[103]

Air An Spiris

THA Gairm a nis air an leth-cheud a ruighinn, agus tha e nàdurrach gum biodh e faireachdainn rudeigin sean. Tha a làn thìde aig cuideigin a ràdh gu bheil e ro shean, agus gur h-e bu chubhaidh dha norrag a ghabhail ri taobh a ghealbhain, no air a spiris fhéin. Ach chan fhiach do dhuine so a ràdh mura cuir e gairm eile ann an cluais nan Gaidheal: mura cuir e leabhran eile air chois a bhios nas fheàrr, no nas coltaiche ris an linn anns a bheil sinn beò. Cha chuireadh so mìghean sam bith oirnn. ’Sann a bhiodh ena mhisneachd mhór dhuinn.

Fhads a tha sinn afeitheamh, tha dùil againn leantainn oirnn gus a ruig sinn an ceud co-dhiù. Bithidh an uairsin an fheusag againn adol am bogadh anns an inc, agus chan eil teagamh nach bi sinn adeanamh mabladh eagalach air aGhàidhlig. Nuair a ruigeas sinn an aois sinse aphrìs a bhios oirnn cóig tasdain, agus bithidh Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd agabhail deich duilleagan de shanasan-reic gach ràithe ann an Gairm: bithidh iad afiachainn ri reic fhaighinn air Morairean is Ridirean a chaill aBheurla, air gillean-cas-fliuch nach do chuireadh an sàs ann an obair tharbhaich, air cailleachan-ludgaig nach do dhionnsaich an cunntadh ùr deicheimheil, agus air seann Liberailich.

Gus an tig an mór sin, dhiarradh sinn taing a thoirt do chàirdean thalls a-bhos a tha gar cuideachadh anns an staid anns a bheil sinn: na bùithean is na buidheannan a tha atoirt shanasan-reic dhuinn an dràsda, agus an luchd-leughaidh a tha aceannach bhuapa, agus ag innse dhaibh mar a thug na sanasan-reic ann an Gairm a thaobh iad; na càirdean a tha areic an leabhair dhuinn gach ràithe, is cuid aca tha nis an obair sin fad bhliadhna dheug. As an aonais agus ás aonais feadhainn òga a tha a nis atòiseachadh gar cuideachadh, cha bhiodh Gairm idir ann.

titleAir an Spiris
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Gairm 50 %p

parent textGairm 50
<< please select a word
<< please select a page