Seann Sgeulachd
Le EIRIC NIC CORCADAIL (Ard-sgoil Inbhir-Nis)
BHO chionn fhada an t-saoghail mhóir, bha eilean a’ Bhaile Shear air taobh an iar Uibhist a Tuath, gu math na bu mhotha na tha e an diugh. B’ aobhar dha sin gun robh dà sgìre ann aon uair, am Baile Sear agus anns a’ Bhaile Siar. Agus anns a’ Bhaile Shiar bha seann chladh do ’m b’ ainm Hùsainis, a bha cho sean is nach robh cuimhne, eadhon aig na daoine a b’ aosda anns an àite, cuin a chaidh neach a thiodhlagadh ann. Ach tha aon rud a’ dearbhadh dhuinn gun robh an cladh ceudan bliadhn’ a dh’ aois, agus is e sin locha bheag a bha faisg air làimh do ’m b’ ainm Locha Chómhainn. Is cinnteach gun robh ceangal eadar an locha agus an seann laoch anns na linntean a dh’ fhalbh.
Agus tha e coltach gun tainig stoirm mhór aon oidhche, iomadh bliadhn’ air ais, agus is ann a dh’ fhalbh an cuan leis a’ Bhaile Shiar is dh’ fhàgadh am Baile Sear mar a tha e gus an latha ’n diugh.
Cha do dh’ fhàgadh de ’n chladh ach uaigh no dhà, oir chaidh an còrr a sguabadh a-mach do ’n chuan. Bha fir an àite ag aithris gun robh na h-uaighean air an rusgadh de chloich shnaidhte agus gun robh na cuirp air an adhlacadh unnta ’nan suidhe, maille ri ’n coin seilge agus ri ’n armaibh.
Grunn math bhliadhnaichean air ais, nuair bha mo Sheanair ’na òganach air a’ Chàrnaich, thainig Clachan uagha air tir anns a’ Bhaile Shear agus thugadh an aire gun ann á Cladh Hùsainis a dh’ fhalbh iad. Bha iad mór, trom air an gearradh á cloich dheirg le dealbhan agus litreachas neònach orra.
Agus aig a’ cheart àm, bha gobha anns a’ Bhaile Shear do ’m b’ ainm Seumas Camshroin, agus, nuair chunnaic e na clachan, thug e leis aon chum àrd-dorus a chur air bothan cheilp. Beagan ùine an déidh sin, thugadh an aire do dhuine mór cumhachdach, eadar sia ’s a seachd a throighean de dh’ àird, ’na sheasamh daonnan aig ceann na grìosaiche. Bha falt fada stuadhach air agus feusag mhór ruadh a ruigeil a mheadhoin, agus chìte e gach feasgar is a shùilean gorm ciùin gu dlùth air tigh Sheumais.
Aon oidhche agus an gobha còir ’na throm chadal ’na leabaidh nochd am fear ruadh aig ceann na leaba. Thog e a làmh gu sàmhach socair, agus ann an guth ìseal nach buineadh do ’n t-saoghal so, thuirt e.
“Till a’ chlach air ais do ’n chladh ’s leig mise gu m’ fhois.” Ach cha do ghabh Seumas comhairle an fhir ruaidh ’sann thuit cadal na bu truime air.
Nach ann a thill am fear ruadh a rithis, agus, le sradag neimheil ’na shùil ghuirm, thuirt e gu h-oillteil,
“Na tigeadh norradh air do shùil gus an till thu a’ chlach ’s gus am faigh mise gu m’ fhois shìorruidh.”
Bhuail crith eagail an gabha còir agus dh’ éirich e anns a’ chamhanaich fhuar, chiar agus bheartaich e an làir bhàn. An sin tharraing e a’ chlach air ais do ’n chladh, agus riamh bho ’n latha sin, chan fhacas sgial air a’ bhodach ruadh tuilleadh.
Is cinnteach gum bheil e aon uair eile aig fois, a’ feitheamh le chù ’s le chlaidheamh gus an cluinn e fuaim na trumpaid adhairc, agus an éirich e a shealg mar bu dual.
title | Seann Sgeulachd |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Eiric NicCorcadail in Gairm 50 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |