[153]

FAIRE UR A’ NOCHDADH

(Earran air a bheil dreach na h-oigefo iuil Cairistiona Dick)

Inbhir NisArd-Bhaile Na Gaidhealtachd

Le IAIN MACLEOID

DOCHA gun smaointich sibh, an uair a dhinnseas mi dhuibh nach eil ann ach mìos bhon thàinig sinn a dhfhuireach ann an Inbhir Nis, gum bheil fìor aghaidh agam a bhith agabhail orm fhéin sgrìobhadh mu dhèidhinn abhaile ann an Gairm. Ach feumaidh sibh a thuigsinn nach eil é idirnam bheachd breith a thoirt air an àite. Cha bu chòir do dhuine breith a thoirt air áite no rud sam


[154] bith gun beagan eòlais a bhith aige air, ach ge boil leis bithidh beachd aige air rud agus so dhuibh, an deaghaidh mìos, mo bheachd-sa air Inbhir Nis. (Dòcha gun can corra dhuine a tha déidheil air argumaid nach eil móran difir eadar breith is beachd ach cha bhi mi uair sam bith atoirt geill do dhaoine mar sin).

Anns an dol a-mach is toigh leam Inbhir Nis. Ma sheasas tu air an drochaid ùr ri latha gréine agus ma choimheadas tu suas is sìos an abhainn chì thu baile beag cho snog agus a tha ann an Alba. Chan e cho maiseach no cho mórchuiseach agus a tha na togalaichean is aobhar dha so idir ach mar a tha am baile asìneadh a-mach air gach taobh den abhainn. Tha Inbhir Nis coltach ris a h-uile baile air aGhàidhealtachd. ’Se cho bòidheach agus a tha an t-àite far am bheil e air a shuidheachadh a tha ga dheanamh cho snog.

Ged a tha mu 30,000 afuireach anns abhaile chan eil móran àiteachan ann ás nach fhaic thu na cnuic agus na h-achaidhean a tha mu thimcheall air an uair a thogas tu do shùil. Tha thu gad fhaireachadh fhéin air an dùthaich. Mar so tha Inbhir Nis atighinn faisg air a bhith mar bu chòir do na h-uile baile a bhith, obair dhaoine agus obair Nàduir ag oibreachadh, mar gum bann, ann am pàirt, gun an dàrna rud a bhith amùchadh an rud eile.

Chan eil so ri a ràdh nach eil àiteachan den bhaile grànda gu leòr, gu h-àraidh adol a-mach taobh an ear abhaile (nach eile neònach gur e taobh an ear a h-uile baile an taobh as grànda dheth co-dhiù ann air taobh an ear no taobh an iar na dùthcha a tha e ?) ach tha e coltach gum bheil obair mhór adol a thòiseachadh air an taobh so den bhaile airson àite a dhèanamh far am faod an luchd turais a càraichean a chur agus bùthannan far am faod iad an cuid airgid a chosg. Bithidh na bùthannan gu h-àrd os cionn nan sràidean le drochaidean far am faigh daoine coiseachd o thaobh gu taobh, ach cha do thachair sin fhathast.

Ma tha càil mu dheidhinn Inbhir Nis a tha atoirt Glaschunam chuimhnese cho -rianail agus a-tha na sràidean aruith air a h-uile rathad agus na tha annta de chàraichean, co-dhiù as t-samhradh. ’Se fear turais glé thapaidh a a rathad o thaobh gu taobh den bhaile eadar ceithir is sia uairean feasgar, an uair as trainge e, gun a rathad a chall no gun eagal a bhith air, uair na dhà, gum bheil e air tighinn gu deireadh a thurais.

Rud eile, tha sgil do-labhairt aig muinntir abhaile air àite fhaighinn air na sràidean far am faigh iad an cuid chàraichean fhàgail no a


[155]pharcadh.’ Gheibh iad an càraichean a stigh an àite nach saoileadh tu a ghabhadh barra. Ach mo thruaighe an duine air nach eil an sgil sin a bhuileachadh! Theid esan iomadach uair troimh an bhaile, agus siùbhlaidh e iomadach sràid mus fhaigh e fhéin no a chàr fois.

