[125]

SEARRACH BAN NAN RUARACH

Le DOMHNALL IAIN MACPHADRAIG (Johannesburg)

THA iomadh bliadhna bhon a chuala mi iomradh air Coinneach Odhar Fiosaiche, agus leugh mi leabhar ma dheidhinn, ach chan eil cuimhne agam gu math air na nithean a bha ann. Dhfheuch mi ris an leabhar fhaotainn iomadh uair, achse their iad rium nach eil e comasach fhaotainn san lathan diugh.

Bha e air aithris gun drinn gun drinn e fàidheadaireachd mu dheidhinn ClannIllFhinnein, agus Clann MhicRath, a bha aig an àm sinnan tuathanaich ann am móran dhe na tuathan ann an Sgìr Chinn t-Sàile agus an Gleann Seile, agus cha robh mór chàirdeasnam measg aig an àm sin. Thubhairt am Fiosaiche gun digeadh an latha anns am biodh na tuathan uile an an làmhan ChlannIllFhinnein, agus mar chomharradh air an a thubhairt e, “Beirear searrach bàn air aon dhe na tuathan”.

Thàinig an latha anns a robh na tuathan uile an làmhan ChlannIllFhinnein ach tuathanas na Ruarach (Ruadharach?) a bha aig MacRath, ach nuair a chaochail esan thàinig fear MacIllFhinnein a-nall á New Zealand, agus cheannaich e an tuathanas bho MhicRath.

Air an ath bhliadhna rugadh searrach bàn aig an Ruarach, agus cha robh aon chalgna bhian nach robh cho geal ris an t-sneachd. ’Se sònraichte tha ann an searrach bàn; tha eich bhàna cumanta, ach nuair a rugadh iad cha iad geal ach beagan liath. Chunnaic mi agus làimhsich mi an searrach iomadh uair, agus bha móran atighinn ás gach àite a choimhead air, agus bha muinntir na tìre acur mór chreideimh ann a fàidheadaireachd Choinnich Odhair, a dhinnis móran de nithean a thàinig gu teachd anns an tìr.

Nuair a bha an searrach aig aois aon bhliadbna ghabh e tinneas agus bhàsaich e. Chan eil teagamh sam bith anns a sgeul so, agus tha mi creidsinn gu bheil muinntir fhathast beò ann an Cinn t-Sàile a chunnaic e.

titleSearrach Bàn nan Ruarach
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Dòmhnall Iain MacPhàdraig in Gairm 50 %p

parent textGairm 50
<< please select a word
<< please select a page