NA RUISEANAICH AGUS NA TURCAICH
Le TORMOD BURNS
THA fios againn nach eil na Greugaich agus na Turcaich cho càirdeil ri chéile, ach tha na tubaistean ann an eilean Cyprus o chionn ghoirid air cur ’nar cuimhne a rìs, gu bheil nàimhdeas mór ann eadar na Ruiseanaich agus na Turcaich cuideachd. Cha do thàrmaich an nàimhdeas so a chionn ’s gu bheil an Tuirc anns a’ chaidreabh NATO agus gu bheil i an aghaidh nan Comùnach, ach thàrmaich e anns na linntean a chaidh seachad. Nuair thòisich coguis nàiseanta a bhith aig na Ruiseanaich, thòisich a’ chònspaid leis na Turcaich cuideachd. Fo riaghladh Eóghain an t-Uabhasach anns an t-siathamh linn deug, rinn na Ruiseanaich còmhrag an aghaidh nan Turcaich chum Mosco a dhìon oir bha na Turcaich fagus air a’ bhaile mhór Ruiseanach so, agus b’e Kazan ceann-bhaile na rìoghachd Turcaich aig an àm sin, baile tha nas dlùithe air Mosco na tha Lunnainn air Dun-Eideann. Anns na linntean a lean, dh’ fhàs an t-impire Ruiseanach, agus chuir na Turcaich ’nan aghaidh a rìs anns a’ Chaucasus agus anns a’ Chrimea.
Anns an naoidheamh linn deug dh’ fhàs geur-mhothachadh anns na Ruiseanaich gum b’ iad dìonadairean nan cinneach slabhach eile a bha fo smachd nan Turcach, agus thòisich an aimhreit eadar an dà shluagh a rìs. Sa’ bhliadhna 1878 choisinn na Ruiseanaich saorsa bho na Turcaich airson Bulgaria. Aig an àm sin bha polataic Ruiseanach glé dhuilich, dhoirbh, ach bha cuspair aca Constantinople a ghabhail, oir bhiodh am baile sin a’ cur na Mara Duibhe gu h-iomlan fo ’n smachd aca, agus mar a bha am baile so ’na cheann-bhaile de ’n rìoghachd Thurcaich, b’ e cùis aimhreite an cuspair so cuideachd.
Agus aig an aon àm ’s a dh’ fhàs “pan-slavism” làidir (gluasad nan cinneach slabhach chum aonachadh), bha gluasad eile fàs measg nan Turcach airson aonachadh nan cinneach Turcach, agus dh’ fhàs an gluasad so na bu treise gus an do thachd an Cogadh Mór e. Agus ré a’ chogaidh so cuideachd chòmhraig na Ruiseanaich an aghaidh nan Turcach.
Chì sinn gu furasda, gun do thàrmaich an nàimhdeas a bh’ aig Ruisia (dùthaich le 208 muillean de dhaoine) ris an Tuirc (dùthaich le 18 muillean de dhaoine) a chionn ’s gum bu choimhearsnaich na dùthchannan so, agus a chionn’ s gu robh cuspairean nan Turcach agus cuspairean nan Ruiseanach gu nàdurra thar a chéile. Ach an urrainn na Ruiseanaich bhith ro nàimhdeil ris na Turcaich anns na làithean so? Ged tha aobharan na cònspaid fhathast beò, tha e so-fhaicsinneach nach urrainn iad cath a chur ris na Turcaich, oir dh’ fhàsadh sin gu luath ’na chogadh coitcheann. Ach, a réir mo bharail fhéin, chan urrainn na Ruiseanaich bhith ro nàimhdeil ris na Turcaich, eadhon le facail!
Mar a thuirt mi cheana, tha 18 muillean de Thurcaich anns an Tuirc, ach tha 23 muillean dhiubh ann an Dùthaich nan Soibheat-Aonaichte! Ré aramach Ruiseanaich na bliadhna 1917, shir cuid de na treubhan Turcach bu mhotha saorsa bho na Ruiseanaich do ’n robh iad fo chìs ré móran bhliadhnachan. Ach cha do mhair an t-saorsa aca ach ùine ghoirid, agus thàinig na Turcaich ann an Ruisia mu dheireadh fo smachd nan Soibheat, smachd tha nas treise agus nas gairge na smachd nan tsar.
