An Sgeilp Leabhraichean
Edinburgh University Highland Society Year Book, 1964–65 (A’ Phris, 1/6).
Dh’ iarradh sinn meal-an-naidheachd a chur air oileanaich Ghaidhealach Dhun-Eidinn, agus gu h-àraidh air Ruairidh MacLeòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghaidhealaich an sin, agus fear-deasachaidh an leabhrain so. Is minig a thainig an smuain a-steach oirnn gu robh a thìde aig cuideigin iris Ghàidhlig ùr a chur air chois. Mar as motha a th’ ann, is iad uile a’ cumail sùil bhiorach air a chéile, ’sann as fallainne bhios sgrìobhadh na Gàidhlig.
Gu mì-fhortanach chan eil ach earrainn de ’n leabhran so ann an Gàidhlig, agus tha a’ chuid as fheàrr dheth ann am Beurla. Dh’ fhaodadh gu bheil so nàdurrach gu leòr, oir chan eil ach grunnan fior bheag de oileanaich Ghàidhlig a’ dol a Dhun-Eideann an diugh taca ris mar a bhà uaireigin. Agus tha fhios gu feum comunn de’n t-seòrsa a tha air chùl an leabhrain àite a thoirt do’n luchd-Beurla. Ach air a a shon sin ’se leabhar Gàidhlig a b’ fheàrr leinn fhaicinn, agus air a’ cheann thall’ sè bu bhuannachdaile.
Tha an leabhran air a chur ri chéile gu grinn is gu dòigheil. Tha sgeulachdan goirid agus bàrdachd ann, agus sgrìobhaidhean mu nithean a tha ’a’ togail connspaid aig an àm. Oilthigh Gaidhealach,Ceòl Gàidhlig aig Féis Dhun-Eidinn, polataics air a’ Ghaidhealtachd. Tha iomradh air leabhraichean ùra ann, is corra dhealbh. Tha Seòras MacThómais ag innse mu chor na cànain Ceiltich a tha ga bruidhinn am Breatainn na Frainge, agus tha rud aig na Gaidheil ri ionnsachadh bho’ n obair a tha ga dèanamh thall an sin air sgàth Breatnais. Is iomadh uair a chuala sinn luchd-Gàidhlig a’ Bh B. C “A’ Seanchas ri’
Tha sinn an dòchas gu nochd an leabhran so am bliadhna a rithist, agus gum bi tuilleadh Gàidhlig ann. Tha duaisean gan tairgse do oileanaich anns na h-Oilthighean Albanach: cóig ginidhean airson sgeulachd (fo 2,500 de fhacail) agus cuideachd airson bàrdachd (fo 80 sreath). Bu chòir iad so a chur gu Comunn Gaidhealach Oilthigh Dhun-Eidinn (University Union, Park Place, Edinburgh, 8) roimh 30/4/ 65. Tha sinn an dòchas gun gabhar ris a’ chuireadh so cuideachd.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |