BHEIL GAIDHLIG AIR “DUFF”?
Le RUAIRIDH MACGILLEATHAIN
Cha b’e comunn an dà ghamhna a bha shannt orm dheanamh riut,
Ach rud bhiodh agad ghabhail bhuat ’s an rud bhiodh bhuat a thoirt dhut.
B’ e sin an dòigh choibhneil a bha follaiseach a-measg na chruinnich gu cuirm Màiri Stiùbhairt, M.B. E., ’s dà oidhche mhór aca ann a Lunnainn a’ fiachainn ris a’ Ghàidhlig a tha bàsachadh anns a’ bhaile mhór sin a bheothachadh.
Thainig iad ás gach ceàrn le iomadh seòrsa goireas bho ’n sgadan shaillt, gu marag choire, agus ged a bhios “gach dìleas gu deireadh” cha bu chòir dhuinn dìochuimhn a dheanamh air an eallach a thug té Uig á Clapham ann.
Mar a their iad anns a’ Bheurla ’seSale of Worka bha aca, agus bha a’ chlann-nighean a’ fiachainn ri rudan annasach a dheasachadh airson na cuirm.
Bha an luchd-riaghlaidh cruinn timcheall air an eallach nuair a chaidh fhosgladh.
Nuair a nochd am put amach dé bha aca ach “duff”! ’S ma bha “biorach ùr an t-Siaraich” annasach ga reic ann a Nis bha an “duff” a cheart cho annasach ga reic aigFetter Lane.
Mar sin cha bhiodh e glé dhuilich rann a dheanamh dhi, ach chì sibh anns na ruinn a leanas, ged a chruinnich iad còrr air ceud not, nach dainig móran piseach air a’ Ghàidhlig. Tha a’ Ghàidhlig ’s a’ Bheurla a-measg a chéile unnta, rud nach eil air a cheadachadh ann am bardachd, an àite sam bi breitheamh foghluimte.
Hóro Mhurdag robh tréicil innt,
Robhalmonds , currantsisraisinsinnt,
’N e leth-phunndmolassesa rinn i cho snasail
’S a dh’ fhàg cho dreachail do bhèicearachd?
Bha cuirm a Lunnainn thug Màiri dhuinn,
Gu cuideachadh labhairt na Gàidhlig ann,
’S thug feadhainn ann sgadan is iasg air a shailleadh,
’S bha Murdag le eallach sa’ mhàileid aic’.
NISICH AG ITHE DUFF
(An dealbh le Dòmhnall Moireach)
Bha grunnan gun cheileir ri mèananaich
Ag éisdeachd sumult ri sgialachdan,
’S chuir eallach na cailin am mulad gu caithream
Nuair chaidh i cho sleamhainn le ’siaghanan.
Nach truagh nach fhaca teCeemo* i
Nuair thug sibh a-steach air an truinnsear i
’S a chuir sibh air sail i bha thall ris a’ bhalla
Is fear dhe na balaich gha pìobaireachd.
Thuirt cuideigin ‘Gearraibh i ’s tòisichibh
Gha reic mar aran na Dròbh againn,
’S ma bhios iad ri gearain air cuideam an earrainn
Cha chuir sinn iad barrachd air gròt orra’.
* Bha dùil aig Beann Perrins anSalefhosgladh, ach chumadh air ais i le tubait a thachair do’n phleun aig Inbhir Nis.
Nuair dh’ fhosgail a’ mharcaid bha uabhas dhibh,
Ri tabhach nan tasdan is uallach orr’
Nach fhaigheadh iad ceathramh a bheireadh iad dhachaidh
’S a dheanadh a stamagan suaicheantach.
Bha Uigich, Searaich is Siaraich aic’,
’S bha feadhainn dhiubh duilich a riarachadh,
’S nuair chruinnich na Nisich bha oirre timcheall,
Cha fhaigheadh tu idir na lìonadh tu.
Mar bha iad ri gearradh na caoban aisd’
Bha feadhainn ’s na ghabhadh an craos ac’ dhith,
’S có gheibheadh dhut caire nuair chitheadh tu sealladh
Ged thigeadh air d’ fhaire na faoileagan.
An dùil robh rudeigin làidir innt
Bha cumail na cuideachd a’ gàireachdainn.
Cha deach iad gu steallag no gloinne dh’ an Chlachan
No pinnt no gallan a bhàthadh i.
Hóro Mhurdag bha féill oirre
Ged. bha i ri steigeadh ri ’n géilleanan,
’S uile bha fagaisg le fiaclan flagach
’S ann bha i ri tarrainn nan deudan asd’.
Cha d’ fhuair sinn Gàidhlig air “duff” fhathast, ach dé ’n difir? Bliadhna mhath ùr dhuibh agus tòrr duff.
[Sanasan]
title | Bheil Gaidhlig air “Duff”? |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ruairidh MacGilleathain in Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |