[246]

Tha luchd-turais a nis air tòiseachadh ri siubhal na Gaidhealtachd a rìs agus tha Ceiteirein NicMhathain atoirt stùireadh an so don bhean-tighe a tha gabhail romhpa.

Cocaireachd le Caise

Le CEITEIREIN NICMHATHAIN.

Am faca sibh amhulchag,
Am faca sibh an tulman,
Am faca sibh amhulchag de chàise,
S i cho mór ri clach mhuilinn
S i aig Lipton anns an uinneag . . . .”

Mar sin mhol am bàrd i agus is iomadh Bean-tighe a thag iarraidh biadh blasda, saor, cabhagach, beathachail a bhitheas amoladhs abeannachadh na Mulchaig. Tha i cho feumail dhan achorp ri feòil agus móran nas saora. Feumar ceithir riaghailtean a leantainn acòcaireachd le càise.

(1) Gun cuir sibh pailteas salann is peabar ann.
(2) Gun dean sibh mìn e bhon tha e duilich a mheirbheadh.
(3) Nach doir sibh cus bruich dha neo fàsaidh e righinn.
(4) Cuir biadh lestalccuide ris gus am bi an tràth co-chothromach.

So dha na trì dòigh-deasachaidh.


[247]

Eanaraich Càise (airson dithis)

Uinnean ann an sliseagan air a bhruich ann an ùnnsa ìm airson dha na trì mhionaidean. Cuir ùnnsa min-mhìn (flùr) ris an so is bruich airson mionaid eile. Measgaich gu h-iomlan leth-phinnt bainne is leth-phinnt uisge (no sùgh). Thoir troimhn aghoil e, cuir salann is peabar ann, is bruich gu socair airson cóig mionaidean.

Tilg a-stigh 4 ùnnsa càise air a mhineachadh is cuir troimhe chéile e, gun ghoil, gus an leagh e. Riaraich gun dàil.


Buntàta air an lìonadh le Càise

Ceithir buntàta air am bruich slàn anns an àmhuinn. Dean leth orra, ’s thoir am meadhon asda. Dean am meadhon mìn le foirc is buail a-stigh spàin bainne, 4 ùnnsa càise (air a mhìneachadh), làn spàine fionnas-gàraidh, salann is peabar. Cuir air ais ann ansligeanam buntàta is teasaich anns an àmhuinn. Riaraich.


PieMeasach(Fruity)le Càise

8 ùnnsa sgrath-breathach goirid

Geàrr is suath a-steach le do mheòirean 4 ùnnsa ìm ann an 8 ùnnsa min-mhìn le rud beag salann gus am bi e coltach ri sprùilleach arain. Cuir so mun cuairt le sgians le uisge gus an tig an taois air falbh bho chliathaichean an t-soithich. Dean leth air an taois agus sgaoil a-mach gach pìos le crann-arain gus am bi e meud is leud an t-soithich (ochd òirlich) anns a bheil e dol a bhith air a bhruich. Cuir aon pìos sgrath-breathach air bonn an t-soithich.


Dean leannra-càise (sùgh) mar a leanas

Leagh 1 ùnnsa ìm ann am poit. Cuir ris 1 ùnnsa min-mhìn is caraich mun cuairt air teas mallda airson dha na trì mhionaidean. Cuir pinnt bainne ann beag is beag ga charachadh gu h-iomlan fad na tìde. Thoir troimhn ghoil e is goil airson mionaid ga bhrosnachadh gun sgur. Leagh leth phunnd càise ann. Leig leis fuarachadh is buail a-steach ugh is cuir 6 ùnnsa fion-dhearcan chaoinichte(raisins)ann. Taom so anns an t-soitheach is cuir an dàrna pìos sgrath air a mhullach. Sgiobal timcheall am bile is suath le bainne no ugh is cuir leth ùnnsa spruilleach càise air. Bruich ann an amhuinn ( 400° F. no Gas 6) airson leth-uair a thìde. Riaraich fuar no teth.


[248]

Ubhlan le Càise

4 ùbhlan. 4 spàineMincemeat .4 ùnnsa spruilleach càise. Glan is thoir an cridhe ás na h-ùbhlan, cuir gearradh aotrom timcheall meadhon nan ùbhlan is lìon an cridhe lemincemeatis càise. Bruich ann an amhuinn 350 F. no Gas 4 airson leth uair a thìde.


Sùgh

4 unnsa siùcar, leth phinnt uisge.

Goil an siùcar is uisge còmhla gus am fàs e tiugh. Is taom thairis air na h-ùbhlan is bruich airson leth uair a thìde eile. Riaraich teth.

titleCòcaireachd le Càise
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Ceiteirein NicMhathain in Gairm 51 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page