AN SPEURADAIREACHD ANNASACH!
CALUM MAC A’ GHOBHAIN (Uibhist a-deas)
O CHIONN ùine air ais dh’ iarr an t-Ard Ollamh MacThómais orm beagan a sgrìobhadh mu speuradaireachd, airson an ràitheachain thlachdmhor sin Gairm. Dh’ fheuch mi na bha ’na mo chomas gu toirt dhachaidh air cho suarach, agus cho gann ’s a tha m’ eòlas air a’ chuspair dhìomhair, agus neo-chrìochnach sin. Dh’ aindeoin mo dhìchill cha ghabhadh MacThómais diùltadh air chuma sam bith, agus b’ éigin dhomh aontachadh gun deanainn oidhirp air choreigin. Thubhairt mi, mar an ceùdna, ris, nach bu chomasach mise am feasd Gàidhlig iomchuich a chur air a’ bheagan speuradaireachd a tha ’na mo cheann. Tha feadhainn ann a chuireas Gàidhlig air rud sam bith, agus tha sinn toilichte gu bheil luchd cuideachaidh na Gàidhlige a’ deanamh sparraidh chruaidh, agus agartais dhuineil, airson gum bi iomadh cuspair ann an cùrsa an fhoghlaim air an teagaisg do oileanaich òga, ann an cainnt am màthar is an sinnsir. Gu rachadh leo! Ach ma tha cuspair air bith ann nach gabh gu soirbheachail a theagaisg ann an Gàidhlig is e sin àrd speuradaireachd. Chan eil fhios agamsa idir càite fo na rionnagan na fo ’n ghil adhair am faighte facail fhreagarrach Ghàidhlig airson aRadio Astronomy, etc. mu bheil an t-Ard-Ollamh Lovell ag innseadh dhuinn, agus airson a’ bheagan a thuigeas glaoicean mar sinne, de speuradaireachd dhomhainm agus dhìomhair air an robh an duine mhór-cheudfathan Einstein a’ bruidhinn. Có thuigeas eadhon gu dorch, na có a chuireas Gàidhlig air aRelativity Theory, is aUnified Field Theoryair a bheil an duine teòmach, eagnaidh, tùrail agus tionnsgalach ud a’ còmhradh? Agus tha gnothaich neo-sgaraichte aca ri àrd speuradaireachd. Uime sin, tha mi làn chinnteach, nan oidhirpichinnsa air a so a dhèanamh, gun tugadh mo chion tuigse an àrd speuradaireachd, agus mo chion Gàidhlige iomchuidh airson a chur an céill, air Pythagoras, agus air Zeno (leis “an t-saighead nach sgéitheadh far am bitheadh i, agus far nach bitheadh i idir, ”) air Ptolemy, Galileo, Copernicus, Kepler, Newton, Planck, Jeans agus Einstein, móran charan a chur ’nan uaighean, agus air Hoyle agus Lovell a tha fhathast an tìr nam beò, a thighinn a dh’ aon ghnothaich ga mo chlachadh a dh’ Uibhist.
Rinn mi móran leughaidh agus meòrachaidh air speuradaireachd o chionn fichead bliadhna, agus tha mi fathast a’ leantainn le mór thlachd nas urrainn mi a thuigsinn de na nithean iongantach a tha na daoine ainmeil ud a’ lorg dhuinn. Gidheadh is ann “dorch mar tre ghloine” a tha mise coimhead agus a’ tuigsinn na nithean mìorbhuileach air a bheil na daoine comasach ud a’ labhairt. Thug an t-Ard Ollamh Lovell o chionn ghoirid searmoin no òraid mhór ann an té de eaglaisean Dhùn Eidinn air na nithean bu nuaidhe air an robh fios aige mu dheidhinn speuradaireachd. Bha na chuala an searmoin ud, agus na leugh e anns anScotsman, fo mhór iongnadh—an toiseach a thaobh comais an duine a bha ga liubhairt, agus a rithist a thaobh laghannan dìomhair “an t-saoghail anns a bheil clann nan daoine a’ tàmhachd,” agus na saoghail ro lìonmhor eile a tha seòladh gu ro luath maille ris ann an cuan neo-chrìochnach nan neul, no ann a farsaingeachd an adhair mhóir. Tha an duine ainmeil so, maille ris a’ chuid as motha de speuradairean móra eile, a’ faicinn de òrdugh, de rian, de riaghailt agus de laghannan coimhlionta ann an cruthachadh, agus ann an obrachadh nan saoghal ionnas gu bheil iad maille ri seann ollamhain na Gréige a’ dearcadh air inntinn mhóir agus iomlain Dhé, air cùl a’ chruthaichidh uile agus a’ ruith troimhe. Bha fear de na daoine móra ud o chionn ghoirid a’
Mar a thubhairt mi roimhe so cha cheadaich mo chion tuigse air àrd speuradaireachd agus mo chion cainnt airson a chur an céill, dhomhsa eadhon tòiseachadh ag innseadh air na duilleagan so, mu’n ghoirm dheth air a bheil fhios agam. Bha bodach còir uaireigin a’ cluinntinn bodach crosd eile a’ cur sìos gu làidir air dithis de bhràithrean agus an diadhachd, agus ag ràdh nach robh annta ach smior nam Phairiseach. “Uill,” arsa am bodach còir, “cha dean sinne Phairiseach fhéin.” “Thusa”, arsa am bodach crosd, “Na feuchadh tusa a bhith which ri Phairiseach is ann a dheanadh tumessdheth.” Is e sin gu cinnteach a dheanainn-sa de speuradaireachd nan tòisichinn air an so.
