[129]

NA THA AN DAN DO DH’AITHEACHAN NAN EILEANAN

Le IAIN GRIMBLE (air eadar-theangachadh le IAIN MACDHUGHAILL)

As t-samhradh so chaidh thug mi cuairt a choimhead air duine a tha còrr is ceithir fichead, fear Anton Lindblom a tha afuireach air eilean beag dha fhéin. Bha e air a shaoghal a chaitheamh anns an dòigh àbhaisteach: chaidh e gu muir a chosnadh a bheò-shlainte an uair a bha e òg, agus thug e trì bliadhna air luingeas Lochlannach agus -bhliadhna-dheug air bàtaichean siùil agus smùide Breatannach. An 1903 rinn e roghainn eadar eilthireachd do Astràilia leis na bha aige air a shàbhaladh agus tilleadh gueilean altruim, agus be nighean a chuir an gnothach an dara taobh. “Sud i thall,” ars Anton Lindblom le norrag dhe a cheann ri bean bheag aosdana suidhe fo dhealbhannan a bha san tigh aca de bhàtaichean agus de dhùthchannan fad-ás, agus a chionn nach robh facal Beurla aice cha do rinn i ach gàire.

An déidh tilleadh dha eilean, cheannaich e bàta beag gu ruith achladaich dhùthchasail ri marsantachdflùr achuid a bu mhotha a bhiodh aige. An 1909, chuir e cùl ris amhuir gus tòiseachadh air àiteach eilean fhéin, anns an robh sia fichead anam aig an àm. Bhiodh na tuathanaich, ann am bitheantas, adeanamh beagan iasgaich anns amhuir mun cuairt orra, airson am feumlachd fhéin, agus go ruig is gum biodh feadhainn areic sgadan saillte gus faighinn air flùr a cheannach. Anns na làithean sin bann leis na tuathanaich mhóra is na h-uachdarain-fearainn an talamh gu beagnaich, agus bha obrach, no dhà, no trì san t-seachdain mar chomain air achuid a bu mhotha de na croitearan beaga airson an talamh aca. Oir bhuineadh Anton Lindblom agus an t-eilean aige don Ard Dhiùcstàit Ruiseanaich, Finntìr (Suomi anns achainnt aca fhéin, FinlandsaBheurla), agus an uair a chaidh e a dhobair air an tuath aig bràthair athar bha an[130]


[131] t-ar-mach taisgte san dàn, deich bliadhna air toiseach air. Bha bràthair athar adeanamh trì latha san t-seachdain airson an fhearainn aige.

Gus faighinn chun an eilean aca ghabh mi càr bho Abo, dara baile Finntìr, sìos rathad mór briagha a tha adol thar drochaidean guarchipelago Obeland. Tha an grioglachan eileanan so sgaoilte mar rionnagan bho ghob an iar-dheas Finntìr dhan Bhaltaig far am bheil i afàs caol ann am Bàgh Bhothnia. Goirid an déidh dhol troimh Phargas, prìomh bhaile eileanan Obeland, ràinig sinn cidhe far an robh sinn afeitheamh ri càr-aiseag. Bha na h-eileanan mun cuairt air ìseal agus fo choille, agus a thaobh is gu bheil iad ann an cuan far nach eil seòl-mara, is tric leis an lusrach tighinn faisg air cois na tuinne. Ach tha mi mìltean boghanam measg cuideachd, agus iad lìomhta mar mhucan-mara a bhiodh tràighte. Uaireannan tha colthas air amhuir eatorra a bhith dùinte mar locha uisge, ach mar a chuireas tu rubha folsgaidh i a-mach gu sìorruitheachd fàire eadar eileanan nan giuthas muir-chìosaichte. Ged a fhuair mi achiad sealladh den tìr àibhseach so bho chlàr achàr-aiseig ann an teas gréine, bha mi acuimhneachadh gu robh amhuir so còmhdaichte le deigh sagheamhradh. Oir tha aimsir nan eileanan sin tur eadar-dhealaichte ri sìde chois-fairge Innse-Gall, far am bi na geamhraidhean caoin, fliuch agus na samhraidhean -chinnteach. Is e a tha acasan samhraidhean teatha goirid agus geamhraidhean garga na side mhór-thireach.

An déidh siubhal tarsainn air eilean eile dhfhàg sinn an càr ás ar deaghaidh, agus sheas sinn air cidhe fiodh. Air astar bha diogarsaich fhann asìor fhàs cruaidh, agus cha bfhada gus an do nochd sgoth iasgaich bheag fhosgailte ruinn o chùl maolaidh. Thog sinn rithe air achuid mu dheireadh de ar slighe gu eilean Lindblom. Bann gu math faiceaellach a dhfheumte gu ruig is am bàta beag againne a stiùireadh eadar na sgeirean anns an tanalach, agus bha an cidhe far an deach sinn air tìr asìneadh a-mach astar mór on chladach agus e air a thogail air ursannan fiodh. Aig ceann feadhainn eile bha bothagan beaga airson sgothan, air an togail os cionn an uisgesealladh anabarrach bòidheach agus craobhan giuthais is achaidhean treabhte air an cùl. Cha robh e doirbh dhomh a chreidsinn nach robh Anton Lindblom riamh is an t-aithreachas air nach do thréig e eilean dùthchais air Astràilia.