Bitheadh sin mar a bhitheas e siùbhlaidh tu Alba mas fhaigh thu daoine nas coibhneile no nas modhaile na muinntir Inbhir Nis. Gabhaidh tu iongnadh an uair a theid thu a-stigh do na bùthannan cho deònach agus a tha luchd nam bùthannan air do chuideachadh agus ma dhfhaighnicheas tu an rathad air duine sam bith e uile dhìcheall airson do chur air an t-slighe cheart.

Ma chì thu sreath de dhainmean muinntir Inbhir Nis chan eil e doirbh cuimhneachadh gum bheil thu air aGhaidhealtachd. Tha tòrr de na seann ainmean an so fhathast: Frisealaich agus Dòmhnallaich, Granndaich agus Stiùbhartaich, Caimbeulaich agus Leòdaich. Chì thu na cinnidhean sin uile agus móran a bharrachd orra an an leabhraichean ainmean nan sgoiltean agus air na bùthannan cuideachd.

Tha daoine ag ràdh gur ann an so agus ann am baile Ath Chliath (Dublin) ann an Eirinn a ehluinneas tu aBheurla as fheàrr ann am Breatann. ’Se an aobhar dha so, tha iad ag ràdh, gun dhionnsaich muinntir an bhaile sin an cuid Beurla á leabhraichean na sgoile, bhonse aGhàidhlig a bu cheud chànan dhaibh. Tha blas na Gàidhlig air Beurla muintir abhaile fhathast ach tha eagal orm gur e sin na tha a dhith, coltach ris an làrach no am fossil a dhfhàgadh air cloich le beathach de ghné a chaidh ás, agus nach eil ri a fhaighinn air an talamh a nis idir. Tha Gàidhlig ga bruidhinn ann an Inbhir Nis ach is ann le feadhainn a thàinig á taobh an iar na Gàidhealtachd agus ás na h-Eileanan, na West Coasters mar a chanas iad riutha an so. Agus dòchas gum bheil cuid de mhuinntir abhaile, ged nach gabh iad orra e, acoimhead orra-san caran mar a tha na h-Africanaich a fhuair beagan de dhfhòghlum na h-Eòrpa acoimhead air na treubhan borba nach dfhuair sin.

Air a shon sin, mur a bheil cànan nan Gàidheal aca nas fhaide chìthear nàdur nan Gàidheal annta fhathast. Tha clann na sgoile fada nas modhaile na tha iad ann an Glascho ged a chì thu an t-aon seòrsa aodach, agus falt a cheart cho fada air cuid de na gillean an so. (Chan eil móran difir eadar coltas dhaoine air feadh an t-saoghail a nis). Ach thuirt maighistir sgoile á thàinig á Galldachd iomadh bliadhna air ais nach bu chòir dhomh a bhith air mo mhealladh leis cho


[156] modhail agus a tha iad. “Ma shaoileas iad,” ars esan, “gum bheil thu agabhail brath orra tionndaidhidh iad nad aghaidh gu tur.”

A thaobh cothrom siubhail ás abhaile gu àiteachan eile chan eil móran àiteachan anns an dùthaich eadar Tigh Iain Ghròta agus Glaschu, no Obaireadhain agus Caol Loch Aillse (ge boil le Beeching) nach urrainn dhut an ruigheachd am broinn sia uairean a thìde leis an trèan, no leis abhus, ged is dòcha gum bi na prìsean caran searbh leat (ma tha càr agad tha an gnothach nas fhasa buileach, co-dhiù an uair a gheibh thu a-mach ás abhaile).

Cinnteach gur e so as coireach gum bheil uimhir de luchd turais atadhal ann, agus a bharrachd air sin ann an Aviemore agus Bail-ur-an-t- sléibhe (Newtonmore) gheibh iad cothrom air a h-uile seòrsa cleasan samhraidh agus cleasan geamhraidh mar tha dìreadh bheanntan agus sgitheadh. Tha tighean òsda Inbhir Nis fìor mhath cuideachd gun a bhith ro dhaor.

S duilich a ràdh gun robh aon ghearan aig an luchd turais am bliadhna. Bha iad adèanamh a-mach gun robh a leithid a bha ghrànda air an uisge nach burrainn dhaibh a chur anns an uisge-bheatha aca. ’S iomaah bodach a chanadh gur math an airidh orra airson a bhith adèanamh an dearbh rud.

titleInbhir Nis – Ard-bhaile Na Gaidhealtachd
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Iain MacLeòid in Gairm 50 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page