Ach tha coguis nàiseanta agus nàiseantachd a’ fàs nas treise air feadh an t-saoghail gu léir, agus tha coguis nàiseanta aig na Turcaich ann an Dùthaich nan Soibheat-Aonaichte cuideachd. A réir daoin’- àireimh soibheataich na bliadhna 1959 tha cùl threubh Thurcach fhichead ag àiteachadh anns an tìr Shoibheatach, ach tha an t-iomradh so gar mì-threòrachadh, oir chan eil eadar-dhealachadh mór ann eadar na treubhan Turcach idir. Tha iad uile bruidhinn cànainean tha cho coltach ri chéile ’s gum bi Turcach anns an Tuirc a’ tuigsinn na their Turcach bho Kirgizia ris. Agus tha na Turcaich ri faighinn gun bheàrn bho ’n Tuirc san iar gus an Cuan Sèimh san ear. Tha iad ag àiteachadh ri taobh crìche a deas Dùthaich nan Soibheat-Aonaichte, agus tha an tìr far an àitich na Turcaich ann an DSA cho mór ris na Stàitean Aonaichte!
Tha Dùthaich nan Soibheat-Aonaichte ’na h-aonachadh de chóig poblachdan deug, agus is stàitean Turcach cóig de na poblachdan so: Kazakhstan: Tha a’ chuid as mò de ’n tìr so, tha 35 uairean nas motha na Alba, ’na fásach, agus chan eil ach naoi muillean de dhaoine ’g àiteachadh innte. Tha 456.000 de dhaoine ag àiteachadh sa’ cheannbhaile Alma Ata. Uzbekistan: Tha an tìr so cóig uairean nas motha na Alba, agus tha ochd muillean de dhaoine ’g àiteachadh ann. Is e Tashkent ceann-bhaile na poblachd le 911.000 de dhaoine.
Azerbaidjan: Tha an tìr so cho mór ri Alba agus tha ceithir muillean de dhaoine innte, agus tha mu mhuillean dhiubh ri faighinn ann an ceann-bhaile na dùthcha Baku.
Kirgizia: Tha an tìr so dà uiread Alba le dà mhuillean de dhaoine, agus is e Frunze ceann-bhaile na poblachd le 220.000 de dhaoine.
Turkmenistan: Tha an tìr so sia uiread Alba, le muillean gu leth de dhaoine. Is e Ashkhabad ceann-bhaile na poblachd san fhàsach so le 170.000 de dhaoine.
Agus tha tìrean Turcach eile ann an Ruisia fhéin, mar Tataria, Bashkiria agus Chuvashia. (Tha an cosmo-sheóladair ainmeil Titov ’na Chuvash!)
Mar sin chì sinn gu bheil cumhachd cudthromach aig na Turcaich am beatha DSA. Agus tha fios againn gu bheil coguis nàiseanta aca, agus nach eil gluasad airson aonachadh nan cinneach Turcach gu h-iomlan marbh. Mar eiseimpleir, nuair a thòisich na Sìnich air eucoir a dhèanamh air na Turcaich a tha ’g àiteachadh ann an Sìna (agus tha móran dhiubh ann! ), chuir na Turcaich ann an DSA gu làidir ’nan aghaidh. Bheir na Turcaich ann an DSA aire do ’n Tuirc, dùthaich shaor shoirbheasach, agus mar sin chan urrainn na Ruiseanaich an nàimhdeas do na Turcaich anns an Tuirc a nochdadh gu làidir, gun na Turcaich ’nan dùthaich fhéin fheargachadh.
title | Na Ruiseanaich agus na Turcaich |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Tormod Burns in Gairm 51 %p |
parent text | Gairm 51 |