Ach is e mo bharail gu robh aobhar na bu chudruimiche na an sealladh air a so. Rinneadh Finntìrna Poblachd air a h-aghaidh fhéin. Thàinig fear a bha uair ás leth Stàit nan Sgalag (Estate of the Peasants)


[132] ann am Pàrlamaid Finntìr, fo rialadh nan Ruiseanach, gu bhith nisna Phrìomh Mhinistear. An 1922 thug e a-mach Achd Suidheachadh an Fhearainn, agus dhainmicheadh an lagh, an Lex Kallio, ás a dheaghaidh. Rinn aona sgrìob den pheann 67,000 de thuath cruite alt 56,000 cotairnan luchd-fearainn saor, le làn chead an acraichean fhéin. A reics a cheannach, agus cothrom air an obrachadh gun chomain orra màl no saothair a lìrigeadh do dhuachdaran mar phàidheadh.

Is e Anton Lindblom fear de na daoine sin. Dara leath a bheatha air cùlaibh na Lex Kallio agus an leth eile air an aghaidh ghrianach dhith. Cha do chùm fògradh nan uachdaran suas àireamh acheann-chunntaidhna eilean ged is e a shàbhail a dhùthaich agus a sluagh. Chan eil an Nagu an diugh ach trì fichead duine an taca ri sia fichead an 1900. An uair a chrìochnaicheadh an sgoil ùr an 1923 bha deich duine-fichead cloinne innte: tha ceithir duine deug innte an diugh. Ach ma tha òigridh afàgail an eilein, is ann le an saor thoil fhéin chan ann air an ruagadh ás le bochdainn. Mar as àirde staid teachd-an-tìr ag éirigh, tha mar thoradh air sin, na cruitean afàs nas motha le bhith gan reic is gan ceannach mar a thoilichear. Ann an eileana Obeland fhéin, tha baile Phargas aglacadh na h-òigridh a tha adeanamh imprig a chionn is gu bheil obraichean ùra ann agus cothrom nas fheàrr na gheibhear ann an eilean beag, air barrachd foghluim.

Tha aon toradh air na caochlaidhean sin ann an caitheamh-beatha a tha acur uallaich air Anton Lindblom. Cha toir lagh Finntìr air fear leis am bheil innis-thuath bheag a reic ri tuathanach eile. Ma thairgeas fear-gnothaich ás abhaile prìs nas àirde na as urrainn dhan tuathanach ri a thaobh ruighinn air, carson nach deanadh am fear leis a bheil an t-àite còrdadh ris? Cha bhiodh e areic mur am biodh dùil aige an dùthaich fhàgail, agus a dhragh-san an déidh làimhe ged a bhacte luchd-àitichidh aghrioglachain-eilean gu buileach ás an eilean aige air acheann thall, agus e air a dheanamhna chàmp do na dhfhàg am baile-mór fad an saor-làithean? Faodaidh so tachairt a chionn is nach eil siùil-mhara anns aBhaltaig agus mar sin gun gabh na h-eileanan an còir-ghlasadh gu tuige beul an làin. Dhinnis mi do dhAnton Lindblom gu bheil lagh an Lochlainn a tha atoirmeasg talamh-àitich a reic ri duine ach ri tuathanach; tha sin aseachnadh a leithid so de dhùil-chur anns an fhearann. Tha lagh eile an Lochlainn agleidheadh còir amhòir-shluaigh air a leithid de àiteachan a thathaich, ach chan aontaich na Finnich gu léir ri lagh a tha ag àicheadh do neach a chòir air deanamh mar a thogras e ri a chuid fearainn, ge be


[133] cho mór an cron a dheanadh achòir sin air amhór-shluagh agus gu h-àraidh air an sliochd.

Dìreach latha no dhà mun do thadhail mi air Anton Lindblom, bha mi adeasbud mun dearbh cheist ri eileanach Lochlannach, Arne Haugland. Tha an t-eilean aigesan ann an suidheachadh móran nas colthaiche ri Innse Gall na tha eileanan Finntìr. Tha e fosgailte ris aChuan Siar ach tha e tuath air Innis Tìle agus gu math an taobh a-stigh den chearcal Artach. Tha Meleidh, eilean Haugland, nas motha na am fear aig Lindblom, mu chóig-mile-deug a dhfhaid agus eadar ochd is deich mìle a leud, ach ged a tha an dara leath dheth gus àiteach tha an leath eilena gharbh-chrìochan neo-thairbheach. Tha e faisg air eileanan as motha na e fhéin, dìreach mar tha an fear aig Lindblomtha na Lofotain tuath air, agus tha eileanan beaga fàsa anns achuan mun cuairt da. Tha cuimhne aig Arne Haugland gu robh aon ochd eileanan ar fhichead aig a sheanair airson feurach chaorach orra agus iasgach eatorra. Oir tha eachdraidh na ceàrnaidh so nas rathaile eadhon na saoghal Lindblom. Ged a bha luchd-tagraidh air leath aig na tuathanaich (no na sgalagan) Finneach anns aPhàrlamaid, eadhon fo na Sàran Ruiseanach, bha muinntir ceann-a- tuath Lochlainnnan tuath shaor rìamh bhos cuimhneach. Ma-dhfhaoite gur h-e sin an t-aobhar nach eil dad aca an aghaidh beagadh, ás leath feum an t-sluaigh, air an còraichean mar dhaoine air ceannach is reic. Bem fear aig nachrobh ach an aon tàlant a beudmhoire a thiodhlaic e.

