[156]

Maise Gnuis

Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH

BLIADHNA Mhath Ur dhuibh uile.

Bhon a tha 1965 fhathastna leanaban shaoil mi gum biodh sona dheagh àm gus facal na dhà a sgrìobhadh mun aire dhfheumas clann bheaga.

S mór as urrainn do mhàthraichean a dhèanamh gus gum fàs achlann suas le craiceann fallainn is falt grinn.


[157]

Tòisichidh sinn ma thà leis achraiceann; tha chuid as motha de phàisdean air am breth le craiceann glan agus a chum is gu fan e mar so feumaidh e deagh aire. So agaibh riaghailt no dhà a dhfhaodas sibh a leantainn:

1. Chan eil feum sam bith air siaban a nighe aodainn leanaibh òg. Cleachd clùd-aodainn mìn (chan e idir an aon fhears a bhios agaibh ris achòrr dheth) agus nighibh gu math e.

2. Le searadair mìn, bog, tiormaichibh an craiceann gu math. Tha so uabhasach feumail oir chan eil ann as -chomhartaile do leanaibh na craiceann tioram goirt.

3. Nuair a bhitheas sibh acur an leanaibh a-mach anns aphram suathaibh rud beag cungaidh-leanaban air aodann; glé thricse cion airenan òige a tha ag aobharachadh craiceann ruiteach nuair a dhfhàsas iad suas. Tha ghaoth atiormachadh an ola nàdurra a tha as achraiceann agus tha so atoirt na féithean ro fhaisg air uachdar achraicinn. Agus tha e gu math doirbh so fhalach.

A nis am falt:

Co-dhiù tha an leanabh air a bhreth le tòrr dhualagan air feadh a chinn no le ceann maol mìn feumar deagh aire a thoirt do chraiceann a chinn.

1. Chan eil feum sam bith air siaban a h-uile turas a tha sibh anighean leanaibh. Suathaibh an ceann gu math le clùd na spong agus tiormaichibh gu cùramach e.

2. Thig sgrath air a cheann gu math bitheanta air cho faicealachs gum bi màthair, agus mur eil e uabhasach dona faodaidh sibh fhéin gabhail ris. Ma tha an leanabh beag bìodach suthaibh ola bhlàth air agus fàgaibh e cho fadas as urrainn dhuibh agus an sin bruisigibh dheth e le bruis-ìnean. Le clann, suathaibh an craiceann gu math le measgadh de aon chuid siaban-cinn-leanaibh agus aon chuid siaban-cinn-leigheis, glanaibh dheth e le uisge gu leòr agus an sin bruisigibh an craiceann tioram air falbh.

Far am bheil leanabh afaighinn deagh aire iarraidh e daonnan a bhith glan grinn is leanaibh e ris.

“ ’Se an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach.”

titleMaise Gnuis
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 50 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page