[114]

OITEAGAN O’N EAR

(1) Singapore

Le IAIN A. MAC A’ GHOBHAINN

BHO ’n Sgeir Mhóir gu Singapore, Bho Mhuile gu MandalayIs fhad o chuala mi mun turas so don Aird an Ear. Fad an t-samhraidh sabhliadhna 1963 bha na h-eòlaich uileag ràdh gur mi bha fortanach, ach leis na bha agam ri dhèanamh is leis na bha de ullachadh an crochadh ri turas cho fada, gu dearbh, bu bheag mo shùnnd ris. A dhinnseadh na fìrinnsann a bha mi caran feargach gun do ghabh mi cuid na gnothaich ris an turas a bhann. Bu bheag agam turas den t-seòrsa ud; bu mhór a bfheàrr a chòrdadh e rium nan robhas air cothrom a thoirt dhomh sgrìob a thoirt do Thobar Mhoire. Feumaidh mi innseadh, ged thà, gur h-e a tha annam leth sheann duine, aig a bheil bean is teaghlach ann an Glaschu.

Eadhon an déidh dhuinn togail oirnn air ar turas adhair ann an Jetá Lunnainn, is mi faicinn na beinne ainmeil ud, Mont Blanc, fada shìos fodhainn, is gann a burrainn mi chreidsinn gun robh mi air turas cho fada. Chan eil mise asmaoineaohadh gur eaisling caillich


[115] Abhainn Singapore, a tha adol troimh mheadhon abhaile, ’s i làn de na bàtaichean Sìneach air a bheil tongong agus sampan.

mar a dùrachda thann idir a bhith shuas os cionn nan sgòthan dùmhail aig àirde còrr is seachd mìle deug air fhichead troigh. Bha gach , mar gum beadh, do-thuigsinneach dhomh gus an do theàrnaich sinn aig àitean air an robh ainmean cho inntinn-tharraingeach ri Istanbul is Teheran. Mu dheireadh thall, is mi nisenam leth sheann duine, bha mi air astar air cuairt neo-àbhaisteach mu nach do smaointich mi riamh, is nach do dhfhiosraich mi riamh a leithid, ach a-mhàin ann an leabhraichean chàich. ’Sann a tha mi nise air a bhith dìochuimhneachadh nam bliadhnaichean sin a thug mi sachabhlach rìoghail aig àm achogaidh agus chan eil mi smaoineachadh co-dhiù gum bionnan gach turas a bhann ris an turas so air an robh mi.

Co-dhiù mar a lean sinn oirnn thar dhùthchannan na h-Asiasann a bha cùisean asìor chòrdadh rium. Bha mi nise gam fhaireachadh fhéin saoro sprochds o mhìghean” ’s adeanamh togail inntinn ris an t-suidheachadh ùr so. Bha sinn ateàrnadh an ceann gach ceithir uair a thìde, na mar sin, is bha cothrom againn ar cnàmhan altachadh car greise. Cha robh guth air mo chuid obrach a nise agus bu bheag agam ulla-thruis an t-saoghail mhóir. Gun teagamh sam bith bha mi smaoineachadh air bean an tighes air achloinn ach cha bhithinn idir cho saor o uallachs o iomguin nan robh iadsan còmhla rium.

Is dòcha gun tug mi car fada ag innseadh mun t-suidheachadh inntinn anns an robh mi ach sin dìreach an as cudtromaiche air fad. Tha mi fhéin den bheachd gur math an ceann dhuinn gu h-àraidh samheadhon aois ar cùl a chur buileach glan ri uallach ar n-obrach i o àm gu àm. Is dòcha gum bu chòir dhuinn sin a dhèanamh nas trice na tha sinn ga dhèanamh. ’Sann a tha e toirtnam chuimhne mar a chuirinn cùl ris an t-saoghal nam faighinn gréim air leabhar a chòrdadh rium is minam bhalach. Chan eil sin cho soirbh dhomh riamh bhon uair sin.

Is dòcha gum bfheàrr dhomh a bhith air leanail orm is manail a leigeadh fada shuas os cionn an t-saoghail. Biodh sin mar a dhfhaodas e is beag a ghruaimean na dhuallach a bha ormsa an uair a theàrnaich sinn aig Singapore an déidh ciaradh an fheasgair air an dara latha. Theàrnaich sinn gu socair sàmhach ach ged a dhfhaodadh driod-fhortan tighinn nar car bu bheag a bfhiach sin an coimeas ris na thachair dhòmhsa nuair a nochd mi mo shròn a-mach. Bha mi mar gun tuitinn a-nuas á sìth is sàmhchair nan speur am measgs am meadhon


[116] na boile is abhuaireis. Bha an t-àite lomlàn dhaoine de gach dath, gach coltas is de gach seòrsa aodaich. Bha iad uile, shaoil leam gluasad is ag éigheach ri cach a chéile. Cha bu luaithe fhuair mi gréim air mo mhàileid na ghlac fear dhiubhsan e, is a dhaindeoin na thuirt mi ris sguab e leis mi fhìns amhàileid a-steach gu ruige bus, esan a bhair a dhòigh is gréim aige orm a nise ach thuit a thuds a shad air nuair a chunnaic e nach bfhiach mo chuid airgid an t-saothair. Bha mise mi fhìn afas coltach ri sluagh eile na ceàrnaidh so, ’s gu ach gun do thilg mi am fear dubh is mo mhàileid a mach á bus na croiches cha bannna àm, oir cha be an rathad a bha mise dol a bha am bus adol co-dhiù. Cha bu mhisde mi idir na dhionnsaich mi air ceadha Steòrnabhaigh agus an Obainnam bhalach. Cha bfhada gus am faca mi sgeul air an fhear a thainig gam choinneachadh is cha robh sin soirbh am measg na h-ùpraid a bhann.

Is mise a bha toilichte bhith a-mach ás a sud ach cha be an t-àgh idir e bhith dèanamh air abhaile ann an càr. Shaoileadh tu gur ann a bha sinn deiseil gu éirigh suas do na speuran a rithis leis na bha de sholuis air gach taobh. Thuirt am fear a bha còmhla rium gur ann a bha mìltean de bhùthan air gach taobh den rathad is iad areic gach gnè bathair fon ghréin gu anmoch as t-oidhche.

Bha buaidh aig an ulla-thruis is an ùpraid so air minntinn fhads a bha mi sabhaile ud. Nuair a bhitheas mi smaoineachadhain air abhaile ud bithidh mi faicinn gach dath is acluinntinn gach gleadhraich is gach ùpraid. Feumaidh sinn cuimhneachadh, ged tha, gur e àm neo-àbhaisteach a bhann. Cha robh ach latha no dhà bhon chuireadh air chois dùthaicth Mhalasia. Bha Singapore a nise air aon de na stàitean san rìoghachd ùir. Chìte fhathast gun drinneadh greadhnachas ris an riaghaltas ùr. Ach a dhaindeoin sin uile bha e soilleir nach robh earbsa ri chur ann an rìoghachd Indonesianàbaidh bun na h-ursann mar gum beadh. Latha no dhà roimhe sud thuirt Indonesia nach biodh cuid na gnothach aice ris an riaghaltas ùr. Mar thà bha luchd na h-imrich aruigheachd Singapore á Indonesia. Chunnaic mi feadhainn dhiubh is chuala mi mar a bha cùisean adol. Mar a bhitheas fhios agaibh fhéin tha e air a ràdh gu bheil Sukànro ceann-suidhe Indonesia, ris na drugaichean agus a dhaindeoin nam bliadhnaichean tha an inntinn fhathast gu beothail òg. Mar sin uile, is dòcha gur beag an t-iongnadh gun robh am baile air bhoil an uair a ràinig mise e. A dhaindeoin sin, ged thà, ’se mo bharail fhìn nach eil am baile so uair sam bith gun chuid mhath boile agus ùpraid.


[117]

Chan eil fois na tàmh an so mar a chì sinn an uair a bheir sinn sùil air an oidhirp a rinneadh gu an ceann a thogail a rithis an déidh gach ionnsaigh a thug Japan orra agus gach call a thainig an lùib an teine mhóir a bhrist orra an déidh achogaidh. Thog iad de thighean an Queenstown fhéin na chuireadh Glaschu gu nàire. Cha tug iad ach beagan sheachdainean air àitean còmhnaidh fhaotainn do mu shia mìle deug duine an déidh an teine. A rithis an àite, ris an canar Jurong thog iad tighean ceàirde air mu dheich mìle acaire far nach robh roimhe sin ach boglach is eabar. A bharrachd air sin thog iad tighean còmhnaidh is sgoiltean agus sin an ùine ghoirid. Anns gach ceàrnaidh is air gach sràid chithear sluagh gun àireamhis beag is fhiach latha nan geamachan an taca ris a so agus àite saphort mhór so do bhàtaichean ás gach dùthaich is ás gach ceàrnaidh. Tha na seòladairean againn fhìn gu math eòlach air abhaile so. Chan eil gainne sam bith air na bùthans cha mhò na sin a tha prìsean ro àrd; chithear cuideachd clann sna bùthan-leabhraichean is iad uile cho glan sgiobalta. Their cuid gur e Singapore ceann uidhe na h-àird an ears an iar is gach treubh fon ghréin. Abair thusa treubhan; na Malays fhéin is iad cho sèimh socharach; na Sìnich is iad cho gnìomhach dèanadach; na h-Innseanaich is iad socair somalta; is daoine geala ás gach ceàrnaidh. Chan iongnadh idir ged a bhiodh coltas na h-obrachs na h-ulla-thruis air an àite so.

Se tha an so ach eilean; chan e baile a-mhàin. Tha drochaid chaol mu mhìle air faid ga cheangal ri tir-mór Mhalaya. Chualas roimhe pìoban nan Earra-ghaidhealach air an dearbh dhrochaid so. Tha an t-eilean fhéin beagan nas lugha na Muiles tha mu cheathramh cuid dheth air taobh astigh crìochan abhaile. Ma sinn coimeas eadar an eilean chì sinn nach eil ach mu ochd ceud duine eadar Tobar-Mhoire agus an Gleann Gorm air an aon taobhs cho fada ri Aird na Crois air an taobh eile ach gu bheil mu thuaiream mhuillion duine air a leithid sin a dhfhearann air Eilean Singapore. Tha àireamh an t-sluaigh an so a asìor dhol a meud mar nach eil e am móran àitean eile agus cha mhò na sin a tha am bàs adèanamh droch sgiorraidh orra. Tha an àireamh adol a meud gu ìre cóig duine deug air fhicheadh samhìle gach bliadhna. Chan eil an àireamh sin ach mu shianar samhìle am Breatainn. Eadhon an dràsda tha mi thrì mìle duine fa chomhair gach mìle fearainn. Sabhaile fhéin tha mu thrì uimhirs a bha ann an 1911abhliadhna rugadh mi. Tha dùil gum bi e uimhir eile ann an 1970.


[118]

Smaoinich thusa air a sin agus mar a tha cùisean am Muile far a bheil àireamh an t-sluaigh asìor dhol an lughaid gach bliadhna. Nan robh Muile coltach ri Singapore bhiodh mu dhà muillion duine acòmhnaidh air is bhiodh an dara leth dhiubh fo fhichead bliadhna a dhaois. Tha an roinn so den t-sluagh asìor dhol am meud gach bliadhna. Gun teagamh sam bith tha an sluagh am Muile beò nas fhaide na tha iad an so. Ann an Singapore tha daoine asgur a dhobair aig aois da fhichead is a cóig deug is tha iadnam fìor bhodaich aig tri fichead.

Cha bfhiach dhomh bhith sìor fheuchainn ri coimeas a dheanamh eadar an eilean. Chan e mhàin gu bheil Muile agus Singapore fad o chéile air astar; tha iad tur eadar-dhealaichte anns gach dòigh. Cha chuir astar cuain na tìm soilleireachadh air an eadar-dhealachadh so. Air an dara làimh tha Muile far na thuinich mac an duine san t-seann t-saoghal; far a bheil eachdraidh is foghlum a bhuineas dhuinn mar shluagh is e an diugh an impis a bhith fàs. Air an làimh eile tha Singapore far nach fhaicear beartas ionadail sam bith na eadhon dad sam bith de thèaruinteachd is ena bhaile puirt mórs asìor dhol ri malairt, is sluagh gun àireamh adol ri cosnadh ann a dhaindeoin gach léirsgrios a thainig air; léirsgrios is troimhe-chéile nach dfhiosraich Muile riamh a leithid.

Se daoine tuigseach dèanadach a tha an Singapore ach anns an t-seagh sin chan eil iad ceum air thoiseach air muinntir Mhuile; bheireadh iad an saoghal air an tèaruinteachd a thaig muinntir Mhuile is air gach sochair foghluim is eile a thugadh dhaibh. A dhaindeoin sin tha an aon eilean asìor dhol fàs is an t-eilean eile adol o neart gu neart is inbhe aige mar aon de stàitean Mhalasia; tha bratach aig an eilean so dha fhéin agus cuideachd riaghaltas dha fhéin.

Se thug a-null an sud mise gun do dhiarradh orm a dhol gan comhairleachadh mu ghnothaichean a bhuineadh do obair foghluim. Cha robh ùine mhór agams mar sin bha mi dol do na sgoiltean is na colaisdean feadh an latha agus abruidhinn air a so feasgar agus uairean anmoch as t-oidhche. Tha muinntir an eilein so mar a tha an eileanan eile as aithne dhomh déidheil air spòrs is fearas-chuideachd. Ged a tha iad trang fad an latha tha iad air leth còir agus is toigh leotha dhol a-mach gu biadh agus a dhol anmoch don leabaidh. Ach sin a-mhàin mar a tha iad coltach ruinn fhéin. Tha iadsan math gu éirigh tràth samhadainn. Aig ceann na colla-deug bha mise gu math sgìth.


[119]

Yeo Tee Tong a’ deanamh céis lanntair le cuilc a tha air a toirt a-steach a Sìna.

Ged a tha Singapore cho trangs a thuirt mi chan eil a chrannchur gun imcheist fhéin, ach abir gu bheil iad adol ri obair le sgoinn. Chan eil mise eòlach air gach cnap starraidh a dhfhaodas tighinn an rathad ach faodaidh mi a ràdh gu mór agus gur duilich gach duilgheadhas a tha an obair an fhoghluim fhéin. Bhiodh e doirbh gu leòr am foghlum a thaca cheana a chumail ris an t-sluagh a tha sìor éirigh suas fa an comhair. Tha àireamh na cloinne san sgoiltean beaga fhéin adol am meud mu ìre ochd mìle deug sabhliadhna.

Chan annnan tàmh a dhfheumas iad a bhith mun cùm iad toglaichean is luchd teagaisg is gach goireas eile ris an àireamh sin gun ghuth air gach rud eile a dhfheumte chur an lùib sin. Feumte achlann a thoirt don sgoil nas òige, an àite nan seachd bliadhna; feumte an cumail nas fhaide san sgoil, an àite nan trì bliadhna deug; feumte cothrom sgoile a thoirt don chloinn uile mar nach eilear adèanamh an dràsda. Feumar cuideachd àrd fhoghlum a churnan tairgse mar


[120] nach eileas adèanamh an dràsda eadhon ged nach iarrar air achloinn uile a dhol do àrd sgoil. Feumar cuideachd eòlas ealain a thoirt dhaibh a bharrachd air eòlas leabhair. Tha e fìor a thaobh Singapore mar a tha e fìor a thaobh na Gaidhealtachd againn fhìn is gach ceàrnaidh eile nach tig an leabhar a-mhàin ri càil a h-uile fear. Tha cùisean an fhoghlaim air leth cudtromach an Singapore mus faighte gach gnè chinneach is sluaigh a cheangal gu teann an altaibh a chéilenan aon sluagh is fon aon riaghaltas. Smaoinich thusa air an airgiod a dhfheumar a chosg gu so uile a thoirt gu buil. Gu fortanach tha iad uile cur meas agus luach air foghlum. Tha iad afaicinn a luach agus deònach airgead a chosg air. Mar sin chan eil iad ao-coltach ri ar pàrantan fhìn; ach chan e gu bheil na pàrantan a-mhàin deònach airgead cuimseach a chosg air obair an fhoghluim, tha an sluagh uile den bheachd so. Aig an àm so tha iad acosg mu threas cuid de airgead na rìoghachd air foghlum. Rud eile dheth cha leig nach bith leas Singapore fhàgail a shireadh cosnaidh. Chan ionnan sin is do Mhuile is mar sin bithidh dùil aig Singapore fhéin ris gach beannachd a thig an lùib an fhoghluim sin a tha iad atairgse.

Ach so aon rud a bu chòir dhuinne bhith faicinn, agus is e sin bheil iadsan acreidsinn gu làidir gu bheil còir aig gach leanabh air a bhith air a theagasgna chainnt mhàtharail fhéin. Tha ceithir cànainean móra ann an Singapore; Beurla, Malay, Chinese agus Tamil. An uair a bha Singapore fo riaghladh Bhreatainnsann am Beurla a bhathas ateagasg na cloinne, ann an sgoiltean an riaghaltais. Ma bha dhìth air na Sìnich an cainnt fhéin a theagasg don cloinn, rud a bha chuid mhór dhiubh adèanamh, dhfheumadh iad fhéin an cuid sgoiltean a thogail agus gach cosguis a ghiùlan. An diugh tha sgoiltean an riaghaltais atairgse foghluim anns gach cànain a dhainmich mi. A bharrachd air sin tha iad atoirt cuideachadh airgid do sgoiltean sam bith eile. Tha sgoiltean eile aca anns a bheil chànain air an cleachdadh agus tha dùil gum bi sgoiltean aca anns am bi trì cànainean. Tha e an urra ris na pàrantan fhéin an cuid chloinne a chur don sgoil a tha iad fhéin ameas freagarrach. Tha an riaghaltas acoimhead thairis air gach gnè chuspair a thathas ateagasg ach a-mhàin an cànain. Bhon chuireadh air chois rìoghachd Mhalasia ghabh iad ri Malay mar chainnt an riaghaltais. Chan eil so idir aciallachadh gum feumar achànain so a theagasg do gach pàisde san sgoil. Gheibh e a chiad theagasgna chainnt fhéin agus an déidh sin faodaidh e Malay ionnsaehadh. Mar sin chì sinn clann aig a bheil Beurla mar chainnt mhàtharial air an


[121] teagasg an toiseach ann am Beurla agus na Sìnich, mar as trice, ’nan cainnt fhéin ach iad le chéile an déidh sin ag ionnsachadh Malay.

Is math as fhiach dhuinn beachd a ghabhail air cor nan cànainean an so oir is e Malay fhéin an cànain as laige dhiubh uile. Cha do ràinig an cànain so riamh inbhe àird mar chànain agus tha cuid asmaoinachadh nach ruig. A dhaindeoin sin thathas adeanamh gach oidhirp gu a neartachadh agus a togail suas gu inbhe prìomh chainnt na rìoghachd. Tha iad asìor chur ri a litreachas le bhith ag eadar-theangachadh o chànainean eile agus cuideachd le bhith gabhail ri faclan agus ri gnathasan cainnte ùra. Shaoileadh tu nach eil an so ach àite a tha ri càrnadh suas ionmhais a-mhàin ach chan ann mar sin a thà. Chan fhaod e bhith gur ann, an uair a chì sinn an t-àite a thugadh do chainnt cho dìblidh so.

Na h-eathraichean ris an can iad koleh, leis na ràimh-stiùiridh fhada.

Tha na pàrantan an so ag obair gu cruaidh ach, ged a thà, tha ùidh aca ann a bhith ateagasg an cloinnenan cainnt fhéin an toiseach agus a rithis gun ionnsaich iad cànain eile an déidh sin. Tha na Sìnich a thàinig an so o chionn cheudan bliadhna fhathast ateagasg an cànain agus gach subhailc a bhuineas dhaibh do an cloinn air cho soirbheachails a dhfhaodas iad a bhith. Chan eil na Tamils cho soirbhearchail


[122] ris na Sìnich ach tha iad a cheart cho treibhdhireach air sgàth an cànain. Bithidh cuid ag ràdh gu bheil sinne mar shluagh àrdanach mór ach a theireadh sin an uair a chithear an tàire a rinn sinn air ar cànain is air ar còir bhreith.

Cha robh mi cho fada an Singapores bu mhath leam. Fhuair mi cothrom a dhol air chuairt don bhaile ùr sin, Kuala Lumpur, agus uair eile chaidh mi cho fada ri Johore am measg choilltean duatharrach na dùthcha. Air tir-mór Mhalasia chan fhaicear idir an ulla-thruais a chithear an Singapore. Tha móran a bharrachd de na Malays rathad Khuala Lumpur agus is dòcha gur e so as aobhar don eadar-dhealachadh a tha eadar am baile so agus Singapore. Chórd mo thuras gu ruige Kuala Lumpur rium ach tha cuimhne nas fheàrr agam air an turas a thug mi thar dùthaich an rubair gu Johore. Thalls a-bhos chìte na tuathanais rubair a chuireadh air chois le muinntir na dùthcha againn fhìn mu na leugh mi roimhe ann an leabhraichean. Tha e soirbh a thuigsinn carson a bha tàladh an so do dhaoine òga a bha fàgail na dùthcha so. Bha gach cho sàmhach ach a-mhàin na chluinnte o na mnathans on chloinn a tha afuireach am measg na coille. Is gann a ghabhadh e creidsinn gun do chuireadh blàir cho fuilteach an so ri ar linn fhìn. Ach an uair a chaill sinn ar rathad am measg na coille bha e soirbh a thuigsinn gum faodadh so cuideachd a bhith fiadhaich agus anacneasda. Air an turas so, ged thà, rinneadh cobhair oirnne le balach òg gasda a thainig gu socair a-mach ás achoille. Ged nach burrainn dhuinne còmhradh a dhèanamh ris thuig esan gu math bha dhìth oirnn. Thainig e a-steach don chàr còmhla ruinn is stiùir e sinn gu ruige am baile-iasgaich air an robh sinn adèanamh. Bha feasgar gasda againn còmhla ris fhéin is ri a chàirdean ge be co ás a thàinig iad, ri taobh na mara, agus am measg nan iasgairean. Cha robh e ao-coltach ri latha soilleir samhraidh ri taobh na mara anns na h-eileanan an iar.

Thàinig an t-àm gu bhith falbh is gu dearbh cha robh dad a chabhaig orm a nise. Ged nach robh mi ro fhada an Singapore bithidth cuimhne agam air gu bràth. Tha Singapore fhéin coltach ri Lunnainn is ri iomadh baile mór eile gun na tighean ceàirde, gun na goireasan ùra na idir gun na seann togalaichean a chithear an Lunnainn is an àitean eile. ’Se tha so ach baile ùr làn ùpraid dìreach mar gum biodh tu aig amhargadh. Eadhon am measg na h-ùpraid shaoileadh tu nach robh an sluagh ro chinnteach ás an crannchur; shaoileadh tu gun robh iad trang dìreach a chum an inntinnean a dhalladh o gach cunnart is


[123] éiginn a dhfhaodadh tighinn orra gun fhiosd. Tha sgàilean cunnartach gan cuartachadh á Indonesia is á Sìna. ’S gann a ghabhas e creidsinn gu bheil an sluagh an sin, eadhon bliadhna an déidh dhòmhsa a bhith ann, an ugannan a chéile air na sràidean an Singapore. ’Se bha so ach rud a bha ri tachairt agus bha mise caran duilich a bhith afàgail nan Sìneach agus nam Malays. Bha iad le chéile cho gasda. Bha agamsa togail orm do eilean eile. Air an turas so bha mi atogail orm gu Ceylon.

titleOiteagan o’n Ear (1) (Singapore)
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Iain A. Mac a’ Ghobhainn in Gairm 50 %p

parent textGairm 50
<< please select a word
<< please select a page