An diugh tha cor eilean Arne Haugland buailteach do na h-aon chaochlaidhean agus a tha atighinn oirnne an Alba agus air Anton Lindblom am Finntìr. Thathar asìor-imprig o eilean gu tir-mór, ás an dùthaich dhan bhaile. Tha na h-inghinean gu h-àraidh nas dualaiche iarraidh gu fasdadh am factoraidh an àite an obair-tighe a chùm ri am màthraichean. Tha filleadh dùbailte cosnadh na maras an fhearainn adol ás; tha daoine an dara cuidnan tuathanaich nonam maraichean, agus mar sin feumaidh bailtean fearainn nan eilean a bhith nas motha. Tha e ion-mhiannaichte gun cuirte air bonn obraichean air an cur-a- mach roimh làimh, ann an àiteachan cothromach, gus friothaladh do na cleachdaidhean ùra sin. Tha am factoraidh aoil as motha air Finntìr am Pargas, ann an eileanan Obeland. Tha factoraidhnitrogenagus obair dealain air Meleidh, eilean Haugland. Bha Dr. Beeching air an suidheachadh, anns a bheil rogha nan rian-siubhail aca, gu buileach bun-os-cionn an aon oidhche nan robh sin air fhàgail an urra ris. Ach is fhada bho chaidh leithid nan daoine.


[134]

à dhàithn a ghnothach ri Dr. Beeching cho seann-sgeulach ris an Fir Bholg, ann am Finntìr is an Lochlann.

Dhainmich mi ghob-snàthaid cho beag is gur gann a theid agad air an lorg air map Lochlainn, agus mas es gun téid, cha bheag an t-iongnadh a chuireas e ort smuaineachadh gu bheil daoine gun teagamh gan àiteach. Ach tha an ghob-snàthaid sinnan mhìle mollachd aig eubhachd dìtidh don fheadhainn as coireach ri cor nan eileanan a tha acuartachadh ar dùthcha. Tha iad ag innse dhuinn gu a ghabhas dèanamh anns abhad, gus am milleadh a rinn droch ghiollachd uachdaran coigreach agus -dhiù a leasachadh. Agus tòisicheamaid aig an Lex Kallio. Ma-dhfhaoite gu bheil am Bòrd Fearainn agus Dheisealachd Nàdurra a chuireadh air bonn leis an riaghaltas a the againn an dràsda, fo Mgr. Fred Willey agus am Morair Mitchison, ag uidheamachadh gus suidhe air ceann a leithid de ghnothach. Ma-dhfhaoite gu bheil am buidheann aig a bheil barantas airson adhartas na Gaidhealtachd gus eisimpleir a thoirt. Co aige tha fios nach eil sin ann an camhanaich latha òirdhearc euchdach anns an téid sruth-eachdraidh a chalg-thilleadh.

Bho chionn fada bha bail-thuineachais ann an eileanan beaga, soirbheachail, beòthail mar fhlùrannan làn bhlàth. Bha Sappho afuireach air eilean Lesbais, dìreach mar a bha Màiri Nighean Alasdair Ruaidh anns na Hearadh agus an t-Easbuig Bjarni Kolbeinson an Arcaibh. Bha a uaill aig Crete mar a bha aig Eilean I. Bha Comunn riaghaltais suidhichte an lle, agus tha barrachd litreachais atighinn ás Innis Tìle na thàinig ás iomadh mór-thir. Ach bhon an àm sin tha sruth-lìonaidh aChuain Shiair air ruith an aghaidh beatha nan eilean anns an àird-a- tuath. Tha na Lochlannaich, a tha bho chian mion-eòlach air saoghal eileanach, air oidhirp a thoirt air acheist so, rud nach do rinn sinne. Ach faodaidh sinn, air achar as lugha, feum a dheanamh de na dhionnsaich iadsan.

(Cluinnear Iain Grimble, Anton Lindblom agus móran eile ann an prógram a tha gu bhith aig Iain Grimble air aBh.B. C. saMhàirt)

[Sanas]

titleNa tha an Dàn do dh’Aiteachadh nan Eileanan
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Iain MacDhùghaill in Gairm 50 %p

parent textGairm 50
<< please select a word
<< please select a page