[135]

An T-ionnsachadh Og?

Bha an ceatharnach so shuas ceithir ficheads a sia nuair a chuir aghaidh an toiseach air Gàidhlig ionnsachadh. Rugadh Hans Eggeling ann an Dun-Eideann, ach bann ás aGhearmailt a thainig a phàrantan. Be na cànanan Clasaiceach a ghabh e mar phrìomh chuspair, chuir e an uair sin ùidh am Fraingeiss an Gearmailt. Thill e gu bhith ateagasg ann an Oilthigh Dhun-Eidinn. Bithidh e ag eadar-theangachadh bàrdachd Ghearmailteach gu Beurla na h-Alba, no Albais.

Ghabh e ùidh mhór anns aGhàidhlig. Bha aobhar no dhà air a sin, agus be aon dhiubh gu robh e airson nach deigheadh dad seachad air de na bha e cluinntinn anns na tighean-òsda air còrsa an iar-thuath na h-Alba, far am bi e tadhal air fòrladh o àm gu àm.

Tha e cho geur ris an ealtainn, ’s e làn dibhearsain. Tha aGhàidhlig atighinn thuige mar gum bann leis abhainne a fhuair e i.

(Tha sinn fo chomain do Mhurdaig NicCoinnich airson na naidheachd so. Chì sibh gu bheil Mgr Eggeling aleugadh Gairm anns aphioctair so.)

titleAn T-ionnsachadh Og
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Gairm 50 %p

parent textGairm 50
<< please select a word
<< please select a page