Clann an Latha ’n Diugh
Le CAIRISTIONA DICK
Deilbh le Diana Christie
Chunna sinne Daolag .... Yeah! Yeah! Yeah!
THA mi fhéin is Ceit is Màiri a’ dol suas Bath Street ann an Glaschu aon latha nuair a bha am baile trang agus mar as tric a thachras bha sinn nar stad airson greis le sreth chàraichean romhainn, sreth eile as ar déidh agus sreth no dhà air gach taobh. Bha càr mór geal direach air ar cùlaibh. Cha robh móran diù agam dhà ged a bha Ceit is Màiri a’ cur seachad na h-ùine a’ cur dhréinean orra ris an fhear a bha air cùl na cuibhleadh. Bha na bùthan a’ dùnadh agus thainig nighean òg amach a té dhiubh. Choimhead i, shaoil leam, dìreach air a’ chàr againne, leum a sùilean amach ás a ceann, dh’ fhosgail a beul, thog i làmhan gu h-àrd, leig i aon sgiamh agus thill i stigh dh’ an bhùtha cho luath is a bh’ aice. Thàrr mi dìreach coimhead air mo chùlaibh feuch dé an t-uabhas a bha Ceit is Màiri ris a nis a chuir an nighean bhochd ás a ciall agus ghlac mo shùil gluasad ann an cùlaibh a’ chàr ghil. Thuirt Ceit,
“Tha duine neònach fo ’n phlangaid tha sud a mhamaidh,” ach leis a sin dh’ fhosgail dorsan na bùtha a rithist agus bhrùchd sgaoth de
Cò bha ás an ‘duine neònach’ a chunnaic Ceit ach Ringo ás na h-adaibh! Bha e ’na chrùbadan air ùrlar a’ chàr ghil is plangaid m’a cheann. (Nach mór an dragh a th’ ann a bhith deanamh an airgid! Dh’ amais dh’ an ghille bhochd a cheann a thogail feuch dé bha cur moille air nuair a thainig a cheud nighean a-mach ás a bhùtha agus cha robh an còrr a dhìth. Mur a b’ é gun tainig dha no thrì mhaoir-sìth air eich aig an àm chan eil fhios dé bh’ air éirigh dha oir b’ fheudar dha tighinn a-mach o ’n phlangaid.
Bha Ceit is Màiri ag éibheach a nis còmhla ri càch (bha iad eòlach air an dealbh air naCorn Flakes), “Sud Daolag! Sud Daolag! A’ Mhamaidh seall, Yeah ! Yeah! Yeah!”
MA thig air a h-aon dhe ’n chloinn a dhol gu bràth gupsychologist ’s gu foighneachd e dhi a’ cheist àbhaisteach, “An robh gaol agad air do mhàthair?” tha fiosam le cinnt dé freagairt a gheibh e. Bha mi gan càineadh aon latha airson pucaid smodail nan cearc a dhòrtadh anns an lòn a tha daonnan aig a’ gheata chùil. Bha stuirc air an dithis aca agus suas an staidhre a ghabh iad a ghearain
Ceit: Tha Mamaidh grànda grod dona.
Mairi: Cuiridh sinn dh’ an t-sitig i?
Ceit: Cuiridh (le dùrachd)
Mairi: Loisgidh sinn i?
Ceit: Loisgidh (le barrachd dùrachd)
Mairi: Bithidh i rànaich?
Ceit: Bithidh. (le móran a bharrachd dùrachd)
Mairi: O bithidh sin math!
Na fanadh iad aig droch dhùrachd dhomh cha bhiodh an gnothach cho dona ach tha iad air mo chliù a thoirt bhuam cuideachd. Chunnaic iad botail” ‘Bitter Lemon’ anns a’ phreas agus thòisich iad ri iarraidhLemonade.
“Chan elemonadetha sin ann. Tha e ro gheur dhuibh. ’Sann a tha e airson a chur ann anGin.”
“Tha sinne ag iarraidhGinma tha.”
Gun fhor thuirt mi, “Cha bhi nigheanan beaga ag òlGinann, airson Mamaidhean a tha e.”
“Am bheil e grod?” arsa Màiri.
“Thà.”
Cha robh an còrr air a ràdh aig an àm ach mo chreach, latha no dhà ás a dhéidh so bha iad, is ceum fearail aca, sìos an ùdraid a’ cuibhleadh nam bara-roth a fhuair iad aig an Nollaig, nuair a thachair an seanair riutha.
“Càil sibhse dol le na baraichean briagha tha sin?” dh’ fhoighneachd e dhaibh agus fhuair e freagairt;
“Tha sinn a’ falbh a dh’iarraidhGindo mhamaidh”! !!
[Sanas]
title | Clann an Latha ’n Diugh |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Cairistìona Dick in Gairm 50 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |