[239]

BIAST NA H-AON CHOIS

Le TORMOD DOMHNALLACH

CHAN EIL aon de eileanan achuain, no gleann no srath air fad is farsaingeachd tìr-mór ar dùthcha anns nach robh sgeulachdan ro lìonmhor air an innseadh mu na daoine sìthe anns na làithean a dhfhalbh. Chan eil bith neo-thalmhaidh eile air ainmeachadh cho tric riutha ann an saobh-chràbhadh nan Gaidheal.

Cha tubhairt so nach robh iomraidhean gu leòr air am fàgail againn mu chreutairean -chneasda a bha de eadar-dhealachadh crùth is gnè ris na sìthichean. Is aon diubh sin achùis-eagail mhóir ris an abraite Biast na h-Aon Chois.

Ann an cumadh, bha am bòcan ceudna car coltach ri duine ach cus na bàirde ann am meudachd agus móran na bu domhaile am bodhaig na aon de shìol Adhamh.

Be achiad a rinn daoine a mheas -choitcheann mu thimcheall, a chraiceann duaichnidh, a bha gu h-iomlan sliom, dubh, cho dubh ris an teàrr agus deàrrsadh ann ri solus gréine.

Mar a ta an t-ainm acur an céill, bha an uilebhiast air aon chois, ach cuiridh mise mo sheann bhrògan an geall nach robh beathach ceithir-chasach no bodach -chasach eadar Tigh Iain Ghròta an Gallaibh gun ruigear baile Cheann Loch Cille Chiarain mu dheas, cho luath ris, agus adìreadh no ateàrnadh sléibhe cha be lorg no trosdan daraich air an cuireadh e feum.

Chan eil iomradh agam gum facas abhiast ach ann an eilean a-mhàin, biad sin Diùra agus Eilein aCheò.

Ta sgeul air gu robh àite den Eilein Sgitheanach fo a thabharnadh.

Rinn Biast na h-Aon Chois còmhnaidh airson iomadh linn ann am Bealach Odale, an ceann a deas an Eilein, gus fa-dheòidh an drinn e fhàgail mu thuaiream ceithir-fichead bliadhna air ais. An sealladh mu dheireadh a chunnacas air anns an ionad ud bha e ateàrnadh leothaid aig astar bras, gus an deach e mu dheireadh á sealladh acur car mu chnoc, aig bonn aBhealaich.

Thug fìor charaid na Gàidhlig, Niall MacGilleSheathanaich, nach maireann, dhuinn sgeul thaitneach fon ainmAn t-Each Uisge,’ anns an ochdamh àireamh deug den ràitheachan Gairm, san bhliadhna


[240] 1956. Gun fhios am bheil an leth-bhreac so de Ghairm ri bhur làimh an dràsda, cuiridh mi sìos mar a leanas na nithean a chunnaic Niall le a shùilean féin:

An uair a thàinig sinn gu dìreadh àrdain a dhfhaighinn gu Glaic na Dunaich lean sinn seann cheum rathaid a bha adol seachad air luba mhóir. Cha robh i fada no leathann, ach bha i domhainn agus am fraoch acinntinn thar a bruachan. Is ann an uair sin a chunnaic sinn an uile-bheistna laighe air stùcan beag mu leth cheud slat bhuainn. Dhaithnich sinn nach bu chreutair talmhaidh e agus, gun fhacal a ràdh ri chéile, thill sinn air ais agus thog sinn suas ri cnocan beag cas, acumail an uabhais so san amharc. An uair a ràinig sinn am mullach fhuair sinn sealladh a bfheàrr air abhéist agus gu fortanach dhuinne cha robh a cheann ri fhaicinn. Bha ena laighe is a chasan deiridh fòidhe, mar a laigheas muc. Bha na bha ri fhaicinn de a choluinn slèaghta dubh adeàrrsadh an gréin shoilleir na Bealltainn. Chan urrainn domh coimeas as feàrr a thoirt dhuibh air na bha ri fhaicinn dheth na tabaist de ròn a chitheadh sibhga ghrianadh fhéin air sgeir, ach gu robh e na bu duibhe. Bha mar gum biodh ceithir stobain challtuinn acumail suas breacan cìobair agus, mar gum beadh, acumail fasgaidh air a cheann. Cha do ghluais e am feadh is a bha sinnega choimhead ach, mar a thuigeas sibh, cha do rinn sinne moille, no idir mothar, ach cumail oirnne gu snàigeach gus an do ràinig sinn aGhlaic.”

Bha esan gu làidir den bharail gur e an t-each-uisge air an tàinig e thairis, ach cha be an t-each-uisge air an do dhearc ar caraid idir ach Biast na h-Aon Chois. Chan fhac Niall a chas do bhrìghs gun robh i air a lùbadh a-stigh fo choluinn an taisdealaich is ena laighe.

Cha chualas mun an each-uisge riamh a bhith adol ann am barrachd is riochd. Rachadh aig Biast na h-Aon Chois air dol ann an iomadh riochd, tan sgeul a dhinnseadh dhomh le aon de mhuinntir an Taobh Sear, adearbhadh.

Bho chionn còrr is ceud bliadhna roimhe so, bha Mìcheil fear a bhuineadh do Stafann, atughadh an tighe aige. Thàinig Mànus, nàbaidh dha, an rathad a bha e. “Coisich,” ars esan, “cuide rium do Chille Mhoire, agus agam ri dhol ann an cabhaig.” “Ta mi coma ged a rachadh,” ars am fear eile. Le sin a ràdh, theàrnaich e nuas bhàrr aghlais-ceap, chaidh e steach is chuir e e féin air dòigh.

Nuair a bha an dithis fhear atilleadh dhachaidh, ghabh iad ceum-coise troimh an mhòintich an rùn a bhith air ais air an Taobh Sear roimh bheul na h-oidhche. Letheach slighe, cha robh tigh, no eadhon


[241] bothan àirigh féin, ri fhaicinn fad an t-seallaidh, ach cnocan ciar, lagan uaigneach, is mòinteach dhubh fhraoich.

Mur gum fairicheadh Mìcheil rudeigin ás an déidhinn, thug e sùil air ais thar a ghuala agus chunnaic e creutair mu mheudachd rodain adian leantail air lorg Mhànuis. Cho tubhairt e diog an toiseach is chùm iad orra aseanachas. An ceann tacain gheàrr, sheall Mìcheil a rithisdna dhéidh agus bha an creutair so air fàs uiread ri abhag mhóir ach cha be càil de choltas abhaig a bha ann. An dàrna h-uair, cha do ghabh e dad air is chaidh iad air adhart beagan shlatan eile. Bha Mìcheil a nis afàs car anshocrach, -fhoistinneach, ’na inntinn is thug e sùil nuagach eilena dhéidh agus bha am beathach a bha ag imeachd an cas cheuman Mhànuis air fàs cho mór ri gamhainn, gidheadh, chan fhacas riamh an gamhainn sin air an robh a leithid de dhroch coltas -shaoghalta. Cha burrainn Mìcheil na bha e afaicinn a chumail an cleith na bfhaide agus thubhairt e ri chompanachSeall gu ta air ar cùlaibh!” Thionndaidh an fhear mun cuairt is sheas iad far an robh iad.

Bha a nis abhiast air fàs uiread ri tarbh Gaidhealach. Bha a chruth oillteil, fiadhaich, eadar-dhealaichte seach ainmhidh nàdurra a chunnaic iad, no mun cualiad iomradh. Nuair a bha abhiast faisg air a bhith aca, dhfhàg e an ceum is thug e an roid ud seachad orra.

Nis, bha am frith-rathad a bha na fir agabhail, afiaradh mu shròn bruaich àrd, cla cheud slat air thoiseach agus cho luaths a ràinig achulaidh-ghairsg, chuir e a dheireadh gu teann ris abhruaich, chàraich e a dhà chois thoisich gu daingeann an sàs anns an talamh agus chuir e dréin an uilc air.

Ma chuir an sealladh déisinneach gaoir tre fheòil Mhìcheil is ann a bha buaidh eadar-dhealaichte aige air Mànus. Bha esan air a chuthach ag iarraidh a dhol am bad na béist agus gabhail dha le cuaille de bhata a bhana làimh. Mar bu dlùithe bha iad adol air, is ann bu mhotha bha an fhearg acinntinn, gus gum béiginn do Mhìcheil gréim teann a dheanamh air Mànus agus a shlaodadh bhàrr an rathaid. Chùm e air éiginn a ghréim gus an deach iad seachad air achunnart agus cha bu luaithe a chaidh, na dhfhàs Mànus cho ciùin, sèimh, ri uan. Cha do lean an t-olc iad na bfhaide na bhruaich. Nar a thàinig Mànus thuige féin thubhairt e ri MìcheilBu mhath dhòmhsa gun robh thu maille rium an diugh, is gun do chuir thu bacail orm; nan robh mise air a dhol an sàs anns an droch-rud mar a bha mi ag iarraidh, cha dfhuair mi mo bheò ás!”

Sealbh ga ar gleidheadh bho usp an uabhais!

titleBiast na h-Aon Chois
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 51 %p

parent textGairm 51
<< please select a word
<< please select a page