhis mar Rùnaire a’ Chomuinn Ghaidhealaich, chan eil an t-aithreachas as lugha air gun do roghnaich e a chùl a chur ris na nithean sin eile agus a bheatha a thiomnadh do dh’ aobhar na Gàidhlige.

Rugadh Niall ann am fasgadh seann chaisteal Dhùntròin, ach cha robh e ach naoi mìosan an uair a rinn e a’ cheud imrich. Thill athair, Donnchadh MacGilleSheathanaich (no Donnchadh Bàn, mar a b’fheàrr a b’ aithne do dhaoine e) air ais do Dhiùraidh agus is e sin an t-eilean air an ainmich an teaghlach iad fhéin fhathast. Chaidh Niall òg do sgoil Aird Lusa far an robh e fo shùil a’ mhaighstir-sgoile a thug buaidh mhór air a bheathaCalum MacNaoimhein. Cha robh MacNaoimhein a’ cleachdadh dad anns an sgoil ach Gàidhlig co-dhiùbh a bha e a’ teagasg Laideann no Greugais no Euclid.

Aig seachd bliadhna deug chaidh Niall gu muiran toiseach còmhla ris an “Caledonian Steamship Company” a bha a’ seòladh mu Chluaidh. bhliadhna ’na déidh sin chaidh e gu Paddy Henderson far an tug e beagan bhliadhnachan a’ seòladh gu puirt uaignidh an Ear. Ainmich an “Yamarapura” an làthair Neill agus thig blàthachadh fhathast ’na shùilean. Bha feadhainn eile ann cuideachd, mar a bha an “St. Clement” (anns an robh e aig an “Spithead Review” ann an 1902), an “Rhouma” agus an “Za-Za.” Anns na dhà mu dheireadh sin, chuir e cuairt an deidh cuairt anns a’ Mhuir Mheadhon-thìreach.

’S fheudar gun robh e ’n dàn do Niall MacGilleSheathanaich a dhol chun a Chomuinn. Ann an 1911 chaidh a ghairm gu coinneamh-taghaidh a bha a’ lorg rùnaire ùr, ach cha b’ urrainn dha bhith ’n làthair agus chaidh Iain MacIlleathainn a Tiriodha a thaghadh. Cha do dh’ fhuirich MacIlleathainn ach bhliadhna, agus mu dheireadh ann an 1913 (air a’ cheathramh latha fichead de’n Og-mhìos) chaidh Niall a shuidheachadh. Mun deachaidh an gnothach a chur a thaobh, thugadh air òraid Ghàidhlig agus Bheurla a thoirt do’n Phrìomh Chomhairle gu léira’ cur an céill gun robh e ’ga mheas fhéin airidh air an dreuchd! Cha robh aig an Rùnaire ùr ach cóig mìosan gus Mòd Dhun- a chur air dòigh, agus aidichidh e fhéin gun robh e air chrith air na cnàmhan gus an robh a’ Chuirm Mhór seachad. Trì bliadhna an déidh sin, thàinig air Niall gabhail anns an arm agus chuir e seachad còrr agus bhliadhna còmhla ris na Camshronaich (far an robh e anns a’ Chòmhlan Phìobairean) agus còmhla ris an Scottish Horse. An déidh a chogaidh, thill e chun a’ Chomuinn.

Cha ghabh luaidh deanamh air na rinn Niall MacGilleSheathanaich as leth na Gàidhlige. Thug e na bliadhnachan móra ud do’n Chomunnthug e dhuinn rosg agus òrain air am bi meas bliadhnachan an déidh sorinn e sin agus iomadh rud eile. Ach aontaichidh an fheadhainn do’n aithne e, gur e an rud a b’ fheàrr a thug e dhuinn riamh, deagh eiseamplair.

Tha Niall pòsda aig Ealasaid Taylor a Cinn-Tìre de chiad bhuill Coisir Ghàidhlig Chinn Loch Chill Chiarain. Tha iad air a bhith bliadhnachan a’ còmhnaidh ann an Kilmacolm agus a’ cur seachad seachdain no dhà de’n t-Samhradh ann amBothan an Fhuarainann an Cinn-Tìre. A thuilleadh air na mìltean de luchd Gàidhlige a bhios ag ionndrainn Neill an uair a leigeas e dheth an dreuchd, bithid ionndrainn nach beag air am measg an luchd-siubhail air an treun mhaidne eadar Kilmacolm agus Glaschu; bithidh iad a’ gabhail iongnaidh càite an deachaidh e an déidh dhaibh a bhith ’ga fhaicinn fad nam bliadhnachan ’s a cheann crom os cionn an Tòimhseachain-tarsuinn anns a’ phaipear-naidheachd. A thuilleadh air òran math Gàidhlig no port air a’ phìob, sin an cur-seachad as docha le Niall. ’Se fhéin a thug dhuinn a’ cheud tòimhseachan tarsuinn ann an Gàidhlig ann an 1925! Agus ’se a thug dhuinn an t-ainm.

An uair a thig an t-ám an Comunn fhàgail, na rudan air an fheàrr am bi cuimhne aig Niall MacGilleSheathanaich? A’ cheud chuirm-chiùil aig an robh e riamhanns an Oban ann an 1897, far an robh Ruaraidh MacLeòid a’ seinn agus e air bonn òir a’ Mhòid ùr-fhaotainn. Mòd Dhun-, a’ cheud fhear aig an robh e fhéin mar rùnaire. Agus Mòd Inbhir-Nis ann an 1912 far an d’fhuair e fhéin a’ cheud duais leisA’ Chuthag Mhaidne.”

Ach bithidh iomadh rud eile ann.

titleAn Aithne Dhuibh ...?
writersFinlay John MacDonald, Derick Smith Thomson
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
notesNB. Cha robh ainm an ùghdair air fhoillseachadh san alt seo. Tha sinn a’ leantainn na sgrìobh Raghnall MacilleDhuibh gur e an co-dheasaiche Fionnlagh I. MacDhòmhnaill a sgrìobh an sreath ‘An Aithne Dhuibh...?’ air fad. (Gairm Index aig DASG)
parent textGairm 5
<< please select a word
<< please select a page