Bha ministear ann an Leódhus beagan ùine air ais a bhiodh a’ toirt iomraidh air speuradaireachd o ’n chrannaig. Aon latha Sàbaid bha e a’ bruidhinn air lìonmhorachd nan saoghal eile a bha timcheall oirnn air feadh an adhair, agus cho mór is a bha iad a bhàrr air an talamh air an robh sinne a’ còmhnaidh. “ ’Nuair,” arsa am ministear, “a théid sibh a-mach a-nochd ás an eaglais seallaibh ris na speuran agus tha móran de na reultan a chì sibh fada nas motha na tha an saoghal againne.” Co-dhiù, nuair a thàinig an sluagh a-mach dh’ amhairc aon de na cailleachan gu h-aithghearr is gu h-eas-creidmheach an àirde ris na speuran agus labhair i ri càch na briathran a leanas— “Nach b’e am ministear againne an duine gun chéill! Seallaibh air na rudan a tha e ag ràdh a tha cho mór ris an t-saoghal agus tha iad a cheart cho meanbh is gun tugainn leam muillion aca ann an cliabh air mo dhronnaig.”
Bha oileanach eile ann a thòisich air innseadh do bhodach eirmiseach mu dheidhinn na gealaich. Bha an t-oileanach ag ràdh ris gu robh an t-àile no anatmosphereair a’ ghealaich cho ro ghann is nach cluinneadh tu aon smid oirre ged dh’ éigheadh tu àirde do chloiginn. Bha seann mhaighdean anns a’ bhaile a bhiodh tric a’ cròdhadh chaorach le cù air bheagan céille, agus chluinnte i
Bha gille eile ann aig an robh beagan eòlais air speuradaireachd agus a bha latha briagha samhraidh ’na shuidhe maille ri sheanmhair air cùl an tighe “nuair a bha ghrian a’ dol sìos air taobh siar eilean Leódhuis.” “Nach e,” arsa a sheanmhair, “a’ ghrian a tha luath ri dol sìos a-nochd.” “Chan e,” arsa an gille “a’ ghrian a tha gluasad idir ach an talamh a tha cur car agus ag éirigh.” Thionndaidh a’ chailleach bhochd ris le uamhan mór agus truas ag ràdh, “Tha mór fhoghlum, a Phòil, ga do chur air bhoile. Is fhada o bha eagal ormsa gu rachadh am foghlum air an eanchainn agad agus gun tigeadh oirnn fhathast a bhith ga do cheangal ris a’ bheing.”
Bha a’ chailleach chòir coltach ris an fhear dha robh cuideigin eile ag innseadh gu robh an talamh a’ cur car làitheil air aisealaibh agus a’ cur car gu bliadhnail timcheall na gréine aig astar mór. “Nach ann ort a tha dalladh Shàtain,” arsa am bodach, “Bheir mise dhut a bhalaich dearbhadh cinnteach nach do ghluais an cruinne-cé a riamh o chruthaich Dia e.” “Dé,” arsa an gille, “an dearbhadh a bheir sibh air?” “Tha,” arsa am bodach, “gu bheil dà fhichead bliadhna bho thog mise an tigh geal sin thall agus tha an dorus aige fhathast a’ coimhead do ’n àirde an iar a riamh o thog mi e.”
Ach chuir an gille òg móran a bharrachd de chlisgeadh air a’ bhodach nuair a thubhairt e ris gu robh grian nan speur ri bàsachadh, agus a’ caitheamh ás. Is iongantach mur robh an gille air a bhith leughadh an leabhair, The Dying Sun (le Seumas Jeans.) Anns an
O chionn beagan bhliadhnachan fhuair mi á Ameireagamapmór eideachail air na speuran agus bhìodh e agam air ballastudyann a Nis. Bha sgrìobhte air mullach a’ mhap soMap of the Heavens. Thainig duine grinn, caomh, a-steach aon latha agus gur ann air a’ mhap neònach so a thuit a shùil an toiseach, agus bha e sìor choimhead air gun phriobadh sùla airson ùine mhóir. Thuig mi air ball nach robh e riamh air am facalheavensa chluinntinn mar Bheurla airson speuran, agus bha làn dúil aige gur e sud am facal Beurla air nèamh no air sìorruidheachd nan naomh. Bha sùil mo charaid air a’ mhap fhathast agus gun aon smid no lide a’ tighinn ás a bheul. Mu dheireadh bhris an sàmhchar agus thubhairt e gu sòluimte, “Uill a mhinisteir, is iomadh mansa anns an robh mise aig òrduighean beaga is móra, ach chan fhaca mimapna sìorruidheachd ann an aon aca a riamh gus a-nochd.”
title | An Speuradaireachd Annasach |
writers | Calum Smith |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Calum Mac a’ Ghobhainn in Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |